[113]

Leabaidh Fhearchair Mhic Iain Oig

Le DOMHNALL IAIN MACPHADRAIG (Africa-a- deas)

ANN a làithean mòige bhaCàrn Chlachair lianaig ghuirm, air Achadh Innis-bhilteridh, a tha astar leth mhìle bhoTigh na Morach,” ann a Sgìr Chinn-tàile, agus bha ena iongantas leam, ciod e air son a chaidh anCàrna chur ann a sud.

Fhuair mi freagairt dha sin bho dhuine a bha còrr is ceud bliadhna a dhaois, agus a bha fad a bheatha anns an dùthaich sin. Thubhairt e gu robh ena chleachdadh ann a làithean òige, gu feumadh a h-uile teaghlachCìsa phàidheadh, agus bha Maor atighinn man cuairt atogail naCìs”, agus chaidh e gu tigh Fhearchair Mhic Iain Oig, agus dhiarr e pàidheadh naCìs,” ach cha robh a-stigh ach a bhean, agus thubhairt i nach robh airgead aca.

Thubhairt am Maor gu feumadh e pàidheadh fhaotainn, agus rinn e gréim air coire copair a bha air an teine agus dhfhalbh e leisna làimh. An déidh sin thainig fear an tighe a-steach agus thòisich a bhean ri argamaid ris airson nach robh e aig an tigh, agus gun cumadh e an coire bhon aMhaor, agus rinn i e cho feargach is gun dhfhalbh e ás déidh aMhaoir le bata math daraich, agus nuair a thàinig e far an robh am Maor, bhuail e leis abhata e, agus mharbh e aig an àite anns a bheil an Càrn.

Anns na làithean sin cha robhpoilisanns an dùthaich, ach bha eagal air gun tigeadh na Maoir ás a dhéidh, agus dhfhalbh e agus thug e leis aodaich leabaidh, agus fhuair e àite ann an aodainn creig, far an robh fraoch cho dlùth agus nach faiceadh sibh neachna laighe ann, agus bhiodh e dol dhachaidh air an oidhche airson biadh.

Dhfhalbh e ás an dùthaich an déidh sin, agus bha e air falbh airson móran bhliadhnachan, agus nuair a thàinig e air ais, cha robh móran dhaoine ann aig an robh cuimhne air, ach bha e aig Adhlaiceadh aig Clachan Dùthaich, agus nuair a bha iad ag òl air aChnoc, thubhairt fear dhiubh ris gur e moirtear a bhann, agus ghabh e feagal, agus fhuair e cothrom agus dhfhalbh e gu Canada, far an robh e gu latha a bhàis.

titleLeabaidh Fhearchair Mhic Iain Oig
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 46
<< please select a word
<< please select a page