[379]

An Sgeilp Leabhraichean

F. G. Rea, A School in South Uist, deas. le Iain Lathurna Caimbeul (Routledge & Kegan Paul, Lunnainn. 30/-.)

Tha ùine mhór ann bho leugh sinn leabhar mun Ghaidhealtachd a chòrd tuinn cho math ris an fhear so. Tha tarraing ann an dòighs ann an nàdur an sgrìobhaiche nach leig leat an leabhar a chur bhuat gus a bheil thu ullamh dheth.

Se Sasunnach a bhann an F. G. Rea, agus anns abhliadhna 1890 thàinig e á Birmingham gu bhithna cheann air Sgoil Ghearraidh na Mòna an Uibhist-a- deas. Bha dhìth air aig an àm beagan airgid a chosnadh a bharrachd air na bha e faighinn an Sasuinn. ’Se sin a thug a dhUibhist e achiad turas, ach tha e furasda aithneachadh bhon leabhar aige nach be an t-airgead a chùm ann e. Fhuair e coibhneas is toileachas ris nach robh dùil aige, agus ann an 1927, iomadach bliadhna an déidh dha Uibhist fhàgail, phàidh e air ais an coibhneas so le leabhar cho tlachdmhors a sgrìobh Sasunnach riamh mu na h-Eileanan a Siar.

Ged a tha móran ma dheighinn fhéin anns an leabhar, feumaidh gur h-e duine iriosal a bha ann an Rea. Chan fhairich thu uair sam bith gu robh e asmaoineachadh gu robh e fhéin dad nas fheàrr, no nas fheàrr dheth, na sluagh an eilein. Ged nach do thog e fhéin Gàidhlig, tha modh agus blàths anns gach iomradh a tha e dèanamh air achànain, air na h-òrain luadhaidh, air sluagh an eilein, eadar àrd agus ìosal. Agus air chùl abhlàiths tha sin, tha tuigse.

Is dòcha gu robh aon rud ann nach do thuig e: be sin nach robh aGhàidhlig leis gach dòigh is subhailc a bha fuaighte rithe, afaighinn[380]


[381] cothrom na Féinne fo riaghladh Bùird nan Sgoiltean. Bha e atuigsinn gun teagamh nach robh an doigh-teagaisg ùr furasda don chloinn:

“. . . . with a few exceptions I insisted upon the whole of the instruction being given in Englishthese exceptions applied to the very young whose instruction was bilingual, and to the testing in Gaelic of the effectiveness of the instruction in English. I often wondered to myself if purely English-speaking children would acquit themselves as well as these children did if all their school instruction were given in, say, French . . . . ”

Nach iongantach cho ainneamhs a thàinig an smuain sin a-steach air luchd-teagaisg is luchd-ceasnachaidh, air muinntir Bùird nan Sgoiltean agus air urracha móra Dhun-Eidinn, anns na ceithir fichead bliadhna an déidh 1872!

Chuir e smaoineachadh oirnn a bhith leughadh mu na maighistirean-sgoile agus na bana-mhaighistirean-sgoile a bhanns na h-Eileanan a deas mun bhliadhna 1900. Ann am Bàgh aChaisteil (an 1890) bha duine òg á Lunnainn; thogadh abhana-sgoilear an Eirisgeidh ann an Dun-Eideann, agussa Lunnainneach thàinigna h-àite; maighistir-sgoile Dhala-brog, ’sann á Obar-Dheadhain a bha e. Agus bha Maighistir Ailein air ceann Bòrd na Sgoile aig an àm. Nuair a theid eachdraidh nan sgoiltean air aGhaidhealtachd a sgrìobhadh, bithidh an leabhar so glé fheumail don fhear-eachdraidh.

Ach chan ann alorg ceann-teagaisg a tha sinn an dràsda. Gheibh thu rud anns an leabhar so a fhreagras air gach càil: móran mu iasgach abhric; cunntas air luadhadh; iomradh air eòin, air cleachdaidhean is beul-aithris Uibhist, air mar a bha an sgoil-oidhche air a cumail ann an sgoil Rea; air maits ball-coise, le Mgr. Ailein anns aghoal, agus sagairtean eile an sàs a-muigh; bracaist mhór ann an tigh tuathanaich (le bric, is hama, is feòil-mairt, truinnsearan càise is annlain); iomradh air an tigh a bhaig Fear Bhaghasdail uaireigin; dealbh-pinn de sheann mhaighstir-sgoile Gàidhlig, agus denchuipear-in,’ Dòmhnall MacCormaic; móran fiosrachaidh mun duine chaomh sin Mgr. Ailein.

Tha saidhbhreas an so, agus chan ann do mhuinntir Uibhist a-mhàin, oirse tha so dealbh de na h-Eileanan a Siar air fad o chionn tri fichead bliadhnatha e làn de rudan a chunnaic sinns a chuala sinn ann an Leódhus o chionn deich bliadhna fichead. Tha ar taing aig Fear Chanaidh airson na h-eachdraidh thaitnich so a churnar tairgse.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 48 %p

parent textGairm 48
<< please select a word
<< please select a page