[81]

RAGHNALL MAC MACAILEIN OIG

Le RUAIRIDH MACAOIDH (Inbhirnis)

ANN am Mòrar, an Arasaig, am Mùideart agus anns na h-Eileanan a-stigh bithidh daoine abruidhinn fhathast mu Raghnall MacDhòmhnaill, Rìgh nam Pìobairean. Rugadh e, cho fads as aithne dhuinn, mun bhliadhna 1650, agus be athair Ailean Og, MacDhòmhnaill Mhòrair no MatDhùghaill Mhòrair. Tha e air ainmeachadh fhathast mar Raghnall MacAilein Oig, agus corra uair mar Raghnall MacDhòmhnaill Chrois, oir be Cros ainm abhaile ann am Mòrar far an robh e fhéin agus a theaghlach agabhail còmhnaidh.

Choisinn Raghnall cliù gu h-àraidh mar phìobaire agus mar fhear a chuir ri chéile ceòl pìoba. Tha e air a ràdh gur h-esan a rinn na puirt ris an can sinn AGhlas-mhear agus Maol Donn. Chuir e uair sgoilear de na bhaige gu ruig Sgoil MhicCruimein san Eilean Sgitheanach, an déidh dha AGhlas-mhear ionnsachadh dha. Cha do leig an sgoilear air a boide-ionnsachaidh dha, ach an uair a chluich e an deuchainn a bha roimhe dhaithnich MacCruimein anns abhad ionnsachadh Raghnaill Mhic Ailein Oig.

Uairs e air a rathad dhachaidh bho dhròbhaireachd san Taobh Deas, dhiarr Raghnall fasgadh na h-oidhche air seann chaillich. Thàinig nighean na caillich asteach mhór ruadhagus dhfheuch i ri Raghnall a chur a-mach ás an tigh. Thug i gu a ghlùinean e, ach rug e oirres chuir e car dhith. Fhuair e an uair sin fàilte na h-oidhche, agus ri tìde bha mac aige bhon ruaidh. Cha baithne do Raghnall a mhac nuair a thàinig e chun an tighe aige, ach cho luaths a chuala e ri pìobaireachd e dhaithnich e a mhac fhéin.

Duine eile bha beò aig an àm sin, ’se Dòmhnall MacGuaire, Pìobaire Mór Eige, mun duirt caraid“ ’Se mo rùn MacDhòmhnaillic Lachlainn, pìobaire nam feadan brasa.”

Air latha adhlacaidh aPhìobaire Mhóir, thàinig Raghnallna bhirlinn a dhEige. Thàinig e air tìr aig Cille, shéid e a phìob, agus cha do sguir e a chluich gus an dràinig e Galmasdal. Chun an latha an diughse Càrn aPhìobaire as aimn don àite far an do stad e.

Tha e coltach gur h-e duine làidir a bha ann an Raghnall, ach fhuair e ainm seach gach eile airson an eòlais a bha aige air cumhachdan an dorchadais, Bha so feumail dha nuair a chaidh naodhnar de a chompanaich


[82] a bhàthadh adol a-null air Abhainn Lòchaidh. Besan cuideachd a ghléidh a Cheannn-feadhna Macic Ailein bho bhith air a thoirt air falbh leis an Nàmhaid. Bha e air a ràdh gun drinn an Ceann-feadhna so, Dòmhnall Dona, cùmhnant ris an Nàmhaid, agus gu robh droch spiorad, ann a riochd losgainn, ’na chuideachd. ann an Canaidh, dhfhàs Macic Ailein tinn. Aig meadhon oidhche chualas fead chruaidh. Dhùisg Macic Ailein, agus aig an dara fead dhéirich e ás an leabaidh agus dhfheuch e ri teicheadh ás an tigh. Chunnacas creutair mór air bidean àrd asealltainn sìos air an tigh. Thàinig e na bfhaisge, agus rinn e bùirich uair no dhà nuair a bha an ceann-feadhna astrì ri faighinn ás an tigh, ach cha robh eagal air Raghnall aguss esan a chùm an ceann-feadhna am broinn an tighe. Aig trì uairean samhadainn ghairm an coileach trì uairean, agus air an trìtheamh gairm chaochail an ceann-feadhna gu sìtheil an dèidh crathadh-làimhe a thoirt do Raghnall. Chunnacas an droch spiorad mu dheireadh aleum a-null air aChuan Sgìth. Mar dhuais air a sheirbheis thugadh do Raghnall baile-fearainn Shanndaigh Mhóir an Eige.

An t-euchd a biomraichte a rinn Raghnallse an t-sabaid a bhaige ris an droch spiorad a bha agabhail tàmh ann am bealach chumhang dìreach a tuath air Tigh na Tràghadh, an ceann a deas Mhòrair. Be so an spiorad air an robh an Colann gun Cheann.

Tha caochladh sgeulachd ann mun spiorad so. A rèir cuid thàinig MacDhòmhnaill Mhòrair air boireannach a bha abuain achoirce aige faisg air an Tràigh, agus chuir e an ceann dhith leis achorran aice fhéin. A rèir bial-aithris eile, ’se bhinnte bana-mhaighstir a chaidh a fògreadh á Beinn Eadarainn anns na Hearadh no anns an Eilean Sgitheanach, agus thug Raghnall no a bhràthair gunna dhis thilg in ceann dhith fhéin leis aghunna. Bha ena chleachdadh aig an spiorad tighinn air daoine agus am marbhadh, agus rinn i so air màthair Raghnaill, nos dòchas air a mhuime. Uaireannan bhiodh i atoirt ionnsaigh orra le bhith aleagail na grìogaig aice orra. Tha e air a ràdh cuideachd gu robh i air an aona shùil, ’s gu robh i sin ann an teis-meadhon a broillich.

Chuir Raghnall roimhe gun cuireadh e ás dhi, agus chaidh e gu ruig an Tràigh, far an do choinnich e rithe. Thuirt an spiorad risIs coma leam do bhiodag bhiorach ach cùm bhuam do ghlùinean móra.” Dar a chuala esan sin chùm e oirre le ghlùinean gus an dàinig an fhuil bhuaipe reòta. Rinneadh achùis air an spiorad agus thog i oirre don Eilean Sgitheanach aseinn:


[83]

’S fhada bhuam fhéin bonn Beinn Eadarainn,
S fhada bhuam fhéin Bealach aMhorghain.

Ghléidh Raghnall am fonn agus tha e air sgeul fhathast. Cho fada, ’s a tha daoine de shliochdic Dhùghaill an ceann a deas Mhòrair cha dig an Colann gun Cheann air ais. Tha daoine a bhuineas do Chlann Dùghaill an ceann a deas Mhòrair fhathast, ach tha iad gun fearann, agus is fhada a nis bho bhuineadh an dùthchas don ghall.

Na shean aois dhfhàs Raghnall dall, agus dhfhàs a theaghlach coma dheth, ach bheireadh e orras bheireadh e sgleog dhaibh mun cheann.

Chaochail e ann an Eige agus dhadhlaiceadh e ann an eag air an taobh a tuath de sheann eaglais Chille.

(Ughdarras:
Clan Donald, Leabhar 3
Journal of the Folk Lore Society, Leabhar 16
Moidart or Among the Clanranalds
Calum Iain MacGilleathain, The Highlands
Eóghan MacFhionghuin, Uas., Cleadale, Eige
Alasdair MacDhòmhnaill, Uas., Dòirlinn, Mùideart.)

titleRaghnall Mac MacAilein Oig
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
parent textGairm 49
<< please select a word
<< please select a page