[349]

JOE

Le RUAIRIDH MOIREASDAN (Fìde-gearraidh)

THA mi faicinn,” ars Iain, is e togail a chinn on phàipear bha e leughadh, “ gu bheil sluagh Eilein Mhalta an dùil an saorsainn fhaotainn on riaghladh againn a dhaithghearr.”

Tha mi fior thoilichte sin a chluinntinn,” fhreagair mi. “Mo bheannachd aig duine no àite sam bith a tha ag iarraidh gu thaca leigeil air a chasan fhéin.”

Ach carson an droch rud tha iadsan ag iarraidh air falbh on rìoghachd so?” chùm Iain air, mar nach robh e air mo chluinntinn. “ ni na truaghain ud ma théid am fàgailnan aonar?”

,” arsa mi fhìn, “uireads a chuimhne thagam-sa air an eilcan bheag sin, cha do chuir an riaghladh againne bheag a bheartas am pòcaid na dhaithnichinn-sa deluchd-àiteachaidh. Ach tha fhiosam air aon rud. Ma tha muinntir Mhalta an diugh cho duineil agus a bha fear de na balaich aca bha còmhla riumsa tìde achogaidh, cha bhi eagal dhaibh an uair a leigeas iad ás an gréim: air an dùthaich so.”

Thàinig mi-fhìn tarsainn air fear no dhithis dhiùbh cuideachd,” ars Iain, apasgadh aphàipear agus ga chur air ais air abhòrd. “ ’Sann acòcaireachd no frithealadh do na h-oifigearan a bha achuid bu mhotha dhiùbh, nach ann?”

“ ’Sann gun teagamh,” thuirt mi fhìn, “ agusse còcaire oifigear bha so cuideachd. Banns anFleet Cluban Alecsandria a choinnich mis an toiseach ris.”

Cha be àite nach aithnichinn!” ars Iain le gàire. “ ’S iomadh sgeula a dhinnseadh an dearbh fhàrdaich a bheireadh gruaidhean dearga is cromadh-cinn do iomadach neach a tha an diugh adeanamh uaill anns an stuamachd aca. Ach cùm ort le do stòraidh.”

Lean mi orm. “Bha mi fhìn agus an còcaire bhair an t-soitheach againn air tìr an latha so, agus sinn nar suidhe aig bòrd a-muigh air cùl anFleet Club. Tha cuimhne agad air na bùird a bha air an suidheachadh anns aghainmhich?

Ro mhath!” thuirt Iain.

A nis,” arsa mis, “ ’se Maltach a bhanns abhalach a bha còmhla rium, agus fhads a bha mise thall aig abhàr ag iarraidh bhotal Stella nach ann a chuala mi e ag éigheach, agus an uair


[350] a sheall mi sìos far an robh e, bha e asméideadh trì meuran rium mar chomhar botal eile a cheannachd. Rinn mise sin agus an uair a thill mi bha an cnapaire mór dorch sinna shuidhe aig abhòrd còmhla ris.

So balach a mhuinntir an eilein againn,’ arsa mo charaid rium.

Tha mi toilichte bhur coinneachadh,” arsa mi fhìn, acur nam botal air abhòrd agus asìneadh mo làimhe thuige. Bha a dhà làimh-sannan laighe air uachdair abhùird. Cha do charaich e iad á sin agus cha dubhairt e smid. Dhfhairich mi maodann afàs teth.

Ceart, a nàbaidh,” arsa mis rium fhìn, agus mi tarraing mo làimhair ais, “ma na caomh leat mise theirig is ceannaich do leann fhéin!” Chuir mi aon bhotal air beulaibh mo charaid, rug mi air na dhà eile agus shuidh mi air taobh cile abhùird.

Nam be mise bha sin bha e air a faighinn mu tholl na cluais’ ,” ars Iain. “ a rinn thu an uair-sin?”

Chuir mi an dara botal ri mo thaobh air aghainmhich,” fhreagair mi. “Shuath mi mo làmh mu amhaich an fhir eile, thug mi gu mo bheul e, agus thug mi steallag mhath ás, acumail mo shùl air an ùmaidh duine so fad na h-ùine.”

Thug mo charaid balgam ás abhotal aige fhéin. Thog e aphacaid a bhair abhòrd ma choinneamh, chuir e fag air mo bheulaibh, ile air beulaibh achinnich eile bha so, agus chuire ilena bheul fhéin. Le bheul letheach dùinte agus e alorg lasadairna phòcaid, thuirt e ra cho-eileanach, “ ’Sann á Albainn a tha mo charaid Seoc am an so; ás an fhìor cheann-a- tuath aice. Chan e Sasannach a thann idir. Buinidh e do eilean, dìreach mar sinn fhìn. Tha dithis eile ás an eilean aca air bòrd an t-soithich againn, agus bha dùil agam-sa an toiseach gur e Ruiseanaich a bhannta. Chan e aBheurla achainnt aca idir agus cha bhruidhinn iad i ach nuair a dhfheumas iad.”

an dithis bha sin?” dhfhaighnich Iain dhomh.

Dithis bhalach bho na Lochan.” arsa mis. “Chan aithnicheadh tusa iad.”

a thachair an uair sin?” ars Iain.

a thachair!” thuirt mi. “Chan fhaca tu a leithid a chaochladh atighinn air duine a riamh. Dhfhalbh aghnùig bho aodann agus chanadh tu gun sgàineadh an gàire an craiceann aige. Leum e gu chasan, shìn e ghàirdean a-null air abhòrd, rug e air làimh orm, agus chrath e sìos is suas i, afàsgadh air mo mheuran gus mu dheireadh bha eagal orm nach tilleadh an lùths a chaoidh thuca.

Air do shocair! Air do shocair!’ dhéigh mi ris.

Leis e ás mo làmh ach chuir e ghàirdean mum amhaich agus dhéirich meagal gun tachdadh e mi. Fhuair mi air crùbadh agus


[351] gréim a ghabhail air abhotal a bha air an làr agus shàth mina dhòrn e.

Air do shlàinte,’ arsa mis ris.

Slàinte mhath,’ ars esan. ‘dhomh fhìns dhut fhéin. Seoc, ach droch àit do na Sasannaich!’

Nach iad a bha dubh dha,” ars Iain. “Cha robh càil agam fhìnnan aghaidh.”

Cha robh na agam-sa.” thuirt mi fhìn.

“ ’S iomadh caraid a bhagamnam measg. Ach cha be sin don laoch so. Cha robh Eireannach a riamh aig an robh uiread de nàimhdeasna chridhe do na Sasannaich agus a bhaige-san, agus goirid an déidh so an uair a dhfhalbh e air ais don t-soitheach aige fhéin agus i dol a sheòladh, chuir mi acheist ri mo charaid is sinn nar n-aonar aig abhòrd.

Nach eagalach abhith a thaige do na Sasannaich,’ arsa mis. ‘ as coireach?’

Tha aobhar air an sin,’ arsa mo chompanach. ‘Chan eil e idir cho riaraichte a bhithna sgalag aig oifigearan Nèbhi Bhreatainn agus a tha mise. ’Se Sasannaich gu léir a thanns an fheadhainn a bheil e deasachadh an dràsda, agus tha e coltach gur ann truagh a tha achòcaireachd aige acòrdadh riutha, agus chan eil leisg sam bith orra sin innse dha, agus chan ann anns achainnt as modhaile, ach mar as motha ghearaineas iadsan is ann as coma tha esan afàs. Lath’ -eigin, creid mise, tha cuideigin dol a dhìoghladh air a dhol-a- mach ris. Gheibh cuideigin aphrais is na tha innte mu na cluasan. Agus rud eile. Chan e balach gun tùr gun toinisg a tha sud idir. Cha bann aruith air falbh on sgoil mar a bha mise bha am fear ud idir, agus cha toigh leis an tàir a tha aig luchd na rìoghachd agaibhse air fhéin is air a dhaoine, agus tha mi cinnteach ma bhios e air a chaomhnadh an uair a sguireas an cogadh tha so, nach téid stad air gus an téid an Sasannach mu dheireadh a thilgeadh a-mach ás an eilean againn.’

Ach,’ arsa mise, ‘is cinnteach gum bu chòir dha a bhith cheart cho déidheil air na h-Albannaich is na h-Eireannaich is na Cuimrich a thilgeadh a-mach cuideachd.’

Chan eil fhios agam air a sin,’ fhreagair e. ‘Tha sgoil mhór aige. Cha leig e leas a bhith caitheamh a bheatha adèanamh lites asgùradh phraisean do dhaoine, móran aca nach eil càil nas fheàrr an e fhéin. Achse Maltach a th ann agusse an gailidh àite! Agus innsidh mi so dhut. Théid min urras gu bheil eòlas aige air eachdraidh na rìoghachd agad cho math is a tha agad fhéin, agus tha fhios aige gun dfhuiling sibhse cuideachdnur latha aig làmhan nan Sasannach.’

Dhéirich Iain is bhiortaich e an teine. “Bha cuibhrionn aige dhen fhìrinn an sin,” thuirt e. “Chan e gu robh na Sasannaich


[352] càil na bu mhiosa dhuinne na na daoine móra againn fhìn agus bhiodh iad sin fhathasd na faigheadh iad an cothrom. Ach am faca tu am Maltach so tuilleadh?”

Cha do dhinnis mi ach leth mo sgeulachd,” fhreagair mi. “Is ann as déidh so a chunnaic mi è!

Chaill sinne an soitheach ann an uisgeachan na Gréige an samhradh sin, agus a-measg nam balach gasda chaidh a chall còmhla rithe bha mo charaid Andi, am balach a bha maille rium an oidhchud anns anFleet Club. Thug mi greis ann an Crete agus ann an càmp ann an Alecsandriatha cuimhne agad airSphinx? —mus deach mo dhraftadh gu baile-puirt shuas anns an fhàsach. Leis an fhìrinn innse, bha mi taingeil a bhith air talamh tioram airson greiseig. Mar a tha fhios agad fhéinse beatha chruaidh a bhaig balaich na mara anns aChuan Mheadhonach aig an àm ud. Ach co-dhiù. An uair a ràinig mi am baile beag a bha souireads a bha air fhàgail dhethagus a fhuair mi àite anns na chuir mi mo phoc is mo hamag dhfhalbh mi air los blas bidh.

Nis, a riamh on chaidh mi dhan Nèbhi bha dithis air an robh mi cur eòlais cho luath agus a burrainn dhomh, agus bha mi cinnteach, air bith air an deighinn a-mach, nach deighinn a-mach orra-san. Biad sin Tancaidh (a bha an urra ri Stòr aBhidh agus an Còcaire. Is iomadh latha dhfhàg sin ugh air mo thruinnsear an auair nach robh ach aon aig càch! Le sin chaidh mi a lorg aghailidh feuch an robh càil innte de chòrr na diathad, agus gam dhèanamh fhìn suas ris achòcaire cho luath is a burrainn mi.

eil an gailidh?’ thubhairt mi ri fear de na balaich a bhana shuidhe am fasgadh gàrraidh (fasgadh bhon ghréin, tha mi aciallachadh) agus e asgrìobhadh litreach. Cha mhór nach do dhfhanntaich mi an uair a dhinnis e dhomh ann an cainnt chruaidh Chocnaidh gu robh leth mhìle air falbh shìos air bàrr na mara. ‘A Chruitheachd,’ arsa mis, ‘ged a gheibheadh tu làn do bhroinn shìos an sin bhiodh an t-acras ort mun tilleadh tu.’ ‘Bithidh an t-acras ort an so afalbhs atighinn, a mhadainns a dhfheasgar, a dhoidhches a latha,’ arsa balach Lunnainn, ‘agus am balgaire tha sudshìn e am peann a bhana làimh a dhionnsaigh na togalach a bha aig ceann aghàrraidh leth-cheud slat air falbhchan fhaigheadh tu làn do bheòil dhen uisge bhuaidhe ged bhiodh an teanga agad air tiormachadh mar àrc.’

Mus fhaighinn air acheist a chur ris chum e air adhart. ‘Sud gailidh nan oifigearan,’ ars esan. ‘Feuch riut an téid iadsan leth-mhìle dhiarraidh am bìdh. Cha téid na leth-cheud troigh.’ Tharraing e smugaid a-nuas á amhaich agus thilg e saghaimhich aig a chasan i, agus chanadh tu gun ghoil i an sin mar gum bann meadhon an teine a bha e air a sadadh.


[353]

Chan eil thu féins an còcaire a tha adeasachadh do na h-oifigearan glé réidh a réisd,’ arsa mise ris.

Réidh!’ ghlaodh e, is a shùilean acur carna cheann. ‘Réidh! bhiodh réidh ris an trusdair ud. Muc de Mhaltach nach bruidhinn modhail riut. Chanadh tu gur ann leis than àite.’ Thilg e an ath smugaid don ghainmhich, rinn e mionnan do na cuileagan bhanan sgaoir mu thimcheall, agus thill e gu sgrìobhadh na litreach.

Choisich mi ceum no dhà air falbh. Stad mi. An dùil? An dùil an e mo charaid a thachair rium anns anFleet Clubagus a bha saoilsinn cho beag de na Sasannaich a bhann? a nis an t-ainm a bhair? Joe! Joe rudeigin?

Ghabh mi null gu dorus aghailidh, agus thug mi sùil a-steach. Cha robh dad de sholas a-stigh. Cha robh ann ach an aon uinneag bheag is bha lìon tarsainn oirre a chumail a-muigh nan cuileagan. Bha cuideigin a-stigh agus a dhruim rium is e asgrìobadh prais’ .”

Thilg Iain am fag a bha e asmocaigeadh don teine. “Na can rium gur e Joe so a bhann!” ars esan.

Cha robh fhios agam fhathasd,” fhreagair mi, “ach bho chùlaibh bha e deamhnaidh coltach ris. Rinn mi casda agus thuirt mi air mo shocair, ‘An tu a thann, Joe?’ Thionndaidh am fear a bhann a cheann. Cha mhór nach robh mi cinnteach a nis gur e a bhann. ‘Eil cuimhne agad orm, Joe? Seoc! Thachair sinn anns anFleet Cluban déidh na BliadhnUire. Bha dùil agad gur e Sasannach a bhannam an toiseach! Rinn mi gàire beag ris.

Dhèalraich fhiaclan geala ann an duirchead achraicinn. ‘Seoc! ’ thuirt e is a rithisd, ‘Seoc!’

Cuimhnagam ort? Ma tha! Bha thu comhri Andi. ’S tu an caraid a bfheàrr a bhaige. Dhinnis e fhéin dhomh. An truaghan bochd! Bha mi aig an tigh an uair a thàinig am fios gu màthair gun deach e as an rathad. An robh fhios agad gu robh sinn glè chàirdeach da chéile? Bha sinn anns na h-oghaicheanno na h-iar-oghaichean co-dhiù. “Ach is dòcha nach eil sibhse acumail achàirdeis cho fada ruinne ann,’ ars esan is fiamh aghàire aruith tarsainn air aodann a rithisd.

Bha e fada ceàrr an sin,” thuirt Iain. “Nam biodh fhios aige cho tric is a fhuair mise mo chàineadh chun an chluais airson nach deach mi choimhead air an neach ud non neach ud eileiar-ogha do bhràthair mo sheanar no dubh-ogha do phiuthar mo sheanmhar!”

Cha robh thìde agam-sa sin a radh ris,” lean mi orm. ‘Thig a-steach, thig a-steach!’ thuirt e rium. ‘So, suidh an sud!’ is e togail threallaich o uachdar bucais is e acàradh pocair.

Rinn mi sin agus ann an tiotadh bha pìos arain anns an dara làimh agam agus muga còco san làimh eile. Chùm esan air a[354]


[355] bruidhinnna facail ataomadh uaidhe mar uisge á fuaran na creige. Cha robh càil mun àite nach do dhinnis e dhomh mu dheidhinn. ‘Bithidh tusa ceart gu leòr,’ thuirt e rium mu dheireadh. ‘Bithidh tusa ceart gu leòr. Tha P.O. math agaibh. Seoc mar thu fhéin. Cha bhi eagal dhutsa,’ thuirt e rithisd, mar gu robh farmad aige rium.

mu do dheidhinn fhéin?’ dhfhaighnich mi dha. ‘Is iongantach gu bheil duine acur dragh ort ann an so.’

Tha!’ ars esan, ‘agus chuireadh e dragh ort-sa cuideachd na leigteadh leis. Ach nach duirt mi riut gu robh P.O. math agaibh? Cha leig am balach sin leis gnothaich a ghabhail ruibh-se. Cha be bheath’ !’

tha so air a bheil thu bruidhinn?’ arsa mise. “Fear de na h-oifigearan?’

Chan e.’ fhreagair e. ‘Tha iad sin cho math is a tha e comasach dhaibh a bhith, tha mi creidsinn. Chan eil ach aon Shasannachnam measg. Chan each an Deontaidh! Balgaire beag smuigeach bu chòir a bhith air a thachdadh nuair a rugadh e. An uair a smaoinicheas mise! Balaich ghasda mar Andi acall am beatha agus troca den t-seòrsa ud afalbh na talmhainn. Chan eil ceartas man t-saoghal idir, idir,’ is thug an dara dòrn aige brag ann am bois na làimhe eile. ‘Ach eil fhios agad air an so? Mur sguir e ghabhail gnothaich riumsa agus tha mi adèanamh, mo mhioian . . . !’ Stad e. Be sud an aon uair a riamh a dhfhailich air rùintean inntinn a chur ann am facail.

Bhris Iain a-steachnam chòmhradh:— “Saoilidh mi nam biodh do charaid adèanamhoibreach mar bu chòir dha nach biodh aobhar sam bith aig duine gnothaich a ghabhail ris. Cha robh an Deontaidh adèanamh ach a dhleasdanas.”

Dhfhaodadh sin a bhith,” fhreagair mi, “ach nach seall thu air an so? Cha do ghearain aon de na h-oifigearan ris, agus tha mi cinnteach gu robh Joe adeanamh a dhìchill ach an toilicheadh e iadsan. Ach nach saoil thu gu bheil thu coimhead a-steach a dhinntinn abhalaich so? Bha e mar a chanadh tuna aonar. Cha do rinn e e fhéin suas ri duine bha còmhla ris, agus tha mi creidsinn nach tàinig e steach orra-san a riamh oidhirp a dhèanamh air abhalla Joe atogail eadar e fhéin is iadsan a leagail sìos.”

Ciamar a thàinig agad-sa air beàrna a thoirt air abhalla sin cho luath?” dhfhaighnich Iain.

Chuir mi an dearbh cheist sin rium fhìn uair is uair,” arsa mise. “Chan urrainn mi a radh gun dfhuair mi riamh fosgladh dhi a riaraich mi, ach saoilidh mi gun lean an ceangal a bhaige ri Andi rium-sa gu ìre air choreigin. Agus rud eile. Tha mi den bheachd nach eil càil a nàdur sealltainn sìos anns na Gaidheil idir, no sealltainn suas a bharrachdco-dhiù ann am muinntir nan Eileanan


[356] an Iar. Is dòcha gu bheil beag no mór de làmh sabhonaid fhathasd ra fhaotainn air tìr-mór agus anns na h-eileanan as fhaisge air, ach ma bha e riamh ann, is fhada bho dhfhalbh e anns na h-eileanan againn. A nis, am fear nach seall suas anns an t-seagh so cha sheall e sìos nas motha, agus tha mi an dùil gu robh Joe afaireachadh mar gum beadh gu robh mi fhìn is e fhéin air an aon cheum den staidhrenach robh an dara fear ga fhaicinn fhéin na bàirde no na bìsle na am fear eile.”

Feumaidh mi aideachadh nach tàinig an smuain sin a riamh a-steach orm,” ars Iain, “agus ma tha i fìoragus cha chanainn, nach eilnach e sin an t-aobhar an soirbheachadh a tha dol leis na daoine againn air bith n téid iad air feadh an t-saoghail; gu bheil iad gan dèanamh fhéin suas ri neach sam bith a thachras riutha, gun a bhith coimhead sìos air no coimhead suas ris. Agus tha mi làn chreidsinn ma tha piseach adol a thighinn air an talamh tha so, gu feum móran a bharrachd oirnne thighinn chun abheachd so.”

Chan eil teagamh idir,” arsa mi fhìn, “nach eil daoine ann a tha airidh air gum bi sinne acoimhead suas riutha agus atoirt urraim dhaibh, ach mar as trice is iad sin muinntir a tha iad fhéin iriosal, gun mhór-chuisnan gnè. Chan eil gnothaich aig so agus inbhe breith no beairteis.”

Ceart gu leòr,” thuirt Iain, “ach cuimhnich, a charaid, gu robh ùghdaras aig an Deontaidh bha so agus tha fhios chinnt agad fhéin gur ann bochd a bha cùisean air a bhith nan robh sinn gu léir air diùltadh géilleadh don ùghdaras bha sin.”

Faodaidh sin a bhith,” fhreagair mi, “ach thoir thusa sùil an ais do na làithean bha sin agus chì thu nis gur e am fear bu lugha thug an t-ùghdaras a chaidh a thoirt dha am follais bu mhotha rinn a dhfheum dheth. Agus cha robh Joe fada amothachadh nach robh an duine so leth cho trom air càchs a bha e air-san. Agus carson nach robh? Ceart no ceàrr leum am balach chun acho-dhunaidh gur ann airson gur e Maltach a bhann agus gu faodadh e an rud a thogradh e dhèanamh ris.”

Cha duirt Iain guth fhads a bha e aroiligeadh fag is ga lasadh. Shéid e acheò troimhchuinnleanan is thuirt e,

mar chaidh dhuibh an déidh sin?”

Thug mis is Joe ceithir mìosan còmhla ra chéile anns an fhàsach,” arsa mise, “Uairean a bha sinn dòigheil is uairean nach robh. Bheireadh sinn an ionnrairidh adeasbaireachd mu gach fon ghréin. Cha robh sinn idir an còmhnaidh atarraing air aon aon riamh ach cha deach sinn a riamh a-mach air a chéile. Chuireadh sinn an saoghal air dòigh an dara h-oidhche augs bheireadh sinn ás a chéile an ath oidhche. Ach air bith càiten tòisicheadh sinn no na raointean troimhn deigheadh sinn, aig


[357] ceann gach cùise thigeadh esan chun an aon chuspairan t-eilean aige fhéin is a dhaoine, agus a burrainnear a dhèanamh ás an leth an uair a bhiodh an cogadh seachad.

Cha bhi eagal dhuibh,’ chanainn ris. ‘Tha spéis is urram mhór aig an rìoghachd againne dhuibh. Seallaidh an Riaghaltas againn ás ar déidh. ’S iad a sheallas; is sibh as fhiach!’

Chrathadh e cheann. ‘Chì sinn, chì sinn,’ chanadh e air a shocair, is chrathadh e an uair sin a cheann a rithisd. ‘Tha Malta an dràsda mar a tha mise is tusa, is móran eile dar leithid. Cha dèanar achùis as ar n-aonais. a thann ach sinn an diugh! Ach fuirich gus am màireach! Bithidh an éiginn is an cruaidh-chàs seachad an uair sin, is cha bhi guth ort-sa no orm-sa. achuimhne bhios air Eilean Mhalta an latha sin? achuimhne bhios air Andi? Ach a-mhàin aig a mhàthair bhochd a gheibh dhà no thrì thasdain san t-seachdain a dhèanamh suas dhi na chaill i. Nach eil fhios agad gum bi feum Bhreatainn dhan eilean againne seachad an uair a bhios an cogadh seachad. Bithidh sinne mar chloich ma h-amhaich. Achsann an sin tha mise acoimhead dòchais do mo dhaoine. Chì iad an latha sin gu feum iad seasamh air an casan féin; gun tig orra an tobraichean féin a chladhach, oir bithidh an t-àm seachad anns an leig muinntir eile dhaibh dileag an dràsdas a rithisd a tharraing ás na h-uisgeachan acasan. Chan eil teagamh nach bi sinn fhathasd bochd an taca ruibh-se ach gheibh sinn slàinte an so.’ agus chuireadh elàmh gubhroilleach. ‘Tha fhiosam,’ chumadh e air. “gu bheil thusa gam thuigsinn, ach an dùil a bheil duine stigh an sud adèanamh sin?’ Chrathadh echeann a dhionnsaigh an tigh-fo-thalamh far an robh na balaich agleadhraich a-measg a chéile. “An dùil a bheil dragh aca-san thachras a màireach? Chan eil sìon! Faodaidh mise is mo luchd-dùthcha an droch-àit a thoirt oirnn ma gheibh iadsan dachaidh tèaruinte.’

Tharraing Iain an stòl air an robh ena shuidhe na bfhaide bhon teine a bha nisna chraos dearg. “An robh an duine sin idir atuigsinn,” thuirt e, “gu robh gu leòr de na balaich sin is dòcha air an dachaidhean is air an luchd-dàimh a chall a cheart cho math ri muinntir an eilein aige-san. Cha bann gu gin a thèaruinteachd a bha iad atighinn ged a tuigeadh iad an dachaidhean air ais. Sheas an cunnart os cionn Lunnainn fada an déidh dha Malta fhàgail.”

Thuirt mise sin ris.” arsa mi, “uair is uair, achse chanadh e, ‘Is nach robh fhios agaibh air an sin an uair a thàinig sibh a-steach dhan chogadh tha so? Cha bann le ur sùilean dùinte thàinig sibh a-steach idir. Chan e gu bheil mise cur ás ur leth gun dsheas sibh an àirde ri Hitler. Ach sinne. Cha deach ar faighneachd. Sguab sibh sinne steach còmhla ribh fhéin agus ged[358]


[359] bhiodh sinn airson cumail a-mach cha robh chothrom no chumhachd againn a dhèanadh sin.’

Cha robh e uair sam bith gun a fhreagairt aige,” ars Iain.
Càite an deach e air dhà an t-àite sin fhàgail?”

Tha mi tighinn chun a sin,” fhreagair mi. “Ri taobh aghailidh aig Joe bha togalach bheag eile. Anns an dara ceann dhi bha àite far an robh sinn agleidheadh ar pocannan agus sam bith eile air nach robh sinn acur feum. Anns acheann eilesann a bha Joe acumail annlan nan oifigearan agus am bùrn a bha tighinn thuige h-uile madainn airson tea a dhèanamh, is nithean a bhruich is soithichean a ghlanadh. Bha an t-àite so fo ghlais, oir bha balaich an sud (chan eil mi gam chunntadh fhìn a-mach ás a measg!) nach biodh fada gan cuideachadh fhéin, agus nan deigheadh na h-oifigearan leis an acras bu choma leinne sin. A h-uile h-oidhche an déidh na suipearach bha ena chleachdadh aig Joe an iuchair a chur an làimh an Deontaidh, ach dhfheumadh esan an toiseach dèanamh cinnteach nach robh Joe air dara leth nan annlan ith, no ghoid, no thoirt seachad, agus cha bu leisg leis a thilgeadh air Joe gun robh e air sin a dhèanamh. Chùm Joe a dhroch-nàdur fo smachd is cha chanadh e dùrd.

Tha cuimhne agam aon latha balach òg Cuimreach a thighinn a-steach agus innse dhuinn an uair a bha e rannsachadh a-measg nam pocannan anns an tigh bheag bha so, gun mhothaich e gun robh toll aig ìochdar abhalla a bha eadar an sheòmar, agus le glé bheag de shaothair gun gabhadh an toll a dhèanamh cho mór agus gu faigheadh duine steach a-measg annlan nan oifigearan. Ach naidheachd deireadh achogaidh fhéins iongantach gun tàinig sgeul cho aoibhneach ri so gu ar cluasan! Bha cuid de na balaich deònach tòiseachadh aleudachadh an tuill anns abhad. Le aon aig an dorus a thoirt rabhaidh na nochdadh an Deontaidh no fear de na h-oifigearan, agus dithis a-stigh cha toireadh an obair fada oir cha robh càil anns abhalla ach criadh. Co-dhiù bann an ath mhadainn a chaidh a crìochnachadh. Chaidh achriadh a tiodhlaiceadh fon ghainmhich agus na pocannan a chur air ais nan àite. Bha ciste-tea afolach an tuill air an taobh eile den bhalla. Cha robh againn a nis ach feitheamh ri oidhche. Bha sinn mar bhalaich bheaga a bha air rathad fhaighinn a-steach do ghàrradh-ubhal no do lìos-churran, agus a bha fuireach le beag fhoidhidinn gun tigeadh an dorchadas. Ach bha rud adèanamh dragh dhomh fhìn. Bha e cinnteach nach biodh e fada gus am faighte a-mach gun robh meirlich san àite. Agus a gheibheadh ceannachd air? Gheibheadh an t-aon duine a bha neo-chiontach. Cho fada is a bha fhios againn, cha robh amharus aig Joe bha dol air adhart. Ach bha cinnt agam-sa nach robh mo charaid cho dall no cho beag-tuigsinn is nach robh fhios cinnt aige gun robh


[360] an toll so ann o chionn fhada. a nis a dhèanadh e? An sealladh e an toll don Deontaidh an uair a thigeadh e a-null feasgar, agus am biodh iad air chùl-amhaich oirnn nan deigheadh sinn air àrainn an uair a thuiteadh an oidhche. Bha càchnan tàmh an uair a chuir mi mamharus ann an cainnt riutha. Cha drinn sinn càil an oidhche sin. Larna-mhàireach chaidh an toll a shealltainn do Joe agus gheall sinn nach toireadh sinn leinn biadh sam bith ach cha ghealladh sinn idir nach crùbadh fear againn a-steach an dràsdas a rithisd nam biodh am pathadh air no an uair troimhn oidhche nach biodh againn den bhùrn na dhèanadh an còco. Chan eil mi smaoineachadh gun robh nàimhdeas Joe do na Sasannaich, co-dhiù don fheadhainn aca bha còmhla ruinn an sud, cho làidir tuilleadh.

Cha robh e fada an déidh so an uair a thàinig droch thìde oirnngaoth mhór is i sguabadh na gainmhich a-steach don h-uile h-àite. Bha Joe afaighinn a mhì-shealbh on Deontaidhcarson nach robh na praisean aige glan; carson nach robh an dorus aige fosgailte no carson a bha an dorus fosgailte, carson nach robh e anigheaparain no carson a bha e adeanamh ana-caitheamh air abhùrn anighe aparain. Bha mi fhìn agabhail eagail nach seasadh Joe ris móran na bfhaide, agus làn fhios agam nan cailleadh e e-fhéin idir gu robh e cunnartach air call a dhèanamh air abhleigeard bheag a bha so.

Air amhadainn-sa, mu àm “Stand Easy,” chaidh fear de na balaich suas a dhiarraidh bùirn airson na tea. ’Se am balach Cocnaidh ma tha cuimhnagad a bha asgrìobhadh na litreach achiad latha agam anns an fhàsach a bhann. Ann an tiota chuala sinn brag nam brògan aige atilleadhna ruith nuas an staidhre. Cha téid an sealladh a bha air aodann gu bràth ás mo chuimhneana-creideamh, uabhas, gàirdeachas acathachadh ra chéile! ‘Blimey!’ ars esan, ‘Joe ’s crowned the Jaunty! !’


[361]

Bha sinn mar an dealanaich suas an staidhre bha sud. Chuala sinn ràn an Deontaidh mus fhaca sinn e. Bha e air taobh a-muigh aghailidh, aruith timcheall mar laogh an déidh an fheisd a bhriseadh, a dhà làimh air mullach a chinn is e ag éigheach àird a chlaiginn, “Tha mi air mo losgadh! Tha mi air mo losgadh!’ Measgte anns an fhalt aige agus anochdadh a-mach ás na cluasan aige bha an t-sneap agus an curran agus na lusan eile bha anns aphrais a bha Joe air a càradh air a beul fòipe air mullach a chinn. ’S beag an t-iongnadh ged a bhiodh an truaghan aglaodhaich gu robh e air a losgadh. Bha an dearbh phrais air a bhith agoil air an teine uair-a- thìde mus drinn Joe an fheum bha so de na bhana broinn. Bha esan a nis, a làmhanna phòcaidean is fiamh aghàire air aodann, ’na sheasamh ann an dorus aghailidh agus a thaca ris an ursainn. Thog mi mo làmh ris ach cha do leig e air gu face mi.”

rinn iad air?” thuirt Iain. “Gheibheadh esan na ceithir fichead lathas a deich, ma fhuair duine riamh iad!”

Chaidh Joe a chur fo ghlais anns an aon àite a ghabhadh glasadh,” fhreagair mi. “Ann an stòr-bidh nan oifigearan. Tràth an ath mhadainn chaidh sinne gu léir a thoirt an ceann a chéile a dhéisdeachd ris abhinn ga toirt seachad air. Sheas sinn an sud cairteal na h-uarach, leth-uair a thìde, agus cha robh iad atighinn le Joe. Chunnaic sinn an Deontaidh uair no dhà is e sgiathalaich timcheall, mar chearc a bha air a h-àl a chall.

Geall nach eil sgeul air Joe,’ chanadh an dara fear againn air a shocair ris an fhear eile, apriobadh a shùla.

Mu dheireadh thuirt an t-oifigear ruinn a dhol air ais gu ar n-obair. An uair a thill sinne bha an caiptin agus grunn eile air beulaibh aghailidh. Bha gach poc a bha anns an tigh bheag a bha ri taobh aghailidhnan dùn aig an dorus, agus an Deontaidh a sporghailnam measg mar gu robh leth-dhòchas aige gun leumadh Joe a-mach á aon diubh!

Cha robh sgeul air Joe, no air dara leth nan annlan a bfheàrr a bhaig na h-oifigearan a bharrachd! Cha be prìosan le toll a chumadh mo charaid fo chuing! Bha fhios a nis air an dòigh air an dfhuair e mach as an t-seòmar anns an robh e air a ghlasadh, ach ciamar a rinn e chùis air faighinn seachad air an fhear a bha acumail faire anns an dorus a-muigh? Chuimhnich sinn gu robh gun robh itealain nan Gearmailteach os ar cionn an oidhche roimhe agus anns an ùpraid bha sin dhèalaidh Joe air falbh. Be sin ar beachd co-dhiù. Bann ag an Deontaidh a bha an t-uallach Joe a ghleidheadh, agus bha a chruaidh-fhortan afeitheamh air-san. Chòirdeadh sin ri Joe!”

Is cinnteach nach biodh iad fada abreith air,” ars Iain. “Cha chanainn gum biodh e furasda dha e fhéin fholach anns a


[362] ghainmhich sin, agus cha sheasadh na bhaige de bhiadh dha glé fhada agus càite faigheadh e deoch?”

Chan eil fhiosam,” fhreagair mi. “Cha chuala sinne guth cinnteach tuilleadh air. Bha cuid ag radh gun deach a ghlacadh air oidhirpeachadh air loidhne an Eadailtich a ruighinn, cuid eile gu robh càirdean aige anns an Eiphit a bheireadh fasgadh dha. Chan eil fhios againn. Co-dhiù ma tha e beò chun a so, is iongantach leamsa man robh làmh aige anns na strìthean a bhaig Malta gu a saorsainn fhéin a chosnadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh, agus tha mi cinnteach an latha a theid bratach Bhreatainn a tharraing a-nuas airson na h-uairmu dheireadh, agus bratach Mhalta a chrochadhna h-àite, nach bi cridhe anns an eilean sin cho aoibhneach ri cridhe mo charaid, Joe.

Dhéirich Iain gu falbh. Bha an teine gu bhith dubh a rithisd. “Eil fhios an seòrsa bratach a thaca?” ars esan.

Carson tha thu faighneachd sin?” thuirt mi.

Tha,” ars esan, is e sìneadh a làimhe chun an doruis, “man eil dealbh aca fhathasd air a son dhinnsin-sa dhaibh am fear bu chòir dhaibh a chur oirre.”

tha sin?” dhfhaighnich mi dha.

Tha,” arsa esan le gàire, is e fosgladh na còmhla. “Deontaidh de Néibhi Bhreatainn is prais ma cheann!”

titleJoe
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Ruairidh Moireasdan in Gairm 48 %p

parent textGairm 48
<< please select a word
<< please select a page