BHA AM BOTHAN SAN FHEILL
Le RUAIRIDH MACGILLEATHAIN
CHRUINNICH móran sluaigh air an t-samhradh chaidh seachad gu Càrnabhal Steòrnabhaigh ’s bha fear nach ainmich sinn ’nam measg.
Chuireadh an leisgeul bu lugha do ’n bhaile mhór e bho dhùin na bothanan,’ s cha b’ e ruith ach leum cho luath ’s a chuala e mu dheidhinn a’ chruinnichidh ud.
Cha robh beathach aige a bha freagarrach airson féill no dròbh, ’s ’se theireadh e“ ’Sann a tha mise dol a-null a dh’ fhaicinn nan daoine.” Bha e air cluinntinn gu robh Ceit Anna Iain Suiden air tighinn a-nall áNew Zealand; Ciorstag Iain Boise á Detroit; agus Iain Mór Chaluim Mhatson á Vancouver, ’s bu dheagh chaomh leis an triùir fhaicinn.
Thachair Iain ris nuair a chaidh e steach am baile, ’s thug e a-steach gu dhiathad e, ach an déidh na diathad bha e ri aithneachadh air nuair a thill e dhachaidh rudeigin anmoch gun tug Iain barrachd air biadh dha. Bha e tòrr na bu toilicht ’s na bu bhriathraich na b’ àbhaist dha nuair a chuir e fàilt air a bhean—le Beurla ’s Gàidhlig a bha an déidh dhol a-measg a chéile air.
Dh’ inns e dhi gu robh e duilich nach fhac e Ciorstag no Ceit Anna a là sin (ged a chunnaic e bho ’n uair sin iad). “Nam faiceadh tu muinntir Shiaboisd”, ars esan. “Bheil fhios agad dé bh’ aca aig an dròbh ach bothan.” “Tha iad tòrr air thoiseach air muinntir taobh sear an eilein as a h-uile rud.” “O bheil, a bheil?” ars ise. “Nach cuireadh Murchadh Iain ‘Oran an Dotair Ruiseanaich’ (nach do bhlais air feòil a riamh) ri chèile mun coisicheadh i Sràid na Pàirc ged a shiubhail i o Thigh Iain Ghròt gu Ceann na Tìr glé aighearach. Tha greis bho bha iad a’ deanamh ‘Dannsa an Arbhair’ ann a Siabosd, ach tha feadhainn eile air feadh an eilein a tha ’g ionnsachadh Dannsa an t-Sabhail ann a Lunnainn. Tha iad mar sinwith it, mar a their na Sasunnaich, ’s thug iad gàireachdainn gu leòr air na chunnaic iad an diugh leis a’ bhothan.” “O, dùin do bhial”, ars ise ’s rann a’ tighinn a-steach oirre.
Bha am bothan san fhéill air stéill mar ghamhainn,
’S chan fhaca tu fhéin a réir na shamhail,
Gun duine ’na dhéidh a theab a thachais
Na déigh an sealladh an dròbhair.
“Mar a robh”, ars esan, “feadhainn ’na dhéidh a theab a thachais bha gu leòr ’na dhéidh a theab a cheannach ’s a bh duilich gun dh’ fhalbh e, agus sgrìobh iad air a dheireadh, “An till thu tuilleadh.” “Tha mi an dòchas nach till e ’n taobh-sa co-dhiù,” ars ise. Cha do chòrd so ris-san, ach bha a rann aice a’dol timcheall ’na cheann air fonn ‘Ho rì, ho rà, mo ghràdh air Anna’. Thug sin, ’s e bhith a’ faireachdainn rudeigin tioram le cùs còmhraidh agus dìth taiseachaidh, rann a-steach air fhéin.
Chan fhaigh mise ’n tù-sa drùth ri cheannach
Ged bheirinn-sa crùn air drùid a’ bharaill,
Bho chruinnich a’ chùirt a dhùin an dorus
Tha Dùthaich a’ Bhreabadair sòbar.
ISE
Nach e tha nad rùin ged dhùin an dorus
Gum fosgail fear ùr cùl a’ bhaile,
’S gum bi sibh le smùid is drùthag agaibh
Gun diù do pheanas a’ Phròbhaisd?
ESAN
’N ann leis bha ’chuis-bhùirt thug ùin’ gha ragadh,
A’ feitheamh an cùil, is lùig ar creachadh,
Go fac e le shùil troimh ùir a’ bhalla
An triùir a bh’ againn ag òl ann.
ISE
Dh’ òl thus gu leòr ann ’s tòrr a bharrachd
’Se tuilleadh ’s a’ chòir a bhòchd do stamag
’S a dh’ fhàg thu gun fhonn, ’s cho donn sa’ mhadainn
’S nach canadh tu facal de ’n chòmhradh.
ESAN
Ma tha mi cho searbh ’s gun bhalgam agam,
’S am bothan air falbh gu dearbh dha m’ aindeoin,
’S ma bhios mi le grùig, is dùr is greannach,
Co-dhiù bidh barrachd ’nam phòcaid.
ISE
Bho thàinig e ’n tù-s’ cha d’ chùin ’s cha d’ chruinnich
Thu airgead no òr á stòr do bhriogais,
An tasdan no ’n gròt cha d’ bhreòth no ’n ginidh,
’S cha mheirg do sgillinn, a bhròinein.
ESAN
Gun sgillinn gun bhonn no sannt air m’ aire
’Sann bhithinn-s’ ri rann ’s cha b’ ann ri gearain,
’S ged bhithinn dol ann glé ghann no falamh
Bhiodh dràm o fhear-eigin dhòmhs ann.
ISE
Nam biodh tu ri falbh ann anmoch falamh
Bhiodh tusa le fearg ’s mo shealbh air falach,
Is bhiodh tu ga lorg ’s ga shealg gun chabhaig,
Nad bharail cho carach ’s cho seòlta.
ESAN
Ach chuireadh te chruaidh mo smuain gu caithream,
’S bhiodh tusa nad shuain mun ghluaisinn dhachaidh,
’S cha dèanainn-sa fuaim a-nuas a staran
’S mi seasamh air barraibh mo bhrògan.
ISE
Chan fhaighinn san fhàrdaich tàmh no cadal,
’S mo shùilean le spàirn gu là gad chaithris,
Gu ’m faicinn thu ghràidh air fàth a’ farchluais
’S tu togail na plaide cho dòigheil.
ESAN
Nach fhada bho ’n àm a gheall thu, leannan,
Ged ghabhainn-sa leann ’s nach diùltainn gloinne,
Gu rachadh tu leam le sunnd air faradh
Dha ’n ghealaich nan geallainn do phòsadh.
ISE
Bhiodh tusa mar ròn gun lòn sa’ ghealaich
Nach ruigeadh an sàl air tràigh na mara,
’S gun bhothan san àit ’s an fhàsach farsainn,
An dràsd nach fhaireadh tu neònach?
Tiod! Tha cho math bhith sgur. Bithidh am facal mu dheireadh aig na boireannaich co-dhiù.
title | Bha am Bothan san Fheill |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Ruairidh MacGilleathain in Gairm 48 %p |
parent text | Gairm 48 |