SEARRACH BAN NAN RUARACH
Le DOMHNALL IAIN MACPHADRAIG (Johannesburg)
THA iomadh bliadhna bhon a chuala mi iomradh air Coinneach Odhar Fiosaiche, agus leugh mi leabhar ma dheidhinn, ach chan eil cuimhne agam gu math air na nithean a bha ann. Dh’ fheuch mi ris an leabhar fhaotainn iomadh uair, ach ’se their iad rium nach eil e comasach fhaotainn san latha ’n diugh.
Bha e air aithris gun d’ rinn gun d’rinn e fàidheadaireachd mu dheidhinn Clann ’IllFhinnein, agus Clann MhicRath, a bha aig an àm sin ’nan tuathanaich ann am móran dhe na tuathan ann an Sgìr Chinn t-Sàile agus an Gleann Seile, agus cha robh mór chàirdeas ’nam measg aig an àm sin. Thubhairt am Fiosaiche gun digeadh an latha anns am biodh na tuathan uile an an làmhan Chlann ’IllFhinnein, agus mar chomharradh air an nì a thubhairt e, “Beirear searrach bàn air aon dhe na tuathan”.
Thàinig an latha anns a robh na tuathan uile an làmhan Chlann ’IllFhinnein ach tuathanas na Ruarach (Ruadharach?) a bha aig MacRath, ach nuair a chaochail esan thàinig fear Mac ’IllFhinnein a-nall á New Zealand, agus cheannaich e an tuathanas bho MhicRath.
Air an ath bhliadhna rugadh searrach bàn aig an Ruarach, agus cha robh aon chalg ’na bhian nach robh cho geal ris an t-sneachd. ’Se nì sònraichte tha ann an searrach bàn; tha eich bhàna cumanta, ach nuair a rugadh iad cha iad geal ach beagan liath. Chunnaic mi agus làimhsich mi an searrach iomadh uair, agus bha móran a’ tighinn ás gach àite a choimhead air, agus bha muinntir na tìre a’ cur mór chreideimh ann a fàidheadaireachd Choinnich Odhair, a dh’ innis móran de nithean a thàinig gu teachd anns an tìr.
Nuair a bha an searrach aig aois aon bhliadbna ghabh e tinneas agus bhàsaich e. Chan eil teagamh sam bith anns a sgeul so, agus tha mi creidsinn gu bheil muinntir fhathast beò ann an Cinn t-Sàile a chunnaic e.
title | Searrach Bàn nan Ruarach |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacPhàdraig in Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |