[260]

AN T-IARUNN IS AN ROS

Sgrudadh airAn Litir Scarlaidle Nathaniel Hawthorne.

Le IAIN MAC A’ GHOBHAINN

THA mi den bheachd gur e Nathaniel Hawthorne de na h-ùghdaran nach eil móran aleughadh. ’S math dhfhaoidte gu bheil seòrsa de chuimhn againn airTangelwood Talesagus gu bheil sinn asmaoineachadh gu bheil an t-ùghdar nas rolaistiche na thà e. Nos math dhfhaoidte gu bheil sinn ga cho-naisgeadh ri Sasuinn Nuadh agus gu bheil sinn asmaoineachadh gu bheil inntinn nas duirche is nas dùinte na thà i. Ma tha sinn asmaoineachadh sin tha sinn fo mhór mhearachd oirse anLitir Scàrlaidleabhar cho foghainteachs a chaidh a sgrìobhadh a riamh. Agus cuideachdse leabhar a thann a dhfhaodas sinne air aGhaidhealtachd a thuigsinn oir tha an Sasuinn Nuadh aige glé choltach ann an iomadh dòigh ri ar saoghal fhìn.

Tha an sgeulachd sìmplidh gu leòr. Tha abhean Hester Prynne air tuiteam leis amhinistear Dimmesdale agus tha an litir A crochadhicht air a broilleach airson peanas (an litir A aciallachadh Adhaltranas). Thachair so am am baile Bhoston a tha eadar muir is coille. Anns abhaile-sa tha am ministear Dimmesdale cho lainnireach ann an tuigse is ann an spiorad is nach mór nach eil na daoine a deanamh adhradh dha airson cumhachd dhrùidhteach a shearmonan agus naomhachd a bheatha. Don bhaile-sa thig céile Hester á Sasuinnsgoilear a ghabhas an t-ainm Chillingwortha tha dol a chur ás dha fhéin ann an dòigh spioradail ann a bhith fiachainn ri cur ás don mhinistear anns an dòigh cheudna.

Cha mhór gu bheil gnìomh air bith anns an sgeulachd. ’Sann a tha e coltach ri bròn-chluich Greugach anns a chùrsa do-sheachnaichte a tha e gabhail. ’Sann a tha e nas coltaiche riOedipus Rexna ri sgeulachd nonovelcumanta, ach gu bheil inntinneans dùrachdan nan daoine air am mion-sgrùdaidh ann an dòigh a tha ùr. Tha e cho eu-coltach rinovel ’s nach urrainn dhuinn gabhail a-steach gur e leanabh talmhaidh a thann am Pearl: ’sann a tha i nas coltaiche ri sìdhiche, mar a their an t-ùghdar fhéin.


[261]

Tha leabhraichean mar so againn ann an Albainn cuideachd ach chan eil mi smaoineachadh gu bheil aon againn aig a bheil an t-ionracas chruadalach so, am pòsadh a tha so eadar an taobh muighs an taobh stigh, ann an dòigh is gu bheil an t-àite fhéin mar ath-shoillse de smaointean dhaoine, agus gu bheil na daoine, agus gu bheil na daoine mar a tha a chionns gur e so an t-àite anns na thogadh iad. Tha samhlaidhean is dathan air an cleachdadh ann an dòigh àraidh amr gum biodh iad asealltainn dhuinn shaoghal acoinneachadh a chéile ann an strì. Airson eiseimpleir, tha an litir A air broilleach Hester dearg agus tha sin ri chur an aghaidh cleòc amhinisteir a tha dubh. Nuair a choinnicheas Hester ri Dimmesdale aig deireadh an leabhair, is iad acur romhp an t-àite fhàgail, ’sann anns achoille a choinnicheas iadachoille, samhla na buirbe is na -riaghailt, “fàsach nam beusan.” Cuideachd, air beulaibh aphrìosain tha ròs afàsan ròs an aghaidh an iaruinn. Nuair a theid Hester a dhfhaicinn an riaghladair a dhfhaighneachd an urrainn dhi Pearl a chumail, chì i deise-chruadhach mhór anns a bheil a faileas air a mhì-chumachadh ann an dòigh bhaoth. ’Se leabhar a tha so a tha rannsachadh Gràis is Lagh, cead is braighde, ròs is iarunn, an dubh is an dearg, agus nach eil e iomchaidh gur e an aon làmh a chuir obair-ghréis air a broilleachan litir Agur e sin aon aon làmh a chuireas obair-ghréis air aodach dhreuchdail an riaghaldair?

Seach gu bheil an leabhar so adéiligeadh ri boireannach is fireannach a tha air am prìosanachadh ann an comunn-dhaonda a chuireas ás dhaibh (agus chan eil Hawthorne acur coire sam bith air achomunn-dhaonda sin: cha tigeadh e steach air amhinistear no air Hester an adhlatranas fhéin a dhìon) chan eil e gun bhuannachd a bhith acnuasachd air an dòigh anns a bheil iad gan taisbeanadh fhéin anns achomunn-dhaonda sin.

Anns achiad àit, tha e teagasgach dhuinn an aire a thoirt don so: nach tig e steach air Hesterco-dhiù airson ùine mhóiran t-àite fhàgail. Chan eil i acur an aghaidh a cionta, a chionns gur e i fhéin meur den chomunn-dhaodna so. Feuch cho nuadhs a tha Hawthorne an so! Tha e tuigsinn gu bheil feum aig pàirt de ar nàdur air cionta. Chan e mhàin gun chuir i an litir A air a broilleach ach chuir i obair-ghréis air an litir cuideachd. Chan ann á bòsd a rinn i sin ach airson an cionta a dheanamh pearsantaan cionta aice fhéin. Tha e iongantach mar a mhothaich Hawthorne, bliadhnachan air ais, mar a tha cionta feumail do ar nàdur.


[262]

Agus mar a mhothaich e cuideachd gu bheil gréim aig àite àraid oirnn chan ann a chionns gu bheil an t-àite bòidheach ach a chionns gur ann anns an àite sin a thachair nithean cudthromach ruinn.

It may seem marvellous that with the world before her, that thiswoman should still call that place her home where and only where she must needs be the type of shame. But there is a fatality, a feeling so irresistible and inevitable that it has the force of doom which almost invariably compels human beings to linger around and haunt ghost-like the spot where some great or marked event has given the colour to their life-time: and still the more irresistible the darker the tinge that saddens it.

Agus air an aobhar sin tha i afuireachd anns an àite a thana peanas dhi a chionn is gu fàsadh i na bu lugha na daonda nan deigheadh i do àite sam bith eile. Tha i aithnichte an so co-dhiùeadhon airson a h-adhaltranas. Agus tha miann aice air i fhéin a chronachadhged nach biodh fhios aice fhéin air a sin.

Achsann á inntinn amhinisteir a gheibh mi fhìn barrachd buannachd. Mar a chaidh a ràdh cheana, tha seòrsa de gheur-mhothachadh ann a tha agreasachadh a thuigse gus an ruig i comas is boile is drùidheadh nach fhaicear ann am ministear sam bith eile. ’Se sin ri radh, ’se abhoile a choisinn a adhaltranas an dearbh bhoile a tha adeanamh mór mhinistear dheth. ’Se so an dùblachadh, gur e an aon neart a chì sinn anns amhath a chì sinn anns an olc. (Chì sinn sin anns a neart a gheibh sinn á Hydrogen.) Mar as motha a dhfhàsas àmhghair amhinisteir a-measg a chealgaireachd, ’sann as naoimhe a tha ìomhaigh don t-sluagh. Mar as motha a sgiùrsas e e fhéin airson a pheacaidhean, ’sann as neochiontaich a tha e coimhead. Air cho duilichs a tha e dha an fhìrinn innsesann as fìrinnich a tha e coimhead.

Tha an t-olc am meadhon amhaith. Tha am ministear ateàrnadh dhaoine nuair as peacaich a tha eleis an aon bhoile a thug a pheacaidhean ma cheann, ’s a tha ga sgiùirsadh. ’Se so an dùblachadh a chunnaic Hawthornean ròss an t-iarunn, an dubh is an dearg. Chan urrainn dhuinn a bhith beò air an iarunnna aonar: no air an ròsna aonar. An e an t-iarunn a ghreas Dimmesdale air rathad an ròis? Agus an e rathad an ròis a sguab e a rithist gu rathad an iaruinn?

Tha fhios aige nach urrainn dha teicheadh. Feumaidh e innse rinn e, a chionns gum bi e beò. Anns an leabhar, tha e bàsachadh dìreach an déidh aidmheil a dhèanamhaig an aon sgalan aig an robh


[263] Hesterna seasamhach tha so aciallachadh ach gu bheil e beò? Agus tha fhios aig Chillingworth air a sinChillingworth a bha afeuchainn ri cur ás dha.

Oir bàsaichidh Chillingworth cuideachdseach nach eil aige ri sgrios tuilleadh. Oir cumaidh farmad is bith beò sinn mar a chumas an gaol.

Se leabhar mór a tha so, oir tha Hawthorne astiùireadh dìreach chun an deiridh gun chlaonadh. ’Se neart an uilc neart amhaith cuideachd. Chan urrainn dhuinn a bhith beò air an ròs no air an iarunnach air na dhà. Tha sinn feumach air ciont, air bith is air gaol. Tha feum againn air Ruisia an diugh, is ma dhfhàsas Ruisia càirdeil nach fheum sinn Sìna a rithist?

Tha an duine beò anns an olcs anns amhaith.

Cha bhi sìth air talamh a chaoidh cho fads tha an duine beò.

Rathad an ròis is rathad an iaruinn: tha feum againn air na dhà còmhla.

Chan eil càil air a shon ach a bhith cùramach gach latha.

titleAn t-Iarunn is an Ròs
writersIan Crichton Smith
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 47 %p

parent textGairm 47
<< please select a word
<< please select a page