GO-EACHDRAIDH AGUS SAOBH-STAIR
Le SEORAS MACMHOIRIS
(1) Epidioi.
THEIREAR le sgoilearan gun dearbhar leis an ainm “Epidioi” nach b’i Gàidhlig a bha aca an Ceann-tìr mu thòs eachdraidh. O nach tàinig an t-ainm ud o chainnt Chinn-tìre idir, chan eil e a’dearbhadh dad sam bith fa a déidhinn. Is e bha ann, ainm tuairisgeil a thionnsgain aig marsantan Gallach( .i. Ceiltich á Gallia) agus a mhair aig sgoilearan Greugach. Nam biodh Galli no Greugaich a’cur ainme tuairisg air treubh a bha a’ togail each, no a bha an t-each aca mar shuaicheantas no tòtam, is e p-ainm a bhiodh aca co-dhiù, ge Gàidhlig ge Swahili bu chainnt do an treubh féin. Chan eil “Epidioi” a’ dearbhadh ach gu robh p-cainnt aig Galli agus aig Greugaich, agus bha fios againn air sin ás a eugmhais. Tha cho math dhoibh a ràdh gu bheil an t-ainmnegro, a chleachdadh le coigrich fo an ionnas cheudna, a’ dearbhadh gun tainig na Daoine Dubha Afracach o na Rómanaich, agus gur i cearnchainnt Laidinne bu bheurla bhunaidh doibh.
(2) Gaidheil.
Tha seansgeul Eireannach ag innse mar à ràinig na Gàidheil (Scoti, Cineal-Scuit, Clann Mìlidh, Sliocht Scota agus Gaedel Glais agus a’ chuid eile deth) an Eirinn o Spàin.
Thainig dream eigin—Ibirich, Meadhon-tìrich 7c—ach cha bu Ghàidheil iad aig an àm sin, ge bu Ghàidhealach no Breatanach an sliochd iaramh. Bha iad an Albainn agus Eirinn mus tàinig Ceiltich riamh.
Anus an t-Sean Ghàidhlig, bha falt fionn no ruadh. (òr-bhuidhe, folt mar òr 7c) agus sùilean gorm no glas (roscc gorm 7c) an coitchinne aig uaislean agus maithean nan Gàidheal. Do réir gach coltais, b’ e sin dreach nam fìor Cheilteach, a bha ’nan luchd-riaghlaidh, no ’nan treubhan-riaghlaidh, a-measg Gàidheal agus Breatan. Tha an ghnè as sine de Ghàidhlig glé dhlù air an deannan de fhocail agus ainmean Ceilteach á Gallia agus Celtica a mhaireas aig sgoilearan, ged bha ioma ceud bliadhna, agus an diofar, C is P, eatorra. Tha an dà nì sin—
Roimh ar ré féin, bha poball Eireann na bu chéire, is na bu duibhe, gu siar agus gu deas; agus na bu bhàine is na bu fhinne gu sear agus gu tuath. Tha dearbhadh ann sin, gun tainig na fionnfholtaich a-steach o an earthuath( .i. o Albainn) agus na ciarfholtaich o an iardheas( .i. o Ghallia no Spàin) mun robh na h-ainmean ud orra. Cha d’ rinn Lochlannaich móran diofar. Bu luchd cogaidh iad, ghabh mnà Gàidhealach, agus bu Ghàidhealach an sliochd. Gu h-amhlaidh, Breatain, Cruithne, Normain.
Le sin uile, cha tainig na Gàidheil an Eirinn o Spàin, ach o Albainn.
(3) Picti.
Theirear le cuid, agus suadh cliùiteach ’nam measg, gur e bha anns na Picti Breatain, an taobh-tuath na h-Albainn, nach robh ceannsaichte aig na Rómanaich. Cha bhiodh dad ceàrr air sin, nam fàgadh iad iad an t-ainm air Breatain a-mhàin. Ach, tha “Pict” aca tric air daoine a labhair Gàidhlig agus ainmean fìor Ghàidhealach orra. Leis sin, tha an tagra millte aca féin.
Cha robh am am “Pict” ach ainm goireasach, farainm (coltach riwognodagoaig Sasunnaich air dream àraidh eile) aig Rómanaich air aitreabhaich sear-thuath na h-Albann, ge Roimh-Cheiltich, ge Breatain, ge Gàidheil iad. Is e thug fochann do “Cheist nam Pict” a bhith ann, sgoilearan ag sireadh air nì nach robh ann riamh .i. aon chineal fo an ainm “Pict”.
Leughar gum b’ ionann Picti agus Cruithne. Gu beachdaidh, bha dream ann a bha ’nan Cruithein agus ’nam Picti maraon. Ach, bha Cruithne an Eirinn agus cha bu Phicti iad, agus bha Picti an Albainn agus cha bu Chruithne iad.
Leughar gur e rian sean-Ghàidhealach air Priten (Pretan, Prydyn 7c) a bha an Cruiten, Cruithean, Cruithne. Agus gun tàinig “Breatan” o an rian Rómanach de an aon ainm. Is fìor sin, mu an fhocal a-mhàin. Cha b’ ionann cleachd doibh. Bha Breatain far an robh Breatainig. cha robh Cruithne ach far an robh Gàidhlig.
Bha an t-aon mheasgadh de Ghàidheil agus Breatain an Cimru agus Corn, tràth ’nan eachdraidh, ach Breatainig a-mhàin eatorra iaramh. Nan robh airbhe no talainte eadar Breatain is Gàidheil,
Leis sin uile, is e bha ann an Cruithne—cuid Ghaidheal, aig an robh Breatain a-measg an sinnsirean, agus an t-ainm air an aon roinn ri leithid “Gall-Ghàidheil”, “Fine-Gall” 7c. a mhair car seala air cuid Ghàidheal aig an robh Lochlannaich a-measg an sinnsirean.
Air fìrinn, cha robh diofar eadar Gàidheil agus Breatain ach beagan mu an cainnt, agus mar bu tràithe an eachdraidh, is ann bu lugha an diofar. B’ e an t-aon phobal a bha annta, measgadh de Cheiltich agus Roimh-Cheiltich. Am fear a labhair Gàidhlig, bu Ghàidheal e; am fear a labhair Breatainig, bu Bhreatan e, agus cha robh diofar ann ach e sin.
Leughas mu Oengus Mac Fergusa gur e Rìgh nam Pict a bha ann, agus gu robh e ag cogadh an aghaidh nan Gàidheal. Bha e ag cogadh an aghaidh Ghàidheal eile, oir bu Ghàidheal e féin, ged nach bu Dal-Riadach e.
Agus bha e ag cogadh an aghaidh Nechtain, Rìgh nam Pict. Bha e de shliochd Eoghanacht, agus bha e ’na rìgh air rìoghachd Ghàidhealaich air taobh sear Albann (Fortre, Aonghus, Maoime 7c) far an robh Breatnin (Galli) ann rompa. Leughar gu robh rian sean-Bhreatanach air an ainm sin Gàidhealach—Oengus Mac Fergusa. Tha rian Sasunnach air Rob Ruadh MacGriogair agus Donnacha Mac an t-Saoir, ach cha dearbhar leis sin gum bu Shasunnach iadsan. Theirear gun do shlugadh Gàidheil Eoghanacht le Breatain, mar a thachair an Cimru agus Corn, agus Breatainig aca, is gun chuimhne aca tuilleadh gum bu Ghàidhealach an sinnsirean.
(4) Gaidheil.
Air fìre, b’ iadsan an roinn Ghàidhealach de na Picti a bha ag sìor-fhaotainn làmh an uachdair, gus nach robh ann, mus d’ aonaich Picti agus Dal-Riadaich, ach an t-aon phobal Gàidhealach. Os bàrr, nach neònach an nì mur an robh cuimhne aig Aonghus Mac Fhearghuis (700 B.D. ) gun do shìol esan o Eoghanacht (a thàinig an Albainn mu 400 B.D. ) agus fios agus gnà-cuimhne aig an Mhormhaor Mhàir ud (mu 1014) gun tàinig esan uatha, agus gum bu dàimheach e, leis sin, do Bhrian Bóroimhe, Rìgh Mhumhan agus Ard-righ Eireann, air alt is gun deach e a dh’ fhòir air, an aghaidh nan Lochlannach anns an dearg-àr, Cluan-Tarbh, far an do thorchair iad maraon, ge bu leòsan am buaidh.
Leughas gun d’ achdaich flann-chath Gairbhich (Gairidhich Harlà) am biodh ceannas agus làmh an uachdair an Albainn aig Gaidheil no aig Gall. B’ e Gàidheal an aghaidh Ghàidheil anns an chath sin. Bha Iarla Mhàir pailt co Gàidhealach ri Mac Dhòmhnaill. B’ e Gàidheal, de chloinn Chatain, a bha am Probhast Abar-Dhèain, a thorchair anns an chath, is e ag cogadh an aghaidh Mhic Dhòmhnaill agus a chinnidh féin, d’ eagal gu rachadh Abar-Dhèain a chreachlosgadh aca. Nan robh miann a losgaidh air Mac Dhòmhnaill, cha robh dad ann ri a bhacadh, oir bu leis am buaidh. Sgrìobh Gall Sasunnach aig an robh tuilleadh spéis do an fhìrinn na bhios aig Sasunnaich an coitchinne( .i. mu eachdraidh Albann) “gu robh buaidh aig Mac Dhòmhnaill, ach bha teachdairean aig an Iarla”.
(5) Lochlannaich, Normanaich is Breatain.
Cluinnear tric gum bu Lochlannach Clann Leòid. Theagamh gum bu Lochlannach Leòd (Ljot, no cebe bu ainm da) agus a leithid, ach cha bu Lochlannach an sliochd an Albainn. Bha mnà Gàidhealach aig uaislean Lochlannach agus “is e càirdeas na màthar as dìlse”. Bha an sliochd leth-Ghàidhealach anns an cheud ghinealach, agus làn Ghàidhealach an gach glùn iaramh. Do thaobh Lochlannach an coitchinne, is tric a gheibhte a shamhail se— “Organ (àit-eigin) la Gallaibh agus broid mhór do mhnaibh do bhreth leo”. Leughas o neach a bha sìor-chur sìos air na Gàidheil, agus suas air na Sasunnaich, gur e bha am Brus agus Uallas “two Lowland gentlemen”. Do thaobh Bhruis, bu Norman a athair, agus bu bhan-Ghàidheal a mhàthair. Rugadh e anns an Ghàidhealtachd, an siorrachd Air, a bha Gàidhealach aig an tan sin, ged bha Breatainig ann roimhe, agus Sasainig iaramh. Le sin, cha bu “Lowland” (Sasunnach) esan idir, ach ’na leth-Normal leth-Ghaidheal, agus Gàidhlig aige.
Do thaobh Uallais (Uilleam Breatnach), cha robh an nì cho soilleir. Bu Shasunnach a shloinneadh, ach an ghnè de ainm a ghoireadh iad de shliochd Bhreatain ’nam measg. Bha e a’ fuireach anns an Ghàidhealtachd, an siorrachdan Air, Raonfru, Lanairc a bha Gàidhealach aig an àm sin. Bha Breatantachd ag seacadh ás an roinn iar-dheas de Albainn, ach bha Gàidhealtachd air feadh Albann uile, ach an Innse-Gall-fa-thuath (Orcaibh 7 Sealtainn). BhaScotair Gàidheal a-mhàin, prìomh chiall an ainme sin, agus chuir Eideard a h-aon a Sasuinn, riailtean a-mach a chum cainnt agus nòsan nanScot (Gàidheal) agus nam Brett (Breatan, Cimreach) a sgriosadh, nuair a cheannsaich
(6) Seumasaich.
Leughar gun do chog na Gàidheil a chùm bàis air sgàth an Phrionnsa Bhòidhich, Teàrlach, agus gu robh na Gàidheil co dìleas agus nach faighteadh aon neach a bhrathadh e air airgead Sasunnach. Air fìre, bha agus tha ioma neach ann, de na Gàidheil agus de gach seòrs eile, a bhrathadh neach sam bith, uair sam bith, air airgead sam bith. Os bàrr, bha Gàidheil ann, a chog an aghaidh ainm Theàrlaich, agus cha robh e dad na bu chàirdeala cur claidheimh tre mhionach duine eile, na a bhrathadh gu na Sasunnaich. Fhuair Teàrlach ás, gu tèaruinte, o thuiteamas agus o dheagh rath. Tha cor na Gàidhlig, an là an diu, a’ nochdadh cia dìleas a tha na Gàidheil.
Bha tuille mór de òrain mu an Phrionnsa Bhòidheach aig Goill, nach d’ éirich a-mach leis, anns an chearnchainnt Shasunnaich aca, na bha aig Gàidheil, a dh’éirich a-mach leis agus a chreithnich co searbh do a chionn. Bha bàird Ghàidhealach, an coitchinne, ag caoidh mar a bha an Gàidheal sìos, agus e féin, ’s a chànan, ’s a dhùthaich fo chasan nan Sasunnach. Do réir cuid luchd-eachdraidh, agus coltas na fìrinne aca, bha buaidh aig Seumasaich an cath Chul-odair mur b’ e gòraiche Theàrlaich féin agus a luchd-ruice. Rinn e ìobairt de na Gàidheil, agus nam biodh e air ruigsinn rìgh-chathair Bhreatainn, cha bhiodh tuilleadh ùidhe aige air Gàidheil Albann, aoh air uaislean móra Sasunnach, a bhiodh ag imlich a bhròg an uair sin. Le sin uile, bu bheag an nì an deach Teàrlach a chrùnadh no a chrochadh. Bu bheag a b’ fhiach e no a leithid riamh. Bha an roinn sin de na Gàidheil ag cogadh air sgàth na Gàidhlig an aghaidh nan Sasunnach, a bha ag goid gach nì bu le Gàidheil, fiù an ainm féin (Scot).
Gó-eachdraidh agus saobh-stair dar-rìribh.
[Sanas]
title | Go-Eachdraidh agus Saobh-Stair |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 47 |