CATH NAN EUN
Sgeulachd air a h-aithris le HUGHIE DAN MACDONNEL á Inbhir Nis, Ceap Breatainn, agus air a recòrdadh ’s air a sgrìobhadh le CAITLIN NIG FHIONGHUIN, An t-Oban. ’Sann á Loch Abair a thainig sinnsirean an sgeulaiche, a tha a nis gu bhith tri fichead ’s a deich.
THA mi dol a ghabhail dhuibh sgeulachd air Cath na Eun. Bha sid uair ann, Iompaire ris an abradh iad Iompaire na Frainge, agus, agus bha aon mhac aige, ach cho fad ’s a bha e fhéin air chomas a bhith dol a mach dha ’n bhean’ t-seilge bha e dol a mach dha ’n bhean t-seilge. Agus thuit dha gur robh mial-chu aige a bhiodh a’ falbh còmh ris fad na h-ùineachd nuair a bhiodh e dol a shealgaireachd. Ach co-dhiù ’s co-dhà, thòisich an gille a dhol a mach a shealgaireachd. Ach co-dhiù bha latha sin a chaidh e mach dha bhean’ -sheilge ’s bha ’m mial-chu aige còmh ris, agus cha deach e uamhasach fada. Bha sneachd air an talamh agus chunnaic e earbsa, agus loisg e air an earbsa. Cha d’ rinn e ach an earbsa leòn ’s thog earbsa rithe, ’s ma thog thog am mial-chu an déidh na h-earbsa. Dh’ fhalbh mac Iompaire na Frainge ás déidh sin, ach, co-dhiù, nuair a thug e suas ’s nach gabhadh i faighinn stad e. Chuir e bos a’ ghunn’ air uachdar a choise, agus a dhà bhas air uachdar barail’ a’ ghunna agus a smig air uachdar sin, agus thòisich e air cuimhneachadh. ’S bha e coimhead air fuil na h-earbsa falbh air an t-sneachda, agus a’ coimhead air a’ mhial-chu. Thàinig i ’s laigh i làmh ris: Thug e seachad bòide an uair sin, nach robh e dol a phòsadh nighean gu bràth ach nighean a bhiodh cùl a cinn cho dubh ri cùl cinn na mial-chu, agus a dà ghruaidh cho dearg ri fuil na h-earbsa air an t-sneachda, an còrr dha craicionn bhi cho geal ri ’n t-sneachda.
Ach co-dhìu, thill e dhachaidh ’s chaidh e chadal an oidhche sin, agus sa’ mhaduinn an la-arn-a- màireach bha e anmoch gu éirigh. Ach, co-dhiù, bha e cur iongatas uamhasach air athair dé bu choire nach robh e ’g éirigh. Chaidh e suas ma dheireadh far an robh e, ’s bhruidhinn e ris. Dh’ fhoighnich e dha carson nach robh e ’g éirigh; “Bheil sian sam bith ceàrr” thuirt Iompaire na Frainge. “O, chan eil” thuirt esan. “Well, tha e glé bhochd dhomhsa an aon mhac a th’ agam ris an t-saoghal ’s a’ cheud cheist a chuir mi riamh air nach do dh’ fhuasgail e i.” “Well, mas ann mar sin a th’ ann” thuirt esan “innsidh mi dhuit.” ’S dh’ innis e ’nuair sin dha mu na bòidean a thug e anns a’
Ach co-dhiù, fhuair e deiseil, ’s thug athair dha cuideachadh—rud ri itheadh ’s rud mar sin— ’s dh’ fhalbh e. Bha e coiseachd, ’s a’ coiseachd, ’s a’ coiseachd, ’s bha ’nuair sin neul na h-oidhche a’ tighinn ’s bha coltas air nach robh e dol a dh’ fhaicinn àite san rachadh e. Ach chunnaic e ’nuair sin bothan beag taobh an rathad. Chaidh e stigh a dh’ ionnsaigh a’ bhothain a bha seo ’s bha bodach ann an sin agus feusag mhór ghlas air.
Choimhead am bodach air. “ ’S fàilt ort, ’ill ’ òig. ’S math tha fhios nuair ceann do sheud ’s do shiubhal, ach bha e san naidheachd bho shean gu robh mac rìgh no ridire ann a dh’ fhalbhadh ’s a thilleadh, agus dh’ fhaoidhte gura tus e. Ach fuirichidh tu còmh rium fhéin an nochd.”
’S ann mar sin a bh’ ann; Dh’ fhuirich e còmh ris a’ bhodach an oidhche sin ’s bha e uamhasach uile gu léir sgìth, ’s chaidh e chadal. Agus ’se gliogadaich nan sgian ’s nam forc a dhùisg mac an rìgh sa’ mhaduinn, agus am bodachan a’ faighinn deiseil am breiceis. Ach co-dhiù, dh’ éirich e ’s fhuair e bhreacanais ’s ghabh e bhreacanais. “Well, feumaidh mi falbh.” “Well,” thuirt am bodachan ris “tha bràthair athair dhòmhsa air thoiseach ort, agus ruigidh tu e, agus innsidh e dhuit an gnothuch na ’s fheàrr na dh’ innseas mis’ e.” “Co fad ’s a tha e bhuam?” “Tha e fad coiseachd là agus bliadhna.” “O well, ’s fheàrr dhòmhsa bhith falbh.” “Well, chan fhalbh buileach an dràsda” thuirt esan. “Tha paidhir de bhrògan-siubhail agam ann an sin ’s cuiridh tu ort iad, agus, am beul na h-oidhche, bithidh thu aig àite bràthair m’ athair, ’s cha bhi sian agad ri dhèanamh ach leum anns na brògan siubhail ’s an aghaidh a chur air an dachaidh ’s an ear-dheas air am màs, ’s na biodh an còrr cùram ort mu dheidhinn nam brògan.”
’Sann mar sin a bh’ ann. Dh’ fhalbh e ’s leum e sna brògan-siubhail, ’s cha robh fhios aige co-dhiù ’se ’n-t- adhar a thog e no ’n talamh a shluig e, ach am beul na h-oidhche ràinig e àite bràthair athair a’ bhodachain. Ach chaidh e stigh ’s bha bodach ann an sin ’s feusag mhór ghlas air. “Fàilt ort ’ill’ òig. ’S math tha fhios ’m air ceann do sheud ’s do shiubhail. ’S iomadh mac rìgh no ridire dh’ fhalbh ’s nach do thill, ach bha e san naidheachd bho shean gu robh mac rìgh no ridire . . . . ann a thilleadh, ’s có fios nach tus e. Fuirichidh tu
’Se gliogadaich nan sgian ’s nam forc a dhùisg mac an iompaire sa’ mhaduinn, agus dh’ éirich e, co-dhiù, ’s ghabh e bhreacdanais agus bha e dol a dh’ fhalbh. “Well chan fhalbh buileach an dràsd,” thuirt esan. “Tha mo sheanair an so, ’s tha fhios aige air cùisean nas fheàrr na th’ agamsa. ’S thòisich e rùrach sa’ bheairte chloimhe ’n sin. Thug e bodachan beag ás a’ bheairte chloimhe agus feusag mhór fhada air. Agus choimhead am bodachan beag so air. “ ’S math tha fhios ’m air ceann do sheud ’s do shiubhal. ’S iomadh mac rìgh ’s ridire bh’ ann a dh’ fhalbh ’s nach do thill, ach bha e san naidheachd bho shean gu robh mac rìgh no ridire ann a dh’ fhalbhadh ’s a thilleadh ’s dé fios nach tus e.” “Well,” thuirt e ris an uair sin “ma ni thu mar a dh’ iarras mis’ ort gheibh thu air n-adhart. Falbhaidh tu ’s cumaidh tu ort ’s ruigidh thu bonn beinn. Tha agad an uair sin air tòiseachadh ri dìreadh na beinn tha so, agus tha bheinn mar gum biodh i dol a rolladh a nuas air do mhuin, ach, air na chunnaic thu riamh, na coimhead ás do dhéidh” thuirt esan, “agus mura coimhead thu ás do dhéidh, ni thu suas gu mullach na beinn’ i, agus nuair a gheibh thu gu mullach na beinne” thuirt esan “tha àite fomhair mór an sin, agus thig a stigh’s feuch air bràigh an doruis, ’s gheibh thu slatan draoidheachd, agus rud sam bith air am buail thu ’n ceann garbh dh’ an t-slatan draoidheachd, ni thu creag shalainn dhe, agus rud sam bith air am buail thu ’n ceann mìn dh’ an t-slatan draoidheachd, ni thu òganach dheth.” Ach co-dhiù ’s co-dhà, “ Dé cho fad ’s a tha e bhuam,” thuirt mac an iompaire “ Tha e fad coiseachd là agus bliadhna,” “Well ” thuirt e “feumaidh mi falbh.” “Chan fhalbh” thuirt esan. “Tha paidhir de bhrògan shiubhail an so ’s cuir ort iad, agus ruigidh tu bonn na beinne feasgar. Cha bhi sian ann a dhèanamh an uair sin, ach leum ás na brògan siubhail ’s an aghaidh a chur air an dachaidh ’s an eara-dheas air am màis.”
Agus ’sann mar sin a bh’ ann. Leum e sna brògan siubhail ’s cha robh fhios aig’ co-dhiù ’se ’n t-adhar a thog e no ’n talamh a shluig e. Feasgar beag ràinig e bonn na beinne. Thòisich e ’nuair sin air dìreadh suas a’ bheinn a bha so, agus bha bheinn a’ choltas oirre gu robh i dol a rolladh air a mhuin ach cha d’ rinn e sian coltach ri coimhead ás a dhéidh, ach lean e air ’s fhuair e gu mullach na beinne. Chunnaic e àite an fhomhair a bha so, agus chaidh e stigh, ’s dh’ fheuch e air bràigh an doruis ’s fhuair e slatan draoidheachd. Bhuail e ’n slatan-draoidheachd
Agus ’s ann mar sin a bh’ ann. Chuir e seachad an oidhche san t-àite bha so, is sa’ mhaduinn an la-arn-a- màireach bha Cath nan Eun a’ dol air adhart ’s bha Cath nan Eun seachad uile gu léir ach eadar fitheach is nathair, agus bha coltas air an nathair gu robh i dol a churfinishair an fhitheach, agus bhuail e ceann garbh an t-slatan draoidheachd air an nathair ’s rinn e creag shalainn air. Leum an uair sin an fhitheach ’s thuirt e “Leum air bac mo dhà sgiath ’s bheir mi dhuit siubhal.” Leum e air bac dà sgiath an fhithich, ’s dh’ fhalbh am fitheach agus bha ’m fitheach a’ falbh ’s a’ falbh ’s cha robh an coltas air gun robh e dol a stad.
Ach, feasgar beag, ràinig e pealais mór eile, agus chaidh e stigh, ’s thuirt am fitheach ris fuireach ann an sin maduinn. Co-dhiù, sin an rud a rinn e. Chaidh e stigh ’s dh’ fhuirich e còmh ris anns a’ phlealais a bha so. Sa’ mhaduinn an la-arn-a- màireach chaidh e mach ’s cha robhsignair an fhitheach, ach thàinig òganach briagha ’an choinneamh ’s rug e air làmh air agus thuirt e “Rinn thu feum mór dhòmhsa an dé. Tha mise an déidh faighinnclear ’s na geusan chaidh a chur orm, agus an rud a tha thu ’g iarraidh tha e ’n so.” ’S thug e dhaparcel. “Well” thuirt esan, “theid thu nis dhachaidh, ’s air na chunnaic thu riamh,” thuirt esan, “na fosgail do pharcel gus am faic thu ’n t-àit is fheàrr leat fhéin so shuidheachan a thogail—do phealais”.
Ach co-dhiù, dh’ fhalbh mac an Iompaire dhachaidh ’s thug e leis amparcel. Cha robh an t-astar idir cho fada ’s bha e a’ falbh, agus feasgar beag rainig e swampa fo thig athair ’s chaidh e stigh san t-swampa bha so. Ach co-dhiù, bhe e coimhead ’son fhaighinn a mach dé bha sa’ pharcel, ’s shrac e pharcel bha so ás a chéile ’s bha ’m pealais bu bhriagha chunnaic e riamh air thogail ann an teas-meadhoin an t-swampa. Ach co-dhiù ’s co-dhà, thionndaidh e mun cuairt ’s chaidh e mun cuairt air a’ phealais ’s thàinig e gu dorus. Bha ’n nighean a thug e seachad a ghealltainean ’na déidh, bha i ann an sin ’s i ’g éirigh air[140]
Ach co-dhiù ’s co-dhà, dh’ fhalbh e ’nuair sin, agus bha ’n oidhche an déidh tighinn gu dòigheil an uair sin ’s chunnaic e àite laghach fo thigh athair agus dh’ fhalbh e ’s thuirt e gur e so àite laghach air son a phealais a thogail. Ach co-dhiù, thug e sraing far a’ pharcel ’s fhrois a’ pharcel ás a chéile a rithis. Ach co-dhiù, choisich e mun cuairt ’s bha ’n nighean a bha so a’ suidhe ’s i gàireachdainn ’s i ann an cathair airgid ’s cathair òir làmh rithe. Thuirt i ris suidhe sa’ chathair òir, ’s tha mi cinnteach gun do chuir iad seachad oidhche cuimeasach math toilichte.
Sa’ mhaduinn an la-arn-a- màireach dh’ éirich athair ’s choimhead e mach air an uinneig ’s chunnaic e ’m pealais a bha so. Well, cha robh fhios aig an fhortan dé bha ceàrr. Bha e deanamh a mach gur e rudeigin a bha e faicinn ’s gun robh e sna sùilean aige. Shuath e shùilean cho math ’s a ghabhadh e. Ach co-dhiù, chaidh e sin a choimhead air ’s bha a’ phealais ann. ’S thog e ris sìos a dh’ ionnsaigh a’ phealais ’s bha ghill’ aige ann ’s bha ghill’ aige fhéin ann ’s an nighean a bha e ’g iarraidh. Agus ’sann mar sin a bh’ ann. Dh’ fhalbh iad ’s chuir iad seachad latha cuimeasach math ann an sin.
Well, nis tha sin dol a dh’ fhàgail sin mar sin. Ach, co-dhiù, ’nuair sin thainig leanabh gu mach an rìgh. Ach co-dhiù, nuaira bh a’n leanabh so suas ma bhliadhna, thainig am fomhair far an robh e. “Thoir dhòmhsa do mhac” thuirt esan. “O, bheir, bheir” thuirt esan. Chaidh e ’s bha mucaire an rìgh ’s bha leanabh aca fhéin mu ’n aon aois ’s dh’ fhalbh e ’s thug e seachad mac mucaire an rìgh dh’ an fhomhair. ’S cha deach e uamhasach uile gu léir fada nuair a thug e slat as a bhroilleach ’s dh’ fhoighnich e dh’ an leanabh dé bhiodh athair a’ dèanamh leis an t-slat a bha sin. “Ceannsachadh mucan an rìgh.” “Tha mis’ an déidh tuigsinn gur e mac mucaire an rìgh a th’ agam an àite mac an rìgh.” Rug e air chasan air ’s spad e ris an rathad e.
Thill e air m ’s bhruidhinn e ris a’ ghill’ ’s thuirt e ris “Mach dhòmhsa do mhac.” “Bheir” thuirt an gille ’s dh’fhalbh e ’s fhuair e mac stiùbhairt an rìgh. Cha deach e fada gus an tug e slat ás a bhroilleach ’s dh’ fhoighnich e dh ’an ghille bheag a bha so “Dé bhiodh d’ athair a’ dèanamh leis an t-slatag?” “Goisnicheadh mucan an rìgh” thuirt e. “Tha mise tuigsinn gur e mac stiùbhairt an rìgh a th’ agam.” ’S rug e air chasan air ’s spad e ris an rathad e.
Thill e air ais a rithis gu àite mac an rìgh. “Mach dhòmhsa do mhac” thuirt e “ no ’n clach as àirde ’n clach as ìsle dha d’ phealais.” Agus ’sann mar sin a bh’ ann. Dh’ fhalbh e ’s b’ fheudar dha mhac a thoirt seachad dh’ an fhomhair. Dh’ fhalbh an fhomhair ’s cha deach e uamhasach uile gu léir fada gus an tug e ’n t-slat ás a bhroilleach. “Dé bhiodh d’ athair a’ dèanamh leis an t-slat a tha so?” “A’ ceannsachadh rìoghachd an rìgh.” Well, ’se mac an rìgh a bh’ aige ’s dh’ fhalbh e dhachaidh ’s thug e leis an gille beag a bha so.
Ràinig e dhachaidh ’s thòisich an gill’ air fàs mór. Bha nighean aig an fhomhair ’s bha i uamhasach uile gu léir briagha. Ach, co-dhiù, thòisich e air deanamh suas ris an nighean a bha so. Ach ’sann mar sin a bh’ ann, bha ’n coltas air gun robh iad dol a phòsadh. “Well,” thuirt an fhomhair “mum faigh thu ’n nighean agamsa feumaidh tu trì ceistean fhuasgladh, agus, ma ni thu sin gheibh thu mo nighean ri phòsadh. Tha bàthach an sid” thuirt e“ ’s tha i seachd ceud troigh a dh’ fhad ’s seachd ceud troigh a dh’ àrd, ’s seachd ceud troigh a leud. Chan eil sian de thugha air a’ bhàthach ’s feumaidh i a bhith air a tughadh le iteagan eòin, agus chan eil math ach aon iteag a bhith ann de gach seòrsa.”
Ach, co-dhiù, ’sann mar sin a bh’ ann. Chaidh e mach a dh’ ionnsaigh an t-sabhal ’s thug e dha bogh’ -saighde air son beirid air na h-eòin. Ach mu mheadhon là, nuair a thainig an nighean a mach le dhìnearachd cha robh aig ach aon fhitheach air a mharbhadh an uair sin ’s chan fhaodadh e uisinneachadh ach aon iteag. “Thig ’s gabh do dhìneir” thuirt ise. “O, chan eil sian a reusan agamsa mo dhìneir a ghabhail” thuirt e, “Bidh mo cheann air an stob an nochd an uair thig t’ athair dhachaidh.” “Thig thusa ’s gabh do dhìneir.” Chaidh e ’s thòisich e air gabhail a dhìneir. ’S thilg i saighead dh’ an choille, agus an uair a bha e réidh dha dhìneir bha bhàthach air a tughadh. “Well, nis, foighnichidh m’ athair dhuit an nochd ’n do thugh thu bhàthach ’s abair ris gun do thugh. Their e “Well, cha do thugh thus’ i.” Their thusa “Well, thugh cuideigin i.”
Well, bha cheud gnìomh seachad an sin. Ach sa’ mhaduinn an la-arn-a- màireach, dh’ éirich am fomhair ’s mac an rìgh. “Well, tha bhàthach air a tughadh, ach tha bàthach eil ann an sin,” thuirt e, “ ’s tha i seachd ceud troigh a dh’ fhad, ’s seachd ceud troigh a leud, ’s seachd ceud troigh a dh’ àird, agus cha deach a cartadh cho glan ’s gun ruith ubhal bho ’n dàrna ceann a dh’ ionnsaigh a’ chinn eile dhith.” Thug e mach dh’ anouthousee ’s dh’ fhosgail e dorus anouthouse ’s bha dà spaid ann an sin—spaid mheirgeach dhubh is spaid òir. “Có ’n té dhiubh sin as fheàrr leat fhaighinn.” Well, choimhead e air na spaidean ’s bha ’n spaid òir a’ coimhead uamhasach laghach. Dh’ fhalbh e ’s thug e leis an spaid òir ’s chaidh e leis dh’ an bhàthach. Cheud spaid a chuir e mach as a’ bhàthach thàinig a trì a stigh. Ach bha e ’g obair ann an sin gus an tàinig àm na dìneir ’s bha e thrì uiread deug anns a’ bhàthach. Ach thuirt an nighean ris “Thig ’s gabh do dhìneir!” “O, cha leig mi leas mo dhìnear a ghabhail an diugh. Tha mo cheann dol a bhith air an stob gu cinnteach.” “Thig thusa nall ’s gabh do dhìneir.” Thòisich esan ri dhìneir a ghabhail ’s thilg ise an spaid mheirgeach so a bh’ aice, ’s thilg i stigh sa’ bhàthach i. An uair a bha e réidh dha dhìneir bha bhàthach air a cartadh cho glan ’s gun ruitheadh ubhal bho ’n dàrna ceann a dh’ ionnsaigh a’ chinn eile. “Well” thuirt i “foighnichidh m’ athair dhuit an do chairt thu bhàthach ’s abair gun do chairt. Abraidh esan “Cha do chairt thus’ i.” Abraidh thusa “Well, chairt cuideigin i.”
Well, bha ’n dàrna gnìomh seachad an sin. Ach co-dhiù ’s co-dhà, chaidh an oidhche sin seachad is sa’ mhaduinn an la-arn-a- màireach dh’ éirich iad a rithis. “Well” thuirt esan “thà fireun sid ’s tha nead aice ann an craobh, agus tha trì uighean innte, ’s feumaidh na h-uighean sin a bhith agad dhomh air mo shuipear an nochd.” Ach co-dhiù, dh’ fhalbh an gille ’s chaidh e dh’ ionnsaigh an craobh agus cha robh meur air a’ chraobh a bha so ’s bha i ceud troigh a dh’ àird. Well, thòisich e air dol mun cuairt air a’ chraobh. ’S cha robh dòigh aig’ air streup anns a’ chraobh ach aon uair ’s a dh’ fhalbh e, thòisich ise air dèanamh chnagan air lìon. Ach co-dhiù ’s co-dhà, nuair thainig àm na dìneireachd dh’ fhalbh i le dhìneir a dh’ ionnsaigh a’ ghille. Agus “Thig a nall ’s gabh do dhìneir.” “O, cha ruig mi leas. Tha mo cheann dol a bhith air an stob cinnteach an nochd” thuirt e. “Cha teid agamsa air dol suas sa’ chraoibh.” Ach co-dhiù, thuirt e ris “thig a nall ’s gabh do dhìneir.” ’S chaidh e null ’s thòisich e air gabhail a
Ach ’sann mar sin a bh’ ann. Bha na trì ceistean mar sin air an dèanamh ’s bha ’n nighean aige ri fhaighinn an uair sin co-dhiù. Agus chaidh iad an uair sin a chadal san oidhche ’s thug ise leatha ubhal. Agus co-dhiù, chaidh iad dh ’an leabaidh ’s thuirt i ris “Feumaidh sinn nis éirigh a dh’ aona luath ’s a chaidleas am fòmhair. Agus feumaidh sinn togail rithe no marbhaidh e thu mun tig a’ mhaduinn.”
Ach co-dhiu, dh’ éirich iad ’s dh’ fhalbh iad a mach ’s dh’ fhàg i ceithir earrannan dh’ an ubhal ma chuairt an leabaidh ’s aig an dorus ’s lean i ’n ubhal gus an d’ ràinig i ceann am mach an doruis. Ach co-dhiù, dh’ fhalbh iad ’s fhuair iad an làir a b’ fheàrr a bh’ aig an fhomhair ’s thog iad rithe. Ach co-dhiù, dhùisg an fhomhair am meadhon na h-oidhche ’s dh’ eubh e. “An do chaidil sibh ?” “Cha do chaidil” thuirt pìos dh’ an ubhal. Chaidil e sin treis eile ’s dhùisg e rithis“ ’N do chaidil sibh?” “Cha do chaidil ” thuirt pìos eile dh’ an ubhal Ach co-dhiù, an ceannspelldhùisg e rithis, ’s lean sin air gus an do fhreagair am pìos ma dheireadh aig an dorus. “A” thuirt esan, “tha mo nighean an déidh mo mhealladh, agus feumaidh mi falbh ás a déidh.”
Dh’ éirich e ’s thog e rithe. Bha iad a’ coiseachd ’s a’ coiseachd ’s thuirt ise ris “Tha anail m’ athair a’ losgadh mo dhà shlinneagan” ’s i air an làire bha so còmh ris an gille. “Dé nì mi” thuirt an gille. “Feuch ann an cluas deas na làire feuch dé gheibh thu.” “Chan fhaigh mi sian ann an so” thuirt esan “ach pìosan beag de spruis.” “Tilg ás do dhéidh e. Thilg e ’m pìosan beag de spruis so ás a dhéidh. Rinn e seachd ceud troigh de dh’ fhad, ’s seachd ceud troigh a dh’ àird, seachd ceud troigh a leud de choille cho dlùth ’s nach rachadh snàthad ann. Ach co-dhiù, bhuail an fhomhair so ’s cha robh dòigh aige air faighinnthrough. Fhuair e tuagh beag a bh’ aig an tigh ’s thòisich e air
“Tha mi cinnteach gun goid.” Thill e dhachaidh leis an tuagh.
Ach co-dhiù, dh’ fhalbh e ’nuair sin ’s bha e falbh ’s a’ falbh ás déidh na h-ighinn.” “Ah” thuirt ise “tha anail m’ athair a’ losgadh mo dhà shlinneagan.” “ Dé ni sinn?” thuirt an gille. “Feuch ann an cluas ceàrr na làire feuch dé gheibh thu.” “Chan fhaigh mise sian ann an so ach pìosan beag de chlach.” “Tilg ás do dhéidh e.” Rinn e seachd ceud troigh a dh’ fhad, ’s seachd ceud troigh a dh’ àird ’s seachd ceud troigh a leud de chreag chruaidh. Bhuail an fhomhair anns a’ chreag a bha so ’s cha robh dòigh aige air faighinn troimhe. B’ fheudar dha tilleadh dhachaidh ’spickistoolsfhaighinn air son rathad a dhèanamh. Ach thòisich e ris antunnela bha so a chur tro ’n chreag. Rinn e rathadhalright, ach thuirt e, “Tha mi dol a dh’ fhàgail natoolsan so gus an till mi? Thuirt a’ phioghaid ’s i air mullach na creig.’ “Goididh mis’ iad.” “Goididh no goididh; chan eil an còrr ùin’ agamsa ri chall,” thuirt e.
Ach ’s ann mar sin a bh’ ann. Dh’ fhalbh e ’s thog e ris ’s dh’ fhàg e natools an sin. “O” thuirt ise “tha anail m’ athair a’ losgadh mo dhà shlinneagan.” “Dé nì mi?” “Feuch ann an cuinnean deas na làire feuch dé gheibh thu.” “Chan fhaigh mise sian ann an so ach boinne de dh’uisge.” “Tilg ás do dhéidh e. Rinn elekuamhasach ann an sin nach robh riamh a leithid ann, agus bhuail am fomhair anns anlek. Co-dhiù, thòisich e air cnàmh tro ’nlek. Bha coltas air an fhomhair gun robh e dol a dheanamh an gnothuch air dol tro ’nlek. Ach thuirt ise “Tha anail m’athair a’ losgadh mo dhà shlinneagan.” “Dé nì sinn?” “Feuch ann an cuinnean ceàrr na làire feuch dé gheibh thu.” Chan fhaigh mise sian ann an so ach pìosan beag de shoirbheas. “Tilg ás do dhéidh e.” Thilg e ’n soirbheas ás a dhéidh ’s thainig stoirm uamhsach a bha coltach ris an stoirm a bh’ againn an so ann Ceap Breatainn. Agus co-dhiù, chaidh an fhomhair a mharbhadh.
Well, thionndaidh i ’nuair sin mun cuairt. “Tha mise an déidh cur ás dha m’athair” thuirt ise. “ ’S tha mi nis a’ dol a bhith dependadh ortsa, agus feumaidh tu mar a dh’ iarras mise dhèanamh.” O, dheanadh e rud sam bith air a son. Ach co-dhiù ràinig e ’nuair sin goirid do dh’ àit athair, agus thuirt ise “Well, tha mise dol a dh’ fhuireach ann an so an nochd,” thuirt ise, “agus theid thusa dhachaidh an toiseach agus innis dhaibh aig an tigh mar a dh’ éirich a mach, ach, air na chunnaic thu[146]
O, rinn iad toileachadh ris an sin a bha gàbhaidh. Dé thuit a bhith mun cuairt ach mial-chu a bh’ aige fhéin. Thainig a’ mhialchu ’s thòisich i air leum mun cuairt air ’s nach do bhuail i bus ás a bheul. Chaill e cuimhne air an nighean. Ach co-dhiù, bha iad ann an sin a’ faighinn deiseil ’s dol a dheanamh banais mhór uamhasach dha, ’s nighean eireachdail aca dha air son a pòsadh.
Agus thug ise ’n aire ’nuair sin gun do dh’ éirich rudeigin a mach. Agus bha craobh mhór an sin, agus meur mór a’ fàs ás, agus bha tobair fo ’n mheur a bha so. Ach thòisich iad an uair sin air faighinn deiseil air son a’ bhanais a bha so. Thòisich na gillean air cur m’ a dheidhinn brògan fhaighinn airson dannsa ’s rud mar sin! ’S bha aon ghreusaich san àite ’s bha bean aige ’s bha triùr nigheanan aige ’s bhachencegun robh iad uamhasach uile gu léir uile grànda. Ach co-dhiù, thòisich iad air òrdughadh napumpsa bha so air son dannsadh. Agus thòisich an greusaich air deanamh nampumps. Bha leithid dhiubh tighinn ’s bha ghreusaich ag obair a latha ’s a dh’ oidhche.
Ach aon oidhche bha gealach mór briagha ann, agus thuirt e ri te do na nigheanan “Falbh ’s faigh dhòmhsa bucaid de dh’ uisge. Tha mi ri bhith marbh leis a’ phadhadh.” Co-dhiù dh’ fhalbh an nighean ’s ràinig i ’n tobair a bha so, ’s bha ’n nighean, bhriagha a bha so coimhead sìor oirre. Chrom i sìos a dh’ iarraidh bucaid uisge ’s chunnaic i faileas fhéin, mar gum b’ eadh, san tobair. “Nach eil e gàbhaidh nighean cho briagha riumsa bhith fuireach còmh ri a’ greusaich.” Dh’ fhalbh i ’s thilg i na bucaidean dh’ an choille ’s thog i rithe ’s ràinig i àit’ a’ ghreusaich ’g éirigh air càineadh a’ghreusaich, cho grànda a bha e ’s an teaghlach, ’s cho briagha ’s a bha ise. Thog i rithe ’s dh’ fhàg i ’n greusaich an sin.
Thuirt an greusaich ri te eile dha na h-igheanan falbh agus bucaid uisge fhaighinn. Dh’fhalbh ise san nòs ceudna, ’s dh’ fhalbh an uair sin an treasa te san nòs ceudna, air son an sgeulachd fhàgail beagan nas giorra. Ach, co-dhiù, bha e ’g obair ’s bha e gu bhith marbh leis a’ phathadh ’s thuirt e ri bhean an uair sin “Falbh air son an fhortan ’s faigh dhòmhsa bucaid de dh’ uisge.” Dh’ fhalbh a bhean ’s bha i cho grànda thachence ’s a ghabhadh i bhith, ’s chrom i aig an tobair, ’s chunnaic i cho briagha ’s a bha i, ’s thilg i na bucaidean dh’ an choille
Dh’ fhalbh an greusaich an uair sin ’s thog e leis bucaid ’s chaidh e dh’ ionnsaigh an tobair. Chrom e sìos san tobair ’s chunnaic e ’m faileas a bha so san uisge. Thog e ’nuair sin a cheann ’s choimhead e suas, ’s bha ’n nighean, a bha so sa’ chraoibh. “Well, ’s briagha do choltas, ach corrach do shuidheachan. Thig a nuas ’s falbh còmh rium fhéin.” Ach co-dhiù, thainig an nighean an nuas.’ “Tha mi ’n déidh coire dheanamh dhuitsa o ’n thainig mi ’n so.” “Well, mo roghainn ’s mo dha, cha ghabh e cuideachadh” thuirt e. Ach co-dhiù, thainig an nighean an nuas ’s dh’ fhalbh i còmh ris a’ ghreusaich. Chaidh i dhachaidh gu àit a’ ghreusaich.
Thòisich an uair sin na gillean bòidheach òg a thighinn a dh’ òrduchadhpumps. Bha iad a’ coimhead air an nighean, cho briagha ’s a bha i. Ach dh’ iarr iad air a’ ghreusaich saoil dé bhiodh i ’g iarraidh air son faighinn còmh rithe oidhche. Well, cha robh fhios aig a’ ghreusaich. Well, thug iad air a’ ghreusaich foighneachd dhith dé bhiodh i ’g iarraidh. Bhruidhinn e ris an nighean, ’s thuirt an nighean ris “Well, a’ cheud fhear a thig còmh rium an nochd, bheir e punnd Sasannach dhomh, agus an ath fhear, tigh’nn an ath oidhche, bheir e dà phunnd Sasannach,” thuirt i“ ’S an treas’ fear, trì puinnd.” Thug e seachad ahistorya bha so do na gillean.
Agus bha iad uamhasach toilichte air son a leithid so do rud a dheanamh.
Ach co-dhiù, thionndaidh iad man cuairt ’s thaing a’ cheud fhaid le punnd Sasannach ’a bha e dol a dh’ fhaighim còmh ris an nighean, ’s tha mi cinnteach gun robh duil aigetimemhath a bhith aige còmh ris an nighean bhriagha bha so. Ach co-dhiù, fhuair e deiseil an uair sin aig àm cadail ’s thuirt ise gun robh i air son dol dh’ an leabaidh an toiseach. “O, tha sinalright” thuirt esan. Ach co-dhiù, chaidh an nighean dh’ an leabaidh ’s ràinig an gille an uair sin, ’s bha e faighinn deiseil air son dhol dh’ an leabaidh. “O” thuirt ise “feumaidh mi éirigh ’s cupa de dh’ uisg’ fhaighinn.” “Cha ruig thu leas, gheibh mi-fhìn cupa dhuit.” ’S dh’ fhalbh e sìos ’s fhuair epitcherde dh’ uisge, ’s thainig e nuas ’s thòisich e air dol a thoirt seachad an cup’ uisge dh’ an nighean. Sticka dhà làmh ris a’ phitcher ’s ris a’ chupa, ’s a dhà chois ris an ùrlar, ’s bha e coimhead air an nighean an sin fad na h-oidhche ’s i ’na suain chadail. Sa’ mhaduinn an la-arn-a- màireach, leig iclear
Ach co-dhiù, an ath oidhche, thainig an dàrna fear, ’s phàidh e dà phunnd Sasunnach. Bha sin trì puinnd Shasunnach aig a’ ghreusaich air faighinn. Agus thainig àm chadail, ’s chaidh is’ a chadal air thoiseach air a’ ghille ’s chaidh i dh’ an leabaidh. Fhuair i deiseil ’s chaidh ’nuair sin an gille suas. Thionndaidh e mun cuairt ’s thuirt ise. “Well, feumaidh mi ’n dorus a dhùnadh.” “Dùinidh mi-fhìn an dorus” thuirt e. Sticka dhà làmh ris annob ’s a dhà chois ris an ùrlar, ’s bha e coimhead air an dorus fad finn-foinneach na h-oidhche, ach ’sann mar sin a bh’ ann ’s leig icleare.
Ach an treasa fear, thainig e ’s phàidh e trì puinnd Shasunnach, agus dh’fhalbh ise sa’ cheart dòigh ’s chaidh i dh’ an leabaidh ’s i dol a chadal. Ràinig esan. Leig i leis an duine sin suidhe air deireadh na leaba a’ cur dheth a bhrògan ’ssticka dhà chois ris an ùrlar ’s an còrr ris an leabaidh ’s bha e ’n sin a’ coimhead air an nighean. Sa’ mhaduinn an la-arn-a- màireach, leig icleara’ ghille agus bha a’ ghreusaich an déidh an airgiod fhaighinn.
Ach co-dhiù, thainig an uair sin àm na bainnse, agus thainig cuireadh a chur mun cuairt, agus thainig cuireadh gu àit’ a’ ghreusaich. Ach chunnaic iad an nighean a bha so ’s i cho briagha, agus dh’ fhalbh iad ’s thug iad dhi cuireadh a dhol a dh’ ionnsaigh na bainnse. Ach co-dhiù, dh’ fhalbh i a dh’ ionnsaigh na bainnse còmh ris a’ ghreusaich. Dé thug i leatha ach coileach is cearc, agus ràinig i tigh na bainnse. Chaidh iad a stigh, a’ ghreusaiche ’s an nighean—an nighean bhriagha bha so—ach cha do dh’ aithnich an gille riamh i.
A’ cheud rud a bha dol air adhart ann an tigh na bainnse an uair sin bha stòpan de dh’ fhìon a’ dol ma chuairt bho dhuine gu duine. Thòisich an stòpan air dol ma chuairt gus an d’ ràinig e ’n nighean bha so. Thuirt an nighean an uair sin “Cha robh mi aig banais riamh,” thuirt i “nuair bhiodh stòpan a’ dol ma chuairt de dh’ fhìon,” thuirt i. “Bu toigh leam gnìomh a dheanamh.” Ach co-dhiù, chaidh cead thoirt dhi.
Dh’fhalbh i ’nuair sin ’s leig i ’n cearc ’s an coileach a bha so air an ùrlar. Thilg i spileagan de pheasair air an ùrlar. Thionndaidh an cearc ’s i air an spileagan a bha so a thogail. Leum an coileach ’s thug e ’n spileagan bhuaipe. “A” thuirt a’ chearc ris a’ choileach “cha dheanadh tu sin an latha thugh mi bhàthach dhuit.” Ach co-dhiù, dh’fhalbh i ’nuair sin ’s thilg i spileagan eil’ air an ùrlar. Thog an
Thainig a h-uile sian air ais ann an cuimhne mac an rìgh,’ s thionndaidh e ma chuairt’ s dh’ fhàg e ’n nighean a bha e dol a phòsadh ’s leum e còmh rithise. Thionndaidh e ’nuair sin ’s dh’ innis e ’n naidheachd dhaibh uile, mar a dh’ éirich a mach ’s a h-uile sian, Agus ’sann mar sin a bh’ ann. Phòs mac Iompaire na Frainge’ s an nighean a bha so. O well, an uair sin rinn iad banais ’s cha chuala tu riamh idir uile gu léir uile leithid.
Agus thuit dhomh fhìn gun robh mi an agus Cathy ’n so, ’s bha ’ntimea b’ àille air an t-saoghal againn ann an sin. Agus an uair sin aig deireadh na bainnse, theirig am fìon dhuinn ’s dh’ fhalbh mi-fhéin ’s Cathy dh’iarraidh botul de dh’ fhìon, ’s bha sinn a’ dol seachad air allt ’s bha’ n allt car mór ’s bha paidhir de bhrògan paipeir oirnn, ’s thuit gun do thuit sinn san allt, ’s dh’ fhalbh na brògan dhinn, ’s dhealaich sinn ri chéile.
[Sanasan]
title | Cath nan Eun |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Catrìona L. NicFhionghuin in Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |