OITEAGAN A ALBAINN NUAIDH
Le CALUM IAIN MACLEOID
(Antigonish, Alba Nuadh)
NUAIR a bhios duine a’ stri rì bial-aithris a chruinneachadh, gheibh e is dòcha sgial o chuideigin a thàthas ri inntinn fad iomadh bliadhna an déidh a chur ri clàr. Sin mar a thachair dhòmhsa leis an sgial a leanas. Chuala mi e an toiseach o Ali Eòghann nach maireann a bha air an Dòirnigh, an Cinn t-Sàile Mhic Coinnich, an Albainn. Fichead bliadhna an déidh so chuala mi a rithist e sa’ Chaolas Mhór, an Eilean Cheap Breatainn, an Albainn Nuaidh. Tha farsaingeachd is astar cuain eadar an dà àite gun aga sam bith, ach mach air tionndadh no dhà ás ùr, chan eil móran diofar an aorabh ’s an gné an t-seanchais mar a tha iad ga aithris sa’ chearnaidh so de’n t-saoghal.
So agaibh e: “Uair a bha sud bha Iain Mór ’na mheat air bàrc brèagha a dh’ fhàg Glaschu san t-Seann Dùthaich agus a thog cùrsa ri Brunsuig Ur, mór-roinn a tha an iar oirnn fhéin an Eilean Cheap Breatainn. An uair a bha an soitheach dlùth air oitireanNewfoundland, bha an sgiobair agus am meat shuas air an drochaid a’ gabhail na gréine aig dà uair dhiag mar a b’ àbhaist. Air dhaibh a’ ghrian a ghabhail, chaidh iad sìos, gach fear d’ a chébin fhéin, a dh’ obrachadh air na cairtean-seòlaidh. An uair a bha ’m meat deiseil, chaidh e a-steach do chébin an sgiobair a leigeil fhaicinn dha càit an robh e ’n dùil a bha an soitheach. Bha an sgiobair ’na shuidhe aig an desc a’ sgrìobhadh air an sglèat; agus gun fiù a shùil a thogail bhàrr na cairt-sheòlaidh a bha ’na làimh fhéin, dh’ fhoighnich am meat dheth càit an robh e’n dùil a bha iad. An uair nach do fhreagair an sgiobair chaidh am meat na b’fhaisge dha is dh’ fhoighnich e a’ cheart cheist a rithist. A dh’ aindeoin so cha do fhreagair an duine a bh’ aig an desc; [372]
Dar a bha luchd té de na geòlaichean a’ tighinn ri cliathach na luinge is am meat gan cuideachadh ri streap air bòrd, sheall e air fear de na daoine gu dùr is thuirt e ris an sgiobair, “Sin agaibh an duine a chunnaic mise a’ sgrìobhadh air an sglèat aig an desc.”
Nuair a bha obair na tròcair crìochnaichte, chuir an sgiobair fios air an duine so is thuirt e ris am biodh e cho math is na facail, “Stiùir Tuath ’s an Ear Thuath,” a sgrìobhadh air an sglèat. Rinn an duine mar a dh’ iarradh air agus an sin thionndaidh an sgiobair an sglèat, is thuirt e ris, gun innse dha gun do thionndaidh e i, “A bheil thu ag aithneachadh na làimhe-sgrìobhaidh so?” Chuir ceist an sgiobair iongnadh air an duine; “Ciamar,” ars esan, “nach aithnichinn mo làmh-sgrìobhaidh fhéin; sin an rud a sgrìobh mi o chionn mionaid.” An sin leig an sgiobair fhaicinn dha gun robh na facail air an sgrìobhadh air dà thaobh na sglèat. “Cha do sgrìobh mise ach na tha air an aon taobh,” ars an duine, “ach ’se mo làmh-sgrìobhaidh a tha air an taobh eile gun teagamh.”
CHAN urrainn nach cuala cuid de’n luchd-leughaidh mu’n “Eaglais air Flod” bh’aca air acair an Loch Suaineart sa’ bhliadhna ochd ciad diag dà fhichead ’s a sia—bàta iarainn a chaidh a thogail an Glaschu. Uill, tha mi cinnteach nach cuala an t-urramach Ruairidh Caimbeul a tha a’ fuireach ann an àite ris an abrar Pugwash, an Albainn Nuaidh, mu’n eaglais so riamh ach a dh’ aindeoin sin tha bàta aige
ANNS na linntean a dh’ aom an uair a thàinig na h-eilthirich a-mach á Albainn do’n dùthaich so an toiseach, cha robh na lighichean ach tearc ’nam measg ach nuair a thigeadh tinneas orra bha cungaidhean-leighis aca fhéin a bha gan slànachadh ’s gan aiseig air ais gu fallaineachd. Nuair a bhiodh cnatan air duine ’se leòbag bheò an leigheas a bh’ aca. Bhiodh iad a’ crioslachadh na leòbaig timcheall air do bhroilleach san leabaidh. Bha iad ag ràdh gun draghadh an leòbag bheò gach fiabhras is eile a-mach ás a’ cholainn is nuair a leigeadh an leòbag am breab mu dheireadh aisde gum biodh tu cuidhteas a’ chnatain a-muigh ’s a-mach. Airson a’ chrùpaidh bhiodh iad a’measgachadh ailm le siùcar ’s ga shluigeil, ’s nam biodh do dhruim a’ cur dragh ort bhiodh iad a’ càradh craicionn easgainne air a fhliuchadh air claisneach do dhroma ’s tu ’nad shìneadh air leacan loma an ùrlair. Tha na seann chungaidhean-leighis sin a’ dol á fasan eing air eing, is tha na mnathan-gluine iad fhéin a’ dol an gainnead. Tha an tigh-eiridinn a nis faisg air làimh, tha na lighichean pailt, tha na h-itealain goireasach, is nuair a thig leanabh òg do’n teaghlach an diugh cha chluinnear tuilleadh na bodaich ag ràdh, “ gu faigh na mnathan-glùine drama agus a’ chlann bheag pìos.”
THOISICH iad ris a’ ghiomadaireachd an Arasaig, faisg air Antigonish, o chionn seachdaine ach chan eil iad a’ faighinn móran idir oir tha’n deigh-shiabaidh a’ snàgaireachd timcheall air na cladaichean againn fhathast is mar sin tha a’ mhuir gu math fuar.
Tha na cléibh-ghiomaich fiodha an sàs aig na h-iasgairean a h-uile ceum ged a tha Bòrd an Iasgaich a’ fiachainn ri dearbhadh dhaibh gu bheil na cléibh-ghiomaich “aluminium” nas fheàrr air gach dòigh. Tha na h-iasgairean againne ag ràdh gu bheil na cléibh-ghiomaich ùra ro chosgail is nach téid na giomaich ’nan gaoith co-dhiù. Tha na cléibh ùra ag cosg dà dholair dhiag ri’n ceannach, is faodaidh an t-iasgair na cléibh-fhiodha a chur an altan a chéile aig bun na h-ursann aige fhéin air son dà dholair am fear. Air an làimh eile, a réir Bòrd an Iasgaich, nuair a thig gailleann chan eil e cho buailteach do na cléibh ùra a bhith air an call, no air am pronnadh le sluaisreadh is làgaraid an taibh. Tha buaidh eile an lùib nan cliabh ùra, ’se sin ri ràdh, nach eil iad cho trom ris a’ chléibh-fhiodha, is gu bheil iad nas fhasa an làimhseachadh an uair a tha an t-eathar a’ cur nan car dheth ri droch mhuir.
BHA ceithir fichead oileanach ’s a deich a’ meòrachadh air Gaidhlig na h-Albann, Eachdraidh nan Ceilteach, is Litreachas nan Ceilteach san Roinn Cheiltich an Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier, an Antigonish, am bliadhna. So àireamh cho mór ’s a bh’againn riamh. Tha Monsignor Uisdean Somers, ceann-suidhe an Oilthigh, a leigeil dheth a dhreuchd a dh’ aithghearr. ’Se call mór a tha so oir ’se duine anabarrach comasach, breithneachail a bh’ann, is ged nach robh facal Gàidhlig ’na cheann, bha e ’na chùl-taice a bha starbhanach dìleas, do leas nan Gàidheal a tha a’ tàmh an tìr nan craobh ’s nam beanntan àrd.
title | Oiteagan a Albainn Nuaidh |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Calum Iain MacLeòid in Gairm 48 %p |
parent text | Gairm 48 |