[180]

TEINE CEANN FOID

EARRANN VI

Cogadh no Sith

Fada mun do dhorchnaich i an oidhch’ ud, chuireadh fios fad is farsaing feadh an Taobh Sear gun robh na saighdearan an Uige. Chuir Lachlainn cuireadh gu gach croitear cruinneachadh taobh shuas abhealaich is cha bfhada bha iad acruinneachadh. Thainig iadnan ciadan, sean is ògan dearbh fheadhainn, tha mi cinnteach, air an do thachair mi an oidhche mhór ud, ’s mi tilleadh á tigh abhàillidh an Uige.

Ach chanadh e a-nochd? Ma bha iad cruinn còmhla air an aon raoin is Lachlainn Bànna sheasamhnam measg air an aon chreig, cha robh pìob-mhór adol a nis, no iolach, no eubhach. Cha chualas fhathast aon ghuth ag eubhach dùbhlan don uachdaran, ged a bha na ceudan sgamhan ga eubhach àrd san dearbh bhad seo beagan sheachdainean air ais. Cha chluinnte ach brùindeil shocair an suds an seonam measg is sùil ghealtach, uallachail aig gach fear air Lachlainn Bàn. Gu dearbh bha eagal aca roimhe a-nochd is cha do thuig duine sin na bfheàrr na Lachlainn fhéin. Cha robh am fear bu luidiche sachòmhlan mhór dhaoinud nach do dhaithnich gu robh àm an dearbhaidh air tighinn.

Rinn Lachlainn tòiseachadh gu math socair, a ghuth cho ìosals gur gann a chluinneadh tu e, acuimhneachadh dhaibh gur fhada on a mhùidh Ivory na saighdearan orra. Cha do chreid e fhéin chun a seo thuirt e, gun cuireadh an Riaghaltas gu bràth saighdearan don bhaile seo a dheanamh ainneart air croitearan. Ach ger bith na naidheachdan annasach a chuir Ivory gu Lunnainn, chaidh creideas a thoirt da chuid bhriagan shìos an sin agus bha esan air a mhealladh, ged is fhada on thuig e nach cuirte saighdearan a chuideachadh croiteir buileach cho ealamhs a chuirtiad a chuideachadh uachdarain. Ach ma bha iad air tighinn, arsa Lachlainnagus bha a ghuth a nis afàs na bu chruaidhe bhanam beachd a dhèanamh?

Bheil iad adol a mhort a h-uile mac màthar againndol a chur aghunna ruinn uile mar gun cuirte ri dròbh chona chionn gun dhiùlt sinn ar croitean a thoirt seachad don uachdaran? Agus co dhà dom boin am fearann seo mura boin e dhuinne, a shaoithrichs a shàraich air a shon fad nan ceudan ginealach?”


[181]

Seallaibh mun cuairt,” dheubh e, “far an robh ar sinnsrean ag àiteach. Anns an dearbh bhad seo chan eil ploc anns nach deach cas-chrom a chur uaireiginn, ’s cha bann gun saothair, is seallaibh an diugh e, fo chùram an uachdarain! chì sibh ach raineach is fraoch is salchar chaorach? Bidh ar croitean a dhaithghearrachd san aon staids bidh sinne shìos an tiùrr achladaich atighinn beò air bàirnich ma gheibh Ivorys an t-uachdaran an latha leotha. Ach ma sheasas sinn còmhladhis nach seasadh còmhla sacheartascha toir Ivory no uachdaran no eile buaidh oirnn am feasd.”

Thug mi sùil mun cuairt air na daoine, ach cha mhór brosnachaidh a bha mi faicinn anns gach aghaidh. Bha gealach ann ach be teine mór de bhadan fraoichs de sheann gholfhadan mònadh bu mhotha bha toirt soillse dhuinn agus chitheadh gach fear againn Lachlainn air achreig, an lot oillteil a bhair a bhus gorm, grànda fo sholus leumnach an teine agus a ghuth cruaidh, sgairteil, fiadhaich a nis.

Gun sealladh am Freasdal oirbh!” dheubh e, “ air thalamh bhuan a tha sinn adol a dhèanamh gun fearann? Tha fios agaibh fìor mhath nach eil sinn fadon ghoirt sabhaile seo is ma chailleas sinn na croiteanse am bàs a bhios ann cinnteach gu leòr. Ma tha duine gun fhearann sacheàrn seo tha e gun bhiadh, chan eil an còrr mu dheidhinn, agus an latha leigeas sibh le Ivory am fearann a thoirt bhuaibh, cha bhi dad air fhàgail dhuibh ach an cladh. tha gu bhith ann, mathà, cead a leigeil le Ivorys le bhurraidhean shaighdearan is bochdainn is bàsnan cois air neo seasamh daigheannnan aghaidh air sgàth acheartais?”

Dheubh fear-eiginn á meadhon an t-sluaigh. “Ceartas ann no ás, ni sinne an aghaidh shaighdearan? Gu , dhuine, ni ceartas an aghaidh nam bèagaileid?”

No an aghaidh nan gunnachan?” dheubh fear eile.

Theid ar mort, sin an rud a thachras.”

Thòisich eubhach is glaodhaich an suds an seo agus, an ath rud, chunnaic mi Tómas Mór, an t-Aoildear, aleum suas air achreig. Bha aodann dearg is a shùil air lasadhna cheann leis an fheirg. Thug en aghaidh air Lachlainn.

Sgriosaidh an duine caoich seo sinn uile mus sguir e,” dheubh e agus sgiamhna ghuth leis achaoch a bhair. “Na toiribh feart air! Mura bitheadh gun do bhuail e am bàillidh cha bhiodh dad den obair seo air tachairt. Obair mhaslach, dìreach, le saighdearan is gunnaichean feadh an àiteagus is esan a tha coma ged a


[182] rachadh a h-uile duinagainn a mhort! Na éisdibh tuilleadh ris! Thoiribh an dachaidh oirbh agus fuiricheadh gach fearna thigh fhéin gu stòlda, modhail gun a bhith deanamh dearg amadan dheth fhéin acur coigealadh air saighdearan. Agus tha min dòchas gun teid iomadh fear a-nochd air a ghlùintean a dhiarraidh maitheanais an Tighearna, oirse tha seo ach breitheanas Dhé a thair tighinn oirnn, oir gu cinnteach pheacaich sinnna aghaidh.”

Chuir seo sàmhchair orra samhionaid agus chuala sinn móran ag ochanaichs ag aontachadh le Tómas. Thug min aire cuideachd gu robh móran atogail air falbh agus adèanamh air ais dhachaidh.

Ach cha do stad Lachlainn. Thòisich e ás ùr ged is math a bha fhios aige gun robh amhòr chuid a nisna aghaidh.

Innsidh mise dhuibh mar a chuireas sibh stad air na Marines,” dheubh e. “Nach e seo an dearbh rathad a thig iad á Uige? Chan eil an còrr dòigh air faighinn chum an Taobh Sear mura tig iad air tìr thall againn fhìn. Seadh mathà; chan eil againne ri dhèanamh ach am bealach a dhùnadh orra mus ruig iad e! Cha bhi aca an uairsin ach tilleadh an taobh an tànaig iad. Chan eil cion chlachan os cionn abhealaich, fhearaibh; chan fhada bhiodh grunnan dhaoine ga dhùnadh.”

Ma thig iad oirnn le na gunnaichean, thachras dhuinn an uairsin?” dheubh fear-eiginn.

Nach ann agaibh fhéin a than t-eagal roimh na gunnaichean,” fhreagair Lachlainn. “Gu sealladh am Freasdal oirbh, nach e seo an t-àite san drugadhs an do thogadh sibh! Bheil sibh adol a leigeil le burraidhean Shasunnach a thoirt bhuaibh gun seasamh idirnan aghaidh? Tha miseg innse dhuibhagus is math tha fios agaibh gur en fhìrinn a thagamgun dùineamaid am bealach gun strì an aghaidh a h-uile Marine a tham Breatann, ma thogras sinn; ’s cha tig an latha gheibheadh iad troimhe. Ma tha daoine nar measgdaoine anns am bheil beagan sgoinnthigibh còmhla riumsa is cha bhi sinn fada ris.” Sguir Lachlainn leis a sin is thug e sùil mun cuairt.

Cha do ghluais duine. Cha tug aon anam beò ceum air adhart an taobh a bha e. A Thì nan Gràs, bha e brònach a bhith coimhead a leithid de rud agus bha mo chridhe goirt airson Lachlainn. Ach an ceann tiotain, chaidh mathair a-null gu iomall na creige is sheas mise null ri thaobh. Lean Iain Beag is Eachann Ruadh sinn agusnan déidh thànaig beagan eile. Ach gu dearbh be am beagan a bhann tacsa ris achòmhlan mhór dhaoine a thionndaidh air falbh uainns a thug an aghaidh air ais air abhaile.


[183]

Dhfhairich mi sgìos marbhtach alaighe air mo chnàmhan is bha mo cheannna thuaineal. An dàrna uair bha sruth fallais asam le teas an teine air mo dhruim agus an uair eile bheireadh oiteag fhuar na gaoithe snag ás mfhiaclan is crithnam chom. Rug Lachlainn air ghualainn orm is chunna mi e toirt sùil iomaganach orm. “Tha thu air chrith, ’illears esan. “Am bheil dad ort?”

Cha tug mi feart air. “Chan eil sinn ann ach dhuine dhiag, a Lachlainn,” arsa mise, “Cha mhór dhaoine tha sin.”

Ach, coma leat, Alasdair,” ars esan, “cuiridh sinn stad air gillean Ivory fhathast.”

Bha Colla Mór an gobha, is Seumas Crùbach air dhruim aige, ’na sheasamh pìos bhuainn. Chaidh Lachlainn a-null far an robh iad.

Rinn thu math, a Sheumais, tighinn air adhart, a charaid,” ars esan ris an tàillear, “ach ma dhinnseas min dul fhìrinn, cha chreid mi gun urrainn dhut cuideachadh sam bith a thoirt dhuinn mun bhealach. Nach fheàrr dhut tilleadh dhachaidh, tha an obair a tha romhainn-ne ro dhiachainneach, tha eagal orm.”

Bha làn dhùileam gun gabhadh Seumas Crùbach an fhearg mhór ris a seo, achse thuirt e,” O, tha mi cinnteach nach deanainn-sa móran a-measg ultaich chlachan gun teagamh, ach theid Colla cuide ribh is togaidh esan gu leòr dhuibh, theid min urras. Gabhaidh mise null gu bothan Dhòmhnaill Ghìobair, mac bràthair mo mhàthar is tha miseg innse dhut gum faigh achiad Marine a nochdas beannachadh bhuamsa, Lachlainn! Bheir mise dha aileasachadh nach dfhuair e riamh on latha rugadh e, a laochain!”

Nuair a thog Seumas ceumannan càm a-null taobh abhothain bha Iain Beag agàireachdaich.

Ma tha fear san eilean a chuireas an t-eagal air na Marines, sud am fear,” ars esan.

Nuair a gheibh iad sealladh dheth, ’s a chluinneas iad deàrrsach ghuidheachan atighinn ás, cha rachainn an urras nach teicheadh a h-uile fear aca.”

Cha ghann a thuirt e seo na ghlac mi sealladh de nighinn òig atighinn timcheall na creige. Nuair a chunnaic mi gur e Màiri, mo phiuthar a bhann, cha robh fhiosam chanainn.

Rug mathair air ghualainn oirre.

tha ceàrr a Mhàiri?” dhfhoighneachd e.

Tha am Maighistir a-stigh againn,” ars ise.

Tha e feitheamh ri Alasdair. Tha e radha gum feum e Alasdair fhaicinn gun dàil is rud aige ri innse dha.”

[184]
[185]

Bho bhaile gu beinn

RUITH mi fhìn is Màiri sìos dhachaidh cho luaths a bhagainn. Ach fada mun drànaig sinn achroit bha mise air mo chlaoidh le casadaich is gréimnam thaobhsnam uchd a bha sìor fhàs cràidhteach. Cho mórs gun robh achabhag, bfheudar dhomh sgur aig cùl na croite is manail a leigeils bha greis mhath mun do sguir an aonachs an tùchadh claoidhteach a bhorm. Cha robh dad de dhiarraidh agam a bhith plubadaichs acasadaich air bialthaobh amhaighistir neo gu h-àraidh air bialthaobh mo mhàthar.

Bha an cidsean gu math dorcha nuair a nochd mi stigh ach thug min aire ann an tiotan nach robh sgial air amhaighistir. Bha Màiri air ruighinn dhachaidh romhams bha i fhéin is Seòras beagnan suidhe an oir na luathadh gun facal ás an ceann. Dhéirich mo mhàthair bhar na beingeadh is thug min aire gun robh atharrachadh mór air tighinn oirre o chlionn ghoirid. Bha i cus na bu taines na bu sheannachara acoimhead.

Càit eil am maighistir?” dhfhoighneachd mi. Chùm i seachad orm le sguaid a dhùnadh an doruis is sheas i agus a druim ris.

Thana leabaidh, cha rachainn an urrasfar am bu chòir dhutsa bhith, mun taca seo.”

Thug i sùil air mo mhalaidh.

“ ’Ille, tha thuna do lòn le fallas.”

Tha fhiosam; nach eil mi air ruith ás abheinn. an gnothach a bhaig amhaighistir rium?” “Cha robh gnothach no gnothach aig amhaighistir riut,” ars ise agus i dùr-choimhead orm, “Ach, mur an robh, bhà agamsa.” Thug min aire gun robh i air chrith. Cha bfhada gus an do thuig mi gum bann leis an fheirg, oir thòisich i orm an sin fhéin. “Neor thaing nach eil thusa bragail asad fhéin, a pheasain gun nàire, asiubhal nan cnoc cuide ri dathairan suds an seo mar gum biodh cheàird. Ach cha bhi mise fada cur stad air an obair sin, fuirich thusort! Tha dathair ás a rianás a rian buileach glan dìreach; cha ghabh dad deanamh ris co-dhiù, ach bidh thusa greis, a laochain, mus leig mise leat an còrr maslaidh a thoirt air an tigh seo, adeanamh dearg amadan dhiot fhéin leis an


[186]

obair mhìchiataich seo! an aon truaighe tha dhìth oirbh? Cha bhi ceòl-sgur agaibh gus an teid ur marbhadhs an latha thachradh sin nach ann cearbach a bhithinn-sas achlann dheth? thachrach dhuinn an uairsinaig toiseach geamhraidh gun ghréim bidhe? Innis sin dhomh, ma tha thu cho bragail! Chan eil sibh glic, sin an rud a thann, is tha Lachlainn Bàn air gloichdean a dheanamh dhiabh uile, le obair mhallaichte. Ach cha teid do chas-sa a-mach á seo a-nochdille, no an ath-oidhch’; is chan eil an còrr mu dheidhinn!”

Cha burraim dhomh a chreidsinn an toiseach. Ach ma bha fearg air mo mhàthair, bha an dearg chaoch ormsa. Cha mhór nach tànaig na deòir ugam, leis an tàmailt a bhorm gun robh mo mhàthair air a bhith cho tur cealgach.

Tómas Mór, an t-aoildear!” dheubh mi. “Sin am fear a chuir seonur ceann. Nach ann agaibh a bhan cosnadhag éisdeach ri rabhdaire de sheòrsa. Cha robh de sgoinn ann na sheasadh còmhla ruinn.”

Eisd! Na cluinneam an còrr asad!” dheubh i rium. “Nach ann agad fhéin a than aghaidh, a ghiobail gun mhodh is gur tusa sin, acur bhriag air duine math, agus ena aoildear.”

Briagan, an e?” dheubh mi, “Cha robh duine seo adeanamh bhriag ach sibhse, aguss math tha fios agaibh airsibhse agus Màiri.”

Thug mi leum an taobh a bha Màiri agus an fhearg cho mór orms gun robh mi air a bualadh mur biodh gun do theich i gu taobh thall abhùird orm. Bha achailleach asgalartaich a nis.

Ni sud an gnothach dhut, a laochain, air neo bheir mise am bata air do dhruim! Cha chuir thu aon chorrag oirre; cha do rinn Màiri ach mar a dhiarradh oirres thusa an aon rud air neo bithidh e gu math searbh dhut. Tha e cheart cho math dhut suidhe far am bheil thu. Cha teid thu mach á seo a-nochd.” Thug mi sìnteag chun an doruis.

Tha mi dol air ais gu mathair,” arsa mise, “agus chan eil an còrr mu dheidhinn.”

Sheas i gu daigheann agus a druim ris achòmhlaidh.

Cha dean thu dad den t-seòrsa,” ars ise, “mura dean thu air aon dòigh e. Cha leig mise mach air an doruis seo thu, ged a bhithinn an seo fad bhinn, bhuan na h-oidhche, a laochain. Chan eil dòigh agad air faighinn a-mach mura buail thu do mhàthair. Am bheil thu cho suarachs gun deanadh tu sin a nisam bheil?”


[187]

Rinn mise trod is eubhach gu leòr an uairsin, ach bha fhiosam fìor mhath gun robh i air an gnothach a dheanamh orm, oir feargachs gun robh mi cha bhuailinn i am feasda. Ach bha aon rud cinnteach, bhithinn-sa mach air an dorus ud achiad chothrom a gheibhinn, ged a dhfheithinn gu madainn. Shuidh mi air abheingidh ri taobh Sheòrais Bhig a bha buralaich a nis, mo chridhe cho goirt is mo spiorad cho brùites nach burrainn dhomh facal a radha ris.

Thoir a-nall dhomh an stòl sin, a Mhàiri,” ars achailleach agus, nuair a fhuair i e, shuidh i airs a druim ris an dorus. Nuair a fhuair i i fhéin a shocrachadh air, thòisich na h-òrdain. Bha Seòras ri sgur a chaoineadhs an leaba thoirt air agus mar an robh an còrr aig Màiri ri dhèanamh, nach bfheàrr dhi mòine chur air an teine agus an làmpa lasadh.

Agus dean bròthas dhan ghille sin,” ars ises i toirt sùil mhìchiatach orm. “Cha bu mhisdena bhroinn e, mur eil misair mo mhealladh. Cuir saphoit cuideachd. Cha chuireadh a h-aon againn cùl rithe.”

Chan eil miseg iarraidh no bròthas,” arsa mise. Bha mo cheann gu sgoltadhs mamhach air fàs cho goirt a nis is gur gann a dheanainn slugadh. “Mar a thogras tu fhéin,” ars ise, “ach cha dean diomb feum sam bith dhut, a laochain. Chan eil thu dol a charachadh á seo a-nochd. Mar as luaithe thuigeas tu sin, ’sann as fheàrr dhut.”

Cha duirt mi guth; agus cha tanaig aon fhacal asam fhads a bha iad ag òl na . Nuair a bhan seachad chaidh Màiri a chadal, ach cha do ghluais mo mhàthair on dorus. Thug mi aon oidhirp eile adeasbad rithe, ach cha mhór a bhagam air a shonged a chumainn cagnadh rithe gu madainn cha robh i dol gam leigeil seachad.

Thug min leaba orm an uairsin ach dhfhàg mi maodach orm air eagals gun cuireadh i falach mo bhriogais orm. Caidlidh i uaireiginn, bha mi radha rium fhìn, agus, nan saoileadh i gu robh misenam chadal, bheireadh i ceann shìos an tighe oirre. Sin an aon chothrom a bhagam air teicheadh, ’s mar sin, shìn mi fon aodach afeitheamh gun teannadh i ri norradaich.

Bha sracadh beag anns achùirtear a bha ris an leabaidh agus, gun mo cheann a thogail on chluasaig, chithinn i thall aig an dorus, ’na crùbadan air an stòl.

Gu dearbh bha i foighidneach an oidhchud. Uair an déidh uair shuidh i an sud gun ghluasad, ’s fada an déidh don teine dhol ás, cha robh coltas gun éireadh i ás a h-àite suidhe. Mean air mhean thanaig an cadal orm is bha sgìths trom a nis alaighe domhainnnam


[188]

chnàmhan. Tha cuimhneam air a bhith liùigeadh aon uair eile troimhn chùirtear agus a bhith faicinn mo mhàthar fhathast air an stòl gun ghuth, gun choltas aice air an leaba thoirt oirre. Tha cuimhneam cuideachd gu robh mo shùilean goirts sileadh atighinn asda agus gun robh e toirt faochadh dhaibh an dùnadh. Dhùin mi mu dheireadh iad greis mhath agus, aig acheann thall, cha robh de lùths air fhàgail agam na dhfhosgladh iad.

Nuair a thanaig mi ugam fhìn a rithist bha minam shuidhe san leabaidh, am fallas asruthadh asam agus aonach orm. Be droch aisling a dhùisg mi, ach cha robh mi fada ga cur ás mo chuimhne nuair a thuig mi far an robh mi. Dhéisd mi greis ach cha robh dad ri chluinntinn ach anail an fhir bhig ri mthaobh san leabaidh. Dhéirich mi agus rinn mi air an dorus. Bha ciaradh beag de sholus na maidne air an uinneig a nis is dheanainn a-mach air éiginn am bòrds abheinge is am beagan àirneis eile bha feadh an tighe.

Ben call nach robh barrachd de sholus na maidne ann, oir chan fhaca mi gréim dhith gus an do bhuail mi sna casan aice. Cha robh fhiosam chanainnbha mo mhàthair air a bhith sachùil fhuair seo fad na h-oidhche! Thug i eubh aisde nuair a dhùisg i, ach cha robh i fada ag éirighs adeanamh gréim bàis orm.

Air ais don leabaidh thu!” dheubh i. “Air ais innte samhionaid!”

Leigibh ás mi, an ainm an Aigh,” dheubh mi. “Bheil sibh adol a dheanamh dhiom, gam cheangal a-stigh?” Thug mi leum asam air aiss mi gam thionneamh fhìn agus chaill i a gréim orm. Ach ma chaill, dhfhiach i samhionaid air breith a rithist orm agus, gun fhiosdthug i buille dhomh san t-sròin. Thanaig an fhuilna steall asams dhfhosgail i an dorus gus am faiceadh i na bfheàrr thachair. Nuair a chunnaic i an fhuil air mo bhroilleach chaidh ina boil.

Cùm do cheann air ais, mus gànraich thu daodach,” dheubh i.

Fuirich, fuirich gheibh mise clabhd is uisge dhut,” ars ise nuairsin, is i leum a-null chun abhùird.

Cha luaithe thionndaidh i na bha mi mach air an dorus agus roid agam a-null thar na croite gun feart agam air an eubhach a bha ideanamh ás mo dhéidh. Nuair a rànaig min abhainn nigh mi maodann san uisge fhuar, agus gu dearbh bann fuar a bha e mun taca ud den mhadainn. Shìn mi greis air an fhiar gus an do sguir mo shròn de shileadh.


[189]

Bha dealt throm ann agus ceò tiugh, geal ìosal mu na cnocan, cho ìosals nach robh sealladh ri fhaicinn de na mullaichean àrda os an cionn. Thog mi orm co-dhiù suas a-measg acheò.

Ghabh mi rathad nach do ghabh mi riamh roimhe, ’s mi deònach am bealach a ruighinn cho luaths a bhagam. Nuair a dhìrich mi suas greis bha an ceò gam chuartachadh air gach taobhs a h-uile dad cho tais, ’s cho bog, ’s cho sàmhachs gun rachainn air mhionnan nach robh beò air thalamh ach mi fhìns nach robh saoghal ann ach na creagans na cnuic uaigneach seo a bha mum choinneamh.

Stad mi greis a leigeil manalach. Bann an uairsin a chuala mi fuaim nan clachan beaga atuiteam ris an leathad agus bha mi cinnteach gun robh achas a leag iad na bu truime na cas caorach.

thann? tha sud?” dheubh mi is crithnam ghuth leis an eagal. Cha tanaig guth no feart air ais ugam. Thug mi ceum socair air adhart ach cha bfhada gus an do sheas mi far an robh mi.

Bha rudeiginn annasach atighinn ugam ás acheò, rud mór gun chumadh air nach cuirinn ainm no aithneachadh. Leum mi air ais cho luaths a bhagams mo chridhe bualadh ri masnaichean.

Ach mun do thréig mo neart mi buileach glan, thog an ceò beagan eadar mi agus an rud a chuir an oillt orm agus chunnaic mi each briagha, donnna sheasamh acoimhead orm! Abair gun dfhuair mo chridhe-sa aotromachadh nuair a chunnaic mi am beathach ud is thòisich mi air gàireachdraich leis cho sonas a bha mi. Ach sguir aghàireachdraich glé ealamh nuair a rinn mi aithne na bfheàrr air an each dhonn. Seo an t-each a bhaig Miss Fiona madainn an ! air thalamh a dhfhàg a-bhos an seo e, agus dìollaid air a bharrachd air a sin?

Fhads a bha minam sheasamh asliòpadh an eichs adol fo msmaointean, bha aghaoth ag éirigh is asgapadh acheò. Cha bfhada gus an do rinn an oiteag tanachadh math agus chunnaic mi, an ear orm, creag mhór, dhubh agus bu chas i. Cha robh dòigh air faighinn seachad oirres dhfheumainn tilleadh air ais deas beagan, oir bha mi air a dhol pìos iomrall sacheò, nuair bha mi dìreadh.

Ach mun do thionndaidh mi air ais a deas, laigh mo shùil air rud geal air choreiginn thall air craoibh bhig, a bha fàs aig iomall claiseadh. Dhfhàg min t-each, is chaidh mi null. ’Se bhann ach ribein-fuilt. Fhads a bha mi ga thogail thug min aire gun robh achlaise gu math na bu domhainne na shaoil mi. Sheall mi sìos agus mi gabhail iongnadh cho domhainns cho cas is a bha an sgoltadh seo agus mar a bha an toll aruighinn sìos fon talamh, chan eil fhios gu cho fad.


[190]

Chrom mi sìos air mo ghlùinean agus mi gabhail deagh bheachd air an toll. Bha am mullach aige cumhang gu leòr, mar gum biodh similear farsaing, ach bha e gu math na bu leatha mar a bfhaide rachadh tu sìos agus bha fiar gorm afàs aig a bhonn. Cha ghann a laigh mo shùil air an fhiar, na chunnaic mi iMiss Fiona— ’na laighe gun diog, gun lùths sìnte air ùrlar an tuill.

Thug mi sùil mun cuairt, ach cha robh duine air fàire thall no bhos a bheireadh cuideachadh. Thug mi sùil eile sìos fodhams chunnac mi gun robh fuil air malaidh na h-inghinn. Dheubh mi, cho cruaidhs a burrainn dhomh, “Fiona! Fiona!” Ach cha tanaig gluasad aisde.

Cha do rinn mi an còrr maille agus b’ e sitrich an eich an rud mu dheireadh a chuala mi mun do thòisich mi air sreap sìos g’ a h-ionnsaigh.

(R ’a leantainn)

titleTeine Ceann Foid VI
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 46
<< please select a word
<< please select a page