[176]

BHEIL GAIDHLIG AIRDUFF”?

Le RUAIRIDH MACGILLEATHAIN

Cha be comunn an ghamhna a bha shannt orm dheanamh riut,
Ach rud bhiodh agad ghabhail bhuats an rud bhiodh bhuat a thoirt dhut.

Be sin an dòigh choibhneil a bha follaiseach a-measg na chruinnich gu cuirm Màiri Stiùbhairt, M.B. E., ’s oidhche mhór aca ann a Lunnainn afiachainn ris aGhàidhlig a tha bàsachadh anns abhaile mhór sin a bheothachadh.

Thainig iad ás gach ceàrn le iomadh seòrsa goireas bhon sgadan shaillt, gu marag choire, agus ged a bhiosgach dìleas gu deireadhcha bu chòir dhuinn dìochuimhn a dheanamh air an eallach a thug Uig á Clapham ann.

Mar a their iad anns aBheurlaseSale of Worka bha aca, agus bha achlann-nighean afiachainn ri rudan annasach a dheasachadh airson na cuirm.

Bha an luchd-riaghlaidh cruinn timcheall air an eallach nuair a chaidh fhosgladh.

Nuair a nochd am put amach bha aca achduff”! ’S ma bhabiorach ùr an t-Siaraichannasach ga reic ann a Nis bha anduffa cheart cho annasach ga reic aigFetter Lane.

Mar sin cha bhiodh e glé dhuilich rann a dheanamh dhi, ach chì sibh anns na ruinn a leanas, ged a chruinnich iad còrr air ceud not, nach dainig móran piseach air aGhàidhlig. Tha aGhàidhligs aBheurla a-measg a chéile unnta, rud nach eil air a cheadachadh ann am bardachd, an àite sam bi breitheamh foghluimte.

Hóro Mhurdag robh tréicil innt,
Robhalmonds , currantsisraisinsinnt,
N e leth-phunndmolassesa rinn i cho snasail
S a dhfhàg cho dreachail do bhèicearachd?

Bha cuirm a Lunnainn thug Màiri dhuinn,
Gu cuideachadh labhairt na Gàidhlig ann,
S thug feadhainn ann sgadan is iasg air a shailleadh,
S bha Murdag le eallach samhàileid aic’.


[177]

NISICH AG ITHE DUFF

(An dealbh le Dòmhnall Moireach)

Bha grunnan gun cheileir ri mèananaich
Ag éisdeachd sumult ri sgialachdan,
S chuir eallach na cailin am mulad gu caithream
Nuair chaidh i cho sleamhainn lesiaghanan.

Nach truagh nach fhaca teCeemo* i
Nuair thug sibh a-steach air an truinnsear i
S a chuir sibh air sail i bha thall ris abhalla
Is fear dhe na balaich gha pìobaireachd.

Thuirt cuideiginGearraibh is tòisichibh
Gha reic mar aran na Dròbh againn,
S ma bhios iad ri gearain air cuideam an earrainn
Cha chuir sinn iad barrachd air gròt orra’.


* Bha dùil aig Beann Perrins anSalefhosgladh, ach chumadh air ais i le tubait a thachair don phleun aig Inbhir Nis.


[178]

Nuair dhfhosgail amharcaid bha uabhas dhibh,
Ri tabhach nan tasdan is uallach orr
Nach fhaigheadh iad ceathramh a bheireadh iad dhachaidh
S a dheanadh a stamagan suaicheantach.

Bha Uigich, Searaich is Siaraich aic’,
S bha feadhainn dhiubh duilich a riarachadh,
S nuair chruinnich na Nisich bha oirre timcheall,
Cha fhaigheadh tu idir na lìonadh tu.

Mar bha iad ri gearradh na caoban aisd
Bha feadhainns na ghabhadh an craos acdhith,
S gheibheadh dhut caire nuair chitheadh tu sealladh
Ged thigeadh air dfhaire na faoileagan.

An dùil robh rudeigin làidir innt
Bha cumail na cuideachd agàireachdainn.
Cha deach iad gu steallag no gloinne dhan Chlachan
No pinnt no gallan a bhàthadh i.

Hóro Mhurdag bha féill oirre
Ged. bha i ri steigeadh rin géilleanan,
S uile bha fagaisg le fiaclan flagach
S ann bha i ri tarrainn nan deudan asd’.

Cha dfhuair sinn Gàidhlig airdufffhathast, ach n difir? Bliadhna mhath ùr dhuibh agus tòrr duff.

[Sanasan]

titleBheil Gaidhlig air “Duff”?
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Ruairidh MacGilleathain in Gairm 50 %p

parent textGairm 50
<< please select a word
<< please select a page