[206]

Air Lorg Nan Eun An Leodhus (iv)

Eoin na Mara (1)

Le DOMHNALL MACCOINNICH

Am shuidhe air taobh an Rubha Dhuibh
S maghaidh air uisgaChuain Sgìth,
Le blàths an Iuchair mum chuairt,
Gun deòth air aghaoith
Tha glaodh aig na h-eòin,
Tha iad trang leis na h-àil.

Na ceudan air sgeireans air creig;
An gairgeann, an sgarbh, am fulmairs an steàrnag;
An fhaoileags an fharsbagnam measg
Druim dubh, druim gorm, agus glas,
Cas bhuidhe, cas dhearg is cas dhubh,—
Asiubhals asitheadhs asiùdadh
S atuiteam gu h-ealamh gu cuan.

Tham fulmair atuiteam on chreg
S asgaoileadh gu dìreach a sgiath;
Ag éirigh gu sìochail air osaig cho fann
S am feadhs tha mi ann,
Tha e sìos agus suas, tha e null is a-nall,
Tha e sìos agus suas
Deanamh gréim air achreig.


[207]

Na steàrnagan thalls a-bhos
Atogail nan sìolnan cudaig
S ateicheadh mars fheàrr as urrainn
On fhasgadair greannach than tòir orr’.

A-mach thar na doimhne tha eòin-dhubh’ -an-sgadain
Asireadh gu deas gu iasgachnan cabhaig,
Nan dusain, ’nan sreathan, asireadh gu deas,
S atilleadh gun dachaidh;
Eun dubh is eun breac
An coltraich’ ’s am buthaigre sròineach.

Cho luasgach, luaineachs as àbhaist
Tha an luaireag gun stad is gun abhsadh;
A casan beag spliutachs spliteadh na mara,
A sgiath gun fhois, gun stad aig a cois,
Tha i thalls a-bhos, atumadh a guib
Aspliteadh le spliutan, air adhart, air ais;
Ann an sìths ann an stoirm
Tha i luasgach is luaineach.

Gu rìoghail aseòladh gu h-àrd,
Eireachdail, pròiseilna ghluasad,
Da-riribhna rìgh orr’ —eun-bàn-an sgadain
A shùil cho biorachs cho dian air an fhairg
Asireadh gu faireil a lòn
An sgadan, an rionnachs an smalag
Afaomadh gu fearail
S atuiteam gu sgiobalts gu h-ealamh
Le plub troimh an t-sàl.

Se aon de na comharraidhean a tha aig an iasgair air an sgadan is an t-iasg a bhith pailt na h-eòin dhubha, mar a their e riutha, a bhith ram faicinn mun cuairt na bàtaichean. Tha abhuidheann so agabhail a-steach an coltraiche (razorbill), an gearra-breac (guillemot), an gearra-glas (black guillemot) agus faodar am buthaigre (puffin) achunntadhnam measg. ’Nar cloinn cha robh ainm againn orra so ach eun-dubh is eun-breac a réir an dath, dubh no geal, a bu shonraichte annta. Nuair a chì sinn an gearra-glas as t-samhradh tha e dubh gu leòr ach ball geal air a sgéith ach anns agheamhradh tha e soilleir glas is geal agus is ann an uair sin a tha an t-ainm ga fhreagairt. Chì thu càraid dhiubhnan deiseachan samhraidh gu tric faisg air tìr atomadh gu grunnd an déidh chrùbain beaga is bàrr fheamainn.


[208]

Tha an gearra-breac ni-eigin coltach san dath ris an sgarbh bheag ach le broilleach glé shoilleir. ’Se so an t-eun ris an tric an canar eun-dubh-an-sgadain agus cleachdar cuideachd eun-aille agus eun-a- chrùbain, agus tha an t-ainm làmhaidh aig cuid air fhéin agus acholtraiche. ’Se na sìl as tric a bhitheas iad gu léir ag iasgachd agus ithidh iad crùbain bheaga agus meanbh-chreutairean sligeach eile a thogas iad o ghrunnd na mara. Tha an t-ainm eòin-dubh-an-sgadain ullamh air ar cur ceàrr, thaobh nach eil iad aon chuid dubh no ro-dhéidheil air iasg mór iasgachd no itheadh. Tha iad, gach aon diubh, dorch dubhnan dath nuair a chithear iad ri snàmh ach seallaidh iad gu léir peiteanan geala nuair a sheasas iad acrathadhan sgiathan air bàrr nan tonn.

Dhainmich mi am buthaigre, no am buthaid, mar a their cuid ris an eun so, a-measg nan eun-dubha, ach chan eil duine a chì esan aon uair a dhìochuimhnicheas a chruth, a thaobh a shròine co-dhiù. Tha a ghob mar iongha-mhór giomaich, ioma-dhathach, stiallach mar sgealb den bhogha-fhrois. ’Nar cloinn aig achladach ghabh sinn neònachas da-rìribh don chiad fhear aca a chunnaic sinn a riamh, aon aca a fhuair sinn marbh air an tràigh. Chan eil fhios agam bu choireach ris, smathaichte gur e nach robh e ro-fhurasda do chloinn an t-ainm buthaigre sròineach a radh, achse Murchadh Sròineach an t-ainm a bhiodh sinn acleachadhnar n-òige. Cleachdar an t-ainm fachach cuideachd ris an eun so. Bàbhaist a bhithg itheadh isean an eòin soan gille bog, mar a theireadh iadan uair mach robh biadh no sitheann cho pailts atha an diugh.

Chan eil gin dhiubh so ro dhéidheil air tìr mór an eilein ach tha iad pailt air na h-eileanan beaga, iomallach mun cuairt. ’Se sin na h-àiteachan a thaghas iad airson neadachaidhsamhail nan Eileanan Móra (Shiants). Beiridh am buthaigre a ugh ann an toll no sadhbhaidh mu bhàrr na creige; guiridh an coltraiche air a


[209] spleadhan an t-aon ugh a tha aige-san air sgeir a-measg a chuideachd, an gearra-breac le a ugh fo a mhàs a-measg a chuideachd fhéin air lic, ach laighidh an gearra-glas air a uighean le uchd a-measg gharbhlach achladaich. ’Se aon a cheanghail minntinn glé mhór ri eòin is uighean nuair a bha mi òg, piuthar-mo-mhàthar sealltainn dhomh gad uighean ghearra-breac anns an robh dusan, gach aon eadar-dhealaichte an dath grunnd is breacadh. Ach gu robh na h-uighean ni-eigin den aon sèorsa cumaidh is meudachd chanadh duine sam bith gun robh iad o dhiofar sheòrsa eòin. Thainig na h-uighean sin o na h-Eileanan Flannach roimh thoiseach achogaidh mhóir.

S toigh leis an t-seòladair an luaireag (stormy petrel) nach fhaicear ro fhaisg air tìr aig àm sam bith, agussann air eathar no air bàta a chuireas tu eòlas oirre idir, mur téid thu gu fear de ma h-eileanan iomallach anns am bi i aneadachadh. Chan e nach fhaicear i le gloinne o thìr air aChuan Sgìth no eadhoin anns an Loch-a- Tuath. Tha i air sgéith an còmhnaidh, luaineach, neo-sgìth, beò air daobhagan beaga, meanbh-chreutairean agus ola a thogas i o uachdar na fairge. Tha aon eile ann diubh, beagan nas motha agusa earball sgoilt, a tha fon ainm gealbh-roc no gobhlan-mara. Tha an gobhlan-mara so mu mheud smeòraich agus an luaireag mu mheud na h-uiseig. Tha ena aobhar iongantais coinneachadh air eòin cho meata, neonitheach riutha so ann an teis meadhon na fairge agus gu h-àraidh iad a bhith toirt am bith-beò o bhàrr nan tonn. Beags mar a tha iadsann ainneamh a tha iad air tìr ach aig àm neadachaidh. A réir aithris nan seòladairean snàmhaidh iad anns an stoirm as miosa. ’Se an gealbh-roc bu trice a chithinn faisg air tìr, Tha an luaireag air a sloinneadh eun-gur-le-gùg, eun biorach an doineinn, eun biorach an stoirme agus móran eile ann an sgrìobhaidhean.


[210]

Air muir no aig cladach tarraingidh eun-bàn-an-sgadain no ant sùlaire (GannetnoSolan goose) ar n-aire os cionn uile eun na doimhne agus chan eil iongnadh air sin. Tha e cho mór, pearsanta, eireachdail, cho grinn, mórailna ghluasad, agus leithid de tharraing agus de mhealladhna dhòigh iasgaichs nach e mhàin gun glace do shùil is daire ach tàlaidhidh e do mhacmeanmhainn mar an ceudna. ’Se aon de na comharraidhcan matha (muckle appearances) a dhiarradh am Bucach. Tha e math air iasgach an sgadain agus goididh e a leòr ás na lìn, aguss iomadh madainn samhraidh a chluinneadh tu feadagan nam bàtaichean iasgaich aséideadh airson teicheadh a chur air na sùlairean nuair a bhiodh iad abrath air na lìn. Dhfheuch mi uaireigin na dhitheadh fear dhiubh a bhana aonar timcheall abhàta anns an robh mi seachdain de mo chead samhraidh o chionn fhada. Chuir e sìosna ghoile ceithir chnàimh-rionnaichiasg a bha mu mheud an rionnaich chumantamun do laigh e air druim na fairge, ach shaoil leam gun dith e cus, oir cha do charaich e bhàrr nan tonnm feadhs a bha sinnna fhianuis. Chan eil càil a dhfhios a bharrachd na bhana bhroinn roimhe sin. Bithidh sinn acluinntinn gu leòr mu dheidhinn an eòin so agus a isean, an guga, chan eil fhios agam an e sitheann marbh no


[211] isean beò a tha guga aciallachadh achse an gèadh dubh a theirear ris an eun so achiad ghreis a tha e air sgéith. Tha a chuid itean dorch dubh an toiseach agus ationndadh geal beag air bheag achiad bhliadhna. ’Se Sùla-sgeir an àite tàimh is neadachaidh as fhaisge oirnne. A-mach thar aBhuta chì thu iadnan sruth-shreath air ais agus air adhart, adèanamh .air sgadan, ’s atilleadh gun dachaidh chon nan àl, ach chan fhaic thu iasgnan guib uair sam bith mar a chì thu aig na h-eòin dhubha.

Tha an sùlaire abeathachadh a isean air slaman slaopta a tha e adìobhairt ás a ghoile. Chì sinn an seòrsa beathachaidh so air na h-eòin bheaga aig achalaman achse an dòigh a tha aig na sgairbh cleachdadh cho neònachs a tha a-measg nan eun gu léir. Stobaidh an t-isean a ghobhs a cheann á sealladh an amhaichs an goile aon de phàrantan agus deòghailidh e nas leòr leis den bhiadh leth-chnàmhta. Chan eil raon no rian air an tionndaidh thu nach fhaigh thu rudeigin neònach a-measg nan eun.

[Dealbh]
Bha na deilbh uile air an tarraing le Murchadh MacLeòid, fear-teagaisg ealain an Sgoil Lìonail.

titleAir Lorg nan Eun an Leodhus
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 47
<< please select a word
<< please select a page