Air An Spiris
THA Gairm a nis air an leth-cheud a ruighinn, agus tha e nàdurrach gum biodh e faireachdainn rudeigin sean. Tha a làn thìde aig cuideigin a ràdh gu bheil e ro shean, agus gur h-e bu chubhaidh dha norrag a ghabhail ri taobh a ghealbhain, no air a spiris fhéin. Ach chan fhiach do dhuine so a ràdh mura cuir e gairm eile ann an cluais nan Gaidheal: mura cuir e leabhran eile air chois a bhios nas fheàrr, no nas coltaiche ris an linn anns a bheil sinn beò. Cha chuireadh so mìghean sam bith oirnn. ’Sann a bhiodh e ’na mhisneachd mhór dhuinn.
Fhads a tha sinn a’ feitheamh, tha dùil againn leantainn oirnn gus a ruig sinn an ceud co-dhiù. Bithidh an uairsin an fheusag againn a’ dol am bogadh anns an inc, agus chan eil teagamh nach bi sinn a’ deanamh mabladh eagalach air a’ Ghàidhlig. Nuair a ruigeas sinn an aois sin ’se a’ phrìs a bhios oirnn cóig tasdain, agus bithidh Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd a’ gabhail deich duilleagan de shanasan-reic gach ràithe ann an Gairm: bithidh iad a’ fiachainn ri reic fhaighinn air Morairean is Ridirean a chaill a’ Bheurla, air gillean-cas-fliuch nach do chuireadh an sàs ann an obair tharbhaich, air cailleachan-ludgaig nach do dh’ ionnsaich an cunntadh ùr deicheimheil, agus air seann Liberailich.
Gus an tig an là mór sin, dh’ iarradh sinn taing a thoirt do chàirdean thall ’s a-bhos a tha gar cuideachadh anns an staid anns a bheil sinn: na bùithean is na buidheannan a tha a’ toirt shanasan-reic dhuinn an dràsda, agus an luchd-leughaidh a tha a’ ceannach bhuapa, agus ag innse dhaibh mar a thug na sanasan-reic ann an Gairm a thaobh iad; na càirdean a tha a’ reic an leabhair dhuinn gach ràithe, is cuid aca tha nis an obair sin fad dà bhliadhna dheug. As an aonais agus ás aonais feadhainn òga a tha a nis a’ tòiseachadh gar cuideachadh, cha bhiodh Gairm idir ann.
title | Air an Spiris |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |