[183]

An Sgeilp Leabhraichean

Edinburgh University Highland Society Year Book, 1964–65 (A’ Phris, 1/6).

Dhiarradh sinn meal-an-naidheachd a chur air oileanaich Ghaidhealach Dhun-Eidinn, agus gu h-àraidh air Ruairidh MacLeòid, Ceann-suidhe aChomuinn Ghaidhealaich an sin, agus fear-deasachaidh an leabhrain so. Is minig a thainig an smuain a-steach oirnn gu robh a thìde aig cuideigin iris Ghàidhlig ùr a chur air chois. Mar as motha a thann, is iad uile acumail sùil bhiorach air a chéile, ’sann as fallainne bhios sgrìobhadh na Gàidhlig.

Gu -fhortanach chan eil ach earrainn den leabhran so ann an Gàidhlig, agus tha achuid as fheàrr dheth ann am Beurla. Dhfhaodadh gu bheil so nàdurrach gu leòr, oir chan eil ach grunnan fior bheag de oileanaich Ghàidhlig adol a Dhun-Eideann an diugh taca ris mar a bhà uaireigin. Agus tha fhios gu feum comunn den t-seòrsa a tha air chùl an leabhrain àite a thoirt don luchd-Beurla. Ach air a a shon sinse leabhar Gàidhlig a bfheàrr leinn fhaicinn, agus air acheann thall bu bhuannachdaile.

Tha an leabhran air a chur ri chéile gu grinn is gu dòigheil. Tha sgeulachdan goirid agus bàrdachd ann, agus sgrìobhaidhean mu nithean a thaatogail connspaid aig an àm. Oilthigh Gaidhealach,Ceòl Gàidhlig aig Féis Dhun-Eidinn, polataics air aGhaidhealtachd. Tha iomradh air leabhraichean ùra ann, is corra dhealbh. Tha Seòras MacThómais ag innse mu chor na cànain Ceiltich a tha ga bruidhinn am Breatainn na Frainge, agus tha rud aig na Gaidheil ri ionnsachadh bhon obair a tha ga dèanamh thall an sin air sgàth Breatnais. Is iomadh uair a chuala sinn luchd-Gàidhlig aBh B. CASeanchas ri’


[184] cuideigin, ach an turas sosann air Fread MacAmhlaidh a tha na ceistean gan cur. Tha e agealltainn tuilleadh Gàidhlig dhuinn bhon Bh.B. C. ma tha sinn ag iarraidh tuilleadh, agus ma ni sinn beagan spàirn. Nach bu chòir dhuinn gabhail ris achuireadh so? Tha eadar-theangachadh aig Iain Mac-a- Phearsain den bhàrdachdHoly Willies Prayeraig Burns, agus tha dhàn aig Raibeart MacLabhrainn a tha snasail. A thaobh obair amhic-meanmain, saoilidh mi gur h-e an sgrìobhadh as fheàrr san leabharThree at the Pool, le Ian A. Fraser: mar a thachair do cheàird, do bhradan, ’s do bhiast-dubh aig linne. Tha fìor chomas air a nochdadh an so; cluinnidh sin tuilleadh mun sgrìobhaiche so ri tìde.

Tha sinn an dòchas gu nochd an leabhran so am bliadhna a rithist, agus gum bi tuilleadh Gàidhlig ann. Tha duaisean gan tairgse do oileanaich anns na h-Oilthighean Albanach: cóig ginidhean airson sgeulachd (fo 2,500 de fhacail) agus cuideachd airson bàrdachd (fo 80 sreath). Bu chòir iad so a chur gu Comunn Gaidhealach Oilthigh Dhun-Eidinn (University Union, Park Place, Edinburgh, 8) roimh 30/4/ 65. Tha sinn an dòchas gun gabhar ris achuireadh so cuideachd.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 50 %p

parent textGairm 50
<< please select a word
<< please select a page