MR. UNIVERSE
Le ROB SHIRLEY
GANN cóig mionaidean bhon a dh’éirich iad bho Ghlascho, agus so iad cheana a’ siubhal thairis air a’ chrìch Shasunnaich. Dìreach fodha chunnaic Dòmhnall Mór Cuan Sholway, agus air a làimh chlì, taobh sear na dùthcha, agus an Cuan Tuath thall.
Thàinig smaoin annasach dh’a inntinn: dé cho fad ’s a shiùbhladh am bàta-adhair fhad ’s a rachadh aigesan air an deò a chumail ’na sgamhan? Dheoghail e anail mhór a-stigh, a’ lìonadh a bhroillich leatha, agus chùm e a-stigh i. An sin dh’fhan e ’na shuidhe a’ sealltainn a-mach air an uinneig.
Chunnaic e fada fodha air an làr seòrsa de shreath fann briste ga shìneadh air falbh thar na monaidhean chun na h-airde ’n ear. B’e sud lorg a’ bhalla Ròmanaich còrr is dà mhìle bliadhna a dh’aois.
Nam faiceadh na seann saighdearan ainmeil am bàta-adhair, mar shaighead airgid, a’ siubhal os an cionn!
B’iongnadh leis cho coma ’s a bha an duine beag reamhar r’a thaobh, agus càch, mu’n turas mhìorbhuileach. Bha iad a cheart cho coma ’s ged a b’ann air chuairt eadar croit a sheanar agus Laimrig Choluim a bha iad.
Dh’fhairich e a bhroilleach ag at leis an deò a-stigh, agus an fhuil a’ bualadh ’na cheann, ach lean e air leis a’ chleas. Bha barrachd na mionaid air dol seachad cheana. An ceann tiota thàinig sgleò dearg air a shùilean agus leig e a-mach anail gu plosgartach.
Sheall e a-mach agus chunnaic e cathair mhór gheal a’ sìneadh ri gach àirde. B’e so Manchester gun teagamh. Nach anabarrach sin, smaoinich e.
An sin thug e fa-near gu robh an duine eile a’ sealltainn air le ceist.
“Bheil rudeigin ceàrr ort ’ille?” dh’fheòraich e agus blas neònach air a chuid Bheurla.
“Chan eil” thubhairt Dòmhnall agus e a’ cromadh a chinn caran diùid.
“Cha mhór nach do shéid thu am bàta far a chùrsa leis cho sgairteil ’s a leig thu t’anail a-mach. Dé idir a bha fa-near dhut?”
“Och chan eil ach feuchainn dé cho fad ’s shiùbhlamaid feadh ’s bhithinn a’ cumail m’analach a-stigh.”
“An robh gu dearbh? Agus dé cho fad ’s a bha sin?”
“Cha mhór bho’n chrìch Shasunnaich gu ruige Manchester.”
“Nach uabhasach sin! Chùm thu t’anail a-stigh fad ion ’s dà mhionaid.
“Seadh” arsa Dòmhnall.
“ ’Sann agadsa a tha an deagh sgamhan” arsa an duine. “Cia ás a tha thu, co-dhiù? Tha do chuid Beurla car neònach.”
“As an Eilean Shiar.”
“An t-Eilean Siar! Nach ann an sin a tha na seann Ghaidheil a’ fuireach?”
“ ’Sann.”
“Bha mi a’ creidsinn nach ceadaicheadh iad dh’an daoine an t-eilean fhàgail, agus gu robh fuath aca do na h-innealan ùra, agus do dhòighean uile an t-saoghail shìobhalta.”
“Seadh. ’S fheàrr leo a’ bheatha nàdurra.”
Sheall an duine an clàr aodainn. “Nach iongantach sin! ’Se so a’ chiad uair a chunnaic mi riamh fear de do sheòrsa-sa.” Stad e greiseag agus an sin thubhairt e. “Tha thu coltach gu leòr.”
Rinn Dòmhnall faite.
Chrom an duine na bu dlùithe agus labhair e gu h-ìosal. “Chuala mi nach eil ach aon bhean aig gach fear aca an sin, agus gum feum e a cumail aige fad a bheatha.”
“Tha sin ceart.”
Thàinig mór-iongnadh ann an guth an duine. “Ciamar idir as urrainn do dhuine a bhith riaraichte le aon mhnaoi?”
“ ’S iad na deagh mhnathan a th’againn ann a sin” arsa Dòmhnall.
“Feumaidh sin a bhith” arsa an duine gun e bhith deimhinnte.
“Agus am bheil e fìor gu bheil iad ag adhradh do dhia air choreigin neo-fhaicsinneach a tha a’ còmhnaidh anns an speur?”
“Chan ann buileach mar sin a tha . . . .” thòisich Dòmhnall, ach gheàrr an duine a chòmhradh.
“Ach ciamar idir a chreideas iad ann an duine nach fhaic ’s nach cluinn iad?” ars esan caran diombach. “Saobh-chreideamh agus rolaist!”
“Cha chanainn-sa sin idir” arsa Dòmhnall gun a bhith cho diùid
“Carson a theich thu matà?”
“Cha do theich mi idir. Thàinig mi ás air mo shocair.”
“Nach do bhac iad thu?”
“Cha do bhac, ged nach b’àill le mo phàrantan e. Ach leig iad cead mo choise leam.”
“Carson a dh’fhalbh thu matà?”
“Och, bu bheatha mhall e. Bu mhiann leam an saoghal mór fhaicinn.
“Seadh, gu dearbh. Is dòcha nach biodh gille tapaidh fada toilichte a bhith a’ fuireach ’na leithid a dh’àite.”
B’fheàrr le Dòmhnall a bhith a’ sealltainn a-mach air an uinneig, ach cha leigeadh an duine beag sin dha. “Thàrr thu ás gu mithich co-dhiù” ars esan. “Chì thu Mr. Universe an Lunnainn am màireach.”
“Mr. Universe?” dh’fheòraich Dòmhnall. “Có è?”
Sheall an duine air le iongantas. “Nach cuala thu riamh m’a dheidhinn?” Chrath Dòmhnall a cheann. “Nach cuala thu riamh mu dheidhinn Mr. Universe?”
“Cha chuala.”
“Och cha chreid mi gu bheil thu cho aineolach sin.”
Rinn Dòmhnall fiamh-ghàire. “Is iomadh rud a tha mi aineolach air.”
Bha gnùis an duine làn neo-chreidsinneachd. “Ach ’se am fear as eireachdaile, as tréine, as fearaile, ’s gach nì eile, san t-saoghal. Their feadhainn an t-Ard Rìgh ris.” Cha dubhairt Dòmhnall diog. “Co-dhiù, tha a’ cho-fharpais gu bhith ann am màireach. Taghar Mr. Universe gach trì bliadhna. An turas so ’sann an Lunnainn a bhios i. Is àbhaist a gleidheadh sa’ phrìomh chathair, ach an turas so . . . .” Chuir e stad air fhéin, agus sgrùd e aodann. —” ’S aithne dhut prìomh chathair an domhain, co-dhiù?”
“Los Angeles.”
“Hu. Chan eil thu tur-aineolach, a réisd.” Stad e car tacain bhig ’s an sin thubhairt e le uaill: “Tha mi fhéin co-cheangailte ris a’ cho-fharpais.”
“Am bheil sibhse ’nur co-fharpaiseach?”
“Och, chan eil” ars esan le gàire bheag. “Is fear-stiùraidh mi.”
“Fear-stiùraidh?”
“Seadh. Is riochdadair fear de na co-fharpaisich mi— —— co-dhiù, bhà e ’na cho-fhapaiseach, ach thachair tubaist ris.”
“Dé thachair?”
“Chaidh e le creig air an Gran Sasso san Eadailt, ’s bhris e a dhà chois. An t-amadan a th’ann! Mur b’e amaideas bheireadh e a-mach an tiotal agus duais deich muillean dolair ’na lùib.”
Ghabh Dòmhnall iongantas. “Deich muillean dolair!”
“Seadh. Agus cothrom a bhith ’na bhall de’n Riaghaltas Eadar-nàiseanta cuideachd— —— mar Mhinistear an Fhoghluim.”
“Ach dé an t-eòlas a bhiodh aigesan mu thimcheall an Fhoghluim?”
A réir coltais bu doirbh dh’an duine a’ cheist a thuigsinn. “Uiread ’s a dh’fhóghnadh. Nach e sin fìor bhrìgh an Fhoghluim— —— iomlanachd a’ chuirp?” An sin chaog e a shùil gu seòlta. “Agus tha mi an làn dùil gum biodh an dreuchd sin na bu bhuannachdaile dhomh na mo chuid-sa de’n duais.”
“Chan e sin idir as ciall do’n Fhoghlum san Eilean Shiar.”
“Hu” thubhairt an duine le fanoid. “Tha iad air dheireadh air a’ chòrr de’n t-saoghal. Tha aon saoghal ann an dràsda— —— Aon domhain, aon dream, aon teanga— —— mar a their an seanfhacal. Chan eil ach na h-Eskimo, agus treubh an Eilein Shiar a tha a’ breabadh an aghaidh an adhartais.”
Rinn Dòmhnall snodha gàire mhodhail ged bu rudeigin leamh leis.
Gu h-obann mhothaich e gu robh am bàta-adhair a’ dol na bu mhoille. Sheall e a-mach, is chunnaic e a’ chathair mhór sgaoilte fad mhìltean a dh’astar air gach taobh agus na toglaichean àrda a’ sìneadh suas mar sgurran cloiche.
Theirinn iad agus ann an tiota bha iad air làr. Sheall an duine beag reamhar air uaireadair. “Trì mionaidean deug bho Ghlascho gu Lunnainn! Nach truagh sin! Cuin a bhios na soithichean-adhair a’ ruigheachd nuair as còir dhaibh?”
Chuimhnich Dòmhnall gum beirte còrr is trì mionaidean deug a’ dol dà mhìle bho chroit athar gu ruige a’ chala.
Chaidh e a-mach cho luath ’s a b’urrainn dha, a’ fàgail an duine bhig ’na dhéidh. Lean e na daoine eile ás an t-soitheach agus thug e ceum air a’ chabhsair ghluasadach còmhla riu. Thug e de dh’annas ’s a choisicheadh e gu talla a’ phuirt-adhair. Thug e greiseag ag amharc mun cuairt agus a’ toirt beachd air na h-iongnaidhean.
Gu h-obann bhuail làmh air a ghualainn. Thionndaidh e agus
“Chan eil mi a’ tuigsinn” arsa Dòmhnall.
“Bheil thu làidir? Tha mi cinnteach gu bheil. Tog mi.”
Dh’fhan Dòmhnall ’na thosd gun tuigsinn, agus an cabhsair gluasadach fhathast gan giùlan.
“Siuthad! Tog mi. Tha mi ceud ’s ceithir fichead punnd a’ chudthrom. Tog mi ’s leig fhaicinn cho treun ’s a tha thu.”
“Ceart gu leòr, ma thoilicheas sin sibh” arsa Dòmhnall. Chuir e a làmhan fo achlaisean an fhir eile, is thog e e gu furasda cho àrd ’s a shìneadh a ghàirdeanan.
“Glé mhath, glé mhath” dh’éigh an duine, agus e a’ breabadh a chasan goirid shuas an sin. Bha càch a bha air a’ chabhsair a’ sealltainn orra le iongnadh. “Ni thu an gnothach. ’S tusa a nì. Nis leig sìos mi.”
Chùm Dòmhnall shuas e, agus e air fàs sgìth de a dhànadas. “Leig sìos mi” ghlaodh e a rìs, agus a chasan reamhar a’ breabadh nas mò. “Is leòr sin. Leig sìos mi.
Rinn Dòmhnall gàire bheag. “Dé ’s ciall dhuibh? Carson a ni mi’n gnothach?
“Mr. Universe—— —bidh thu nad Mhr. Universe. Ni mi beartach is ainmeil thu.”
Rinn Dòmhnall gàire bheag eile, agus thug e a-nuas cho clisg e ’s gun do thuit an duine mar sgadan air a’ chabhsair. Bha iad a nis air an giùlan a-steach san talla mhór, agus thug Dòmhnall ceum bhàrr a’ chabhsair air an ùrlar agus chaidh e ’na chabhaig troimh dhorus a bha am fagus a thug ann an seòmair-fois nam ban e. Chùm e dìreach roimhe troimh dhorus eile air an taobh thall, agus bha e a rìs san talla mhór. Chaidh e am falach air chùl cuilbh thiugh ghil gu bhith cuidhteas a charaid sparraich. Chunnaic e le suigeart an duine beag a’ ruith a-measg an t-sluagh a’ glaodhaich “Mr. Universe, Mr. Universe” gu h-ìosal, agus iadsan a’ sealltainn air mar gun robh iad ga mheas air mhisg. An ùine ghoirid chaidh iad ás an talla chun na sràide agus an duine beag còmhla riu. Dh’fhan Dòmhnall mionaid no dhà, ’s an sin thog e air gus an t-sràid. Chaidh e air a shocair ag amharc air na seallaidhean. Bha am port-adhair faisg air meadhon
Dhrùidh bòidhchead cruaidh agus beartas an àite gu mór air aigne. Dh’amhairc e air na toglaichean àrda lainnireach a bha a’ deàrrsadh le cloich ghil, meatailt, is gloine. Bha na sràidean dìreach, farsaing agus càraichean siùbhlach sàmhach a’ falbh thall ’s a-bhos orra. Mar a chaidh iad seachad sheall na bha ’nam broinn air mar gum b’e ainmhidh fiadhta a bh’ann. Is gann a choinnich e gin air chois anns an t-sràid agus sheachainn an corra dhuine a thainig ’na chomhair gu faicilleach e. Thachair an dearbh rud an Glascho, agus bha Dòmhnall cleachdte ris. Is math an rud e gun do leig e fhéile dheth, shaoil leis.
Mu dheireadh dh’fhàs e sgìth de’n dol mun cuairt. Bha ionannachd nan togalach, nan sràidean, ’s nan daoine ga chur fo airtneul, agus chuir e roimhe a dhol dh’an tigh-òsda gus seòmair is suipear fhaighinn.
Dh’fhàs e na b’airtneulaiche nuair a chuala e prìs na seòmair. Cha mhaireadh airgead fada agus na prìsean cho àrd. Shaoil e aig an àm gum b’fhìor fhortan na fhuair e air a’ chlò a reic e an Glascho. Dh’aithnich e a nis nach tig an daor reic gun an daor cheannach ’na dhéidh. B’fheudar dha a dhol air thòir obair air choreigin.
An déidh dha an t-seòmair fhasdadh chaidh e dh’an talla-bhidh a dh’iarraidh a shuipeir.
“Dé a th’agaibh rithe?” dh’fheòraich e de’n fhear-frithealaidh.
“Ge be thig r’ur càil” fhreagair esan.
“Gabhaidh mi dà ugh ’s muicfheòil ròsda, matà”, thubhairt Dòmhnall. “ ’Se sin a b’fhasa deasachadh, agus a leithid a dh’acras orm.”
“Och, chan eil sin idir againn. Is fìor chorra dhuine a dh’iarras a leithid sin a bhiadh.”
“Dé th’agaibh, ma tà?”
“So agaibh an clàr-bìdh.”
Thug Dòmhnall sùil ann. Bha iomadh seòrsa bìdh eadar feòil ’s iasg, min ’s meas, ach a h-uile gréim dheth pronn no air a ghréidheadh ’na mhìrean meanbh so-chagainnte.
“Nach eil agaibh ach am biadh bog neo-bhlasda sin?”
“Chan eil.”
“Carson sin?”
“ ’Se sin as annsa leis an t-sluagh. Chan eil iarrtas air dad eile.”
“Och mo thruaigh” thubhairt Dòmhnall. “Gabhadh mi a’
“Tha am buntàta pronn cuideachd, ’s air a mheasgadh le bàrr agus ìm.”
“Carson a tha a h-uile rud pronn?”
“Is ann mar sin a bha iad daonnan. Sin as fheàrr leo,” thubhairt am fear-frithealaidh, agus e fo iongnadh leis cho neo-àbhaisteach ’s a bha a’ cheist. “Tha am biadh pronn nas fhasa ithe.”
“Chan eil rud air an t-saoghal as fhasa ithe na buntàta ’s sgadan iomlan,” ars Dòmhnall.
Air dhà a shuipear a ghabhail chaidh e dh’a sheòmair. Bha iomadh rud ann mun do leugh e ach nach fhaca e riamh roimhe—gu sònraichte an telebhisean. Sheall e air fad dà uair a thìde, ach air a’ cheann thall dh’fhàs e searbh de’n cheòl mhì-ghleusda, de na h-òrain suarach, agus gu seachd sònraichte de na h-òraidean gòrach. Theann e ri fuath a ghabhail dh’an Bheurla chruaidh a bha a’ sìor-dhinneadh ’na chluasan.
Thionndaidh e an cnag leth-chuairt feuch an robh rudeigin eile ri faicinn. Chunnaic e caileag òg bhàn ri snodha-gàire ciùin ’na suidhe air brat-ùrlair gun chlùd uimpe ach falluing dhubh a dh’fhóghnadh ach beag gus a colann fhalach. Thòisich i air bruidhinn.
“ ’Se Lise Barcelo as ainm dhomh. Bidh mi glé chaobh dhuibh air ceud dolair an uair, no cóig ceud an oidhche. Gairm orm an dràsda. Chan eil mi trang.”
Ann an tiota dh’atharraich an dealbh, agus bha caileag eile ann. Bha ise bàn cuideachd agus bha a casan fada loma sìnte a-mach ás an falluing.
Thionndaidh Dòmhnall an cnag agus chaidh an dealbh ás. Dh’fhairich e rudhadh teth ’na ghruaidhean agus am fallus air a bhathais.
[130]“Fóghnaidh na dh’fhóghnas” thubhairt e ris fhéin. Ar leis nach robh saoghal nan annas cho seunach ’s a chreideadh e san eilean.
Cha do chaidil e gu math an oidhche sin. Bha coimheachas cruaidh na cathrach móire a’ drùidheadh cus air. Mu dheireadh fhuair e norra cadail, ach ma fhuair, dhùisgeadh e gu math moch. Chuala e clag bheag agus an sin guth eòlach ’na chluais.
“Mr. Universe, bheil thu an sin?”
Chlisg e agus sheall e mun cuairt dha, ach cha robh duine r’a fhaicinn. Shaoil leis gu robh am fuaim a’ tighinn á bocsa beag air bòrd ri taobh na leapa. Thainig an guth a rìs.
“Mr. Universe, bheil thu an sin?”
“Tha” arsa Dòmhnall ris a’ bhocsa, agus e a’ faireachdainn caran gòrach. Ach feart cha dug am bocsa dha. Sheirm a’ chlag na b’àirde agus dh’fheòraich an duine beag le guth mì-dhòchasach an robh e ann. Sheall Dòmhnall air a’ bhocsa agus chunnaic e putan beag agus phute e.
“Tha mi an so” thubhairt e.
Rinn fear a’ bhocsa osna thaingeil. “Och, nach mise a tha toilichte! Tha mi air t’iarraidh feadh a’ bhaile. Mur a b’e cobhair nam maor-sìth cha d’fhuair mi idir thu.”
“Na maoir-shìth” ghlaodh Dòmhnall, agus amharas air. “Dé an gnothach a th’aca riumsa?”
“B’aithne dhaibh far an robh thu a’ fuireach. Fhuair iad uiread iomraidhean air an duine neònach a bha a’ sràideamachd feadh a’ bhaile, agus is mise a tha taingeil gun d’fhuair. Feumaidh tu togail ort gu aitreabh na co-fharpais an làrach nam bonn. Cuiridh mi càr gus do thoirt an so.”
“Carson?”
“Dìreach a chionn gur miann leam do chur anns a’ cho-fharpais. Is mór an cothrom a th’ann dhut. Barrachd airgid ’s a chunnaic thu riamh ma bheir thu buaidh— —— agus bheir, mas breitheamh mise.”
“Cha robh mór-shuim aig Dòmhnall anns a’ chùis, ach thubhairt e: “Cha bu mhisde mi sin. Cuin a thig an càr?”
“An làrach nam bonn” arsa guth a’ bhocsa gu h-aighearach.
“Stadaibh oirbh” thubhairt Dòmhnall. “Cha d’fhuair mi mo dhiathad-maidne fhathast.”
“Coma leat dheth sin. Bidh gu leòr agad ann a so.”
“Uighean is muicfheoil?”
“Is biadh fìor neo-shìobhalta sin, ach ni mi mo dhìcheall.”
“Ceart gu leòr” arsa Dòmhnall. “Fanaidh mi an so gus an tig an càr matà.”
* * * *
Bu togalach mór aitreabh na co-fharpais. Bha e an cumadh leth-chruinne agus dèante de ghloine no de phlastaic soilleir ionnas gu robh solus na gréine ga lìonadh. Anns a’ mheadhon bha raon coltach ri raon-camanachd beag, agus sreathan de shuidheachain ga iadhadh. Bha gach sreath shuidheachan na b’àirde na an sreath air a bheulaibh, air chor ’s gu robh iad ag éirigh na b’àirde mar a b’fhaide air ais a shìn iad. Bha slighe chumhang a’ dol bho’n raon troimh sreathan nan suidheachan dh’ionnsaigh cùl an talla, agus far an robh na sreathan ag éirigh ro àrd tholladh an slighe fodhpa mar tholl coinein ann am bruthach.
Cha robh de luchd-amhairc ann fhathast ach corra fhear no bean.
Thug an duine beag air an t-slighe chumhaing agus troimh an toll gu seòmair bhig fo na suidheachain.
“Chuir dhìot do léine,” thubhairt e. “Greas ort. Chan eil ach dà uair againn gus t’ullachadh.” Chuir Dòmhnall a léine dheth. “Och, a dhuine, dhuine nach tusa a tha làidir dreachmhor. Càite an d’fhuair thu corp cho foghainteach sin?”
“O, bhithinn ris na Geamachan agus . . . .”
“ ’Se an t-eireachdas sin as mò a choisneas an duais dhut— —— muillean dolair.
“Nach dubhairt sibh roimhe gur e deich muillean an duais?” dh’fhaighnich Dòmhnall.
Thainig soillse seòlta ann an sùil an fhir eile. “O, seadh, ach bìdh na cìsean a’ toirt na mór-chodach leo. Och, a dhuine nach ann agadsa a tha a’ chliabh mholach! Cha dean sin an gnothach idir”, agus thug e botul beag dorcha bhàrr sgeilp. “Ciamar idir a dh’fhàs sin ort?”
“ ’Se reithe a b’athair dhomh” arsa Dòmhnall.
“Feumaidh sinn am fionnadh a thoirt dhìot” ars esan a’ suathadh an stuth air a bhroilleach agus sna h-achlaisean aige. Ann an tiota bha iad na bu luime na bha iad riamh.
“Nach caomh leibh mo chualagan” dh’fheòraich Dòmhnall.
“Cha chaomh idir. Is duine thu ’s cha bheathach.”
“An toir sibh falt mo chinn dhiom?”
“Is rud eile sin. Cha ruigear a leas ach a dhath bàn. Cha toigh leis an t-sluagh am falt dubh.”
“Cha leig mi sin leibh.”
Stad an duine agus ceist air. “Carson nach leig? Cha dean e cron air bith dhut.”
“Tha am fealla-dhà a’ dol ás a rian. Chan eil mi a’ deanamh so ach air sgàth dibhearsain. Ach ’s fheàrr leam mo dhath fhéin na dibhearsain sam bith.”
Dh’fhan an duine beag ’na thosd car tacain bhig. “Cha dibhearsan idir e. Ach chan eil e gu diofar. Cùm agad e mar sin ma tha thu cho déidheil air.”
Thòisich am fear-stiùraidh air ionnsachadh nan car ’s nan cleas dha. Bu chòir seasamh mar so, is na gàirdeanan a ghleidheadh mar sin. Bu chòir a cheann a chumail gu h-àrd uasal, agus a ghluasad gu mall, stàtail.
“Bidh cóig deuchainnean ann: a h-aon, togail a’ chudthruim; a dhà, leum is ruith; a trì, an t-eireachdas; ceithir, am fearalas; cóig, gleac. ’Se an t-eireachdas as cudthromaiche, tha fhios agad. Ged nach dean thu ach meadhonach sna deuchainnean eile bheir thu buaidh— —— ach chan fhaod thu deanamh nas lugha na meadhonach. Tha thu treun gu leòr. Bheil thu math air gleac?”
“Is aithne dhomh an gleac Gaidhealach. Choisinn mi an duais iomadach uair sna Geamachan, agus . . . .”
“Ceart gu leòr, agus chan eil teagamh agam gum bi thu air dheireadh an co-fharpais an fhearalais” ars esan a’ caogadh a shùla.
“De a th’anns an fhearalas? Dé ’s còir dhomh a dhèanamh an sin?”
Rinn an duine beag snodha-gàire. “Chan eil an sin ach am fìor-thoileachas. Na biodh eagal ort roimh sin idir. Ni thu glé mhath ann, tha mi cinnteach.”
An déidh do Dhòmhnall deagh dhiathad-maidne ithe chaidh iad ris an iomairt. Dh’ionnsaich e modh agus rian na co-fharpais, ach cha b’urrainn dha gabhail ris an da-rìribh. ’Se àbhachdas a bu mhò a bha fo aire dha, ged a bha falmhachd fhaoin na co-fharpais a’ fàgail duaichnidheachd air a spiorad.
Mu leth-uair roimh an àm thainig caileag a-steach le peant is pùdar a theann i ri cur air. Ghrad-thionndaidh e a cheann uaipe le déisinn.
“Carson a tha sin?” dh’fhaighnich e.
“G’ur sgeadachadh” ars a’ chaileag. “Sgeadaichear gach co-fharpaiseach mar so.”
“Cha chuir sibh an stuth grànda sin ormsa co-dhiù” ars esan.
Dh’amhairc an duine beag air. “Is deacar an rud e a bhith ’g obair leatsa. Ach ma thogair. Tha àile an eilein a’ fàgail dreach gu leòr ort.”
Thog iad orra gu raon na còmhstri, a’ coiseachd sìos an t-slighe troimh ’n t-sluagh a bha ann ’nan deich mìltean a’ togail ùinich na b’àirde na’n cuan fhéin. Ghabh Dòmhnall mór-iongantas ri lìonmhorachd an t-sluaigh.
“Cuimhnich” thubhairt an duine beag. “Cóig deuchainnean; dean do dhìcheall agus bheir thu buaidh.”
Chaidh iad air an raon, agus thòisich an sluagh air bualadh-bhas nuair a nochd Dòmhnall. Bha triùir cho-fharpaiseach eile ann mar thà, daoine móra, calma. Dh’amhairc Dòmhnall gu geur orra, agus chlisg e leis an iongnadh. Bha de pheant is de phùdar orra ’s gur ann a smaoinich e an toiseach gum b’ìomhaighean fiodha iad— —— am bilean ’s an gruaidhean dearg, an colainnean donn agus deàlrach leis an ola, agus am falt bàn ’na cualagan sleamhainn lainnireach.
Gu h-obann chaidh a shàrachadh le airtneul leis cho mì-chneasda ’s a bha iadsan agus an saoghal aca.
Bha fear àraidh an sin—Iapanach a réir coltais, ged a bha e bàn mar chàch. Bu fhìor fhamhair e agus fhéithean ag at fo chraiceann air feadh a cholainn. Sheall e air Dòmhnall le snodha-gàire phròseil thàireil. Ghabh Dòmhnall fuath dha air ball.
Bha ceithir faingean a ghabhadh dusan caora aig ceann an raoin, agus callaid ìosal m’an timcheall. Faisg orra bha na breitheamhan ’nan suidhe, dithis bhoireannach, agus dithis fhear. Dh’éirich fear air a chasan is rinn e òraid bheag a’ cur an céill rùn is glòir is riaghna co-fharpais.
A’ chiad deuchainn b’e deuchainn an neirt. Phriob Dòmhnall a shùilean nuair a chunnaic e an cudthrom— —— dà roth iaruinn agus fearsaid iaruinn eatorra. Bha ceud punnd am fear seach fear dhiubh a réir coltais.
Thog a’ chiad cho-fharpaiseach ’s an dithis a lean an cudthrom gu furasda os an cionn. Mheòraich Dòmhnall gu cùramach mar a rinn iad e, ged a bha e deimhinnte gum b’ann air éiginn a thogadh e fhéin e nan togadh e idir e. Chrom gach laoch a dhruim, thog e an cudthrom gu ruige a bhroillich, agus gun stad idir ghrad-thuit e air leth-ghlùn fo’n chudthrom, agus an sin, leis na gàirdeanan sìnte dìreach, dh’éirich e a rìs agus an cudthrom gu h-àrd os a chionn. Lean an iomairt uile gu siùbhlach réidh bho thùs gu crìch gun aon stad. Nach b’e sin an cleas, shaoil le Dòmhnall.
A nis thàinig a thuras-san. Dh’fheuch e an cudthrom agus cha robh e cho trom ’s a chreideadh e leis gu robh na rothan an cumadh sabhsair. Shaoil leis gum b’ionnan a’ chealg sin ’s an Comunn Ur uile gu léir. Dh’fheuch e a thogail cleas chàich. Chrom e, thog e an cudthrom letheach slighe, chaidh e air leth-ghlùin, ’s dh’éirich e gu furasda leis a’ chudthrom sìnte os a chionn. Mhol an sluagh e le feadan is bualadh-bhas.
An sin mheudaicheadh an cudthrom le rothan eile a chur air an fhearsaid, agus chaidh an dearbh rud a dheanamh a ris. Bha e tòrr na bu truime an turas so, ion ’s dà cheud punnd. Chaidh aig a’ cheathrar a thogail os an cionn, ged bu doirbh dhaibh.
An treas turas bha còrr is dà cheud punnd ann. Thog an Iapanach bàn air éiginn e, agus dh’fhairtlich e buileach air an dithis a lean. Chaidh aig Dòmhnall air a’ chudthrom a thogail gu ruige a chléibhe, agus leis an fhallas a’ sruladh sìos aodann chaidh e sìos air leth-ghlùin mar a rinn e roimhe gus a phutadh suas, ach bha e ro throm air, agus an déidh greiseag de chruaidh spàirn b’fheudar dha an cudthrom a leigeil gu mall cùramach air an làr.
Thill Dòmhnall gu taobh an raoin.
“Coma leat” chagair an duine beag. “Rinn thu math gu leòr. Ma leanas tu ort mar sin is math a nì thu gu dearbh.”
Thachair an dearbh rud an lùib an leum ’s an ruith. ’Se an t-Iapanach a bhuidhinn, ach cha robh Dòmhnall móran air dheireadh.
An déidh sin bha àm gus eireachdas nan co-fharpaiseach a bhreithnachadh. Leum a’ chiad fhear air àrd-ùrlar beag am meadhon an raoin, agus thòisich e air neart agus eireachdas a chuirp a nochdadh. Theannaich e a h-uile fèith a bha ’na chorp. Thug Dòmhnall an aire gu faicilleach dha gus a h-uile car is cleas ionnsachadh. An sin thainig turas an Iapanaich bhàin. Sheas e air beulaibh an t-sluaigh agus thòisich e air na gluasadan malla stàtail, seòrsa de dhannsa beag gus
neart agus lùths a chuirp a thaisbeanadh. Chùm e a cheann òirdhearc gu h-àrd uasal gus leigeil fhaicinn dh’an t-saoghal cho iomlan ’s a bha e. Shaoil le Dòmhnall gu robh e saoilsinn gur h-e dia talmhaidh a bh’ann. B’ fhìor sgreamhail leis a choltas mì-nàdurra, agus am féin-spéis a chunnacas anns gach gluasad. Thug sin measarrachd is fìor-dhaonnadas a dhaoine fhéin ’na chuimhne.
Chuir an t-Iapanach crìoch air an taisbeanadh le a ghàirdeanan a shìneadh gu buadhail suas chun an speur.
Thionndaidh e gu mall mun cuairt chum ’s gum faiceadh na h-uile a ghlòir, agus theann an sluagh ri glaodhaich is iollach. Dh’ùraicheadh am fuath ’s an tàire a bha ann an cridhe Dhòmhnaill agus chuir e roimhe an da-rìribh buaidh a thoirt a-mach.
Chaidh e gu meadhon an raoin agus thòisich e air an iomairt. Theannaich e fhèithean, dh’at e suas a chom, mar a b’fheàrr a dh’fhaodadh e gu eireachdas corporra fhoillseachadh, agus e a’ strì fad an t-siubhail ri a nàire a chumail fo smachd.
Chuir e crìoch air fa-dheòidh agus thill e gu fhir-stiùraidh.
“Sud thu fhéin, a bhalaich” ars esan. “ ’S math a rinn thu, agus cha creid mi nach dean thu nas fheàrr san ath dheuchainn— —— duine borb fiadhaich mar thusa. Leigidh tu fhaicinn dhaibh.”
An sin dh’éirich ùpraid is feadaireachd a-measg an t-sluaigh. Sheall Dòmhnall do’n àirde far na thòisich sin agus chunnaic e còmhlan chaileag a’ tighinn air an t-slighe d’an ionnsaigh. Bha na co-fharpaisich eile agus snodha gàire orra.
Bha fichead caileag ann agus chaidh gach cóignear dhiubh ann am faing fa leth. Sheall Dòmhnall gu teagmhach orra.
An sin ghlaodh guth àrd fear de na breitheamhan. “Tha an ceathramh co-fharpais ri tòiseachadh. Tha sibh uile eòlach air na riaghailtean. A nis, a bheil sibh deas? Siuthadaibh!”
Mar a thubhairt e sin leig na caileagan na falluingean a bha umpa ri làr. San aon mhionaid chaidh an triùir fhear ’nan dearg dheann d’an ionnsaigh.
Dhùin Dòmhnall a shùilean gus an sealladh draosda fhuadach bho a chogais, agus e air chrith leis an tàmailt ’s an oillt. Chuala e ràn is beucaich an t-sluaigh agus ’na mheasg guth an duine bhig a’ glaodhaich “Siuthad, siuthad” ris. Chùm e a shùilean dùinte air eagal gun truaillteadh e gu bràth nan amhairceadh e a rìs air a’bhrùidealachd.
Chuala e faoineagraich nan caileag agus rocan mór gàire ag éirigh mar doinionn gaoithe o’n t-sluagh. Gu h-obann chuir cuideigin an
sàs e bho chùl. Sheall e mun cuairt agus sud an t-Iapanach mór le fiamh ghàire fanoid air agus fhiaclan geala a’ deàrrsadh eadar a bhilean deargte. Bha fàile milis tachdach a’ tighinn dheth. Chùm e gàirdeanan Dhòmhnaill cho teann ’s gu robh iad an impis briseadh. Sheall Dòmhnall bhuaithe agus chunnaic e na caileagan seanga a’ tighinn gu furachail ’na chomhair agus an sùilean iarrtach mar chait.
Dh’fhairich e fearg is fuath a’ goil ’na chom agus le spàirn mhóir bhrùchd e á gréim an Iapanaich. Thionndaidh Dòmhnall gu clis agus rug e air làimh air; am prioba thilg e am famhair le uile neart, agus sud e ’na shìneadh air an làr air beulaibh nan caileag.
Bhris éigheach mhór á beul an t-sluaigh.
Thainig an dithis fhear eile ’na chòmhdhail agus iad a’ bagairt air. Dh’fheuch e a dhòrn air an fhear a b’fhaisge, agus chaidh a leagail mar chraoibh. Bha an t-Iapanach ag éirigh gu mall faireachail agus greann borb air. Dh’fheuch Dòmhnall buille air an treas fear, ach thilg esan thar a ghuailne e le car Diùdo. Ghrad-leum Dòmhnall air chois a rìs agus an dearg chaothach air. Rinn e an aghaidh an fhir a leag e agus bhuail e a dhòrn mór cruaidh an clàr aodainn. Bhris e a shròn agus dhòirt an fhuil dhearg sìos ’na dìle.
Sheas an duine fo iongantas mór a’ sealltainn air na boinnean fala a’ tuiteam gu làr ’s an sin chaidh e ’na neul.
Stad an t-Iapanach agus sheall e air an fhuil agus a shùilean làn uamhairr. Leum Dòmhnall ’na bhad, ach ghéill e. “Na buail m’aodann” ghuil e gu h-eagalach.
An déidh tiota de shàmhchair bhris gàir is éigheach á bilean an t-sluaigh.
Thionndaidh Dòmhnall agus thòisich e air coiseachd gu diongmholta gu dorus mór na h-aitreibh, an dùil leis gach ceum ri lamhachas-làidir no eadhon peilear a bhualadh ’na dhruim.
Thainig an duine beag reamhar ’na ruith ás a dhéidh. “Stad ort, stad ort” ghlaodh e, ach cha dug Dòmhnall feart dha.
Bha an sluagh m’a thimcheall ri àrd-iollach agus chuala e iad a’ gairm troimh ’n ghleadhraich “Mr. Universe, Mr. Universe.”
“Stad ort” ghlaodh an duine beag agus anail ’na uchd. “Thug thu buaidh. Is Mr. Universe thu.”
Cha do stad Dòmhnall.
“Choisinn thu deich muillean dolair.”
Lean e air. “Cùm agad fhéin e” arsa Mr. Universe, “tha mise a’ tilleadh gu m’eilean fhéin.”
title | Mr. Universe |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 46 |