[54]

Seacaid De Shnath Na Muilleadh

(An dealbh le DOMHNALL B. MACLEOID)

AIR an t-samhradh-sa nuair a bha sinn ann an Uibhist, thug Uilleam bràthair mo mhàthar sinn air chuairt do Mhuileann Loch Euphort. Chunnaic sinn ann a sin de dhinnealan is de rudan neònach adèanamh, ’na thorran, an obair a bàbhaist a bhith maireachdainn fad agheamhraidh do bhoireannaich nan eileananacàrdadh, ’s asnìomhs atoinneamh. Achse thog mo shùil-sa ach na corran snàth a bhair an cruinneachadh ann an oisein dhen àiteiteachain a bhair ropladh is mar sin. Bhatar areic so air cho beag ri trì tasdain am punnd. Bha dathan bòidheach ann agus nan togradh tu dhfhaodadh tu fhéin measgadh a dheanamh orra no obrachadh le aon dath. ’S ainneamh agaibh nach fhaigh greiseag de chuibheal eadhon anns abhaile mhór. Tha mi tuigsinn gum bheil corran mar so gan reic ann am móran dhe na muillean, caran mun aon phrìs agus postaidh iad cuideachd e ma chuireas tu ga iarraidh.

Faodaidh tu seacaid a dheanamh leis, no deise, cho briagha ri gin a dheanadh tu le snàth gallda. Sin agaibh seacaid air Annag anns an dealbh a dhfhigh i le snàth buidhe a fhuair i á de mhuillean Steòrnabhaigh. Lean i pàtaran ALVA 109 airson Grampian Tweed na Ben More Knit Quik ach dheanadh pàtaran sam bith airson snàth garbh an gnothach. Chuir i snàth na muilleadh cóig fillte agus ghabh an t-seacaid so phunnd snàthsin agad seacaid bhriagha air sia tasdain far an cosgadh i na notaichean air a fighe le snàth gallda. Agus tha i annasach.

C.C.D.

titleSeacaid de Shnàth na Muilleadh
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

C.C.D. in Gairm 45 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page