Salchair
Le IAIN MACLEOID (Dealbh le Diana Christie)
“SIN agad mar tha cùisean an diugh”.
Bhuail Camshron a dhòrn air a’ bhòrd. “Sgrabh is salchair a’ faighinn an cead fhéin. ’Sann air an adhbhar sin a tha an saoghal anns an staid anns am bheil e”.
Leig Tormod sìos a’ chuid mu dheireadh de ’n uisge-bheatha agus e a’ coimhead Camshron aig taobh eile a’ bhùird. Bha gloinne aig Camshron ’na làimh agus lasadh an uisge-bheatha ’na shùilean.
Chuala Tormod an aon sgeul iomadach uair eile an uair a bha Camshron an deaghaidh bhith ag òl, ach shaoil e gun robh Camshron nas truime air an òl agus nas treasa ’na bharail fhéin bhon chaochail a bhean chionn bliadhna air ais.
Cha robh feum sam bith ann a dhol ’na aghaidh an dràsda. Dh’ aithnich Tormod air gun robh e an deaghaidh bhith ag òl an uair a thachair iad ri chéile aig bonn na staidhre. An uair a dh’ iarr Camshron a-stigh airson deoch e cha bu thoigh leis diùltadh agus fhios aige gun robh an duine aonaranach, agus laghach gu leòr ’na dhòigh fhéin.
Chùm am fear eile air.
“Bha agamsa ri mo rathad fhéin a dheanamh anns an t-saoghal gun cuideachadh bho dhuine sam bith, ach gheibh òigridh an la-an-diugh a h-uile cothrom agus dé am feum a tha iad a’ deanamh dheth? Chan eil ach a’ dol an aghaidh a h-uile càil a bha sinne a’ smaointeachadh ceart agus a’ magadh air feadhainn nas fheàrr na iad fhéin. Cus tìde aca airson bhith dìomhain agus gun iad a’ deanamh càil leis ach a’ gabhail cothrom airson bhith suas ris a h-uile cleachdadh salach.
“Tha fhios agam nach eil thusa dol leam anns a h-uile rud a tha mi ag radh, ach chan eil thusa faicinn an t-saoghail mar a tha e da-rìreadh, is tu nad mhaighstir-sgoile, ’s gun gnothach agad ach ri cloinn.
“O gabh mo leisgeul a charaid, cha tug mi ’n aire gun robh do ghloinne falamh.” Shìn Camshron a-mach a làmh airson gloinne Thormoid, ach dh’ éirich Tormod.
“Móran taing Iain,” ars esan, “ach femaidh mi bhith falbh”.
“Tha tìde agad airson te eile co-dhiù,” fhreagair Camshron, agus e a’ togail a’ bhotail.
“O chan eil,” fhreagair Tormod. “Tha Anna a’ tilleadh a màireach agus feumaidh mi sgrìob a thoirt air an tigh.”
’Sann le spàirn a dh’ éirich Camshron air a chasan. ’Se duine mór trom a bh’ ann, ’s a choltas an còmhnaidh a’ toirt an cuimhne Thormoid nach robh e fhéin ro mhór, ach cha robh e ro chinnteach air a chasan a-nochd.
“Tha thu cinnteach nach gabh thu te eile, ’ille?”
“Cha ghabh an dràsda, a charaid, ach thig thu fhéin a-nuas a choimhead oirnne oidhche air choreiginn— ”.
“Thig mi sin.”
An uair a bha e teàrnadh na staidhre an deaghaidh dha Camshron fhàgail bha inntinn Thormoid a’ ruith air na thuirt am fear eile ris.
Duine laghach gu leòr ach a’ ghràin a bha aige air na hooligans mar a chanadh e riutha. Cha robh iad aige ach mar na beathaichean.
Bha e a’ fàs dorcha agus chitheadh Tormod soluis a’ bhaile troimh uinneag na staidhre. Bha an t-àite anns an robh an tigh aige gu
Bha an saoghal làn de dhaoine mar bha Camshron, daoine gasda ’nan dòigh fhéin a dheanadh rud sam bith air do shon ma bha thu dhiubh fhéin, ach gun cho-fhaireachdainn aca do dhuine sam bith a bha taobh a-muigh a’ bhuidhinn bhig aca fhéin.
Dh’ fhosgail e an dorus mór. Dh’ fhairich e seòrsa de spraichleadh agus chuir e air an solus anns an t-seòmar bidhe.
Bha dithis dhaoine òga ’nan seasamh an sin, seacaidean dubha leathair orra agus na h-aodannan aca biorach leis an eagal.
Bha e mar gum bitheadh e a’ coimhead so uile ann an dealbh-chluich, agus nach robh e a’ tachairt dha fhéin idir.
Ach an uair sin thug e an aire dha na draghairean air an tarrainn a-mach is na bha annta sgapte air an ùrlar, dorus a’ phreasa-aodaich fosgailte agus a h-uile càil air a shadadh an ear ’s an iar, agus dh’ fhalbh an smaoin gun robh e a’ coimhead dealbh-chluich no a’ faicinn aisling.
Las an fhearg ’na bhroilleach.
Thanaig na daoine—daoine òga mar a chunnaic e a nis—gan ionnsaigh fhéin.
Leum am fear bu mhotha aca—fear le falt ruadh—a dh’ ionnsaigh na h-uinneig. Dh’ fheuch e ri a fosgladh, ach chan fhosgladh i ach beagan. Rinn Tormod mar sin i air eagal gun tachradh an rud a thachair.
Bha am fear eile air ruith a-null ri thaobh.
Thionndaidh iad a nis a dh’ ionnsaigh Thormoid a rithist.
Dhùin Tormod an dorus le fors agus chuir e a dhruim ris.
Thuit a shùil air an telefon agus aig an aon àm chunnaic am fear ruadh sin.
Spìon e an còrd ás a fhreumhaichean. Thog e seuthar. Bha a cheann crom agus a shùilean a’ seasamh a-mach ás a cheann mar gum biodh duine a bhiodh ás a rian.
“Leig a-mach sinn,” ars esan le seòrsa de ràn.
Dh’ fhairich Tormod an fhearg ga thachdadh.
“A shalchair,” ars esan, “dìolaidh sibh airson so.”
Sheas iad mar so greis, a’ coimhead a chéile. Dh’ fhairich Tormod samh, samh losgaidh. Eil fhios an robh iad an deaghaidh an tigh a chur ’na theine? Bha e an deaghaidh an t-saimh fhaireachadh roimhe
Aig an aon àm chuala e sgleog throm air mullach an tighe. Dh’ fhairich e an samh a rithist agus an uair sin thuig e dé bha ceàrr.
Bha an Camshronach gu h-àrd na staidhre an deaghaidh an tigh aige a chur ’na theine.
“Teine!” ars esan. “Tha fear shuas an staidhre an deaghaidh an tigh a chur ’na theine.”
Dh’ fhosgail e an dorus agus leum e suas an staidhir. Aig an aon àm chuala e iad ’nan ruith a-mach air an dorus agus a’ gabhail sìos an staidhir.
Chuir e a ghuala ri dorus a’ Chamshronaich ach cha ghluaiseadh e. ’Se dorus mór trom a bha ann.
Leig e ràn ás. “Cha ghluais an dorus.”
Dh’ fhairich e fuaim chasan a’ dìreadh na staidhre. Ann an tiota bha am fear a b’ òige de na balaich ri thaobh.
“Leig leamsa a dheanamh.” Bhrùth e Tormod ás an rathad agus thug e leum an aghaidh an doruis le a ghualainn. Dh’ fhosgail an dorus le brag.
Thanaig ceò a-mach ’nan coinneamh ach chunnaic iad an Camshronach ’na laighe astar beag air falbh bho ’n dorus.
Chaidh iad a-stigh agus iad a’ casadaich ’s a’ priobadh an sùilean leis a’ cheò, agus thòisich iad air a dhraghadh a-mach eatorra.
Thug iad sìos an staidhir agus a-stigh gu tigh Thormoid e.
Chuala iad glag na feachd-teine agus an ùine ghoirid bha an t-àite làn dhaoine, muinntir na feachd-teine agus maoir-shìth ’nam measg.
Greiseag an deaghaidh so bha Tomod ’na shuidhe ri taobh an teine aige fhéin. Bha am balach òg ’na shuidhe m’ a choinneamh, ’s e a’ coimhead an ùrlair gun bhith ag radh guth.
Thanaig dithis mhaoir-shìthe a-stigh. “Bithidh tu toilicht a chluinntinn,” arsa fear aca, “gu bheil do nàbaidh gu math nas fheàrr a nis. Chuir iad fios ás an ospadal. Tha an teine air a chur ás cuideachd.”
Thug e a-mach leabhar sgrìobhaidh. “Dòcha gun innis thu dhuinn a nis ciamar a thug thu an aire do ’n teine?”
“Well,” arsa Tormod, “cha robh mi fhìn agus mo charaid ach—”
Thog an gille a cheann.
“Cha leig thu leas,” ars esan. “ ’S aithne dhaibh mise.”
“Ged tha,” arsa Tormod, “tha rud no dhà agamsa ri innse dhaibh.”
title | Salchair |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Iain MacLeòid in Gairm 45 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |