PORT A’ CHAISTEIL
Le COINNEACH ROS
NUAIR a bha mi ’nam bhalach beag ann an Glaschu, bhiodh an teaghlach uile a’ dol a h-uile samhradh airson trì seachdain do dh’ eilean beag anns a’ Chaolas Latharnach far an robh tigh mo sheanar—an seann dachaidh. Tha tobhta àrd stacach an sin, air bearradh creige os cionn na mara, air taobh siar an eilein, a bha ’na chaisteal greadhnach aig àm buaireasach nan Lochlainneach, agus tha gleann gorm uaigneach air an taobh a-stigh dhith, far an saoil thu gum bheil an saoghal mór gu léir fada fada bhuat. Bho ghrunnd a’ ghlinne chì thu ballachan briste a’ chaisteil ag éirigh os do chionn dhan speuran, air an tolladh an sud ’s an so le uinneagan beaga, cumhang. Cha ruig mi leas innseadh gur tric a bha sinne, gillean agus nighean anns an lagan ghrinn ud, far an robh bàgh beag a’ tighinn a-stigh air cùl a’ chaisteil, le iomadh rud iongantach beò agus marbh, air an tràigh.
Aon oidhche shoilleir, le gealaich, thug sinn air mo mhàthair falbh còmhla ruinn gu Port a’ Chaisteil, mar a theirte ris, agus le fothail nach
Bha a’ ghaoth ag éirigh agus bha sgùraigean ag iathadh mu aghaidh na gealaich, nuair a chuala mi mo mhàthair ag éigheach ruinn ann an guth tiamhaidh iongantach, “A chlann, a chlann . . . .” Thog mi mo cheann rithe, ach ghlacadh mo shùilean le rudeigin soillseach àrd shuas air a’ chreig ri taobh a’ chaisteil. Thàinig a’ ghealach a-mach fo sgùraige, agus rinn mi mach cruth boireannaich, i ’na seasamh le stòldachd neo-thalmhaidh, a h-aghaidh ris a’ chuan, a cleòca fada air ghluasad leis a’ ghaoith, agus gréim aice air fo a smeagaid le aon làimh.
Bha a falt fada bàn an crochadh air a druim, ’s e air a tharraing ri chéile le ribean air chùl a cinn; bha fadal agus foighidinn nochdte ’na feitheamh. Nar sùilean-ne bha i neo-chumanta àrd, ach dh’ éirich an seann chaisteal a-mach os a cionn, maraon rithe’ na feitheamh.
An ceann tiotan thàinig sgòth air a’ ghealaich, agus shìol an cruth ás dh’ an dubhar.
“Manadh, manadh!” ghlaodh sinn, a’ ruith leis an eagal far an robh mo mhàthair. Bha ise, le sùilean làn deòir, a’ coimhead far an do nochd an sealladh, agus cha duirt i facal ach “Uistibh, Uistibh, a chlann—an truaghan bochd, an truaghan bochd, obh obh an truaghan!” Bha i mar gun robh sealladh aice air nithean do-thuigsinn dhuinne, a gnùis làn co-fhaireachaidh, tuigsinn agus truais.
Is ann grunnd bhliadhnachan an déidh sud, ’s mi air ais anns an eilean, a dh’ innis seann bhoireannach sgeul dhomh, mu Bhana-bhrionnsa Lochlainneach a dh’ fhàgadh leatha fhéin anns a’ chaisteal, a’ feitheamh a fir, nach do thill riamh bho aon de ruagaidhean coganta nan tìmean ud.
title | Port a’ Chaisteil |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Coinneach Ros in Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |