An Aithne Dhuibh ...?
5. Niall MacGilleSheathanaich.
Chunnaic Niall MacGilleSheathanaich a’ ghealach ag éirigh air Bàgh Naples agus na neòil a’ cliathadh mu cheann Olympus. Dheanadh e fhathast a rathad ann an Rangoon no ann an New York. Ach, an diugh, agus e aig ceann a sheirbhis mar Rùnaire a’ Chomuinn Ghaidhealaich, chan eil an t-aithreachas as lugha air gun do roghnaich e a chùl a chur ris na nithean sin eile agus a bheatha a thiomnadh do dh’ aobhar na Gàidhlige.
Rugadh Niall ann am fasgadh seann chaisteal Dhùntròin, ach cha robh e ach naoi mìosan an uair a rinn e a’ cheud imrich. Thill athair, Donnchadh MacGilleSheathanaich (no Donnchadh Bàn, mar a b’fheàrr a b’ aithne do dhaoine e) air ais do Dhiùraidh agus is e sin an t-eilean air an ainmich an teaghlach iad fhéin fhathast. Chaidh Niall òg do sgoil Aird Lusa far an robh e fo shùil a’ mhaighstir-sgoile a thug buaidh mhór air a bheatha—Calum MacNaoimhein. Cha robh MacNaoimhein a’ cleachdadh dad anns an sgoil ach Gàidhlig co-dhiùbh a bha e a’ teagasg Laideann no Greugais no Euclid.
Aig seachd bliadhna deug chaidh Niall gu muir—an toiseach còmhla ris an “Caledonian Steamship Company” a bha a’ seòladh mu Chluaidh. Dà bhliadhna ’na déidh sin chaidh e gu Paddy Henderson far an tug e beagan bhliadhnachan a’ seòladh gu puirt uaignidh an Ear. Ainmich an “Yamarapura” an làthair Neill agus thig blàthachadh fhathast ’na shùilean. Bha feadhainn eile ann cuideachd, mar a bha an “St. Clement” (anns an robh e aig an “Spithead Review” ann an 1902), an “Rhouma” agus an “Za-Za.” Anns na dhà mu dheireadh sin, chuir e cuairt an deidh cuairt anns a’ Mhuir Mheadhon-thìreach.
’S fheudar gun robh e ’n dàn do Niall MacGilleSheathanaich a dhol chun a Chomuinn. Ann an 1911 chaidh a ghairm gu coinneamh-taghaidh a bha a’ lorg rùnaire ùr, ach cha b’ urrainn dha bhith ’n làthair agus chaidh Iain MacIlleathainn a Tiriodha a thaghadh. Cha do dh’ fhuirich MacIlleathainn ach dà bhliadhna, agus mu dheireadh ann an 1913 (air a’ cheathramh latha fichead de’n Og-mhìos) chaidh Niall a shuidheachadh. Mun deachaidh an gnothach a chur a thaobh, thugadh air òraid Ghàidhlig agus Bheurla a thoirt do’n Phrìomh Chomhairle gu léir—a’ cur an céill gun robh e ’ga mheas fhéin airidh air an dreuchd! Cha robh aig an Rùnaire ùr ach cóig mìosan gus Mòd Dhun-Dé a chur air dòigh, agus aidichidh e fhéin gun robh e air chrith air na cnàmhan gus an robh a’ Chuirm Mhór seachad. Trì bliadhna an déidh sin, thàinig air Niall gabhail anns an arm agus chuir e seachad còrr agus dà bhliadhna còmhla ris na Camshronaich (far an robh e anns a’ Chòmhlan Phìobairean) agus còmhla ris an Scottish Horse. An déidh a chogaidh, thill e chun a’ Chomuinn.
Cha ghabh luaidh deanamh air na rinn Niall MacGilleSheathanaich as leth na Gàidhlige. Thug e na bliadhnachan móra ud do’n Chomunn—thug e dhuinn rosg agus òrain air am bi meas bliadhnachan an déidh so—rinn e sin agus iomadh rud eile. Ach aontaichidh an fheadhainn do’n aithne e, gur e an rud a b’ fheàrr a thug e dhuinn riamh, deagh eiseamplair.
Tha Niall pòsda aig Ealasaid Taylor a Cinn-Tìre—té de chiad bhuill Coisir Ghàidhlig Chinn Loch Chill Chiarain. Tha iad air a bhith bliadhnachan a’ còmhnaidh ann an Kilmacolm agus a’ cur seachad seachdain no dhà de’n t-Samhradh ann am “Bothan an Fhuarain” ann an Cinn-Tìre. A thuilleadh air na mìltean de luchd Gàidhlige a bhios ag ionndrainn Neill an uair a leigeas e dheth an dreuchd, bithid ionndrainn nach beag air am measg an luchd-siubhail air an treun mhaidne eadar Kilmacolm agus Glaschu; bithidh iad a’ gabhail iongnaidh càite an deachaidh e an déidh dhaibh a bhith ’ga fhaicinn fad nam bliadhnachan ’s a cheann crom os cionn an Tòimhseachain-tarsuinn anns a’ phaipear-naidheachd. A thuilleadh air òran math Gàidhlig no port air a’ phìob, sin an cur-seachad as docha le Niall. ’Se fhéin a thug dhuinn a’ cheud tòimhseachan tarsuinn ann an Gàidhlig ann an 1925! Agus ’se a thug dhuinn an t-ainm.
An uair a thig an t-ám an Comunn fhàgail, dé na rudan air an fheàrr am bi cuimhne aig Niall MacGilleSheathanaich? A’ cheud chuirm-chiùil aig an robh e riamh—anns an Oban ann an 1897, far an robh Ruaraidh MacLeòid a’ seinn agus e air bonn òir a’ Mhòid ùr-fhaotainn. Mòd Dhun-Dé, a’ cheud fhear aig an robh e fhéin mar rùnaire. Agus Mòd Inbhir-Nis ann an 1912 far an d’fhuair e fhéin a’ cheud duais leis “A’ Chuthag Mhaidne.”
Ach bithidh iomadh rud eile ann.
title | An Aithne Dhuibh ...? |
writers | Finlay John MacDonald, Derick Smith Thomson |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
notes | NB. Cha robh ainm an ùghdair air fhoillseachadh san alt seo. Tha sinn a’ leantainn na sgrìobh Raghnall MacilleDhuibh gur e an co-dheasaiche Fionnlagh I. MacDhòmhnaill a sgrìobh an sreath ‘An Aithne Dhuibh...?’ air fad. (Gairm Index aig DASG) |
parent text | Gairm 5 |