FACAIL AIR CLAR
Le IAIN MAC A’ GHOBHAINN
RUITH Sergeant Caimbeul an teip air an tape recorder air ais chun an toisich, stad e e, ’s ruith e air adhart e a rithist, ag éisdeachd ris:
SERGEANT CAIMBEUL. —Innis dhom dé a thachair.
HUNTER. —Well, dh’ fhàg mi an càmpa . . . .
S.C. —Dé ’n uair a bha sin?
HUNTER. —Timcheall air leth-uair an déidh sia.
S.C. —Uh, huh. Seadh?
HUNTER. —Feumaidh mi Innse dhut. Chan eil fhios agad co ris a thae coltach—càmpa aHydro - Electric. Tha thu cho sgìth . . . . ’s cho ceangailte. Bha trod agam ris a’ ghafair . . . . Bha e ag radh . . . .
SC. —Seadh?
HUNTER. —Mura bitheadh sin . . . Ach dé math? Chan eil e furasd obair fhaighinn. ’S tha còmhstrì ann an còmhnaidh.
S.C. —Dh’ fhàg thu aig leth-uair an déidh sia? Air a’ bhus?
HUNTER. —Seadh. Air a’ bhus.
S.C. — ’S cuin a ràinig thu ’m baile?
HUNTER. —Timcheall air . . . . tha mi smaoineachadh, timcheall air seachd. Chan eil uaireadair agam.
S.C. — ’S càit an deachd thu?
HUNTER. —Do ’n tigh-òsda. Bha ’m padhadh orm. Is fearg cuideachd.
S.C. —Carson?
HUNTER. —Nach do dh’ innis mi dhut? An gafair . . . . Cha mhór gun dean e fhéin car. Ach tha e ’n còmhnaidh . . . .
S.C. — ’S dé ’n tigh-òsda do ’n deach thu?
HUNTER. —AnRoyal . . . . AnRoyal.
S.C. —Dé thachair?
HUNTER. —Thòisich mi ri ’g òl . . . . Eil toit agad?
S.C. —So dhut. Well, dé thachair?
HUNTER. —Bha mi ’g òl. Uisge-beatha . . . . A chionn ’s gu robh mi sgìth is feargach. Aon an déidh aon. Bha sgàthan mu m’ choinneamh. Tha cuimhn’ agam air a sin.
S.C. —Seadh?
HUNTER. —Well, thanaig am fear so suas thugam, ’s sheas e ri m’ thaobh. ’S thòisich e bruidhinn rium. Cha do dh’ iarr mi air a thighinn.
S.C. —Tha mi a’ tuigsinn.
HUNTER. —Tha thu tuigsinn. A bheil? . . . . Well, cheannaich e aon ghloine uisge-bheatha dhomh, ’s thòisich sinn a’ bruidhinn.
S.C. —Eil fhios agad air ainm?
HUNTER. —Ainm? Chan eil. Nach eil sin àraid. Chan eil fhios agam air ainm.
S.C. —Dé bha e ’g radh riut?
HUNTER. —O, gu robh àrd-thigh-òsda aig’. ’S gu robh a bhean air a’ leabaidh. Cha mhór gu robh mi ’g éisdeachd . . .
S.C. —Dé eile thubhairt e riut?
HUNTER. —Gum biodh i a’ gleidheadh an airgid, ach gu robh . . . .
S.C. —Seadh?
HUNTER. —Gu robh . . . . botal uisge-bheatha aige, ’na phòcaid.
S.C. —Na sheall e dhut e?
HUNTER. —Cha do sheall?
S.C. —Seadh?
HUNTER. —Well, gu robh i air a’ leabaidh. Bha e cur a-mach . . . . gu robh e uaireigin anns na h-Innseachan, san . . . . Bha fàinne mhór air a làimh . . . . Cha eil fhios agam dé na cheannaich mi dha de uisge-beatha.
S.C. — ’S dé thachair?
HUNTER. —Cha robh fhios agam dé bha mi dèanamh. Bha ’n deoch orm.
S.C. —Dé thachair?
HUNTER. —Well, timcheall air naoi uairean chaidh e do’n tigh-bheag. Anns an sgàthan chunnaic mi e a’ falbh. Bha e coimhead crùbte . . . .
S.C. —Dé cho fad ’s bha e an sin?
HUNTER. —Cha robh e tighinn, ’s chaidh mi air a thòir . . . .
S.C. —An robh e ann?
HUNTER. —Cha robh. Bha e dìreach a’ falbh dhachaidh—tha dorus cùil anns anRoyalcuideachd.
S.C. —Seadh?
HUNTER. —Well, rug mi air ’s chaidh sinn a-mach an dorus. Bha na sràidean gorm le solus. Is . . . . thubhairt mi ris: “Theid sinn chun an tigh agad leis a’ bhotul uisge-bheatha mar a gheall thu.” Eil
S.C. — ’S dé thachair nuair a dh’ iarr thu am botal uisge-bheatha?
HUNTER. —Thòisich e—cha chreideadh tu e—thòisich e a’ rànail.
S.C. — ’S dé rinn thu?
HUNTER. —Rug mi airson a bhotal fhaighinn . . . . Chan eil sibh a’ tuigsinn . . . . Mura biodh gu robh e rànail chan eil fhios agam an robh mi air càil a dheanamh. ’S thuit e. ’S thòisich mi a’ bualadh a chinn ris an rathad. Ris an rathad. Bha na soluis gorm. Bha mi fiachainn ri toirt air sgur a rànail. Ach cha sguireadh e. Cha sguireadh e. ’S bha e air a bhith ’g òl m’ uisge-beatha fad na h-oidhch’. Carson a dh’ innis e bhreug? Bha mi air an t-uisge-beatha a thoirt dhà. ’S chan fhaighinn air sgur, a’ bualadh a chin . . . . Seach gu robh e rànail.
S.C. —Tha fhios agad dé thachair?
HUNTER. —Thà.
S.C. —Tha e marbh.
HUNTER. —Thà.
Stad Sergeant Caimbeul an teip is shuidh e anns a’ chathair a’ smaoineachadh.
Ruith e an teip air ais a rithist ag éisdeachd ri na sgriachan is stad e e.
Theab e na facail a bh’ air a’ chlàr a sgrios. Ach sheall e sìos ri aodach ’s cha do rinn e sin.
Ruith e an clàr air adhart a rithist gu deireadh a’ chòmhraidh, thog e ammicrophone ’na làimh ’s thòisich e a’ bruidhinn ann an dà ghuth—a ghuth fhéin is guth Hunter.
S.C. — ’S dé rinn thu ’n uair sin?
HUNTER. —Well, bha e rànail. Cha b’ urrainn dhomh nì a dheanamh air.
S.C. —A dh’ aindeoin gun dh’ fhalbh e . . . .
HUNTER. —Well, bha e rànail. Nach eil thu tuigsinn?
S.C. — ’S dé thachair?
HUNTER. —Dh’ fhalbh e.
S.C. —Dhachaidh?
HUNTER.— Tha mi smaoineachadh.
S.C. — ’S càit an deach thusa?
HUNTER. —Dhachaidh cuideachd.
S.C. —Seach gu robh e rànail.
HUNTER. —Chuir e truas orm.
Stad Sergeant Caimbeul, ’s rinn e gàire. Ruith e ’n teip air ais is sgrios e na facail mu dheireadh.
Smaoinich e, ’s thog e am microfon a rithist ’s thòisich e ri bruidhinn:
“Tha mi sgrìobhadh na litreach so thugaibh a chionn ’s gu bheil mi a’ fàgail a’ phoilis . . . . ”
Smaoinich e air a bhean ’s air a theaghlach is stad e is rinn e gàire eile.
Bhuail e dhòrn air a bhòrd mar a bhuail Hunter ceann an duine ris a’ chloich.
Thog e dhòrn ’s sheall e rithe.
Thog e am microfon a rithist ’s thòisich e bruidhinn.
“So an còmhradh a bh’ agam ri Hunter air an ochdamh latha deug de ’n Lùnasdal anns a’ bhliadhna . . . . ”
Nuair a bha e bruidhinn shuidh e na b’ àirde anns a’ chathair ’s bha a làmh a’ suathadh a bhonaid a bha ’na laighe air a bheulaibh air a’ bhòrd.
[Sanas]
title | Facail air Clàr |
writers | Ian Crichton Smith |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 47 |