NA KOMI
Le TORMOD BURNS
THA mi air sgrìobhadh eadar-theangachadh de sgeulachd tha cumanta a-measg nan Komi. Ged tha sibh air a leughadh san àireamh a chaidh de “Ghairm,” tha mi cinnteach gur ainmig an Gaidheal a tha air facal a chluinntinn riamh roimhe mu na Komi! Agus chan eil sin iongantach, oir is e pobull beag a tha anns na Komi. Roimh bhith sgrìobhadh umpa, feumaidh mi beagan a ràdh mu ’n dàimh tha aca ri sluaghan eile, agus tha mi saoilsinn gur fhada sin a dhèanamh le bhith toirt dealbha:
DUTHAICH NAN SOIBHEAT AONAICHTE
Tha dà theaghlach mhór de shluaghan anns an Eòrpa: na h-Indo-Eòrpaich agus na h-Ural-Altaiaich. Agus tha na sluaghan indo-eòrpach ri seòrsachadh air an dòigh cheudna ris na sluaghan ural-altaiach (Innseanaich—Eòrpach: Slabhan, Gearmailtich, Ceiltich, Ròmanaich, etc.)
Tha chuid as mò de na sluaghan altaiach ag àiteachadh anns an Aisia: na Mongolaich, na treubhan turcach mar Kazakhs, Kirgizes, Uzbeks, etc. Agus tha chuid as mò de na sluaghan uralach ag àiteachadh anns an Eòrpa (air taobh-an-iar nam beann Uralach). Chan eil stàit shaor ach aig dà shluagh dhiubh—na Finnich agus na h-Ungaraich (mas urrainn sinn a ràdh gur ann saor a tha Ungaraidh! ). Tha na Lappaich ag àiteachadh air feadh Scandinavia-a- tuath, agus fuidheall nan sluaghan uralach anns an U.S. S.R.
Tha an U.S. S.R. ’na poblachd fheadarail. Tha Ruisia ’na ball de ’n U.S. S.R. agus Estonia cuideachd (agus na stàitean turcach Kazakhstan, Kirgizia, Uzbekistan mar an ceudna). Tha Ruisia fhéin, no R.S. F.S. R., ’na stàit fheadarail cuideachd, agus tha na Komi, na Bhoiteacaich, na Teireamissich, na Mordbhinich agus na Carealaich ’nam buill dhith. Tha àireamh nan Oisteacaich, Bhogulaich agus Samoieadaich glé bheag, agus chan eil aca “stàit” ach “National District”.
Tha 431.00 de Komi ag àiteachadh an taobh tuath de Ruisia eòrpach, agus tha iad ri ’n dealachadh ’nan dà roinn—na Komi fhéin agus na Komi-Permeacaich. Chan eil eadar-dhealachadh eatorra (ach an dual-chainnt), ach tha iad ag àiteachadh tìrean eadar-dhealaichte tre aobharan eachdraidheil. Tha na 150.000 de Komi-Permeacaich ag àiteachadh am “Permyak National District,” tìr de 22.000 km. cèarnach le 220.000 de shluagh, tìr de fhrìthean.
Ach tha chuid as mò de na Komi ag àiteachadh an Komi A.S.S.R.(Autonomous Republic), tìr de 410.00 km. cèarnach (is e so tìr 5½ uairean cho mór ri Albainn!” le 800.000 de shluagh. Tha 280.000 de Komi ann, agus tha chuid as mò de ’n fhuidheall ’nan Ruiseanaich. Tha ’n tìr ’na Steppe, agus chan eil beanntan ri faicinn ach air na crìochan-an-ear, far an tòisich na beanntan Uralach, agus tha bheinn as àirde, Beinn Nàiseanta, 5,700 ft. Tha an taobh tuath de ’n tìr ’na Tundra far an àitich beagan Samoieadaich agus móran féidh. Is e Syktyvkar ceann-bhaile na Poblachd le 60,000 de shluagh. Tha an t-ainm so ciallachadh Dun-Syktyv, no Cathair-Syktyv— ’se aimn aibhne tha ann a Syktyv.
Bha na Komi air an iompachadh chun a’ chreideimh Chrìosdail (Orthodox) sa’ cheathramh linn deug, agus bha bìobull aca ’nan cànain fhéin cheana sa’ bhliadhna 1370. Tha litreachas mór aca. Roimh ’n naoidheamh linn deug bha chuid as mò dheth ’na litreachas cràbhach. Ach bho ’n aimsir sin tha cogais nàiseanta air fàs làidir agus tha litreachas tàrmachail slàinteil aca a nis, agus cuideachd eadar-theangachaidh ’nan cànain fhéin de oibrichean móra ùghdairean ainmeil mar Burns, Heine, Puiscin, etc.
Ged is e sluagh beag a tha anns na Komi, is e eachdraidh fhada tha aca—crìosdaidhean (ach theagamh tha ’n aidmheil air lagachadh fo ’n riaghaltas Cho-mhaoineach! ), le paipearan-naidheachd ’nan cànain fhéin, le réidio craobh-sgaoileadh ’nan cànain fhéin agus le sgoilean a’ fòghlum ’nan cànain fhéin. Ged is sluagh beag iad, tha iad air cumail ri ’n gnàthan fhéin agus chan eil iad air tighinn gu h-iomlan fo smachd nan Ruiseanach a tha a’ riaghladh na dùthcha aca o’n t-siathamh linn deug. Tha chuid as mò de ’n t-sluagh ’nan tuathanaich agus ged tha (no bha!) iad ’nan crìosdaidhean, tha an sean aidmheil air a cumail beò sna sgeulachdan.
Bha na Komi creidsinn ann an spioradan tha beò anns na coilltean, fo ’n uisge, sna tighean. Tha cuid dhiùbh math agus cuid dhiùbh olc. Tha ’n creideamh so cumanta air feadh nan sluaghan finn-uigreach.
Ach tha na Komi creidsinn cuideachd ’san “Ort.” Tha”Ort” (is e sin spiorad-dìdeann no spiorad-faileas) aig gach duine, agus na tha ’n duine dèanamh, is e so a nì a “ort” cuideachd. Tha stòras de sgeulachdan agus de bhàrdachd aig na Komi; stòras nach eil duine air bith air faicinn nach eil ’na Komi no ’na fhear-chànan.
A’ bhuidseach agus an da nighinn
Bha càraid ann uaireiginn. Bha nighean aca. Bhàsaich a’ mhàthair. Ghabh an t-athair an dara bean. Rugadh nighean eile dhaibh. Ach sgràill agus sgiùrs an dara màthair nighean a fir. Uaireigin thuirt a’ bhean r’ a fear: “Nise, cuir do nighean a-mach ás mo shealladh! Tiugainn, tilgidh sinn i san tobar thioram!” Thilg iad a’ chaileag san tobar. Choisich i air a’ ghrinneal agus thàinig i mu dheireadh gu àilean uaine. Bha eich ag ionaltradh an sin. Bhreug i agus shlìob i iad, agus thuirt na h-eich: “ma théid thu nas fhaide ruighidh tu tigh na buidsich. Bidh i gad òrdachadh tigh-nighidh a theasachadh, agus an sin bidh i tairgse dhut bosca ruadh agus bosca gorm, ach feumaidh tu am bocsa gorm a roghachadh!” Chaidh a’ chaileag air adhart agus thachair crodh agus caoraich oirre. Bhreug agus shlìob i iad, agus chomhairlich iad i mar an ceudna. Chaidh i air adhart agus ràinig i tigh na buidsich agus chaidh i a-steach. Thuirt a’ bhuidseach: “Och! Is tu mo shearbhanta, nach tu? Rach gu luath agus teasaich an tigh-nighidh. Snaidh an connadh ’s na cluinneam fuaim an t-snaidhidh; teasaich an tigh nighidh ’s na faiceam an deathach ag éirigh ás!” Bhlàthaich an rìghinn an tigh-nighidh agus thug a’ bhuidseach bocsa ruadh agus bocsa gorm dhi agus thuirt i: “Gabh aon dhiubh!” Ghabh an rìghinn am bocsa gorm agus chaidh i dhachaidh. Chaidh i air adhart agus ràinig i an tobar agus thòisich i a’ glaodhaich. Chuala a h-athair i, thàinig e agus thog e i suas. Dh’ amhairc iad sa’ bhocsa agus bha éideadh agus airgead ann.
Agus thuirt a’ bhean ri a fear: “A nis, gu luath! tilgeamaid ar nighean sin san tobar cuideachd!” Thilg an t-athair a’ chaileag san tobar. Chaidh an rìghinn air adhart agus ràinig i an t-àilean uaine. Bha eich ag ionaltradh an sin. Bhuail i iad agus thuirt na h-eich: “Bidh thu tighinn gu tigh na buidsich, agus bidh i tairgse dhut bocsa ruadh agus bocsa gorm, ach feumaidh tu am bosca ruadh a roghnachadh!” Chaidh an rìghinn air adhart agus thachair crodh agus caoraich oirre. Bhuail i iad, agus chomhairlich iad i mar an ceudna, am bocsa ruadh a ghabhail o’n
(Eadar-theangaichte bho chànain nan Komi le Tormod Burns.)
title | Na Komi |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 46 |