[c] [?] [?] [97] [98] [99] [100] [101] [102] [103] [104]
[105]

Air An Spiris

THA An Comunn Gaidhealach a’ bruidhinn air Seanaileir ùr a thaghadh a bhios os cionn obair a’ Chomuinn. Tha e iomchuidh aig an àm gun tugamaid tarraing air a’ chuspair so.

Cha b’ fhuilear do dhuine de ’n t-seòrsa so tomhas mhath de chumhachd a bhith aige. Cha dean math dha a bhith air a shlaodadh aig tòin Coimitidh, ach feumaidh an Coimitidh earbsa a bhith aca ás. Bhiodh sin aca nan cuireadh e obair romhpa, agus nan tugadh e gu buil gach obair air an tugadh iad làmh.

Bhiodh a leòr aige ri dhèanamh an toiseach ag ath-nuadhachadh dreach a’ Chomuinn. Tha móran ri dhèanamh ris a’ Mhòd mus beir e air linn an telebhisean, no eadhon air linn an réidio: bu mhath gun cuirte luchd-sgrìobhaidh is luchd-ciùil an sàs ann a bhith a’ cruthachadh ás ùr, an àite bhith an còmhnaidh a’ cur seòrsa de dhreach ùr air seann rudan; tha co-fharpaisean ùra ann an litreachas, ann an ceòl, ann an dràma is ann an ealain a dhìth air a’ Mhòd. Tha cumadh ùr a dhìth air na co-fharpaisean is air na cuirmean-ciùil. A thaobh propaganda, tha obair a’ Chomuinn gun tòiseachadh fhathast; am faca tusa riamh postair Gàidhlig air balla, no an cuala tu guth a’ Chomuinn ann an sanas-reic air STV? Tha cumadh, is dreach, is brìgh ùr a dhìth air leabhraichean, ’s air mìosachan a’ Chomuinn.

Ach dh’ fheumadh am Fear-stiùiridh ùr barrachd air a sin a dhèanamh. Dh’ fheumadh e siubhal a dhèanamh eadar Rubha Robhanais agus Ceann Bharraidh, eadar am Parbh is Maol Chinn-tìre, agus cha deanadh math dha dìochuimhneachadh gu robh obair a’ Chomuinn a’ buntainn ri Coimisean nan Croitearan an Inbhirnis, ri Roinn an Fhoghluim an Dùn-Eideann, agus ri Tigh nan Cumantan an Lunnainn. An duine a theid do gach àite dhiubh sin, agus a bheir barrachd air còmhradh leis dhachaidh, e feum do ’n Chomunn is do ’n Ghàidhlig.

Tha sinn a’ guidhe ’s ag iarraidh gu lorg An Comunn duine de ’n t-seòrsa so.

titleAir an Spiris
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 46
<< please select a word
<< please select a page