4. Na Peileagan
le LACHLANN MACPHARLAIN
Nuair a bha sinn ag iasgach aon latha chunnaic sinn péileagan a’ cluich anns an fhairge ach bha iad fada air falbh. Thàinig am feasgar agus b’ fheudar dhuinn dèanamh air tìr. Nuair a chuala iad fuaim an inneil thòisich na péileagan air leum a-mach ás an uisge agus thàinig iad dìreach air a’ bhàta. Thòisich iad a’ cluich mun cuairt oirnn. Shnàmh aon dhiubh fo ’n bhàta agus bhuail a dhruim anns an toiseach. Bha am bàta a’ falbh glé luath agus cha mhór nach robh i thairis. An ùine mhór thàinig sinn gu tìr, ach bha na péileagan a’ cluich mun cuairt oirnn fhathast, ach an uair a chunnaic iad an ceadha shnàlmh iad air falbh. Bha sinn glé thoilichte. Bha na péileagan a’ cluich anns a’ bhàgh fad na h-oidhche ach bha iad air falbh anns a’ mhadainn.
title | Na Peileagan |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Lachlann MacPhàrlain in Gairm 48 %p |
parent text | Fios a Tiriodh |