Uighean
Le AILEAN FRISEAL
NUAIR bha mi ’nam bhalach òg, gam àrach ann an baile beag Strath pheofharain, bha cailleach d’ am b’ ainm Anna Muile ann an sin. Bha Anna sean, trom, salach agus b’ e an teachd-an-tìr aice bhith cruinneachadh nan uighean bho na croitean air sléibhtean Uachdar-niad agus gan reic ris na mnathan-tighe an Strath-pheofharain. Saoilidh mi gu bheil mi faicinn na caillich sin fathast a’ coiseachd air an rathad mhór eadar Uachdar-niad agus Strath-pheofharain le dà chliabh, aon air gach taobh dhi, agus trì mìle eadar a dachaidh agus an t-àite reic. Gach seachdain bha i a’ reic a h-uighean ri m ’mhàthair nar tigh fhéin.
Chunnaic mi i aig tràth madainn nar cistin, a’ suidhe air cathair, a dà bhascaid air a’ bhòrd, agus gach aon bhascaid làn de uighean, geal agus donn. Cha robh móran Beurla aig Anna, ach gach madainn nuair a bha i a-stigh, bha i ag ràdh ri mo mhàthair, an déidh dusan no dhà de na h-uighean a reic.
“And there is two eireags’ eggs for the boys.”
Cha robh fhios aice air an fhacal pullet anns a’ Bheurla.
Co-dhiù, bha agam ri itheadh gach madainn aig mo bhreacaist aon de na h-uighean aig Anna Muile. Bho àm gu àm bha droch fhàile a’ tighinn ás an ugh nuair a bha mi e ga bhriseadh. Bha an t-ugh ’na laighe, is dòcha, ann an lobhta no an tigh-thasgaidh mìos no dhà mus bitheadh e air a chruinneachadh le Anna Muile. Aig àm eile bha an t-isean a’ tòiseachadh a ’fàs anns an ugh, aig àm eile cha b’ e tòiseachadh a-mhàin ach isean le iteig air. Tha cuimhne agam, aon mhadainn, nuair a bhuail mi slige-an-uighe, bha sgreadail lag a’ tighinn a-mach!
Ach, bha a ’chuid as mò de na h-uighean sin gasda, gu dearbh—glan, blasda, ùr. Agus thugaibh an aire air aon rud so eile—bha na h-uighean uile le tràth-toiseach nan iseanan annta! Anns na làithean sin bha na coilich an còmhnaidh còmhla ris na cearcan. Bha na[76]
Ach an diugh! Tha a’ chuid as mò de na h-uighean anns na bùthan bho chearcan nach fhaca coileach riamh. Cearcan beaga, geala, ’s na uighean aca beag ’s geal cuideachd. Cearcan a’ fuireach ann an tighean gun uinneagan; gun solus na gréine orra, a’ cruinneachadh ro-fhaisg air a chéile anns na céidsean beaga, gam beathachadh air biadh gun fiù. Chan eil e comasach do iseanan a thighinn ás nighean de’n t-seòrsa sin. Agus, a thuilleadh air a sin, am bheil e comasach do na balaich a tha ag itheadh nan nighean sin a bhith a’ fàs ’nan daoine làidir ’s treun? Chan eile comasach idir.
A nis, air croitean na Gaidhealtachd, tha e comasach fathast uighean nas fheàrr na sin fhaighinn, uighean bho chearcan a tha a’ ruith leis na coilich agus na coilich a’ leum air na cearcan. Uighean bho chearcan saora, a’ ruith a-muigh air na machraichean; cearcan a bheireas uighean a chuireas treise agus misneachd anns gach fear a dh’ itheas iad.
Nis, anns na làithean so, tha féill mhór, a-measg muinntir a’ bhaile mhóir, air uighean bho chearcan a tha a’ ruith air na machraichean, no, anns a’ Bheurla, —Free Range.
Feumaidh na h-uighean sin bhith fìor-ùr, gun droch fhàile no isean annta. Uighean le sligeachan làidir, gealagan glan, buidheagan de dhath buidhe-dhearg.
Air an aobhar sin, bhitheadh e comasach do ’n chroitear na h-uighean a reic aig prìs ro-mhath do ’n luchd-turais a tha a’ tighinn ’nam mìltean gach samhradh do ’n Ghaidhealtachd.
Is e sean-fhacal a th’ ann gum bi na h-uighean fìor ghasda aig na fir nuadh-phòsda. Is fheudar, anns na linntean ri tighinn, gum bi na càraidean nuadh-phòsda a’ deanamh turais do ’n Ghaidhealtachd air sgàth nan uighean a-mhàin. Nach b’ e an dealbh e! Càraidean ás a’ Ghalldachd, á Sasunn, na Stàitean Aonaichte, an Fhraing, A’ Ghearmailt, An Eadailt a’ cminneachadh le chéile ’nam mìltean, le an notaichean ’s an dolairean gu ceannach nan uighean fìor, glan, a tha comasach air iseanan agus clann a thogail; uighean bho na cearcan saora, a’ ruith leis na coilich air na machraichean fallaine, le fàile cùbhraidh nan Innse Gall!
title | Uighean |
writers | Alan Fraser |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Ailean Friseal in Gairm 49 %p |
parent text | Gairm 49 |