BAN-LEODHUSACH AIR SAFARI
Le Mairead NicAsgaill
(1) Na Doukobohrs
FAD m’ òige bha mise ’g iarraidh siubhal. Bha mo cho-aoisean a’ smuaineachadh air obair cheart fhaotainn, clann a thogail ’s fuireach còmhla ris an fheadhainn bu mhiann leo, ach bha mise ’g iarraidh siubhal. Siubhal gu deas no siubhal gu ’n iar, cha robh e gu diofar, oir bha àilleas nam faichean nach robh idir faisg daonnan gam mhealladh, bho dhuilleig leabhair, neo bho fhaileas dhealbh. Agus ’sann tha droch eagal orm nach b’ e bha bu chòir dhomh sgrìobhadh ach thà.
Mar sin, san Earrach, 1959, chuir mi romham tòiseachadh le Canada. Anns a’ Mhàigh, 1959, choinnich mi fear a bha a’ seasamh àite sgoiltean Cholumbia Bhreatainnich agus a bha a’ coinneachadh duine sam bith a bha ás déidh teagaisg an sin. Ghabh mise os làimh a dhol a theagasgGrade 7agusGrade 8, aois 13 agus 14, anns a’ chiad agus anns an dara bliadhna de Ard-Sgoil Stanley Humphreys ann an Castlegar. Dh’ aontaich mi rud sam bith a theagasg dhaidh achScienceagusMaths
An samhradh sin bha agam ri m’ aghaidh a nochdadh ann: Oifig nan Eilthireach ann an Glaschu, agus an uair a thug an duine mach mo phàipearan, thug e sùil orm ’s rinn e gloc gàire, ’s thuirt e“ ’S tusa a’ bhean-teagaisg Ghàidhlig a tha a’ dol gu na Doukobohrs ann an Castlegar. Abair gnothach!”
Castlegar—cha b’ ann air a h-uile cairt-iùil a gheibhte an t-ainm aige idir, ach mun do dh’ fhàg mi Glaschu, b’ fheàirrde mo chridhe mi coinneachadh ri fear a bha air tadhal ann an Castlegar ann an 1930. A’ tighinn a-null air a’ bhàta “An Sylvania”, a sheòl á Liverpool, bha dà dhòigh freagraidh acasan do ’n innsinn, air dhaibh fhéin faighneachd, gum b’ ann air Castlegar a bha mi a’ dèanamh. Cuid a theireadh “Castlegar—càit eil sin? ”, agus cuid eile a chanadh, a’ tionndadh geur shùil anns an robh annas uabhais, “Castlegar— chan eil thu dol an sin” Ach cha robh duine aca a leigeadh ris dhomh[319]
Anns an sgìre so bha e ri ràdh gu robh Ruiseanaich, ris an cante na Doukobohrs, a thàinig gu Canada air chùmhnantan àraidh bho ’n Bhànrigh Bhictoria, agus gu robh dòighean àraid, neònach aca gu aire a tharraing gu eucoirean a bha iadsan a’ meas a bha Riaghladh na dùthcha a’ dèanamh orra, a dh’ aindeoin nan cùmhnantan air an dàinig iadsan do ’n dùthaich an toiseach.
Seadh, matà, cha b’ e smuaintean glé thaitneach a bha sin aig duine ’na aonar, a’ dol gu dùthaich ùr. B’ ann air an 26mh de ’n Lùnasdal a sheòl am bàta ás Liverpool, agus cóig latha an déidh a ràinig sinn Montreal, air dhuinn bruaichean Abhainn an St. Lawrence agus sean bhaile Quebec a chur ás ar déidh. Bu mhòr m’ fharmad-sa an oidhche ud riù-san aig nach robh ach astar oidhche ri thoirt air an trèan gu àiteachan cneasda ceart mar Toronto, Hamilton agus Ottawa. Bha daoine air cluinntinn mu ’n deidhinn-san. ’Nam chluasan bha guth mo mhàthar a’ seirm, “Siubhal a bha thu ’g iarraidh a laochaig; chuir thu nad cheann e, ’s a nis cuir nad chasan e”, a bha an trèan gam ghiùlan an oidhche ud chun an iar. Di-Ciadain thug sinn a’ dol troimh Ontario, coilltean an déidh choilltean agus loch an déidh locha. Cha robh e a’ toirt gu m’ inntinn ach Loch Ma Ruibhe, agus a rithist ’s a rithist bha e a’ cur iongnaidh orm a’ faicinn nan craobhan a’ fàs a-mach á òirleach de thalamh air uachdar nan creag, agus sinne ann an Leódhus gun chraoibh idir. An uair sin thàinig na h-achaidhean—na prairidhean—sìnte a-mach air gach taobh gu fann farsaingeachd na fàire—Manitoba, Saskatchewan, Alberta. An sud ’s an so chithear togalach àrd biorach an t-sìl, sabhal mór fiodha dearg, tigh, no càr fada salach—salach le dusta tioram nan rathad, ’s gun uisge a’ tuiteam gu a ghlanadh.
Oidhche Dhi-ar-daoin, aig uair sa’ mhadainn, b’ fheudar dhòmhsa an trèan mhór fhàgail ann amMedicine Hat, agus fuireach ann gus an digeadh trèan bheag an ath mhadainn gu mo thoirt gu Castelgar.
Lorg mi tigh-òsda beag shìos an t-sràid, agus anmoch ’s mar a bhà e, bha teas thioram ghléidht an là, a’ braonadh tioram tachta a-mach bho ’n chabhsair chruaidh. Bhuail e orm an uair sin gum b’ e rudan feumail a bh’ ann an adan móra geala balaich nan each an uair a chunnaic mi iad mu cheann nam fear, ann an teas tioram
An ath mhadainn, aig naoi uairean, chaidh mi air bòrd trèan bheag far nach robh ach an t-aon seòmar fada, le àiteachan suidhe do 35 duine. B’ e so anDayliner, seòrsa de thrèan bheag diesel no dealain a bhios a’ triall gu na h-àiteachan iomallach. Théid i aig astar mór, agus mar a bhitheas i a’ tighinn gu baile sam bith, tha glag mhór ga bualadh. ’S iomadh tubaist tha tachairt leDaylinersis càraichean, oir tha rathaidean Chanada gu tric a’ ruith thairis air na rathaidean iaruinn.
Anns anDaylinerbha so dh’ fhairich mi, mar a bha mi gus fhaireachdainn iomadach latha an déidh sin, brìgh na dùthcha so, Canada. Mu mo choinneamh bha seann chàraid a dh’ fhàg an t-Suain, ’s a bha an diugh a’ fuireach ann an Nelson; bha iadsan a’ bruidhinn an cànain fhéin agus a’ bruidhinn riumsa ann am briseadh-Beurla. Air mo chùlaibh bha ceathrar a’ conaltradh ann an Gearmailt. Air mo bheulaibh shuidh dithis a chuir iongnadh orm, oir bha lideadh ’nan cànain nach b’ urrainn dhomh shamhlachadh ri cànain sam bith a chuala mi riamh roimhe, agus ’sann a bha iad, a’ chailleach le a beannaig, a falt air a shlìobadh gu cùl a cinn, ’s a corp trom, agus am bodach le aghaidh a bha a’ taisbeanadh cothachaidh ri gaoith is uisge, agus an sealladh a bha an sùilean an dithis, mar nach robh iad cleachdte ri fasanan is nòsan ùra, a’ toirt gu mór air m’ aire càraid bho ’n tigh. ’S ged bu chànan eadar-dhealaichte ri cànan riaghaltais na dùthcha a bh’ aca so gu léir, nam faighnicheadh duine dé bh’ annta, fhreagradh iad Canadaich a bhuineadh do Chanada.
Oidhche h-Aoine, aig 10.20, bha sinn air Nelson, ann an Columbia Breatainneach, a ruighinn, agus b’ e so cho fada ’s a rachadh an trèan. Air na fichead mìle gu Castlegar, suas ri taobh Abhainn Kootenay, cha rachadh trèan le luchd-turais ach dà uair san t-seachdain, agus sin air an là. Mar sin bha grunnan sa’ bhus a ghiùlain sin air rathad càm, a bha mar shaoil leamsa san oidhche fhliuch dhorcha, dìreach air oir nam beann. Bha an draibhear a’ sìor ghearain cho dona ’s a bha ’n rathad bhon a bha e cho fliuch, agus bha a’ chùis fhéin ga dhearbhadh mar a b’ àirde bha sinn a’ dìreadh. An dràsda ’s a rithist bha solus tighe a’ deàlradh a-mach, a’ briseadh na doilleireachd ’s
Oidhche h-Aoine an trìtheamh là de ’n t-Sultainn, aig 11.30 p.m. , mu dheireadh thall bha mise ann an Castlegar, ’nam sheasamh ann am boglaich a bha uisge thrì làithean air fhàgail air beulaibh togalach an rathaid-iaruinn. Mu dheireadh thall bha mi air mo chiad cheann-uidhe a ruighinn. Ach an ath mhadainn, an uair a dhùisg mi, ’s a dh’ fhàg an sgìos m’ inntinn ’s mo chnàmhan, bha barrachd an “Mu dheireadh thall” a’ ruith troimh m’ inntinn an uair a dhearc mi ann an solus cruaidh na maidne air an àite anns an do roghnaich mi an ath bhliadhna a chur seachad. Bha beanntan àrda, creagach, còmhdaichte le craobhan, ag éirigh an àirde air gach taobh gu neòil dhorcha; an t-uisge a’ dòrtadh a-nuas, a’ dèanamh lite bhuidhe leis gach luirg coise a bha a’ dol air an rathad, ’s gun ach fear no dhà dhiubh air an tearradh. Baile beag nach robh ’na bhaile idir, ga dhìon fhéin le fasgadh nan cnoc a bha ag éirigh air gach taobh de’n loch. Tighean fiodha de gach seòrsa is dath is meud, ach a’ chuid bu mhotha dhiubh gun shuas an staidhre idir, ’nan seasamh, gach aon diubh air a phìos talmhainn fhéin, a-measg chraobhan de gach seòrsa: peur, ubhal, peachagus sirist. B’ e talamh uabhasach torrach a bha san àite agus dh’ fhàsadh measan de gach seòrsa ann. Bha an rathad bìth a’ dol gu Trail a-mach á Castlegar, ach dh’ fheumta an aiseag a ghabhail mus fhaigheadh duine chun an rathaid a bha a’ triall gu Nelson agus taobh an ear Chanada, agus cha b’ ann glé thric anns an latha a gheibhte bus.
A-measg nan tighean, agus gu h-àraidh a-mach ás a’ bhaile, sìos bruaichean srath Loch Slocan agus srath na h-Aibhne Kootenay, chìte tighean móra air dath dorch-dhonn an fhiodha, le shuas agus shìos an staidhir, agus cruachan móra de chonnadh logaichean ri ’n taobh. Troimh thìde dh’ fhoghluim mi gum b’ e so tighean “Doukobohrs, ’se sin na tighean a bh’ aca bho thoiseach, anns biodh ginealaich theaghlaichean gu tric a’ fuireach còmhla, le gach rud am pàirt, mar a b’ àbhaist a bhith aca anns an dùthaich ás an dàinig iad.
A nis a’ toirt sùla air ais, cha robh mi fada gus an do dh’ fhoghluim mi beagan eile mu thimcheall nan Doukobohrs, agus gus an dàinig
Na’n cràbhadh cha robh ministearan no eaglais, ach bha tigh-coinneimh aca far am biodh iad a’ coinneachadh gach Sàbaid, no là féisd, na fir ’nan seasamh air an dara taobh ’s na mnathan air an taobh eile. Eatorra, air bòrd beag, bhitheadh soitheach le aran agus soitheach eile le salainn, agus b’ e seinn sa’ chànain Ruiseanach a’ chuid bu mhotha de ’n t-seirbheis. An dràsda thòisicheadh fear agus leanadh na fir e; a rithist thòisicheadh boireannach agus leanadh na boireannach i; an uair sin sheinneadh a h-uile duine còmhla. Aig amannan, ’sann a-muigh a chumadh iad an seirbheisean, agus bu dheagh chaomh leamsa an cluinntinn a’ seinn, oir bhitheadh iad a’ toirt na h-eaglase aig an tigh gu làidir ’nam chuimhne.
Lean iad gu dlùth ri aodach na seana dùthcha aca, agus an uair a thigeadh na boireannaich gu Castelgar, mar bu tric bhitheadh iad air an éideadh ann an còtaichean air an tarraing mu ’m meadhon nàdur de pholca, stocainnean air am figheadh, agus beannag shìoda gheal le fraighneas, air am biodh iad air flùraichean dathte oibreachadh le snàthan sìoda. Nuair a phòsadh nighean, gu tric ’se còta agus polca, air a dhèanamh de naidhlon no aodach mar sin, a bhiodh oirre, agus tè de na beannagan geala. Bha gach nighean a’ tòiseachadh a’ sàbhaladh aodach leapa agus bùird, obair ghréis agus obair chroisidh, bho bhitheadh i dà bhliadhna dheug, agus bha iad a’ pòsadh uabhasach òg, mu shia-deug. Na fir a bu shine, bha iadsan a’ gleidheadh na feusaige, ach bha so a’ dol á fasan aig na fir nach robh aosda.
Ach cha do shruth na bliadhnachan ann an dùthaich choimhich thairis orra gun am buaidh fhéin fhàgail. Bha na daoine so a nis roinnte eatorra fhéin’ nan dà bhuidheann: “Orthodox Doukobohrs” agus “Sons of Freedom.” Bha na h-Orthodox Doukobohrsdeònach claonadh cho mór’ s a leigeadh an creideamh leò ri cleachdaidhean na dùthcha anns an robh iad a’ faotainn am bith-beò, aig a’ cheart àm a’ feuchainn ri an cànan ’s a ’chuid a b’ fheàrr de na seana chleachdaidhean a chumail suas. Bha naSons of Freedomag iarraidh dlùth leantainn ri creideamh is cleachdaidhean an sinnsirean. Cha robh iad deònach an clann a chur do na sgoiltean ann an Canada, a chionn, bha iad ag agairt, gu robh na sgoiltean a’ teagasg sabaisd is cogaidh ach ’se bu mhisde dhaibh, nan aidicheadh iad e, nach robh a’ chlann
Ri rudan a bha a’ cur dragha orra, no ri eu-ceartas sam bith, bha freagairtean àraid aca: b’ iad sin teine, bom air a dhèanamh aig an tigh, agus na boireannaich a b’ aosda an cuid aodaich a rùsgadh dhiubh agus a dhol am fianuis sluagh na sràide. Cia ás a bha stuth nam bomaichean a’ tighinn, no ciamar a bhatar gan dèanamh, cha robh fhios aig duine, ach bha fhios is faireachdainn gu robh iad buadhach. Anns a’ cheàrnaidh so, suas an abhainn eadar Castlegar is Nelson, cha robh sgoil no dàm no drochaid nach robh uidheamaichte le soluis mhóra shoillseach air an taobh a-muigh agus luchd faire air an taobh a-stigh fad na h-oidhche, gus nach fhaigheadh duine teine a chur riutha no bom a chur annta. Grunnan bhliadhnachan roimhe so shìos ann an Tarrys, baile beag eadar Nelson is Castlegar, chaidh sgoil ùr àlainn a thogail do ’n chloinn, agus an oidhche mus deach a fosgladh bha i ’na smàl ris an talamh. Grunnan bhliadhnachan na b’ fhaide air ais, ’s an dàrna buidheann a-mach air a’ bhuidheann eile, chaidh bom a chur air an rathad iarrunn, ionnus gun do mharbhadhPeter the Lordly Veriginagus móran dhaoine eile. B’ e so a b’ aobhar nach rachadh an trèan le daoine air an rathad iaruinn air feadh na h-oidhche.
Chaidh Peter a bha sin adhlacadh ann an uaigh os cionn na h-aibhne, agus bha dà uair aca air dragh a chur air-san agus air sadail na ciste aige bun os cionn le bom. Bha e nis agus e air a chàradh a-stigh fo charragh mhór sement, agus solus ga fhaire gach oidhche; co-ainm an latha chaidh a mharbhadh bhiodh beag is mór a’ cruinneachadh gu seirbheis a chumail aig uaigh, ’s an latha sin cha digeadh a’ chlann do ’n sgoil. Bha fear an tighe anns a robh mise a’ fuireach, Albannach, a’ cumail faire air drochaid an rathaid iaruinn, a’ cumail sùla is cluais ri gaoith.
[326]Ged a bhithinn-sa a’ cluinntinn nan sgeulachd mu ’n cuairtean lomnochd roimh aghaidh an t-sluaigh, mu an teintean ’s am bomaichean, cha robh eagal orm, no air duine eile, oir cha b’ ann ruinne , bha an spìd ach ri chéile. Fad a’ gheamhraidh a thug mise sa’ cheàrnaidh cha do thachair nì neo-àbhaisteach, ach san earrach thàinig an beothas. Chluinnteadh naidheachd teine no bom an sud ’s an so. Chaidh bom a thilgeil a-steach do bhùth ann an Castlegar an oidhche mus do dh’ fhosgail i son móran ghnothaichean a reic air prìs shaor, agus is iongantach gu robh coinneamh-shluaigh aig Diefenbaker a thug urad ás a riamh ’s a thug an té ann a Bhancùbhair far an do rùisg na ban-Doukobohrs iad fhéin air a bheulaibh ’s air beulaibh an t-sluaigh gus an dug na poilis leò iad.
Mar a bha naSons of Freedoman aghaidh na sgoile ’s na cleachdaidhean Canadach a bha ceangailte riutha, bha iad dearg dhìreach an aghaidh duine dhiubh fhéin leis an rachadh gu math ann am malairt no obair air bith air a cheann fhéin. Bha bùthan aig cuid dhiubh ’s iad a’ dèanamh gu math annta, ach ma bha cus coltais soirbheachaidh orra cha robh sin a’ còrdadh ri na fir, agus cha b’ aon fhear a dhùisg gu craos teine far am b’ àbhaist bùth a bhith.
A’ dol seachad air grunnan aca air an t-sràid cha robh e duilich mothachadh cho eadar-dhealaichte ’s a bha lideadh an cànain bho ’n Bheurla. Tha móran de na facail aca air am fuaimneachadh an cùl am beòil, ach cha robh sin gun aobhar ghàire do ’n chloinn an uair a dh’ fheuchainn-sa ri facail a ràdh. Cha b’ e na sloinnidhean aca a b’ fhasa—Lovrenchenkoff, Kuznetzoff, Popoff, Lebidoif. Gu fàbharach, cha robh duine le Rubitoff.
Dhiùlt Riaghladh Cholumbia Bhreatainnich dhaibh an cànan a theagasg do ’n chloinn san sgoil troimh ’n là, agus cha b’ urrainn domh gun fharmad a bhith agam riutha cho dealasach ’s a bha iad gu an cànan fhéin a chumail beò. Bha aig a’ chuid bu mhotha de ’n chloinn aca ri bho leth-uair gu trì chairteal na h-uaireach a thoirt air a’ bhus mun ruigeadh iad an déidh na sgoile, ach an déidh sin, gun bhiadh (agus chan eil tighean-bìdh ann an sgoiltean Chanada) bha iad a’ dèanamh air an tigh-coinneimh, far an robh an luchd-teagaisg aca fhéin a’ feitheamh orra. B’ urrainn do ’n chuid bu mhotha aca an cànan Ruiseanach a sgrìobhadh ’s a leughadh. Mar a bha iad air an sgaradh bho dhùthaich an cànain agus air an iadhadh le goireasan is gnothaichean ùra, thàinig orra iomadach facal Beurla ghnàthachadh a-measg nam facal Ruiseanach. Bha iad thall an sud cuideachd a
[TD 328
bha ag ràdh nach bu chànan beò an cànan seach gu robh ann de dh’ fhacail Bheurla.
Bu lugha le iomadach duine an sluagh a bha so, agus bha a’ chuid a b’ fheàrr aca a’ faighinn an aon chàinidh ’s a bhuineadh do n fheadhainn bu mhiosa, mar a thuirt fear a b’ aosda de chloinn na sgoile rium latha. Bha iomadach Canadach nach b’ urrainn dìochuimhneachadh gun deach am mac-san, am bràthair agus an athair-san a mharbhadh, a’ dìon dùthcha far an robh an sluagh ud gu sàbhailte aig an tigh; cha bu mhotha a b’ urrainn daibh dìochuimhneachadh gu robh an clann a’ faighinn an aon eideachaidh ri an cloinn-san agus gun na pàrantan Doukobohr a’ pàidheadh cìs no eile air an talamh a bh’ aca a thaobh a’ chùmhnant air an dàinig iad do ’n dùthaich ri linn Bhictoria. Bha iad cuideachd a’ faireachdainn gu robh còirichean luchd-àiteachaidh Chanada air fhàgail aca, a dh’ aindeoin ’s na bha iad air a dhèanamh de chall air an àite san robh iad a’ gabhail còmhnaidh.
Anns na ceithir bliadhna chaidh seachad thàinig iomadh atharrachadh. Thug a’ chùirt a-mach binn gum feumadh gach duine a phìos fearainn fhéin a cheannach mar luchd-tathaich eile na dùthcha. An diugh tha móran de naSons of Freedomair na Kootenays fhàgail Chuir iad teine ri an tighean fhéin is thog iad orra, beag is mór, sean is òg, a’ coiseachd còmhla ás na Kootenays gu oirthir na Columbia Breatainnich. Bha cuid a’ cantainn an uair sin gur ann a’ dèanamh air ceann a deas Ameireagaidh a bha iad, far a bheil a’ fuireach Sarokin, fear bho ’m bi iad a’ faighinn stiùiridh. Ach cha robh an dùthaich sin air an son a bharrachd, ’s thug iad greis mhór a’ càmpachadh ann an srath na h-Aibhne Dòchais, gus mu dheireadh an do rinn iadail Bhancùbhair, far an robh iad a’ càmpachadh faisg air an àite san robh carragh-cuimhne nam fear a chaidh a mharbhadh sna cogaidhean. Cha b’ e so rud nach do chùm cagnadh ri iomadach duine.
Co-dhiù, sguir na paipearan-naidheachd a dh’ innseadh càil mu ’n deidhinn, agus dh’ fhoghluim iad gum b’ e tadhal baile gun bhana-charaid a bh’ aca. B’ éiginn àite còmhnaidh ceart fhaighinn bho fhuachd a’ gheamhraidh, agus anns a’ bhaile mhór cha b’ urrainn daibh fuireach còmhla; bha iad a-measg sluagh eile, agus bha e móran na bu dorra do na seanairean adhartas na dùthcha a chumail bho òigridh a bh’ air a shon. Thatar a nis a’ smuaineachadh gun dèan am baile mór a slugadh mar nach dèanadh sliabh aonaranach nam beann a chaoidh.
Ri dùthaich ùr mar Chanada a tha a’ tàladh dhaoine thuice ás dùthchannan eile, bithear gu tric a’ toirt an ainme port-leaghaidh, a
Cha b’ ann aon uair a chaidh a ràdh rium, ’s gu dearbh tha e cho so-fhaicsinneach ’s nach leigte a leas a ràdh, a’ bhuaidh a bh’ aig na h-Albannaich, agus gu h-àraidh aig na Gaidheil, air Canada. Mar a thuirt fear rium, “Mas Gaidheal thu an Canada tha gach dorus fosgailte romhad.” Thug so mi gu cnuasachadh air gu dé a bha a’ fàgail Ghaidheil mar so, agus thàinig mi chun a’ cho-dhunaidh gur e an dearbh rud a bha am fàbhar a’ Ghaidheil an dùthaich choimhich a bha ’na aghaidh anns an dùthaich a dh’ fhàg e: ’se so cho modhail ’s a tha e ’s gun dèan e mar as fheàrr as urrainn da leis an t-suidheachadh a tha làthair.
’Se a’ dèanamh mar a b’ fheàrr a b’ urrainn daibh leis an t-suidheachadh a bha làthair a thug orra na coilltean a ghearradh, ’s na tighean ceap is loga a thogail, am pòr a chur, ’s gabhail ri dòighean ùra, ged nach robh sin an còmhnaidh furasda.
’N dùil nach e dèanamh mar a b’ fheàrr a b’ urrainn daibh, sin a’ gabhail gu sìtheil ris, a dh’ fhàg na Gaidheil aig an tigh cho umhail fo achd a chrois am féileadh dhaibh, ’s a chrois an cànan dhaibh, ’s fo dhòigh-eideachaidh a theagaisg iad ann an cànain eile do ’m feumadh iad barrachd spéis a thoirt na do’n cànain fhéin?
Nach iongantach an cinneadh daonna, sud agad na Doukobohrs—b’ e an rag mhuineal aig a’ cheart àm an neart agus an laige; so agad na Gaidheil— b’ e cho math’ s a bha iad air cur suas ris an t-suidheachadh a bha làthair a laige agus a neart.
title | Ban-Leódhusach air Safari |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Mairead NicAsgaill in Gairm 48 %p |
parent text | Gairm 48 |