DOMHNALL RUADH MAC AN T-SAOIR
(1)
CUNNTAS GOIRID AIR BEATHA DHOMHNAILL RUAIDH
Le SOMHAIRLE MACGHILLEMHAOIL
B’E call mór ar do litreachas na Gàidhlig agus do ’n Ghàidhealtachd an uair a fhuair sinn fios gun do chaochail ar deagh charaid Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir an uiridh aig toiseach na bliadhna. Cha robh e a’ mealtainn deagh shlàinte o chionn fada, oir, aig amannan, an uair a bha an tinneas a’ laighe gu trom air bha e ga fhàgail fo sprochd agus cho tuainealach. So mar a bha e air an oidhche sin an nuair a thuit e sìos an staidhreach air cùlaibh a chinn a thug buille ghoirt dha nach d’fhuair e thairis air.
Rugadh Dòmhnall Ruadh ann an Snaoiseabhal, Uibhist mu Dheas, air a’ chiad là de’n Dàmhair sa’ bhliadhna 1889. B’ e a phàrantan Aonghas Ruadh Mac an t-Saoir—no mar a chanadh neach a shloinneadh, Aonghas Ruadh mac Nill ’ic Dhòmhnaill—agus Ceit Ruadh NicGhill ’Eathain, nighean do ’n Phìobaire Bàn. Bha a h-athair ’na phìobaire do MhacNéill Bharraidh mun deachaidh e thairis do dh’ Ameireaga. An déidh sin shuidhich am Pìobaire Bàn ann an Snaoiseabhal far an robh e ’na mhaor. Bha Aonghas Ruadh ’na chroitear. B’ urrainn da bhith bruidhinn na Beurla ged nach robh ach a’ Ghàidhlig aig a bhean. Bha ochdnar no naoinear chloinne aca agus b’ e Dòmhnall am mac a b’ òige.
Tha trì meuran de Chlann an t-Saoir ann an Uibhist nach eil càirdeach da chéile, agus, a réir beul-aithris an t-sluaigh, thàinig feadhainn dhiubh á Uibhist mu Thuath agus feadhainn eile ás an Eilean Sgitheanach. Bha Dòmhnall fhéin de ’n bharail gun tàinig iad an toiseach ás an Eilean Sgitheanach a bhith ’nam boghadairean do Chlann Raonuill. Bha fear dhiubh, Gille Pàdruig Dubh, ainmeil mar bhoghadair
Fhuair Dòmhnall beagan d’ a sgoilearachd sa’ sgoil bhig ann an Uibhist agus bha e a’ toirt mar bhàidse fòd mòna do ’n Mhaighistir-sgoil gach madainn. Dh’ ionnsaich e a’ chlachaireachd agus thòisich e a cheàird anns na Hearadh. An déidh sin bha e tacan ann an Lochabar far na rinn e òran brèagha— “Moladh Inbhir-Lòchaidh.” Bha e greis ann an Siorramachd Pheairt far an robh e ag oibreachadh aig Ceann Loch Eireann, ann an Srath Eire, agus ann an Calasraid. Thàinig e sìos do Ghrianaig agus mu dheireadh thall shuidhich e ann am Baile Phaislig. Ann an 1930 phòs e Màiri NicGhill’Fhaolain, Ban-Uibhisteach, agus bha ceithrir chloinne aca.
Ged nach robh Dòmhnall riamh ann an Ard-sgoil no Colaisde, gidheadh bha inntinn fhiosrachail aige agus bha e cìocrach air son foghlum fhaotainn thall ’s a-bhos. Bha e gu math eòlach air faoin-sgeulachd na Gréige mar tha fios againn bho ’n duan a rinn e— “Aeolus agus am Balg,” duan a choisinn dha a’ chiad duais an uair a bha e air a chrùnadh mar bhàrd aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Glaschu sa’ bhliadhna 1938. Bha a cheann làn de dh’ eachdraidh Ghàidhealach, seann sgeulachdan, agus seann òrain, a’ chuid as mò a dh’ ionnsaich e bho a mhàthair agus bho na seanchaidhean aig céilidhean mun cuairt na cagailte ré iomadh oidhche Gheamhraidh. Bha e geur-thuigseach agus tha e fìor ri ràdh gun robh e a’ gabhail beachd air gach nì a tha fo ’n ghréin agus chuir e gu deagh fheum a h-uile rud a dh’ ionnsaich e bho oibrichean Nàduir.
Leugh mi agus chuala mi móran m’ ar dheidhinn fada mun do thachair mi air, ach sa’ bhliadhna 1956 thòisich ar càirdeas agus bho ’n uair sin gu Oidhche Chaluinn, 1963, bha sinn ri chéile aon oidhche ’s an t-seachdain agus b’ iad na h-oidhchean! Chaidh na h-uairean air sgiathaibh an uair a bha sinn “greis air canntaireachd is ceòl,” agus aig amannan eile bha sinn a’ labhairt mu fheallsanachd
Ged a bha bàird eile sa’ Ghàidhealtachd, tha e car neònach nach robh iad spòrsail no àbhacach mar a bha na bàird ann an Uibhist. Bha so fìor mu bhàrdachd Dhòmhnaill Ruaidh. Cha robh e toigheach air òrain a bha muladach, tiamhaidh, trom, ach na h-òrain a bha a’ toirt dha deagh ghàire. An uair a bha e a’ deanamh òran cha robh smuain aige air cliù, ach gum biodh daoine sunndach, cridheil le ’n crannchur seach a bhith cianail no cumhang. Có nach cuala “Sporan Dhòmhnaill” no “Bùth Dhomhnaill ’Ic Leòid” agus nach d’ fhuair deagh ghàire.
Is e mo dhùrachd nach bi an là fad air falbh gus am bi a bhàrdachd ann an clò, agus an sin bithidh a chàirdean ag ràdh nach robh a sporan cho gann mu dheireadh.
AN COILEACH A CHAIDH AIR CHALL SA’ PHOSTA
’Se latha Nollaig tha ’n diugh ann,
’S cha tàinig guth ás na “Heilans”;
Cha d’ fhuair mi ràcan no tunnag,
No cearc, no culag, no criomag,
Ach mur an tàinig, chan airc leam,
Nach cùm iad ac’ ’s nach ith ’ad e;
Is ioma molt ann an crochadh
Aig Mac-an-Rothaich san uinneag
’S gum faigh mi cas.
A rìgh! gur mis’ a bhios ròiceil,
A’ faicinn ròsd anns an àmhuinn
Is làn na poite de dh’ eanraich
A b’ fhiach a thairgseadh dha ’n bhàn-rìgh.
Faodaidh mis’ a bhith buideach,
Ged dh’ òlainn urad ri càmhal;
’Sann bhios mi ag imlich mo chorraig
Nuair chì mi lodar aig Màiri
Ga thoirt a-mach.
’Se sgaile de shùghadh na déise
A chuireas gleus air mo stamaig
Mun suidh mi sìos gu buntàta
Cho math ’s a dh’ fhàs ann am feannaig.
An uair a chì mi sa’ phoit e
’S am maide plocaidh ga phrannadh,
’Sann tha mo cheist air spàinnidh
A thug an ceàrd thar na slabhaig
Ga cur a-steach.
Ach nan tigeadh Bean Uilleim
Is mis’ am mullach mo shòlais—
I gam choimhead a sgealbadh,
Gun stob a dh’ arm ach na meòrain.
An rud a bhualadh ’na h-inntinn
Is gum faighinn dìreach mu ’n t-sròin e;
“ ’Se crois Chrìosda air gach crìosdaidh;
’Sann air do bheulaibh-s’ , a Dhòmhnaill,
Tha cuid an daimh.”
Ach ged nach tainig an coileach,
Chan eil mi ag coireachadh Màiri;
Tha fios nach deanadh i dearmad
A chur air falbh mar a b’ àbhaist
Is ma chaidh e ceàrr anns an t-slighe,
Cho math bhith nigheadh mo làmh ás,
Ach smaointich thus’ air na h-oscair
A ghabh a’ “phostage” romh-làimh air,
Gun thoirt gu srath.
’S ioma cugainn bliadhn’ -ùire
A chaill a cùrs’ anns a’ cheò so,
’S a’ chuid a dh’ fhalbh dhiubh á Uibhist,
Cha tàinig fuigheall dhiubh dòigheil,
’S ge be trusdar gun eanchainn
A chuir iomrall san ròd ud,
Gun chuir e ’n coileach a dhìth orm;
’S mór an dìobhail sud oirnne
’S e bhith cho math.
Chaill mi ’n coileach ’s b’ e an call e,
’S e dh’ fhàg san àm so mi tùrsach
Is ged a shiùbhlainn a’ Ghalldachd,
Nach fhaic mi shamhla ann am bùthaibh.
’Sann tha mi fhìn an amharus
Gun chuireadh sanntach an t-sùil ris;
Gur fhad’ o chunnaic mi banntrach
’S i gabhail rann air a glùinean
Bhiodh ac’ o shean.
Bu mhath a b’ aithne dhomh àrmunn
Nuair bha mi tàmhachd an Uibhist
Is bhiodh e daonnan ’na dhòrainn
Le daoin’ a’ gonadh a’ chruidh air.
Bu tric bhiodh Anna Nic Suain aige—
Té bha uamhasach sgilear;
’S an àm bhith deanamh an t-snàthain
Bhiodh dath a’ bhàis air a bilean
Gus e bhiodh ceart.
Nuair bhiodh na h eich aig’ air thogail,
Nach dean ’ad obair an fheamnaidh,
Ged tha mi cinnteach gu leòr ann
Gu leighiseadh eòrn’ air a’ chalg ’ad.
Cha chuireadh neach ás a chlaigionn
Nach deach am bragadh le farmad
Is dh’ fhàg sud esan ’na amadan
Eadar Anna ’s an t-sealbhach
’Na thiopa-taip.
Ach ’s fheàrr dhomh tilleadh ri m’ choileach
Ma faighte coire dha m’ bhàrdachd
O ’s e bu chuspair an tùs dhomh
Nach lean mi dh’ ionnsaigh a’ bhàis e
Is ged nach d’ fhuair mi dheth caiteag
Airson a chagnadh fo m’ chàirdean;
Gur fhad’ o gheall mi dhomh fhìn e
’Na rud beag bìodach fo a mhàthair
’S b’ e sin an speach.
Bu tric a shuidh mi ga shealltainn
Nuair bha mi ’s t-samhradh san dùthaich,
’S mi ga fhaicinn cho tapaidh
A-mach ’s a-steach feadh an ùrlair,
’S bha fios ’am fhìn nuair a dh’ fhàsadh e
Gur ann tàbhachdach, dùmhail,
Cho glan ’s a thogadh e ’n gràinnean,
Nach fhaiceadh càch ’s e fo ’n sùilean,
Gun ghabh mi beachd.
Bu tric a sheachainn e ’n spitheag,
Ged chaill e ’n diog aig a’ Nollaig
O bhiodh e daonnan ’na spriollag
A-muigh mu ’n iodhlann a’ sgrobadh,
’S an donas ite chaidh riamh ás
A dh’ aindeoin fiadhachas bhodach,
Cho grad ’s a sgaoileadh e sgiathain
Nuair bhiodh té fhiachainn le mollaig air
Aig an dais.
Ach, ’fhir tha ’n toiseach do réise,
’S tu an nochd ag éisdeachd nan rann so,
Na leig nad àbhachd air dìochuimhn’
Gum faod do chrìoch a bhith teann ort.
Tha ioma sgiorradh dhuinn buailteach;
Nach tric tha ’n uair a’ tighinn meallt’ oirnn;
Ged tha thu ’n diugh air an làrach
Tha latha màireach gun ghealltanas
Air aig neach.
Nach beag, a choilich, a shaoil thu
Gun robh do chaochladh a’ sealg ort,
’S tu ann an toiseach do latha,
Gun chnead, gun ghalair, gun anacair;
Ach ann an òige ’s an spionnadh
Gur minig a chuireadh an earbsa;
Chan eil an saoghal-s’ ach tuisleach,
Gur cinnteach ’s duslach na talmhainne
Sinn air fad.
Ma bha do shaoghal dhut sglàmhail,
’S tu ioma là fo na buillean,
’S gum bheil e nis aig a dheireadh;
’Se sin an dreag againn uile.
’Se ceann gach rathaid a’ chill dhuinn,
Cha d’ fhuair sinn innleachd air fuireach,
Ach ’s buidhe dhut-s’ a tha gun chionta
Seach mise, duin’ a bhios an cunnart
Nuair thig am Bràth.
Chaidh do cholann a dh’ Ile
Is mun a thill e thar bhòidse
Cha robh cnoimheag nad amhaich
Nach robh cho reamhar ri m’ òrdaig
Is nam biodh am post’ a chuir ceàrr thu
Is té no dhà dhiubh ’na sgòrnan,
O, ’se mo ghuidhe-sa dhà-san
Gun toir am fàileadh air òrrais
’S nach tig i dheth.
Le Domhnall Mac an t-Saoir
Nach maireann.
title | Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Somhairle MacGhilleMhaoil in Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |