An T-ionnsachadh Og?
Bha an ceatharnach so shuas ceithir fichead ’s a sia nuair a chuir aghaidh an toiseach air Gàidhlig ionnsachadh. Rugadh Hans Eggeling ann an Dun-Eideann, ach b’ann ás a’ Ghearmailt a thainig a phàrantan. B’e na cànanan Clasaiceach a ghabh e mar phrìomh chuspair, chuir e an uair sin ùidh am Fraingeis ’s an Gearmailt. Thill e gu bhith a’ teagasg ann an Oilthigh Dhun-Eidinn. Bithidh e ag eadar-theangachadh bàrdachd Ghearmailteach gu Beurla na h-Alba, no Albais.
Ghabh e ùidh mhór anns a’ Ghàidhlig. Bha aobhar no dhà air a sin, agus b’ e aon dhiubh gu robh e airson nach deigheadh dad seachad air de na bha e cluinntinn anns na tighean-òsda air còrsa an iar-thuath na h-Alba, far am bi e tadhal air fòrladh o àm gu àm.
Tha e cho geur ris an ealtainn, ’s e làn dibhearsain. Tha a’ Ghàidhlig a’ tighinn thuige mar gum b’ ann leis a’ bhainne a fhuair e i.
(Tha sinn fo chomain do Mhurdaig NicCoinnich airson na naidheachd so. Chì sibh gu bheil Mgr Eggeling a’ leugadh Gairm anns a’ phioctair so.)
title | An T-ionnsachadh Og |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |