THUIT E
Le DOMHNALL MACIOMHAIR
BHA deagh mheas aig gach duine air ann an Longabost.
Rinn am baile gàirdeachas an uair a chuala e gu robh dùil aige pòsadh. Agus rinn e gàirdeachas a rithist an uair a chuala e gur ann air Mòrag a bha dùil aige an fhàinne a chur.
Bha a’ bhanais mór, agus bu lìonmhor iadsan a bha a’ compàirteachadh anns a’ chuirm.
Ma tha slàinte anns an uisge-bheatha, bha iad ag ràdh gum b’ ann da fhéin agus do Mhòrag bu chòir a bhith slàn.
* * * * *
Chaidh e suas an staidhre. Dh’ fhosgail e an dorus. Bha i anns an leabaidh. Bha fuachd aice, agus is e e fhéin a dh’ iarr oirre na plaideachan a thoirt oirre tràth anns an fheasgar.
“Dé mar a tha thu?” ars esan.
Cha duirt i smid.
Bha i air tuiteam ann an cadal. Bhitheadh i na b’ fheàrr anns a’ mhadainn.
Chaidh e a-null far an robh an leabaidh. Chan fhaca e riamh mar so i. Ach bha i ’na cadal.
Lùb e a cheann agus e dol a phògadh a gruaidhean. Stad e. Bha i ’na cadal.
Leum a chridhe agus ràinig e mullach an tighe. Dh’ fhairich e fann. Shuidh e sìos, agus chum e a cheann ’na làimh.
Cha b’ urrainn so a bhith fìor. Dé a rinn e a chionn ’s gun digeadh so air? Bha e ’na aonar anns na smuaintean muladach so. Ach Mòrag. Is ann a bha ise ’na cadal.
Thug e sùil chun na h-uinneige, ach chan fhaiceadh càil. Bha deòir gheura eadar e agus an saoghal. Cha robh smachd sam bith aige air na deòir ud. Bha iad a’ tuiteam mar fhras anns a’ Ghiblean. Bha a ghruaidhean dearg agus teth.
Chaidh a smuaintean air ais chun na h-oidhche ud, an uair a choinnich e fhéin agus Mòrag airson a’ chiad uair. Sòlas agus fleadhachas nach fhaiceadh e tuilleadh.
Chuir dhachaidh i bho ’n danns agus dh’ aontaich i gu faiceadh iad a chéile an ath oidhche a rithist. Agus bho ’n uair sin có a thigeadh eadar iad?
Dh’ iarr e oirre a phòsadh agus cha do dhiùlt e. Thog iad an tigh so, agus le chéile rinn iad dachaidh dheth. Ach a nis. A nis bha i anns an leabaidh. Agus ’na cadal.
Thug e sùil a-null.
Dé math a bhith smaoineachadh air na h-amannan taitneach a dh’ fhalbh? Bha iad math fhad agus a sheas iad, ach dé am feum a bha unnta?
Dh’éirich e agus chaidh e mach ás an rùm. An ceann deich mionaidean bha e shìos an staidhre.
Seòmar mór falamh. Cha b’ e an aon sheòmar a bha ann bho chaidh Mòrag do ’n leabaidh. Ballachan fuaraidh ag éirigh ás an talamh agus dà chaoran a’ garadh a chéile anns an teine.
Mura biodh Mòrag air a dhol dha’n a leabaidh! Bhiodh an seòmar blàth mar a b’ àbhaist.
Chuir e air deise dhubh agus léine gheal. Cha robh math fuireach an sud na b’ fhaide.
Thug e sùil anns an sgàthan. Cha b’ e an rud a b’ fheàrr a chunnaic e. Dealbh a’ bhròin agus an duileadais.
Dh’ fhosgail e an dorus agus stad e gu h-obann. Nach robh a dheagh charaid gun deò ann air an leac, agus an cop a’ tiormachadh mu bheul. An cù bochd. Dé bha aig a’ bhàs ’na aghaidh nuair a leag e mar sud aig dorus a mhaighstir. D’e bha aig an t-saoghal ’na aghaidh fhéin. An cù marbh aig an dorus, agus Mòrag shuas anns an leabaidh.
Chuir e corp a’ choin do ’n bhàthaich, oir cha robh tìde aige a chur fo ’n talamh na dràsda.
Dh’ fhalbh e air a shlighe do ’n bhaile, agus dh’ òrdaich e gach nì a bha feumail. Thachair duine no dithis ris agus dh’ innis e dhaibh fàth a thurais.
Cha b’ fhada gu robh Longabost gu léir aig a dhorus. Shil iomadh deur agus leum iomadh cridhe.
Saoghal mór a’ chruadail. An saoghal cealgach. An dàrna uair bhiodh e cho math dhut, agus aig a’ cheart àm bhiodh e a’ toirt bhuat na nithean sin a b’ fhiach, mar shòlas agus mar bheatha.
Bha móran air an tiodhlacadh. Cha do chùm e fada iad. Is ann á Longabost a bha e fhéin. Bha an làr fliuch le deòir agus an teine dubh ás mar a bha iad gu bhàthadh.
Thàinig e am fianuis an tighe. Bha e a’ coimhead cho glas agus cho marbh. Bha na craobhan anns an lios a’ seargadh agus bha na sìtheanan ’nan cadal. Bha gach nì ’na chadal. Mòrag. An e bruadar mì-nàdurrach a bha aige? Mòrag ’na cadal agus an cù air bàsachadh. Bha an cù a nis fo ’n talamh, agus bhiodh na caoraich a’ coimhead na h-uaighe aige, agus ag ràdh, “Chan eil eagal oirnn romhad-sa tuilleadh.”
Oir is e cù math a bha ann agus bha eagal air na caoraich roimhe. Cha deanadh e càil orra a ghoirticheadh iad, ach chumadh e smachd orra. Bha e mar mhaighistir-sgoile a-measg na cloinne bige.
Chaidh e steach san tigh. Shuidh e sìos agus dh’ fhuirich e an sin airson ùine mhóir.
Nach truagh nach fhaigheadh e fhéin cadal. Chan fhaigheadh. Cha robh ceartas ann. Bha daoine ’nan cadal nach robh cho airidh air chadal ris-san. Mòrag. Thug an cnatan an cadal oirre. Nach truagh nach fhaigheadh e fhéin cnatan. Ach mar a bha e an dùil, cha robh ceartas ann.
Dh’ fheumadh e biadh a dhèanamh. Bha an t-acras air. Cha tugadh e càil gu Mòrag, oir bha i ’na cadal agus cha b’ urrainn e a dùsgadh. Dh’ òl e an tea ach cha do chòrd i ris. Cha robh blas air nì mar a b’ àbhaist. Cha robh e math air tea dhèanamh co-dhìu ach cha do rinn e tea riamh cho dona ri so. Cha robh blas na beatha fhéin mar a bh’ àbhaist. A’ bheatha a bha milis bho chionn ghoirid, bha i a nis cho searbh.
Cha b’ fhiach i a bhith ga fulang. Saoil nan gabhadh e aon dusan de ghràineanan a’ chadail an dèanadh iad an gnothaich? Ach nan deigheadh a lorg agus e beò. Bhiodh gach teanga ag ràdh gun dh’ fheuch e ri cur ás d’ a’ fhéin. Ach nach canadh iad an aon rud na faigheadh e air a dhèanamh? Chanadh, ach cha bhiodh fios aigesan mu thimcheall.
Cha bhiodh fhios aig Mòrag. Tha Mòrag ’na cadal.
Chaidh e suas an staidhre. Thug e sùil air leabaidh Mòraig.
Choimhead e na plaideachan. Ach cha b’ urrainn dha amharc air Mòrag. Bha i ’na cadal.
Cha robh so a’ còrdadh ris. Carson nach fhaigheadh esan cadal cuideachd? Bha ise air cadal fada gu leòr co-dhiù. Rug e air na plaideachan agus shlaod e sìos iad.
Cha robh duine anns an leabaidh. Mòrag. Cha robh lorg oirre.
Bha am fallas a’ sruthadh dheth.
Bha e ’na aonar. Thàinig e steach air gu robh e da-rìribh ’na aonar. Bha e a nis gun chù, gun Mhòrag.
Carson a dh’ fhalbh i? Cha robh càil a dhìth oirre an sud. Cha do rinn e fhéin nì sam bith a bha ceàrr agus a bheireadh oirre falbh. Fhad agus b’ aithne dha, cha do rinn.
Am faiceadh iad a chéile tuilleadh? Nam biodh fhios aige mu Mhòrag b’ urrainn dha a’ cheist sin a fhreagairt. Is dòcha gu faiceadh iad a chéile an uair a ruigeadh e ceann slighe na beatha so. Dh’ fhaodadh gun tigeadh i chuige ann an riochd spioraid agus gun innseadh i dha dé mar a thachair. Faoineas. Cha robh fhios aige càite an robh i.
Phill e sìos an staidhre, oir shuas bha blas a’ bhàis agus mì-dhòigh. Ach cha b’ e blas na beatha a bha shìos na bu mhotha.
Bha fuaim aig an dorus. Dh’ éirich e agus chaidh e mach.
Bha Iain Beag an sin, agus cuilean cho bòidheach agus a bha aige ’na làimh chan fhaca duine riamh. An uair a chunnaic e an cuilean stad e, agus stad a chridhe cuideachd.
“Is ann dhutsa tha an cuilean so, oir chuala mi gun chaill thu an deagh bheathach bho chionn ghoirid,” arsa Iain Beag.
Thug e taing dha, agus an uair a mhol Iain am feasgar, dhùin e an dorus.
Cù an àite a’ choin. Dé bha aige an àite Mòraig. Bhà inntinn dhubh agus cridhe anns an robh iomadh sgàineadh. Ach an àite seann Róbhair bha Róbhair eile. Bha iomadh Róbhair ann, ach cha robh ann ach an aon Mhòrag. Dé math a bhith bruidhinn? Cha robh an aon sin fhéin a nis ann.
Is e beathach crosd a bha anns a’ chuilean sin. Cha shealladh e ri caora. Ach an uair a thigeadh e a-steach san tigh, bha gu leòr ann ris a sealladh e. Aodach agus brògan, agus nì sam bith a ghabhadh
Rug e air a’ ghunna agus chuir e peilear anns a’ chù. Thuit e marbh aig a chasan.
Dé a rinn e? Bha e a’ càineadh a’ bhàis, ach thug e fhéin bàs nis do ’n chù. Bha e aon uair eile ’na aonar. Agus is e am bàs a rinn sin. Agus an cadal.
Shuidh e anns a’ chathair mu choinneamh na h-uinneige. Bha Mòrag a’ coimhead air agus i air a h-àrdachadh ann a saoghal céin. Bha an cuilean marbh ri a taobh. Sheall e suas rithe agus bhruidhinn i ris.
“Carson a mharbh thu do chuilean? Carson a mharbh thu mise? Tha thu a nis nad aonar. Ach chan eil. Tha an diabhal shíos an sin còmhla riut agus tu gun fhios agad dé tha ceàrr ort. Tha e gad thàladh agus tha thu ga leantainn. Mharbh thu an cù agus mharbh thu mise. Agus tha dùil agad gur còir taitneas a bhith nad bheatha fhéin. Marbh thu fhéin agus fuadaich t’ aithreachas agus do mhì-thoil.”
An sin chaidh i ás an t-sealladh.
Bha e a nis a-muigh. Bha rathad an sin a bha a’ dol air slighe an aithreachais. Cha do ghabh e am fear sin. Is e a ghabh e an rathad a’ dol air slighe na sgrios. Choisich e agus dh’ fhàg e iomadh ceam ’na dhéidh. Bha móran de nithean taitneach air a’ chuairt sin agus ghabh e pàirt anns gach aon aca. Ach an uair a thàinig an rathad gu crìoch, bha nathair a’ feitheamh air. Dhùisg e an uair a mharbh an nathair e.
Bha an rùm dorch.
Chuir e air an solus agus shuidh e rithist.
Bha e ’na aonar. Ghabh e beachd air an thug a chadal fo fhradharc a shùilean. Bha an saoghal ’na aghaidh; an droch shaoghal a’ cur bhruadairean f’ a chomhair. “Marbh thu fhéin”. “Ghabh mi slighe na sgrios”.
Bha e mar Adhamh anns a’ ghàrradh. Cha b’ fhiach a’ bheatha so gun Mhòrag. Saoil an coinnicheadh e i anns a’ bhàs? An gabhadh i ris. Duine air tuiteam gu bonn sloc na truaighe anns a’ mhuirt. Muirtear cuirp agus muirtear anam. Bha slighe mhór air thoiseach air. Saoil an e slighe an aithreachais na slighe na sgrios? Gheibheadh e mach.
Thog e an gunna.
Chuir e peilear ann fhéin agus thuit e gu làr.
title | Thuit E |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Dòmhnall MacÌomhair in Gairm 48 %p |
parent text | Gairm 48 |