[236]

An Ridire Alasdair MacChoinnich

Le ALASDAIR IAIN MACASGAIL

THA iad ann a fhuair àite ann an eachdraidh agus a tha air an cuimhneachadh an leabhraichean nach do rinn móran a bfhiach gu sonas sluaigh a dhaingneachadh neo an eòlas a mheudachadh, agus bha ceudan eile ann a chaith am beatha gu stuama agus a dhfhuiling dóruinnean agus cruaidh-chasan airson chách air nach cluinnear dùrd an diugh. Cha be glòr gaothasach dhaoine a bha iadsan aruith, agus be làn dhuais an saothrach gun déirichnan inntinnean rùintean a bhitheadh, nan toireadh iad gu buil iad, ’nam beannachd do mhóran, agus le dìcheall agus cruadal gun choimhlion iad na rùintean sin chum leasachadh an co-chreutairean. Cha bann le bhith stàmpadh air càch idir a bha iadsan gu ainm a dhèanamh dhaibh féin, ach le bhith cothachadhn an aghaidh gach cunnairt, gàbhadh is briseadh dùile le buadhan foghainteach, géiread inntinn agus làidireachd cuirp a bhuilicheadh orranam breth agus a ghléidh iad-fhéin le an caitheamh beatha. Thug iad buaidh far an robh càch air bàs fhaighinn agus cha burrainn duais a bhith aca coltach ris an riarachadh inntinn a bha aca fhéin ann a bhith coimhlionadh na chuir iad rompa. Nach bann diubh sin Sir Alasdair MacChoinnich a rugadh an Steòrnabhagh cheud bliadhna na tìde so, agus a rannsaich a-mach uimhir de Chanada, achiad dhuine geal a chunnaic dhà de na h-aibhnichean móra a tha ruith an sud, aonan aca fhathast air a h-ainmeachadh air fhéin, agus duine cuideachd a rinn rian is riaghailt a chur air a chomh luchd-ceannach an uair a bha cùisean gu math cunnartach agus -dhòigheil anns acheàrnaidh ud de Chanada, far an robh na companaidhean a bha an sàs an ceannach nam bian an amhaichean a chéile gu h-uabhasach. Bha achòmhstri a bha gaol an airgid agintinn atoirt an uachdar nam miannan bu mhiosa ann an tòrr na bha an sàs ann an glacadh agus an ceannach bèin nan ainmhidhean a bha gu math lìonmhor ann an Ceann-a- Tuath Chanada, agus bha fìor fheum air cuideigin a bhitheadh stòlda stuama e fhéin agus a burrainn le ùghdaras a dhuinealais càch a chumail fo smachd rianail. Be Alasdair MacChoinnich dìreach an duine.


[237]

Bhuineadh Alasdair do Chloinn Mhic Choinnich Shìophoirt aig an robh Leódhus aig aon àm, agus rugadh e an Steòrnabhagh ann an seachd ceud deug tri fichead agus a trì, air an làrach far a bheil eaglais “Martin ’s Memorial” ’na seasamh an diugh. Be athair Coinneach MacChoinnich á Mealabost a bha pòsda aig Iseabail NicIomhair, a bhuineadh do aon de theaghlaichean ainmeil Steòrnabhaigh, agus bha ceathrar chloinne aca gu léir, dithis bhalach agus dithis nighean. Thug Murchadh, am mac bu shine, a-mach a bhithna dhotair, agus chailleadh aig muir e.

Mus robh Alasdair ach deich bliadhna chaochail a mhàthair, agus ma e coltach gun dfhalbh e fhéin, athair agus phiuthair a mhàthar gu ruig Ameireagaidh; bha dùil aig an dithis nighean a dhol còmhla riutha, ach tha e coltach nach deach iadsan air bòrd còmhla ri càch oir cha robh an aimsir ro chiùin, agus nuair a leasaich aghaoth agus a dhatharraich i gu àirde na bfhàbharaiche mach gun tug caiptean na soithich mus cuireadh an droch thìde an tuilleadh bacaidh air.

Cha robh iad ach bliadhna a-muigh an uair a thòisich cogadh Ameireagaidh, agus ghabh athair Alasdair do dhairm rìgh Shasainn. Bha a dhà phiuthair a mhàthar acoimhead ás déidh Alasdair, agus seach nach robh iad ro riaraichte gum bitheadh e sàbhailte gu leòr a-measg ùpraidean achogaidh chuir iad suas a Chanada e gu ruig Montreal. An uair a bha e cóig deug chaidh e a dhobairna chlàrc am an tigh cunntaidh aon de na buidhnean a bha an sàs am malairt nam bian, agus thug e cóig bliadhna an sin ag ionnsachadh gu dìcheallach gach lideadh a bhuineadh don ghné malairt so.

Ach cha be idir a bhithna shuidhe am an oifis a thigeadh air balach de sheòrsa, a thogadh ri taobh na mara agus a bha eòlach gu leòr air duathais nan siantan; bha tàladh nan tonn fad an t-siubhailna inntinn, agus dhfhàg iomaireadh nan ràmh còmhla ri chomhaoisean am bàgh Steòrnabhaigh smior is spionnadhna ghàirdeanan nach fhàgadh e riaraichte idir le beatha shàmhach gun chàil ach peannna dhòrn. Bha a mhac-meanmna iomadach uair air a gluasad agus ena bhalach afaicinn nam bàtaichean aseòladh gu h-uaibhreach a-mach á caladh Steòrnabhaigh, agus bu tric a chaidh e còmhla riutha air sgiathan na h-inntinn òige asireadh a-mach dhùthchannan nach fhaca sùil eile a riamh, an tòir air tachartasan neo-àbhaisteach air nach burrainn ach e fhéin buaidh a thoirt.

Fad nan cóig bliadhna a bha e anns an tigh-chunntaidh bha an inntinn aige air a geurachadh leis na bha e acluinntinn bhon luchd gnothaich a bhitheadh atilleadh leis na bèin bho gharbh dhùthchannan iomallach nan Innseanach; bha a chluasan fosgailte do gach sgeul a thigeadh, agus thog e bho gach cunntas a bha sin[238]


[239] eòlas nach bu bheag air dòighean nan Innseanach agus air an t-seòrsa chrìochan anns an robh iad a’ fuireach. Bha a mhiann agus iarrtas asìor fhàs gu dhol a dhfhaicinn air a shon fhéin agus an uair a dhàrdaich an fheadhainn aig an robh e ag obair e gu roinn a bhith aige anns amhalairt còmhla riutha fhéin agus a dhiarr iad air a dhol a-mach gu cùisean a réiteachadh aig fìor iomall a-muigh nan gnothaichean cha be ruith ach leum leis-san. Cha robh e ach an fhichead bliadhna ach cha robh an t-uallach a dhearbadh ris acur sian air, oir thug e foghainteachd, bho dhaoine agus cha robh cunnartan agus gàbhaidhean ach mar dhùbhlan gu a threuntas agus a gheurchuis a nochdadh. Bha -rian gu leòr aig an àm far na chuireadh e oir bha còmhstri eagalach a-measg nam buidhnean a bha an sàs am malairt nam bian, agus mu dheireadh thàinig an gamhlas gu mort, ach thug Alasdair MacChoinnich le a ghliocas, fhaighidinn agus a dhìlseachd na buidhnean gu chéile, gus mu dheireadh an robh e fhéin air an ceann uile. Be fhéin dìreach an duine air a shon, agus cha bfhada gus an robh cùisean aige mar bu mhiann leis.

Ach cha bu luaithe a fhuair e cùisean air dòigh na thòisich an inntinn aige a rithist asiubhal. Chaidh e troimh a chluasan gun robh abhainn mhór aruith gu tuath ás an loch aig an robh an càmpa aca, agus cha deidheadh fois le inntinn gus an rannsaicheadh e a-mach an cuan don robh an abhainn so adol. Nan toireadh an abhainn so don Phacific e nach mór abhuannachd a bhitheadh anns an fhios so do luchd-malairt nam bian? Cha deidheadh fois air gus an rannsaicheadh e mach cùrsa na h-aibhne so. Cho luath agus a fhuair e cuideigin earbsach a ghleidheadh àite gus an tilleadh eagus cha ghabhadh na bfhearr na mac bràthair atharchuir e gnothaichean air dòigh agus air an treas den Og-mhìos, seachd ceud deug ceithir fichead agus a naoi, dhfhalbh e fhéin agus na ceatharnaich a thagh e ann an eathar thana, gun chàil a chinnt aca a bha air thoiseach orra. Cha bu bheag sin. Bha cunnart gu leòr anns an abhainn fhéin le sruthan goileach luath, bha an aimsir sgriosail le deigh, ceò, tairneanaich is dealanaich, uisge is gèiltean a lapadh na diùlnaich bu treasa, ach be an deuchainn bu chunnartaiche nach robh càil a chinnt aca càite air an t-saoghal an robh iad na an riobadh anns an robh iad gan cur fhéin. Bha na Innseanaich a bha ga sheòladh gu sònraichte do-riaraichte agus gu-àraid an uair a bha iad adol taobh a-muigh crìochan an eòlais, agus cha bu lugha na Alasdair MacChoinnich a burrainn an cumail adol air adhart. Sia seachdainean thug iad air an t-slighe, gach de sin làn de chunnartan, far nach robh duine geal eile a riamh agus far an robh am fuachd cha mhór do-ghiùlain. Ach mu dheireadh thall chunnaic iad an cuanachse a bha so an Arctic cha be idir muir taobh siar na dùthcha a bha e alorg. An


[240] abhainn anns na chuir e a dhòchasabhainn cho fada agus cho leathainn agus a tha air an t-saoghal, agus a tha an diugh air a h-ainmeachadh air fhéin, leig i sìos e. Thug i chun achuain gun teagamh e, ach cha be idir am Pacific a bha e alorg. Chan eil rian nach robh sona leagadh inntinn dha air an ud, ach co-dhiù bha an riarachadh so aige gun tug e buaidh air duilgheadasan agus gàbhaidhean a bha uabhasach anns na trì mìle a bhair a chùl mus do thill e.

Bhiodh sin fhéin air a bhith gu leòr airson amhórchuid de dhaoine, ach cha robh Alasdair MacChoinnich idir deiseil leis na rinn e. Bha cuan mór taobh siar na dùthcha ga thàladh agus cha robh saorsa inntinn gu bhith aige gus an toireadh e a-mach e, ge bith a chosgadh e dha. Trì bliadhna an déidh dha an t-Artic a ruighinn bha e air falbh a rithist, ged a bha làn fhios aige air beagan co-dhiù de na cunnartasan a bha air thoiseach air. Cha bhitheadh ann dha ach buaidh neo bàsagus nach mór a tha sin ag innseadh dhuinn mun ghaisgeach threun so, mór an inntinn agus righinn an corp? Bha cunntas aige ga chumail gach air na bha tachairt ris, ach tha e duilich bho na tha e asgrìobhadh fìor thuigse a dhèanamh air na thachair ris, oir gu tric bha esan adèanamh rud beag eadhon de na cnapan-starra a buabhasaiche. Cunnartan agus duilgheadasan a dhèanadh gealtairean do chàchsann a bha iad ga ghreasadh-san air adhart; bu tric a bhitheadh na bha còmhla ris air tilleadh air ais, ach cha chluinneadh MacChoinnich iomradh air a leithid a rud, agus mu dheireadh thall timcheall air mhìos an déidh dha fàgail bha cuan mór farsaing aPhacific fa chomhar. as urrainn gabhail a-steach an t-aoibhneas a bhana chridhe an uair a sgrìobh e air carraig mhóir ri taobh aChuain: “Alasdair MacChoinnich á Canada, tarsaing na tìre, an dara fichead den Iuchar, seachd ceud deug, ceithir fichead agus a trì deug.” Mheatraig e agus bhuannaich eagus cha bu bheag am moladh sin fhéin dha, oir dhfhuiling e dóruinnean móra agus cha robh ach an ceum-coiseachd aige atilleadh. Thug an inntinn buaidh air achorpoir dhfhàg an turas gaiseadhna chorp a bha mu dheireadh thall gu bhithna thrioblaid bàis dha.

Bha ochd ceud deug agus a h-aon ann mus do chuir e mach cunntas a thurais an Sasunn, agus is ann anns abhliadhna so cuideachd a chuireadh an t-urramSirri ainm. Thug e dha no thrì bhliadhnaichean an Canada an déidh so acur air adhairt gnothaichean nam bian agus acuideachadh le riaghladh baile Mhontreal, ach a nis, na chuir e roimhe fhéin an Canada deiseil, bha na raointean air an dfhuair e am bainne ga thàladh dhachaidh, agus ann an ochd ceud deug agus a h-ochd thill e a dhAlbainn far an do cheannaich e oighreachd anns an Eilean Dubh. Ceithri bliadhna an déidh so phòs e Gladais NicChoinnich. agus le chéile


[241] rinn iad móran gu leasachadh cor an t-sluaigh air an oighreachd. Bha teaghlach nighean agus bhalach aca, agus gun teagamh bha gach sonas aca ga shealbhachadh le chéile. Ach cha do mhair sin ro fhada, oir ged bu treun calma an duine Alasdair MacChoinnich bha an gaiseadh a thug sgìths is claoidheadh nan turas a thug e an Canada asìor bhuadhachadh air, agus ann an ochd ceud deug agus a fichead leag e gu làr e. Bha e air a bhith agearain airson bhliadhnachan, ach bha e air chothrom a dhol cuairt leis an teaghlach a Dhun Eideann, turas a bha tòrr math na bfhaide ás an Eilean Dubh na tha e an diugh. Bha iad air an t-slighe dhachaidh faisg air Dun Chailleann an Siorrachd Pheairt an uair a thàinig laigse air, agus an ath mhadainn chaochail e. Thugadh an corp don Eilean Dubh agus thiodhlaiceadh e an Abhach, anns an t-seana chladh.

Is e duine dha-rìribh a bha am an Sir Alasdair MacChoinnich, agus is ann le urram agus tlachd a bairidh e air cuimhne chumail airduine èasgaidh dìcheallach, an rud a chuireadh ena cheann chuireadh ena chasan e, air cho dorch agus gum bitheadh an t-slighe roimhe; duine nach caomhnadh e fhéin, gnìomhach, beusail, féin-mhuinghinneach, duine dom bitheadh càch gu neo-mhothachail umhail, aig an robh toil nach baithne ach buaidh. Far na dhfhosgail esan lean càch, agus tha ar rìoghachd fo fhiachaibh dha airson a shaothrach.

Tha iad anns math dhfhaoidte a chanadh nach eil cothroman mar sud fosgailte an diugh do bhalaich de a sheòrsa, ach faodar a bhith cinnteach far a bheil samhail nam buadhan a bhaige-san nach eil rian nach tig iad am follais ma tha an neach aig a bheil iad làn deònach air e fhéin gu h-iomlan a choisrigeadh ris an obair a tha roimhe.

Cha bu bheag an cliù a choisinn an ceatharnach ainmeil Sir Alasdair MacChoinnich, chan ann a-mhàin do na h-Eileanan, gu h-àraidh do bhaile Steòrnabhaigh, ach don Ghaidhealtachd gu léir, agus is ann le uaill agus le moit a tha mise acur na cloiche so air a chàrn, a thog e fhéin le a bheatha.

[Sanas]

titleAn Ridire Alasdair MacChoinnich
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 47
<< please select a word
<< please select a page