[224]

Astraileinich DhubhaMar a Tha Agus Mar a Bha

Le UISDEAN LAING, Astràilia-an-Iar

NUAIR a dhacraich Caiptein Artur Phillip anns abhliadhna seachd ceud deug ceithir ficheads a h-ochd le réiseamaid shaighdearan agus seachd deug phrìosanach ann amPort JacksonsaChuimir Nuadh Dheasach agus a chaidh e air ann am bàgh beag a dhainmich e “Sydney Cove,” bha, am am beachd sgoilearan eachdraidh, mu thrì ceud mìle dhaoine dubha ann an Astrailia gu léir.

Tha fir-rannsachaidh siubhal-sluaigh asmaoineachadh gum bann ás na h-Innsean-a- deas a thàinig iad tarsainn na réidhleicean ìosal a bha eadar an dùthaich sin agus Astràilia mun deach an sgaradh bho chéile leis aChuan Innseanach anns na linntean a dhfhalbh. Tha atharrachadh cànain bho àite gu àite am an Astràiliana sheòrsa de dhearbhadh dhuinn gu robh mu chóig ceud do threubhan dhubha anns an dùthaich aig an àm agus bha achuid mhór dhiubh adeanamh am beò-shlaint an taic na mara no làmh ris an aon abhainn mhór a thann an Astràilia, an Abhainn Murray, mar a tha sluagh geal agnàthachadh aig a lathan diugh. Bhà, agus thà, meadhon Astràilia tioram agus teth, uisge agus tobraichean gann, ag aobharachadh teachd-an-tìr a bhith cruadalach do dhaoine is do dhainmhidhean. Ach, a dhaindeoin cruadail nàdurra, tha treubhan de dhaoine dubha fhathast ann am meadhon na dùthcha


[225] anns na fàsaichean mu chuairt Fuaran Alice (Alice Springs), deich ceud mìle bho’n Chuan Dheasach.

Chan eil a nis ach mu cheud mìle de dhaoine dubha ann an Astràilia agus is dòcha nach eil ach mu cheithir fichead mìle dhiubh sin cho dubhs bu chòir dhaibh a bhith, agus air a làimh eile, dhfhaoidte ràdh mu dheidhinn àireamh bheag do dhAstràileinich gheal agus spaideil a chì sinn air na sràidean anns na bailtean móra Sidney, Melbourne agus Peairt an diugh gu bheil barrachd duibhrenan craiceann na chuir teas na gréine ann! Nuair a ghabhas sinn sealladh farsainn air Astràilia gu léir, o Pheairt gu Brisbane, agus o Adelaide gu Darwin, bithidh e soilleir dhuinn gur h-e, ann an cumantas, daoine truagha, -fhortanach a thanns na h-Astràilenich dhubha agus chan eil crannchur na h-àireamh a tha leth-gheal agus leth dhubh móran nas fheàrr. Ma dhfheuchas sinn rin tomhas ann a sligean-thomhais an duine-ghil, chì sinn gu bheil iad glé ìosal ann an tuigse. ’Se iadsan agus sluagh-nam-preasan (Bushmen) ann an Africa-a- deas daoine cho fad air aiss a tha an diugh fon ghréin. Tha iad diùid, beag-oidhirpeach, lag ann am féin-earbsa, agus tha e duilich a chreidsinn gum bitheadh e comasach an togail suas gu inbhe nan Eòrpach ann am mìle bliadhnatha iad am an iomadh dòigh mar chloinn bheag air mhàgaran ann an àitean iomallach na fàsaich. Ann an ùine gheàrr, a réir coltais, Chan urrainn don chuid mhór dhiubh móran de thoradh math fhaotainn bho eòlas an duine ghil.

An diugh tha iad acall eòlas sònraichte agus sgilean àraidh a sinnsear fhéin agus, gu -fhortanach, chan eil iad asealbhachadh adhartachd as fhiach iomradh ann an comunn nan Astràileinich gheal.

Ach cha bhitheadh e ceart a bhith dìteadh muinntir gheal na dùthcha so a chionn gu bheil abhuidheann dhubh cho ìosalnan crannchursnan dòchas. Tha Pàrlamaid Astràilia acosg sia muillion not gach bliadhna atogail thighean dha na daoine dubha, ateagasg ealain agus cheàirdean dhan òigridh, atoirt foghlum dhan chloinn bhig agus mar sin air adhart, ach chan eil an dòchas air toradh beairteach fhaicinn ach fann. s coireach? Chan eil dachaidh spioradail aca ann am pàillinn an duine ghil. Tha e furasda gu leòr ar meur a chur air a spottha Crìosdachd an duine ghil glé thric acrìochnachadh le facal fìleanta gun ghnìomh iomchaidh. Gus an aidich sinnnar caitheamh-beatha fhéin gur h-e ar bràithrean agus ar peathraichean ann aspiorad a tha ann an sluagh achraicinn dhuibh agus gus a làimhsich sinn iad mar bhuill den aon teaghlach rinn fhéin, bithidh an duine dubh Astràileineachna dhiol-déirce ag ithe sprùilleach agus criomagan a thuiteas o bhòrd an duine ghil.


[226]

Mar sin tha acheist a tha againn ri fhreagairt ann an Astràilia cheart cho duilich ris acheist tha mu choinneamh nan Africanach, ged nach eil i co-cheangadte cho dlùth ri suidheachadh cho cunnartach. Tha còrr is mhuillion deug do shluagh dubh an Africa-a- deas agus eadar a dhà agus trì mhuillion de dhaoine gealaann an Astràilia tha a nis suas ri aona mhuillion deug de shluagh geal agus an deicheamh cuid do dhaona mhuillion dhaoine dubha. ’Se sin an t-eadar-dhealachadh— ’se sin an cunnart (do dhAfrica). Tha sluagh geal Astràilia cheart cho co-fhaireachdachs cho trusail ri sluagh geal am an dùthchannan eile ach cha dean truas no co-fhaireachadh an gnothach leo fhéin. Feumar gliocas agus ceartas ann an gnìomh a chur an céill.

Ann an cuideachadh nan daoine dubha, thà, no bhà, sluagh ann Astràilia agus Pàrlamaid Astràilia adèanamh? Fada còrr is ceud bliadhna bho seachd ceud deug ceithir ficheads a h-ochd gun naoi ceud deugs a h-aon, cha robh ach glé bheag agus glé ainneamh. An fheadhainn dhe na daoine dubha nach robhnam fògarraich anns achoille no anns an fhàsach, cha robh annta ach braighdeinich ann an seirbhis uachdaran fearainn a bha, mar bu trice, acòmhnaidhnan tighean móra ann a Sydney, no ann a Melbourne, no eadhon ann a Lunnainn, agus na tràillean dubh aca ag aires arùsgadh mìltean chaorach fo fhear-riaghlaidh gun thuarasdal sam bith ach pocan beag de mhin. leth-phunnd tea, luideagan de sheann aodach sagheamhradh agus ma dhfhaoidte trì unnsan de thombaca samhìos. Cha robh iongnadh gu robh an casan caol, am muineal breòite agus am bàs atighinnnan rathad anns amhadainn thràthnan cùrsa shaoghalta. Ma bha sùil an fhir-riaghlaidh air buannachd airgeadach a-mhàin, mar as tric a thachair, bhaamhuc is motha ag ithe na muic as lughas amhuc as lugha deanamh mar a dhfhaodadh i.” Nam bitheadh coibhneas ann an cridhe ag fhear-riaghlaidhagus be sin an fhìrinn o àm gu àm agus àite gu àitecha robh aobhar-gearain sònraichte aig na seirbhisich dhubhabhitheadh tuarasdal beag airgeadach aca a bharrachd air aodach fad na bliadhna, min gu leòr, tea, ìm, feòil, salann, agus siùcar agus nan tachradh dhaibh a bhith tinn, bhitheadh dotair atadhal orra.

Abhuidheann a bha anns achoille no san fhàsaichnan treubhan, bha iad acumail anailnan com a réir aomadh nàduir no cleachdaidhean na treubh, achuid mhór dhiubh rùisgte fad na bliadhna, gan cumail fhéin blàth san oidhche gheamhraidh, chuairt air teintean cunnartach fiodha, na fir asealgaireachd akhangaroo non emu, na boireannaich amarbhadh nathraichean chumanta agus chasach, ational radain bheaga, fionnain leumach, toranaich chraobh, agus seangain airson annlan agus agiùlain rùsg chraobhan gu tughadh nam bothan.


[227]

Tha ceàrnan do dhAstràilia anns nach eil ach mu aon latha fliuch ann an seachd bliadhna, agus air an aobhar sin, samhradh teth, bhitheadh na seann tobraichean no tuill-uisge na treubh atiormachadh suas o àm gu àm. Nuair a bhuaileadh trioblaid den t seòrsa so iad, bha an treubh gu léir o sheann daoine gu cloinn bhig, air an co-éigneachadh gu coiseachd ma dhfhaoidte ceud mìle gun each, gun asal, gu ionadan àraidh anns an fhàsach far an cladhaicheadh iad sìos gu trì fichead troigh gus a faigheadh iad làn am beòil de dhuisge no gainmheach thais airson imlich. Nam biodh preas bheag no dhà làmh rin àite còmhnaidh, bhiodh iad afàsgadh nan duilleagan agus ag imlich an driùchd tràth samhadainn. Aig a leithid a dhàmse galair cunnartach a bhitheadh anns aleisg. Be òrdugh na seanairean, “Mar a dean thu obair, chan ith thu biadh.” Ach aig an aon àm cha robh na truaghain, a réir an t-soluis a chaidh a bhuileachadh orra, ás aonais cùraim mu chùisean spioradail. Bha mothachadh aca air cumhachdan do-fhaicsinneach a bha ariaghladh beatha na treubh agus bhitheadh na seanairean acòmhlachadh o àm gu àm mun éireadh aghrian airson riaghailtean stiùraidh fhaotainn bho na spioradan.

Uidheamaichte airson a’ chorroboree

Se “corroborees” an t-ainm a bha air na coinneamhan agus bha an t-adhradh ga chur an céill troimh dhannsaichean borb. ’Sann anns na “corroborees” a bhatar a’ treòrachadh na gillean gu ìrea’ deanamh fireannaich ’nan làn bhlàth dhiubh le gearraidhean a dheanamhnam feòil agus le bòidean chruaidh a chur orra nach


[228] faoidte a bhristeadh air chor sam bith. Bha na “corroboreesfalaichte bho gach sùil san treubh ach amhuinntir thaghtena seanairean agus na gillean. Nam bitheadh duine sam bith eile cho dànas gun amhairceadh e eadar na craobhan nuair a bha achorroboreeadol air adhart, bhiodh sleagh biorach de fhiodh cruaidhna chliabh ann am priobadh na sùla. Bha smachd-treubhe neo-thruacanta agus béiginn dha, oir bha beatha na treubh an crochadh air ùmhlachd co-phàirteach.

A bharrachd air cleachdaidhean creidmheach bha ealain àraidh acabhitheadh fear an suds an so dhiubh atarraing dhealbhan an rùsg nan craobhan no air ballaichean-tarsainn anns na h-uamhan. Tha ceudan do dhuamhan domhainn agus farsainn ann afàsach a Nullarbor agus lòin mhóra làn de dhuisge saillte air ùrlar nan uamhan. Tha oileinean-rannsachaidh measail mu na dealbhan sin agus tha iad gan sgrùdadh ann an dòchas gu faigh iad tuille eòlais; air dòigh beatha dhaoine dubha a bha ann an Astràilia o chionn fada. Chanadh sinn nach eil ach glé bheag teòmachd ri fhaicinn anns na seann dealbhan sin, ach fhuair fear de dhealbhadairean na linn so, Ailbeart Namajiri, duine dubh á Fuarain Alice, urram mór agus tha feadhainn dhe na dealbhan aige ga reic aig a lathan diugh airson còrr is mìle not. Cha tug prìsean àrd móran sonais gu Namajiricheannaich e bhotul leanna ann an tigh-òsda trì bliadhna air ais, thug e iad do dhithis fhear a bhuineadh dhai treubh aige fhéin. Chunnaic na maoir-shìthe thachair, ghlac iad Namajiri agus anns achùirt a lean sin, chaidh càin a chur air a chionn gun do bhrist e lagh. Ann an trì mìosan bha an dealbhadair ainmeil marbh, a chridhe agus a shlàinte briste, ag ionndrainn a shluagh fhéin.

An diugh, ’s gann gu bheil còrr is ochd ceud dhe na daoine dubha co-cheangailte rin treubhan anns an dùthaich gu léir agus tha e cho math nach eil. O chionn trì seachdainean bha fear-naidheachd á Peairt ceithir làithean ann a fàsach na Pintubi, mu ochd ceud mìle tuath air Peairt agus tha an sgeul a thug e air ais cianailna truaghain abàsachadh le goirt agus na daoine geala as dlùithe dhaibh ceithir cheud mìle air falbh tarsainn fàsach fhiadhaich, agus gun fhios aca air staid chruadalach na treubh. Cha dfhuair sinn a-mach fhathast anns na paipearan-naidheachd an do ràinig na càraichean agus am pleuna a chuir Pàrlamaid na Stàite a-mach dhan fhàsaich gan cuideachadh.

An diugh tha sgilean ùra ann an obair fearainn dha deanamh comasach do dhaoine geala bhith ag àiteach agus atogail stuic ann an ceàrnan den dùthaich a bàbhaist a bhith leth fhàsachail. Ann an làithean eile bha pailteas de bhiathadh nàdurra anns na h-àitean sin airson akhangaroo agus na creutairean eile a bha cumail nan treubhan beò, ach a nis than a caoraich agus na daimh


[229] ann a lìonmhorachd ùr asgaoileadh cho fada is cho farsainns gura gann as urrainn dhan khangaroo gréim de dheagh fheur a churna bhroinn, agus chan e sin abhroinn bheag. Tha ena bhuannachd don tuathanach an gunna a chur ris akhangaroo agus crìoch a chur air anathair chasach (lizard) leis abhata. Faodaidh e an uairsin feòil nan creutairean sin a reic airson biathadh chon agus chat anns na bailtean móra agus na seicean aca a reic airson bhrògan, mheatagan agus chriosan.

Air alàimh eile tha anduine dubh ciontach ann an sùilean a lagh ma mharbhas e caora. An e gnothach iongantach a thann nach urrainn dhan duine dhubh dòighean neònach an duine ghil a thuigsinn? ’Se achaora Spàinteach clach-stéidhe beairteas Astràilia an diughtha i nas prìseile nan kangaroo— ’se a luach anns amhargadh eadar cóig is ochd notaichean, ach duine sam bith a phàidheadh còrr is deich tasdain thar an fhichead airson kangaroo, bhitheadh an caoch ga dhalladh. Mar sin tha achaora nas luachmhora nan kangaroo agus, a faod mi ràdh, nas luachmhora na duine dubh nan treubh. Aig an aon àm tha Pàrlamaid Astràilia acosg sia muillion not sa bhliadhna acuideachadh nan daoine dubha, trì fichead not gach ceann! A bheil an saoghal adol ma seachs an t-each air muin amharcaiche?

Se beachd Pàrlamaid Astràilia gur h-urrainn dhuinn na daoine dubha atharrachadhnan dòigheans nan cleachdaidhean chums gm bi iad co-ionnan ruinn fhéin agus tha aPhàrlamaid adeanamh oidhirp air so a dhèanamh. Ceart gu leòr, tha iad atoirt cothroman dhaibh beò-shlaint a dhèanamh co-ionnan ris na daoine geala. Tha cuid de na daoine òga gan cosnadh anns na garaidsean taobh ri taobh ri gillean geala, tha feadhainnnan saoir, ’nam feòladairean, ’nan clachairean, no ri obair neo-chunabhalach air na rathaidean móra agus tha gu leòr dhiubh ri obair fearainn gun dòchas sam bith a bhith uaireiginnan tuathanaichnan còir fhéin. Ach tha tuilles achòir dhiubh anns na càmpan salach aig oirean nam bailtean ag ithe aran an dìomhanais, no gan lìonadh fhéin le droch fhìon aig deireadh an t-seachdain nuair a gheibh iad duais neo-oibreach.

Tha na nìonagan acuideachadh mnathan nan tuathanach anns achidsean no mu chuairt an tighe, tha àireamh bheag dhiubhnam mnathan-altrum anns na h-ospadail achsann glé ainneamh a chì sinn iad ateagasg anns na sgoilean, nonan cléirich. Tha mi fo amharas nach deach dòigh na co-ionnachd (Assimilation Plan) feum sam bith as fhiach ainmeachadh a chionn gu bheil, ’nam bharail-sa, uiread eadar-dhealachadh eadar inntinnean an bhuidhinns a tha eadar an chraiceann (dubh agus geal). Gus am bi sinn làn fhiosrach air na smaointean eadar-dhealaichte, na h-eileamaidean a tha acòmhnaidh ann an inntinn an duine dhuibh,


[230] na h-eagail, na h-amharais, na gaoil, na gràinean, agus mar sin air adhart, a thanns an inntinn dhubh, ciamar as urrainn dhuinn an inntinn sin a dheanamh co-ionann ri ar inntinnean fhéin? dhfhosglas dhuinn an inntinn dhorcha, bheir aisde na rudan nach eil acòrdadh ruinn agus a sparrasnan àite na nithean a tha a réir ar toil? Tha cuibhrionn de ghliocas agus de cheartas ann an dòigh a sgaraidh (Apartheid) nan Africanach, ach bhiodh tuille dhe na beusan sin innte nan toireadh na h-Africanaich gheal an dara leth no trì earrannan dhen fhearann dha na daoine dubha. Gnothach chosgail, their cuideigin, ach am bitheadh e cho cosgail no cho sgriosail ri cogadh eadar sluagh dubh Africa agus an sluagh geal? Ged a dhfhàgadh na Astràileinich an treas cuid dhen fhearann ann alàmhan nan daoine dubha cha chreidinn gu feumadh aon Astràileineach geal a dhol a thigh-nam-bochd.

Tha Pàrlamaid agus Ard-Riaghailt Astràilia làn de dheagh rùn a thaobh nan daoine dubha ach tha mi amharasach mun ghliocas, agus saoilidh mi an dràsdas a rithist gu bheil caora Spàinteach na cloimh mhìn agus bhaclach atighinn eadar iad agus an solus. Tha mi dearbhtenam inntinn fhéin gun do rinn na ‘missions’ Chrìosdail cus a bharrachd maith acuideachadh an t-sluaigh dhuibh na ri Pàrlamaid agus laghan gu sìorruidh.

Ma tha cridhe am an uchd a lagha, tha e fuar agus cruaidh, ach; tha coibhneas, foighidinn agus carthanntachd anns na teachdairean soisgeulach nach còir dhuinn a dhìochuimhneachadh. Còrr is ceud bliadhna air ais, chaidh Caitligich Spàinteach, manaich an Naoimh Bhenedict, le màileidean air an guaillean agus misneachdnan cridhe, a-mach dhan choille gu Norcia Nuadh ochd fichead mìle á Peairt agus an diugh tha àrd-eaglais aca air alàrach far an do chuir iad suas am pàillinn agus sgoil ainmeil anns a bheil iad ateagasg ceudan do chloinn dhubh agus gheal. Mu dha fhichead bliadhnana dhéidh sin thog buidheann dhiubh orra an dara turas, air an t-slighe gu garbh-chrìochan Astràilia a tuath, monaidhean nan Kimberleys, àite creagach, molach, teth mu fhichead ceud mìle a-mach á Peairt. Mun bhliadhna ochd ceud trì ficheads a deich chaidh a dha no trì de mhinistearan Lùteranach ás aGhearmailt suas troimhn fhàsach gu Fuarain Alice ann am meadhon Astràilia deich ceud mìle bho Adelaide. Bha iad sia mìosan air an t-slighe


[231] agus thog iad le làmhan fhéin am ‘missionstéiseanHermannsburg, far a bheil iad, na Lùteranaich, asaothrachadh chun a lathan diugh. Aig an aon àm, sheòl soisgeulaich a bhuineadh don Eaglais Shasainneach mu chuairt leth Astràilia gu Bagh Chaledon air taobh na dùthcha far a robh na daoine dubha cho borbs gu robh iad ag ithe an co-chreutairean.

Anns abhliadhna naoi ceud deug da fhicheads a seachd deug chaill cóignear de na daoine geala air a stéisean am beatha agus bha àrd-riaghladair nan ceàrnan sin airson na maoir-shìthe a dhol dhan choille le gunnaichean agus glais-làimh a lorgadh na mortairean.

Cha dean thu dad den t-seòrda,” thuirt an t-easbuig ris, “chan eil sinne asireadh peanas-beatha no crochadh dhaoine ach tha dùil againn ri aithreachas.” Chuir e brath gu fear dhe na seanairean ag innse dha thachair. Bha a chreideamh agus a chreideas

Tha fuil nan daoine dubhe innte. Tha i ag obairnatypistaig Comunn Craobh-sgaoilidh Astràilia


[232] stéidhichte air bunait dhaingeann. Ann a sia seachdainean threòraich an seanair an triùir mhortairean a dhionnsaigh an easbuig a cheasnaich iad le guth coibhneil agus a thug dhaibh maitheanas oir bha iad tur aineolach air a lochd. Chan eil dleasdanas an duine ghil anns na stéiseanan furasda ged a tha i móran nas tèaruinte na bha i. Tha mealladh dòchais gu tric adragh air na soisgeulaich nuair a chluinneas iad gu bheil feadhainn de na daoinòga atilleadh a dhionnsaigh nan treubhan agus acur air chùl an t-ionnsachadh agus an teagasg a fhuair iad bho na soisgeulaich. Fad mhìos gach bliadhna bithidh gòraiche neo-chiontach an sinnsear gan tarraing air ais chun na coille agus na fàsaich far am bi iad acur seachad na h-ùine asealgaireachd akhangaroo agus ag ithe nan toranaich agus feòil nam beathaichean fiadhaich. Nuair a chailleas iad càil air abhiadh sin, tha iad toilichte gu leòr a rathad a ghabhail air ais gu càirdeas an stéisean. Tha iad coltach ris a Speireig, ablach de sgalaig a bha aig Calum MacLeòid ann a Loch-na-Madadh, uaireigin (faic Na Baird Uibhisteach):

Dhfhalbh a Speireag air iteal san iarmailt,
Thug in taobh siar oirre, a dhiarraidh a lòin;
Tillidh i rithist mar shneachda gun iarraidh,
Is gabhaidh i sìos gu Calum MacLeòid.

( ’Sann anns an ochdamh linn deug a thachair so, mun do dhfhàg na bàird cladach Uibhist. Tha fathann an diugh adol mu chuairt gun tainig iad air tìr ann a Leódhas anns an linn so, am a riochd cho-thìmealaich agus nòs-ùirich).

Ach feumaidh mi tilleadh gu slighe chaol agus chàm nan Astràileinich dhubha. Tha na truaghain a nis air a rathad a-mach. Càitan crìochnaich an turas? Ann an neoni fhalamh? No ann aflaitheanas fhàsachail an athraichean fhéin, far am bi an kangaroo aleum measg nam preasan, na corrain itealach (boomerangs) agearradh na h-iarmailt air tòir na feannagan agus far nach bi lannair nam putain dheàrrsach aig na maoir-shìthe adalladh sùilean chianail, dhomhainn, dhonna? Co aige tha brath?

[Sanas]

titleAstràileinich Dhubha – Mar a Tha agus Mar a Bha
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 47
<< please select a word
<< please select a page