[201]

Air an Spiris

THA an luchd-turais air tighinn gu na h-Eileanan an Iar. Feadhainn thana is feadhainn reamhar; feadhainn bhriagha is feadhainn ghrànda; feadhainn chràbhach is feadhainn gun diù. Anns na dòighean s in cha bhi umhaill ri chur orra seach muinntir nan eileanan fhéin, ach air a shon sin gabhaidh daoine annas dhiubh, mar a bhiodh sinn uaireigin agabhail annas de mhuinntir na Hearadh nuair a thigeadh iad gu Orduighean an Rubha an Leódhus. Bha sinn den bheachd gu robh na Hearaich an còmhnaidh acoiseachd ann an sreath shingilte, gach fear beagan air thoiseach no air chùl a nàbaidh, agus bhiodh sinn ag ràdh gu feumadh iad sin a dheanamh aig an tigh, le cion nan ròidean.

Bithidh an luchd-turais ùr eòlach gu leòr air ròidean aig an dachaidhean fhéin, agus bithidh cuid dhiubh eòlach air telebhisean, air tighean-cofaidh, air naBeatles, air tighean-dhealbh, air biadh nan canastairean, is air aBheurla. ’Se rudan eile, is rudan annasach dhaibh fhéin, a bhios amhór-chuid aca asireadh, agus tha gu leòr de ma rudan sin mun coinneamh anns na h-eileanan, mura cuir an sluagh fo phoc iad.

Is iongantach gu lean an luchd-turais atighinn mas ecornflakesis aran Ghlaschu, canastairean pònair is am bradan Canéidianach a gheibh iad. Is dòcha nach dean e móran feum dhaibh bloigh de shearmoin Bheurla a chluinntinn air an tuath, nuair a dhfhaodadh iad searmoin an Gàidhlig éisdeachd. Na togadh duine sam bith tigh-dhealbh air sgàth an luchd-turais ann an Seilebost, oir fóghnaidh an tràigh dhaibh. Ma chluinneas iad òrain-luadhaidh am Barraidh, iad barrachd còmhraidh mu dheidhinn sin na mu dheidhinn ballet, ged a bheireadh na Barraich ballet dhachaidh á Lunnainn, far a bheil iad eòlach gu leòr air a leithid.

Agus ma chluinneas iad gu leòr de Ghàidhlig saoilidh iad gun dug iad splaoid mhór. Mar sin, nuair a thachras fear-turais riut air an rathad mhór, coma leat de “Good morning” no “Good afternoon.” Can ris, an clàr an aodainn, “Feasgar math ann,” noil thu dol?” noCo ás a thug thuchoiseachd?” is ma stadas e, bruidhinn Gàidhlig ris gun abhsadh. Ma thu sin, theid sgeul nan Eileanan-a- Siar fad is farsaing.

titleAir an Spiris
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 47
<< please select a word
<< please select a page