[c] [?] [?] [1] [2] [3] [4] [5] [6] [7] [8]
[9]

Air an Spiris

Bha grunnan de ar luchd-leughaidh an dùil, nuair a nochd an àireamh mu dheireadh de Ghairm, gu robh sin a’ strì ri buidheann shònraichte, no duine sònraichte, a chur do ’n Phàrlamaid, agus bha wèireichean an telefon gu math teth, uair no dhà, an déidh dhuinn tighinn o ’n chlò. Thog iad ceàrr sinn.

A nis, tha an Taghadh Nàiseanta seachad, agus tha Riaghaltas ùr againn. Tha sinn an dòchas gun téid gu math dhaibh, agus gun cuir iad spionnadh ás ùr anns an dùthaich air fad. Agus gu seachd àraidh anns a’ Ghaidhealtachd: gun tòisich obair an dealain a rithist, gun cuirear tuilleadh bhàtaichean-iasgaich an sàs, gum faigh na Gaidheil cothrom air fearann na Gaidhealtachd obrachadh dhaibh fhéin, ás bith an ann mar chroitean no mar innis no mar choille, gun bhacadh o bhàllidh no o thighearna. Tha sinn an dòchas gun tig rathaidean ùra, chan ann dìreach gu feum an luchd-turais, ach gu feum nan Gaidheal.

’Se glé bheag de chobhair a thug a’ Phàrlamaid a riamh do ’n Ghàidhlig no do fhoghlum agus do litreachas na Gàidhlig. Cuin a chualas ball-Pàrlamaid a’ togail a ghuth a dh’ iarraidh leasachaidh do staid Gàidhlig ann an Albainn? Am bi cothrom a nis aig cuideigin a ghuth a thogail, anns an t-suidheachadh iongantach a th’ againn anns a’ Phàrlamaid ùr? Chan eil sinn ag iarraidh air an duine so, ma tha e ann, a’ Ghàidhlig a chur air thoiseach air lòn is obair is caitheamh-beatha an t-sluaigh. Chan eil sinn ag iarraidh ach beagan ceartais.

na rudan a dh’ fhaodadh sinn iarraidh? Tuilleadh de luchd-teagaisg ’s de luchd-ceasnachaidh Gàidhlig. Airgead gu leabhraichean uallachadh is a chlo-bhualadh. Barrachd tìde air an réidio agus air telebhisean. Dithis dhaoine a chur an sàs anns na làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig san Leabharlann Nàiseanta, agus dithis eile san Ordnance Survey. Barrachd rannsachaidh air caitheamh-beatha nan Gaidheal, an cànan, an eachdraidh, an ceòl, is mar sin air adhart.

Chan eil an sin ach rud no dhà a dh’ fhaodamaid iarraidh. Tha Comunn nan Croitearan air de ’n t-seòrsa so iarraidh mar tha, air a’ Bh.B.C.Thug sin togail inntinn dhuinn. a nis a chuireas fead chruaidh ann an cluais Luchd an Ionmhais ann a Westminster?


[10]
titleAir an Spiris
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 49
<< please select a word
<< please select a page