[173]

SGOIL CHUIMREACH

Le IAIN A. MAC A’ PHEARSAIN

THA mi toilichte gun tug am beagan a sgrìobh mi ann an Gairm Aireamh 42 mun Oigridh agus aGhàidhlig feac á cuideigin. Chan e mhàin gun deach a thogail le Dòmhnall Iain Mac Leòid agus le L.M. D. ann an Gairm an Fhoghair, agus sin gu pongail cuideachd, ach thugadh truiseadh air anns AGhaidheal. An déidh achlodaidh a thugadh orm ann a shin cha mhór gu leig an nàire leam mo ghuth a thogail a rithis air eagals gun gabh na h-urracha móra diomb.

Is echoire bu mhutha fhuaras dha na sgrìobh mi mun òigridh agus aGhàidhlig gu robh micur cheistean gu leòr, gun fuasgladh sam bith a thoirt orra. Chan eil mi dol ás àicheadh nach eil an aithlis sin ceart. Chan eil e furasda fuasgladh a dheanamh air a liuthad ceist a thag éirigh mu chor na Gàidhlige. Ach mura teid na ceistean a chur cha bhi dùil ri teanacsa idir. Chan e beagan dhuilleagan a dhfhóghnadh airson am freagairt uile ach leabhar tomadach.

Thug fear-deasachaidh AGhaidheil iomradh air aGhàidhlig anns na sgoiltean agus cho doirbhs a tha e a h-àite dligheach a thoirt dhi an uair a tha achlann agus na pàrantan air an dalladh le òirdhearcas na Fraingeis. Is e ceist dhuilich tha so cinnteach gu leòr. Tha mi smaointeachadh gu feum sinn coimhead thar nan crìochan againn fhéin airson a freagairt. Cha bu mhisde sinn idir ite a thoirt á bonaid dhùthchannan eile tha nas rathadaiche na sinne anns na cùisean so.

Tha fios agaibh a cheana mar a rinn luchd-stiùiridh an fhoghluim an Siorrachd Inbhir Nis leasachadh air teagasg na Gàidhlig anns na sgoiltean. Chan eilTogaibh i, togaibh inoChan fhaigh aGhàidhlig bàsacur sgleò sam bith mu na sùilean aca-san. ’Se thaca san amharc math na cloinne. Tha iad afaicinn gur ann troimhn chànan a thaca aig an dachaidh a gheibh iad foghlum coimhlionta, agus nach ann troimhn chànan a theid a sparradh orra a dheòin no dhaindheoin. Thig bhuannachd an cois sobidh oideas agus inntinnean na cloinne air an leudachadh agus thig piseach air aGhàidhligna lùib.


[174]

Tha móran de luchd-teagaisg nan sgoiltean nach eil deònach gabhail ris a soachuid as mutha dhiubh, tha eagal orm. Chan eil iad afaicinn adhbhar air bith an status quo atharrachadh. ’Se an obair-san fhaicinn gu faigh achlann troimh na deuchainnean a bheir don àrd-sgoil iad aig aois dhusan bliadhna, agussi Beurla as luaithe bheir chun achinn-uidhe sin iad na Gàidhlig. An déidh dhusan bliadhna feumar an ullachadh airson beòshlaintis aran glan a chosnadh dhaibh fhéin. ’Si Beurla as luaithe bheir chun a sin iad cuideachd.

Tha àiteachan eile ann am Breatainn agus tha iad a cheart cho feumach air Beurla bhith aca ruinne, ach tha iad agabhail seallaidh eile air achùis. ’Na mo bheachd-sa sin an sealladh adhfheumas sinne a ghabhail.

Bu toigh leam, ma tha, innseadh dhuibh mu sgoil a chunna mi anns aChuimrigh. Faodaidh gun dean an t-iomradh fuasgladh beag air choireigin air acheist mun Ghàidhlig anns na sgoiltean? Tha fios agam gu bheil ar suidheachadh-ne agus suidheachadh nan Cuimreach eadardhealaichte ann an iomadach dòigh, agus co-ionnan ann an iomadh dòigh eile. Ach, a thaobh teagasg agus cleachdadh na cànain, tha iadsan làmhcharach dìorrasach taca ruinne.

An uair a bha mi aig an International Congress of Celtic Studies ann an Cardiff anns an Iuchar so chaidh fhuair mi cothrom air sgoil Rhydfelen ann am Pontypridd, mu dheich mìle a-mach á Cardiff. ’Se Geraint Bowen, fear sgrùdaidh sgoiltean (H.M. I.) anns aChuimrigh, a thug a-mach chun na sgoile so mi. Bu mhath leam taing a thoirt dha son cho èasgaidh agus cho foighidneachs a bha e gus mo cheistean a fhreagairt agus airson a choibhneis fhads a bha mina chuideachd. Bhuinnig e Cathair na Bàrdachd aig an Eisteddfod


[175] bho chionn grunnan bhliadhnaichean agus bha e deònach gu suidhinn greiseag anns achathair mus tillinn a dhAlba. Chan ann tric a thig a leithid a dhurramnam rathad.

Bu chòir dhomh ràdh anns an dol a-mach nach eil móran Cuimrig air a bruidhinn ann an Cardiff idir. Tha an càirdeas eadar Cardiff agus aChuimrigh caran coltach ris achàirdeas eadar Inbhir Nis agus aGhaidhealtachdcàirdeas fad ás, ann an seagh. Nach biodh e annasach nam biodh sgoiltean Gàidhlig ann an Inbhir Nis? Sin dìreach, ma tha, an rud a tha tachairt ann an Cardiff, sgoiltean ùra ag éirigh suas anns am bheil gach cuspair air a theagasg ann an Cuimrig. Ma tha so mar so ann an Cardiff faodaidh sibh a thuigsinn cho fallains a tha cor na cànain a-mach air an dùthaich.

Is e tha san amharc aig muinntir an fhoghluim anns aChuimrigh gum bi achlann fileanta anns an chànain, Cuimrig is Beurla. An dòigh as fheàrr a fhuair iad gus so a thoirt gu builse sgoiltean beaga (nursery schools) a chur air bhonn. Tha achlann afrithealadh nan sgoiltean so o aois thrì bliadhna gu cóig. Chan eil ìmpidh sam bith orra am freasgairt; chan ann fo riaghladh na Stàit a tha iad. Tha an sluagh gan cur air chois air am baghaiste fhéin agus na pàrantan apàidheadh airson foghlum na cloinne. Glé thric tha daoine beairteach alìbhrigeadh airgid dha na sgoiltean so, agus mar sin chan eil achosgais cho trom air ceannbhairean na dachaidh. Tha cuid de na sgoiltean afaighinn sìneadh airgid cho mórs nach tig air na pàrantan glabhran ruadh a chosg ás am pòcaid fhéin. Nach bochd nach robh na sporain mhóra aig uachdarain Ghallda na Gaidhealtachd na bfhosgailte gus nithean feumail mar so a bhrosnachadh.

Mar thoradh air na sgoiltean beaga tha móran de chloinn na Cuimrigh fileanta anns an chànain an uair a theid iad dha na bunsgoilean aig aois nan cóig. An uairsin tha an chànan air an cumail riutha taobh ri taobh. Ach a neist tha achùis atighinn gu ìre as fheàrr na sin. Tha Beurla air a fùchdadh mean air mhean gu inbhe cànain choimhich A neist so far am bheil an t-annas, agus so an rud a tha doirbh le luchd teagaisg na Gàidhlig a chreidsinn, chan eil aBheurla aig cloinn na Cuimrigh adol iongag air ais ri linn na teagaisg so; ’sann a tha i sìor dhol am feabhas!

Cha leudaich mi nas fhaide air na dòighean eile thaig na Cuimrich air an cànan fhéin a ghiollachd, ach innseam dhuibh mun an sgoil so a chunnaic misgoil Rhydfelen.

Mar a thubhairt mi, tha i ann an teis meadhonGalldachdna


[176] Cuimrigh. Chan eil ach bliadhna no dhà o thogadh i. Tha mu cheud gu leth sgoileir innte an dràsda, o dhà bhliadhndeug gu cóig deug, agus bidh an àireamh asìor dhol suas. Gu -fhortanach, an latha thadhail mise orra, bha iad adol ma sgaoil airson cead an t-samhraidh. Mar sin cha robh sunnd obrach air na sgoileirean no air an luchd teagaisg agus tha mi creidsinn gu robh sannd aca orm-sa a chionns gu robh mi deònach am faicinn ateagasg agus ag ionnsachadh còcaireachd is chemistrys a leithid sin ann an Cuimrig. O nach robh iad a’ deanamh móran obrach an la uds iad na comics a bu mhutha bha am follais na na leabhraichean sgoile, agus ged a chunna mi deòthanach acumail Beano air falachse paipearan éibhinn ann an Cuimrig a bu bhitheanta.

Thug am Prifathro, Mgr. Humphreys cuireadh coibhneil dhomh chun na cuirme bige a bhaca mun rachadh iad ma sgaoil. Is ann ann an Cuimrig a bha so gu beagnaich, ach am beagan fhaclan thubhairteadh ann am Beurla air sgàth achoigrich a bhan làthair.

On is ann á Galldachd na Cuimrigh a tha sgoileirean Rhydfelense Beurla as ciad cànan dhaibh. Thubhairt Mgr. Humphreys rium gum biodh achlann abruidhinn an chuid, Beurla is Cuimrig, ra chéile an uair a bhiodh iad a-muigh air an raonaidh-chluiche; ach feumaidh mi ràdh nach cuala mi Beurla idir aca fhads a bha misenan éisdeachd. Is e Cuimrig a tha an luchd-teagaisg abruidhinn ra chéile daonnan. Bha so follaiseach a-measg nan sgoileirean Cuimreach a bha aig an International Congress of Celtic Studies cuideachd. Bha iad acòmhradh ri a chéilenan cànain fhéin eadhon ged a bhiodh feadhainn aig nach robh i anns achuideachd. Agus lorgadh iad? Chan eil fhios agam an e modh no aineolas as coireach gu bheil sinne cho déidheil air cùl a chur ris aGhàidhlig ma tha feadhainn aig nach eil i anns an éisdeachd.

Air mo chuairt feadh na sgoile bha mi faighneachd dhan luchd-teagaisg badhbhar gu robh Cuimrig adeanamh leithid de dhadhartas. Cha robh freagairt aca, bha iad ag ràdh. Cha robh ann ach mìorbhailt! Ann an dòighse sin a thann. Bha iadsan acumail crìche ri Sasuinn agus bha iad na bu bhuailtiche do chànains do chleachdaidhean nan Sasunnach na bha sinne. Ann an dòigh eile cha mhìorbhailt sam bith e. Bha na Cuimrich dìcheallach a thaobh an cànain. Cha do dhaidich iad riamh nach robh ena comas ceann an amuill a chumail ri cleachdaidhean an an diugh. Theann iad air a cumadhs a deanamh subailte mu choinneamh feumalachd na


[177] linn so. Bha bhuil ann. Tha pailteas leabhraichean Cuimreach aca anns na sgoiltean an diugh, leabhraichean mu gach cuspair. A-measg nan leabhraichean a chunna mi bha fear anns an robh obair an atom air a mhìneachadh ann an Cuimrig. Chan eil iad an eiseimeil na Beurla mar a tha sinne.

Bha mi faighneachd dhan chloinn bfheàrr leotha bhith ann an sgoil Bheurla na san anns an robh iad. Cha mhór nach do leum iad orm son fiùs smaoineachadh air a leithid a rud. Bha moit orra gu robh an chànan aca-san. Aig an àm bha iad air leabhran beag a sgrìobhadh agus thug iad dhomh fear dhiubh. ’Se Tìr nan Og an t-ainm a thair. Tha trian dheth am Beurla agus thrian an Cuimrig. Ma tha teagamh aig duine sam bith nach bi aig achloinn ud ach droch Bheurla an déidh an oileanachadh ann an Cuimrig, chan eil aige ach sùil a thoirt air an leabhran sin agus faodaidh edhùil a phasgadh.

Bha an luchd-teagaisg fhéin làn uaill ás an obair a bha iad adèanamh, aguss iad a dhfhaodadh. A dhinnseadh cho fads a tha an luchd-teagaisg air chùl na cànain, ged a tha gainne dhiubh air feadh na rìoghachd gu léir, gheibh na sgoiltean Cuimrig an dìols an teannadh. ’Sann a tha iad adol an ugannan a chéile feuch gheibh a theagasg unnta. Mar sin faodar brod an luchd-teagaisg a thaghadh. Thug Mgr. Humphreys dhomh eiseimpleir air a so. Bha fear-teagaisg Physics a dhìth orra ann an Rhydfelen agus bha ochdnar air tòir na h-obrach, ’s iad uile air an deagh sgeadachadh air a son. Nam biodh an aona bheàrn ann an aon de sgoiltean móra Chardiff, biongantach gum biodh barrachd air triùir deònach a lìonadh.

Tha so ga mo thoirt gu puing eile. Chan e luchd chànanan no M.A. ’s a-mhàin a tha strì ás leth na Cuimrig. Chuir e iongnadh ormsa cho dìorrasachs a bha luchd teagaisg ealain is saoirsneachd is còcaireachd air sgàth na cànain. ’Se B.Sc. a bha ann am Mgr Humphreys a bha os cionn na sgoile. Nas aithne dhòmhsa ann an Albainn le B.Sc. ’na aigeileir ás déidh an ainme chan eil móran faireachdainn aca a thaobh cànain sam bith. Cha diochd leotha an


[178] saoghal cumhang fhéin. ’Se economics a bu cheàird do Gheraint Bowen. Ach cha do chuir sin sgleò air a léirsinn a thaobh cànain. Nam biodh a thoil fhéin aige-san bhiodh Beurla air aon ruith ri Fraingeis is Gearmailteis ann an sgoiltean na Cuimrigh, agus bha ecumail a-mach gun tigeadh an latha anns an éireadh sin. Cha robh e cleas móran de dhiùlnaich na Gàidhligean riaghailt a bha e afaochnadh air càchsi bha e fhéin acumail. Ged as i ban-Sasunnach a tha pòsdaiges i Cuimrig a thatar abruidhinn anns an dachaidh. Bha nighean bheag laghach aca, mu thrì bliadhna dhaois, agus cha robh lideadh aice ach Cuimrig. Cuimhnich gu robh so ann am baile Chardiff far nach cluinn thu gu bitheanta ach Beurla. Bhitheadh móran anns aGhaidhealtachd, na faiceadh iad pàisde dhen aois so gun Bheurla, asmaoineachadh gu robh còrachd air choreigin innte agus ag radh, “ i mura bi beurla aice na uair a theid i dhan sgoil, no an uair a bhios i cuide ri cloinn eile?”

Bha gille le Geraint Bowen adol do sgoil Rhydfelen. Mura biodh creideas aige anns an teagasg a bha e faighinn ann a shinse mo liadh nach cuireadh ann e, agus eòlas bhliadhnaichean aige air sgoiltean de gach seòrsa.

Bha na sgoileirean á caochladh sheòrsachan dachaidh, dachaidhean beairteach agus dachaidhean nach robh cho beairteach. Feadhainn a bha an athair ris an dubh-chosnadh anns na mèinnean guail, feadhainn eile bha an athairna fhear-lagha nona dhotair nona mhaighstir-sgoile. Bha cuid de na pàrantan rathadach gu leòr air an cloinn a chur do sgoiltean far am feumadh iad pàidheadh ás am pòcaid fhéin ach, a réir coltais, bfheàrr leotha Rhydfelen.

An la ud a thadhail mise cha robh achlann uile an làthair. Bha fhichead dhiubh ann an sgoil an ceann a tuath na dùthcha, far an robh Cuimrig air a bruidhinn am bitheantas, fad dha no trì sheachdainean. Bha buidheann ás an sgoil so ann an Rhydfelen. Tha iad adeanamh iomlaid mar so gach bliadhna mar a thig agus tha an sgoil abuannachd ra linn.

Is en duilgheadas as mutha againne tha teagasg na Gàidhlige faclan freagarrach a lorg air gnothaichean ùra. Tha ena chnap-starra gu h-àraid ann an teagasg chuspairean eile troimh Ghàidhlig. Thug so dothach dha na Cuimrich cuideachd ach tha iad an impis an anacair a chur am feabhas a nis. Is ann ri Prifysgol CymruOilthigh na Cuimrigha tha so an urra. Tha buidheann aca-san a tha acoinneachadh an comhair gach ama gus seann fhaclan a sgrùdadh agus


[179] faclan ùra a dheilbh. Nithear sin airson gach meur eòlais, mar tha speuradaireachd is dotaireachds a leithidean sin. Thatar an uairsin acur nam faclan ann an leabhrain bheagafear mu choinneamh gach cuspairagus cuirear a-mach iad gu gach sgoil is colaisde. Tha mi smaoineachadh gum bu chòir do luchd-teagaisg nan oilthighean againne an cinn a chur cuideachd agus dalladh air obair mar so cho luaths a ghabhas dèanamh.

Saoil am biodh e eu-comasach sgoiltean leithid Rhydfelen a bhith againn anns na h-eileanan an iar? Cha chreid mi gum bitheadh. Ach dhfheumamaid daoine grunndail a ghabhadh an gnothach os làimh. ’Secheist iadAn Comunn Gaidhealach, Comhairlean nan Siorrachd, Rùnaire na Stàite agus a sgalagan, Gaidheil le Gàidhlig is gun Ghàidhlig, Goill gun Ghàidhlig? Am bheil ann ach sochair dhuinn a bhith smaoineachadh gun gabh dad idir dèanamh? Mura dean sinn nas fheàrr na tha sinn adèanamh an ceartuair cha bhi againn ach feitheamh fhada ri eòrna na gainmhich. Ma dhfhaodas mi droch dhìol a dhèanamh air seann seanfhacalgluaisidh tu na cnuic ach cha ghluais thu daoine.

titleSgoil Chuimreach
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 46
<< please select a word
<< please select a page