[49]

Mrs. Perrinsanns an deise de chlò Ceemo.

Tha i tighinn gach do a h-oifis an Steòrnabhagh á Gearraidh na h-Aibhne anns a’ bhan bheag Fiat a tha cho freagarrach air na rathaidean cumhang.

Da Leodhasach Ur

Le MAIRI IS DOMHNULL MACAMHLAIDH

AIR turas dhachaidh chaidh sinn air chuairt suas a Ghearraidh na h-Aibhne a bhruidhinn ri bana-Leódhusach ùrach te air an deach iomradh fad is farsaing anns an bhliadhna a chaidh seachad. Is e so Mrs Perrins a rinn a dachaidh a nis an Lodge Ghearraidh na h-Aibhne agus air a bheil iomradh tric sna pàipearan le h-obair sna clòiteanCeemo”.

Bha an seòmar anns na choinnich sinn dìreach mar dhealbh á leabharle gorm srianach air abhalla agus cùrtairean troma (a dhealbh i fhéin) air dhath ghlas-bhuidhe. Is e boireannach àrd a thinntethug i greis de lathana bhana-pholasman is greis eile asealltainn aodaich— ’naMannequin. Tha coltas tuigse agus èasgaidheachd cuirp agus inntinn oirre a thaobh nithean anns an cuir i ùidh.


[50]

Sàri de chlò Ceemo theireadh gun deachaidh so fhighe an Leódhus?

Ach ciamar a chaidh a leithid so de bhean uasal air nach robh feum airgid agus aig nach robh ceangal ri obair den t-seòrsa so a riamh an sàs anns na clòitean? Bha ùidh aice a riamh, tha e coltach, an dathans an dealbhangu h-àraid anceramicsair na rinn i mion-sgrùdadh agus i fhéin oileanachadh fad sia bliadhna gus a bheil i a nise aig ìre is gun aithnich i ùghdar den ghnè air aon sealladhco-dhiù mas ann den 18mh linn deug a tha e.

O chionn 22 mìos air ais ghabh i os làimh seann mhuileann a bha dol an Steòrnabhagh o 1908 agus is ann o an t-seann ainm Cailean M. Orrock (nach tric a chluinnte uaireigin an Leódhus muchlò le Orag” ?) a thug i an t-ainm Ceemo . . . . Cee . . . . Em . . . . O . . . . Bha an t-ainm so, mar a thubhairt i, na bfhasa do Eadailtich agus Seapanaich a radh agus cuideachd cha bhiodh e cho ceangailte ri Albainn neo ris achlò mhórs a bhiodh an t-ainm a tha air an obair fhéin an diughMacIllinnean is MacIllinnean. Tha so anochdadh gu robh sùil aig Mrs Perrins air margaidhean an t-saoghail on toiseach.

A thaobh dhealbhadair a chuireadh snàthan is dathan ri chéile sna dòighean bu taitniche a bfheàrr na i fhéin le a h-eòlas air dathan? Chan eil duine aice gus an so a sàs anns an taobh sin den obair ach i fhéin, agus chan eil i den bheachd gun còrdadh e rithe nam bitheadh. Sheall i dhuinn na ceithir pìosan a choisinn an duais dhi aig Féis Sacramento an Californiagorm peucagach agus trì dathan bàn-dhearg, gu léir an aodach nas aotroma na an clò mór. Fhuair i an duais a bàirde airson measgachadh snàthan ás ùragus


[51] sin le pìos de chlò mór is lurex troimhe nach do dhfheuch duine riamh roimhe. Bha na dathan gu léir bòidheach agus nas soilleire na chithear mar as trice an clò nan eilean.

Tha am muileann a thòisich le triùir a nis le àireamh 46 de luchd obrach agus tha còrr is trì cheud breabadair afighe nan clòitean Ceemo air feadh Leódhuis. Tha beagan eadar-dhealachadh ri dheanamh chum gun gabh na beairtean na clòitean sona tha slinn nas mìneach tha e coltach gu bheil an àireamh sin den bheachd gur fhiach e an t-saothair. Chan eil gearan idir aig Mrs Perrins a thaobh luchd obrach an eilein.

Bithidh i fhéin afrithealadh nan tighean fasain am Pariss an Lunnain. Am bliadhna cha robh ach shalon san Fhraing nach do chleachd pìos den chlò Ceemonan cuid aodaich. Bha aon lainnireach liathghlas ann a bha cho cumanta an deisichean is gun dfhuair e am farainm ansix oclock uniform.

Le sin tha e coltach gu bheil Ceemo aruighinn àirde an fhasain. Agus mu fharsaingeachd? Tha Mrs Perrins ag radh gu bheil na margaidhean as fheàrr a thaice fada air falbhan Tokyo agus ann a Hong-Kong. Tha i cuideachd ag reic ris an Fhraing, aGhearmailt agus dùthchannan eile.

Dhfheòraich sinn mu bheachd na mnà uasail mun eilean agus thubhairt i gu sìmplidh gur e a nis bu dachaidh dhi. Tha i cruaidh orrasanagus nach eil sinne mar Ghaidheil ro-eòlach orraa ghabhas Lodge agus a thig son mìos neo sia seachdainean a ghabhail luach an airgid de dhiasgachd is de shealgs nach toir beachd neo oidhirp a thaobh cor an t-sluaigh. Chan eil an leithidna beachd acur an talamh gu feum neo adeanamh na burrainn dhaibh gus an àite a chumail beò. Chan eil so fìor mu an duine aice fhéinan Caiptean Perrins a tha air tuath math a dhealbh an Gearraidh na h-Aibhne agus aig a bheil mìle othaisg an dràsda. Tha e cuideachd air móran de ath-chur fheuchainn agus tha e a nis an sàs ann an deuchainnean eile le feur agus arbharann an còmhstri chàirdeil ri Gilleasbuig aBhùird.

[Dealbh]
An Caiptean Perrins, a tha air móran a dhèanamh an Gearraidh na h-Aibhne a thaobh fearann ath-chur. Tha mìle othaisg air a thuath.


[52]

Mrs. Perrins is Mgr. MacIlleathain aig beairt Ruairi MhicIomhairam balach a dhfhigh aon de na pìosan a choisinn duais.

Tha achàraid éibhinn a tha so de stoc eadar-dhealaichte. Is e theaghlach-san iadsan a tha adeanamh anLee and Perrins Saucean Sasuinn, ach tha buntanas aige thaobh a sheanmhar ri Cloinn Dòmhnaill Uibhist is Cloinnic Nèill Bharraidh. Tha ise leth-Frangach agus fileanta anns achànain sin a tha i afaotainn feumailna h-obair a nis. Tha sgeulachd àraid aice mun chiad turas a bha i afalbh air itealan ás an eilean. Aig an àm bha faclair beag Gàidhlig aicena cois gus beagan eòlais a chur air achànain. An àm dìreadh don itealan dhiarr iad oirre balach òg tinn a leigeil a-steach roimhpe agus thubhairt iad nach robh smid Beurla aige. Be so a cothrom a Gàidhlig fheuchainn agus rinn i gu dìcheallach an àirde na chanadh i ris, le cuideachadh on leabhran. Bhruidhinn i ris mar a bfheàrr a dheigheadh aice air saGhàidhlig. Bha am balach ga coimhead. Fhreagair e— “Pardonnez moi, Madam, je ne parle pas anglais.” Is e seòladair Frangach a bhann, a dhfhàs tinn air bòrd bàta. Geall gu robh esan toilichte te a lorg a bhruidhneadh risna chànain fhéin.

Tha eòlas Mrs. Perrins air Leódhus air meudachadh on latha sin agus eòlas Leódhuis oirrese. Innsidh na bliadhnachan a tha air thoiseach mar a theid leis achàraid uasail so a thanaig nar measg agus barrachdnan ceann air an cur-seachad agus an toil-inntinn féin fad cead-samhraidh. Tha aon cinnteach. Bfheàirrde ar n-eileanan agus aGhaidhealtachd air fad tuilleadh den seòrsa.

titleDà Leódhusach Ur
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Màiri and Dòmhnull MacAmhlaidh in Gairm 45 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page