FEALLA-DHA AN LICISTO
Le TORMOD CAIMBEUL
THA sinn uile eòlach air na ceàrdainean ’s an ban-cheàrdairean sna h-Eileanan an Iar. Tha cuid agus is e ceannaichean siubhail a dh’ainmicheas iad orra. Chan eil iad an diugh cho tric air an allaban bho bhaile gu baile, ’s bho eilean gu eilean, agus a bha iad bliadhnaichean air ais, ach fhathast chithear iad air bàtaichean Mhic a’ Bhriuthainn, no air bus Mhitchell, no air bàta-aisig Scalpaidh, ’s iad luchdaichte le soithichean tuna agus goireasan beaga eile. Bithidh an ceàrd mór fhéin a’ deanamh nam peileachan ’s nan rugannan am feadh ’s a theid a’ chailleach do Steòrnabhagh a dh’iarraidh rudan beaga mar cìrean, bioran fuilt, slìdichean, agus mar sin air adhart de’n stuth as fheàrr aig Wooly. An sin falbhaidh gach fear is té le’n sgaoth cloinne an dòchas gum pàidh an turas dhaibh eadar na gheibh iad de airgead agus de ragaichean.
Chan eil iongnadh ged bhiodh iomadh naidheachd mu na ceàrdairean ’s an cuid àl, agus aithrisidh sinn an so aon dhiubh sin. Bha uair fear a’ fuireach ann an Licisto ris an canadh iad Calum Sheòrais, fear òg tapaidh, a bha dìcheallach a thaobh obair agus cumail suas na croite. Bhiodh Calum an còmhnaidh ullamh do obair an earraich fada roimh na nàbaidhean, agus bhiodh a’ mhòine air a cruadhachadh aige mum biodh càch air a togail.
Turas a bha sud, goirid an déidh do Chalum a’ mhòine a chruachadh, thachair do theaghlach cheàrdairean tighinn do’n dùthaich, agus chuir iad suas am bùth faisg air croit Chaluim. Cha robh fada gus an do mhothaich Calum gu robh aon de na cruachan mòine aige a’ fàs beag. “Tha droch amharas agam,” arsa Calum ris fhéin, “gu bheil cuideigin ga gharadh fhéin le mo chuid mònadh-sa.” Chuir an gnothach chuige Calum mar a chuireadh e duine sam bith, an déidh gach latha goirt a bh’aige cur a chuid mònadh chun an ìre ud.
An oidhche bha so, rinn Calum faire air cùl cloiche am fianuis na cruaiche. An déidh mheadhon-oidhche ’s am baile aig fois ghluais Uilleam Ceàrd a-mach as a’ bhùth le poca bolla falamh ’na làimh agus rinn e air a’ chruaich aig Calum ’s thug e aisde gus an robh am poca air a stichdeadh mach air a bheul le mòine chruaidh dhuibh a b’fheàrr na gual. Dh’fhuirich Calum far an robh e gus an robh an ceàrd air dol seachad le eallach, agus an sin ghabh e dhachaidh a dhealbh ’na inntinn ciamar a dheanadh e dìoghaltas air a’ ghadaiche.
Gu ro mhoch an ath mhadainn thog Calum air gu tigh Dhòmhnaill Clachair agus nuair a bheannaich e an latha dha[234]
Chùm Calum faire an oidhche sin agus an ath oidhche, ach cha dànig Uilleam idir a ghoid. An treas oidhche mar a chleachd nochd Uilleam Ceàrd le a phoca bolla agus muinntir a’ bhaile ’nan cadal ach Calum. “Bithidh car eile an adhairc an daimh mun caidil mise a-nochd,” arsa Calum ris fhéin agus e an dòchas gun cuireadh an ceàrd dubh fòd an fhùdair do’n phoca. Le phoca làn air a mhuin ghabh an ceàrd ceum socair air ais do’n bhùth agus lean Calum e gus an robh sealladh math aige air a’ bhùth agus an t-àite teine air an ùrlar.
“So,” arsa Mèarag ri a fear nuair a nochd e, “tilg fòd na dhà air an teine ’s a gus a dhol ás.” Bha poit mhór a’ goil os a chionn agus thilg Uilleam trì no ceithir fhòdan fo’n a’ phoit. Shuidh Uilicam ’s a bhean ’s a thriùir mhac timcheall an teine a dh’fheitheamh gus am bruicheadh stuth na poite. Chaidh an oidhche le Calum a bha air cùl tomain ’s a shùil air a’ phoit dhuibh am mullach an teine. ’S gann a bha an ceàrd mór air a phìob a lasadh na rug an teine air an fhùdar. Bu mhath chun a so e. Bha fuaim ann coltach ri gunnaichean móra long chogaidh. Spreadh a’ phoit ’na bìdeagan agus bha sradagan teine a’ dol cho fada ri fichead slat, a’ tolladh a’ chanbhais. Leis a’ chiad fhuaim thug an teaghlach an dorus orra, agus an Ceàrd Mór a’ glaodhaich “Mort! Mort! Tha ’n Donas an so. Tha ’n Donas an so.”
Nuair a chunnaic Calum gun do dh’oibrich an innleachd aige dh’fhalbh e dhachaidh a chadal. ’Sa mhadainn nuair thug e sgrìob mucuairt mhothaich e gu robh càmpa nan ceàrdairean ’na seasamh air a leth tarsainn is toill sa’ chanbhas a rinn na sradagan. Ghabh na seòid uiread de dh’eagal ’s nach do dh’fhuirich iad air àrainn na bùth gu an cuid a ghlacadh, ach theich iad le’m beatha cho luath ’s a bheireadh an casan iad. Chaidh an eachdraidh aithris le Uilleam ’s a theaghlach agus làn chreid na bhuineadh do threubh nan ceàrdairean gum b’e an Sàtan fhéin a thadhail air càmp Uilleim Ceàrd an oidhche ud.
Chan fhacas ceàrd no ban-cheàrd an Licisto bho latha ud.
title | Fealla-Dha an Licisto |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
parent text | Gairm 47 |