Air An Spiris
ANNS na ràithean ’s na bliadhnachan a tha air thoiseach oirnn, tha fhios gun dig iomadh atharrachadh air Roinn na Gàidhlig sa’ Bh.B.C.Dh’ fhàg Eóghan Mac-a- phì a sheula fhéin air an Roinn sin, agus air a’ Bh.B.C. an Albainn gu h-iomlan, agus air dha a nis a dhreuchd a leigeil dheth, dh’ iarramaid taing a thoirt dha airson gach seirbhis a thug e do ar cànain, is ghuidheamaid dhà saorsainn is toileachas ’na shaorsa, agus obair ás ùr anns na raointean a thaghas e. Anns an aon fhacal chuireamaid fàilte air Fread MacAmhlaidh a tha a’ togail an eallaich. Tha sinn eòlach air a ghuth agus air obair, agus ghuidheamaid gach soirbheachadh leis.
Mar a bhios obair a’ Bh.B.C. a’ leudachadh anns a’ Ghaidhealtachd—agus tha fhios gun tachair so leis na stéiseanan ùra a thathas a’ togail—bithidh sùil againn ri daoine ùra ’s ri dòighean ùra. Bhitheadh e nàdurrach agus fallain nam biodh barrachd phrógraman air an deilbh air a’ Ghaidhealtachd fhéin, agus gum biodh pàirt de ’n obair so air a chur an tairgse nan Gaidheal ’s nan Gall air Galldachd. Bhitheadh e iomchuidh gun deigheadh uairean a chur air leth airson luchd-Gàidhlig sna sgoiltean—chan ann a chùm cànan a theagasg dhaibh, ach a chùm eòlas a thoirt dhaibh air eachdraidh, air ceòl, air cruth is air caitheamh-beatha an t-saoghail mhóir, air cuspair sam bith a tha iomchuidh agus feumail do chloinn sgoile—tre Ghàidhlig.
A thaobh ciùil, nach bu chòir do ’n Bh.B.C. a bhith ceum air thoiseach air càch, a’ deilbh dhòighean is chruthan ùra, gun dearmad a dhèanamh air na rudan luachmhor a tha nar dìleab? Tha aca ri sùil a chumail air an aois ’s air an òigridh, agus chan eil sinn gun dòchas gun tarraing iad air ais bho shloc nan daolagan pàirt de òigridh na Gàidhlig, agus gu seall iad dhaibh nach do chaill ceòl nan Gaidheal a’ bhuaidh a bha aige air ar sluagh fad cheudan bliadhna.
Bithidh cuideachadh a dhìth air luchd a’ Bh.B.C., agus ’se an cuideachadh a b’ fheàrr a b’ urrainn dhuinn a thoirt dhaibh ar n-ùidh a nochdadh, le bhith a’ sgrìobhadh thuca, gam moladh is gan càineadh, ag iarraidh tuilleadh tìde do ’n Ghàidhlig, is a’ sealltainn dhaibh gu bheil sinn a’ dèanamh feum de ’n tìde a th’ againn.
title | Air an Spiris |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Gairm 48 %p |
parent text | Gairm 48 |