Air A’ Chroit—Comhla Ri Na Cearcan
Le PEIGI NIC’ILLEMHOIRE
“CHA robh càl no buntàta, no fuidheall eòrna no coirce, no mionach éisg, no nì air an gramaicheadh fiacail nach robh i a’ slaodadh a dh’ ionnnsaigh na béiste.” ’Sann dìreach mar so a tha cuid a’ beathachadh nan cearc. Tha iad a’ smaoineachadh gum beir cearc ma theid sgudal sam bith a thilgeil thuice, ach ’s iad a tha air am mealladh. Tha cnàmh-bidhe nas duile do chuid de chreutairean na tha e do chuid eile, oir tha feadhainn aca le aon stamag mar a tha an t-each, agus cuid eile le ceithir stamagan mar a tha am mart. Is e aon stamag a tha ann an cearc—is e sin an sgròban, ach tha an ciaban a’ gabhail os làimh déiligeadh ris na clachan beaga agus na sligean a bhios i ag ith.
Air a’ chroit ’sann airson nan uighean a thàtar a’ cumail chearc. Mar sin, bu chòir biadh a tha freagarrach airson chearcan a tha breith a thoirt dhaibh. Tha so comasach fhaighinn ’na mhin a dh’ fhaodar a thoirt dhaibh tioram no fliuch, no ’na ghràineanan beaga. Is eLayers Masha theirear ris a’ mhin agusLayers Pelletsris na gràineanan. Tha e iomchuidh sìol a thoirt dhaibh cuideachd, agus ged a tha sìol-coirce glé mhath is e sìol-chearc as fheàrr, oir anns an t-sìol-chearc tha iomadh seòrsa sìl air an cur a-measg a chéile. Chan eil math cus bìdh a thoirt do chearc oir theid i gu feòil, a cheart cho cinnteach ’s a theid fear no té a dh’ itheas cus. Nuair a theid a’ chearc gu feòil cha bheir i idir cho math, agus ’se a’ phoit a h-àite, oir cha bhi i fada beò ma tha a broinn làn blanaig. Cha mhotha a bheireas cearc gun bheathachadh riaghailteach, agus bu chòir pailteas bùirn glan a bhith faisg oirre.
Gu dé cho fada ’s còir cearc a chumail? ’Nam bheachd-sa tha dà bhliadhna fada gu leòr. Cho cinnteach ’s a chaitheas bó ri linn bleoghainn, agus a chaitheas each ri linn treabhaidh, caithidh cearc ri linn breith. An déidh dà bhliadhna chan eil anns a’ chearc ach cosgais—bhiodh i móran na b’ fheàrr anns a’ phoit. Tha ruighneachd na circe a réir a h-aoise, agus mar sin chan eil cearc aosd freagarrach airson ròstadh anns an àmhainn.
Chan eil cearcan ann aig a bheil uighean cho math ri cearcan a tha faisg air a’ chladach, gu h-àraidh ma tha iad a’ faighinn cothrom sgrìobaidh a-measg shligean na tràghad. Tha e follaiseach gum feum cearc aol airson slige an uighe, agus an uair a tha an t-aol gann tha a’ mhaothag pailt.
Nuair a chì sibh uighean le buidheagain bhrèagha dhearg faodaidh fhios a bhith agaibh gu bheil na cearcan sin a’ faighinn gu leòr iaruinn agus iodine. Ma tha na buidheagain bàn-bhuidhe cha dean tairgnean meirgeach a-measg a’ bhùirn cron sam bith.
Their feadhainn nach eil aobhar sam bith a bhith deanamh cus glanaidh air tigh nan cearc. Their mise gu bheil, oir ’nam bheachd-sa ma tha tigh nan cearc glan chan eil uimhir de ghalairean a-measg nan cearc agus cha mhotha tha creutairean beaga mar a’ mhial-chearc a’ cumail tàmh na h-oidhche bho na cearcan. Ged nach eil anns a’ mhial-chearc ach donas do ’n chearc, tuigibh nach fhuirich i beò air an duine idir.
Glé thric cluinnidh sinn fear no té ag radh “Tha an galar a-measg nan cearc againn”. Chan eil a leithid a rud ri galar nan cearc ann—tha CEUD galar ann agus cuid aca glé ghabhaltach. Chan eil e comasach dhomh ach beagan a radh mu dheidhinn galair no dhà oir tha cus ghalairean ann.
Is tric a chithear cearc a tha a’ coimhead glé fhallan a’ bàsachadh ann am prioba na sùla. Mar as trice, nuair a thachras so, is e ugh a tha a’ briseadh ann am broinn na circe. Tha so ag aobharachadh séid (peritonitis) am broinn na circe, agus mar a tha am puinnsean a’ dol troimpe tha an fheòil a’ fàs dorch. Carson a tha an t-ugh a’ briseadh ann am broinn na circe? Tha dà aobhar air a so: (1) chan eil a’ chearc a’ faighinn gu leòr shligean (calcium) airson slige cheart a chur air an ugh, (2) cus blanaig am broinn na circe a’ cur spàirn air a’ chearc an uair a tha i fiachainn ri breith—bheir sin air an ugh briseadh gu h-àraidh mur eil slige mhath air.
Tha droch bheathachadh a’ toirt bàs do dh’ iomadh cearc, agus chan eil aig duine ach coimhead ris a’ chiaban airson sin fhaicinn.
Thugaibh an lìnig bho ’n a’ chiad chiaban a chì sibh, agus ma tha a’ chearc air a bhith faighinn droch bheathachadh, chì sibh bucaidean (ulcers) beaga am broinn a’ chiabain. Cha cheannaich mi fhéin cearc uair sam bith gun coimhead ris a’ chiaban, ris an adha agus ris a’ chnàimh broillich. Is toigh leam cearc fhaicinn le ciaban fallan slàn, adha shlàn agus cnàimh broillich dìreach—ma tha an cnàimh broillich càm cha robh am beathachadh gu math.
Tha caitheamh pailt a-measg nan cearc ach ma tha caitheamh ann an cearc cha bheir i, agus cha ghabh duine caitheamh bho chearc. Gabhaidh a’ mhuc agus an cù caitheamh bho chearc. Mar sin bu chòir gach closach a losgadh. Ma thig caitheamh a-measg cearcan duine agaibh is dòcha nach gabh a h-uile gin aca idir i. Tha e comasach faighinn a-mach có an fheadhainn aca anns a bheil a’ chaitheamh, ach feumaidh duine le eòlas sin a dheanamh. Thàtar a’ cur stuth (tuberculin) le stealladair ann an sprogan na circe, agus an ceann dà latha no trì feumar faicinn a bheil séid anns a’ sprogan. Ma tha séid àraid anns a’ sprogan ’se mullach an teine àite na circe. Bu chòir na cearcan a tha slàn a ghluasad gu talamh ùr—chan eil math sam bith na cearcan fallan fhàgail air an aon talamh, oir tha an creutair beag a tha ag aobharachadh na caitheamh beò anns an talamh airson greis mhóir. Cha leig mi leas a radh gu feum tigh nan cearc fìor ghlanadh fhaighinn.
Tha pairilis (paralysis) glé chumanta cuideachd a-measg nan cearc. An dràsda agus a rithist chì duine cearc a’ fàs cuagach— ’s dòcha gun tuit té de na sgiathan agus gum bi a’ chearc a’ dol timcheall mar gum biodh i leis an tuathallan. Glé thric ’se pairilis a tha ceàrr oirre. Le pairilis tha na féithean a’ séid ach cuimhnichibh gum faod galar eile séid a thoirt air na féithean. Faodaidh beachd a bhith aig duine gu dé a tha ceàrr air cearc, ach chan urrainn duine a bhith cinnteach gus an teid fosgladh na circe agus rannsachadh a h-uile mìr de a broinn. Mar sin ma bhàsaicheas cearc oirbh faighibh a-mach gu dé a thug bàs dhi, agus gabhaibh comhairle duine a fhuair ionnsachadh anns a’ chùis. Is e so a’ chomhairle a bheirinn fhìn air bean a’ chroiteir:
(1) ma tha cearcan math aice agus coileach math, thugadh i a-mach àl bho uighean nan cearc aice fhéin;
(2) Bu chòir a bhith gu math do ’n chearc ghuire agus do na h-iseanan—biadh math, pailteas bùirn glan, agus tigh glan. Tha a’ mhin-choirc eagalach math do na h-iseanan nuair a tha iad beag, ach ann an ùine ghoirid bu chòir biadh a cheannach dhaibh, oir cha dean a’ mhin
(3) Bu chòir oibreachadh a’ bhìdh an àirde gus am faigh iad biadh a tha freagarrach airson eireagan a tha gus tòiseachadh a’ breith;
(4) Ma leanas té a’ toirt beathachadh ceart do na h-eireagan gus an tòisich iad a’ breith, bu chòir dhi còrr agus mìle ugh fhaighinn bho shia eireagan anns an dà mhìos dheug bho thòisicheas iad a’ breith. Chan fhaighear uimhir an ath bhliadhna;
(5) ’S fheàrr sia cearcan math na dhà dheug de dhroch chearcan.
Aig deireadh an earraich is dòcha gum bi sibh seachd sgìth de chearcan guire. Faodaidh na cearcan guire bhith fiadhaich—tha iad dìreach mar bhoireannach le deamhain an dà fhichead.
Chan fhaigh cearc air bìdeadh duine ma theid gréim a chumail oirre fo na sgiathan—chan ann os cionn nan sgiathan.
Ma chrochas sibh poca (le tuill) airson dà latha air sreang an aodaich agus cearc leis a’ ghur ’na bhroinn falbhaidh an gur dhith. An cuala sibh riamh cearc a’ gairm? Tha móran chearc a’ dol ’nan coilich agus na gabhaibh iongantas sam bith ged a dheigheadh a’ chearc as fheàrr a tha agaibh ’na coileach ro cheann dà mhìos dheug. Ma thachras sin cuiribh ás dhi agus na fosglaibh idir i, oir tha fàileadh eagalach á broinn cearc a tha air a dhol ’na coileach.
O hillirinn is hillirinn
An uiridh bha mi aoibhneach,
Am bliadhna chan eil fhios agam
Le coileach Bean a’ Chaoirlidh.
Gun dùisg e ás mo chadal mi
Taobh steach a’ mheadhoin oidhche,
’S gun innis mise naidheachd dhuibh
Air coileach Bean a’ Chaoirlidh.
[Sanas]
title | Air a’ Chroit–Còmhla ri na Cearcan |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Peigi NicIlleMhoire in Gairm 45 %p |
parent text | Gairm 45 |