[126]

COMHSTRI NAN CEATHARNACH

Le MORAG NICCOINNICH

AIR uairean, ni duine rud a tha acur uiread de dhiongnadh is a mhoit air fhéin is nach urrainn dha fuireach sàmhach. Sin mar a tha mise! Mar sin feumaidh mi innseadh dhuibh mun euchd a rinn mi an roimhe. Ud! cha robh ann an Daniel ach an gealtaire bochd an taicse riumsa.

rinn mi? Rinn, ma tha, gun tug mi iomairt gu còmhstri ball-cluich. ’S ma chanas sibh nach robh sin ro thapaidhcha robh sibh riamh aig a leithid a rud.

Thàinig mi chun nan geataicheanmas e geataichean a theireadh duine riutha. Bha tuainealaich a sin de iarunn, ’s chanadh tu gur h-e Picasso fhéin a dhealbh dhaibh e. Cha robh e atoirt càilna mo chuimhne ach na ceanglaichean Sasunnach a bhiodh aig aChòirnealair as abhàthaich agus ás a spot a chuireadh abhó bhochd teanga air sop feòir bha sud abualadh dhachaidh le glag. Mu dheireadh thug mi mi fhéin ás an treallaich so ach cha bann mun do shìn e a chròg mhór a-mach— ’s chan e matha ghuidh e dhomh.

Chaidh mo sheotadh is mo gheadadh, ach mu dheireadh ràinig mi làrach an tuasaid. Bha am blàr eadar buidheann á Obar-Dheadhain agus còmhlan á Glaschu ris an abradh iad na Ceiltich. “A charaidena Ceiltich,” arsa mise rium fhéin. Nis tha mise glé phròiseil á fuil nan Ceilteach bho chian a bhith abualadh gu làidirnam chuislean. Biad féin na ceatharnaich, taghadh nam fear. Bha mi adeanamh deilbh dhiubh lem breacain, ’s na pìoban-móra, agus a h-uile fear is cràic de fhalt ruadh airagus gu dearbh nach robh falt ruadh air mo sheanair! Sin mar a bha mise, ’s mo smuaintean ag itealaich air ais thar linntean, ’s mi afeitheamh gus an nochdadh na Ceiltich.

Ach obh! obh! Nochd sud. Daoine beaga cruaidhe dubha, ’s gun aon ghaoisid ruadh eadar an t-aona duine deug a bha iad ann. Mach leatha, is sheas iad ann an sin ann an treas-meadhon na pàirce, ’s ghabh amadan an suds an so dealbh dhiubh.

An sin, shéid bodach beag a bhan sin fìdeag, ’s chan fhacas -truisidh riamh a ghluais na bu luaithe na iad sud. Bha mise cho tàmailteach gu robh de ladarnas aig na h-eitiginn ud na ghabhadh


[127]Ceiltichorra féin is gun do chùm mise suas cliù Obar-Dheadhain. Ach ma chùm, thug fear biorach a bha air mo bhialaibh, is luideag uaine mu amhaich, sùil orm ceart mar a bheireadh ròcais air seilcheags i amiannachadh an ceann a spadadh dhith. Agus mar a t-seilcheag bhochd, liùg mise sìos is cha dubhairt mi an còrr, ach o thèaruinteachd coilear mo chòta thug mo shùilean a-steach na bha adol.

Cha be na h-àigh iad. Bha an Ròcais, ’s e cho dubh ris an fhitheach, agus sròn air a bheireadh na tuill ás na bonnaich, is cha bfhiach eòin Aesoip - an taice ris nuair a thigeadh e gu òl á botal.

Ach cha robh mi ann nuair a fhuair na Ceiltich goal, agus ma fhuair chaidh na bha mun cuairt ás a rian, ’s dhfhairich mi uilinn fear dhiubh mu masnaicheans e foighneachd carson nach robh mise mar a bha iad féin. “A chirc,” ars esan, “carson tha làmhan ort?” An dearg lardanas!

Sann a bha mise smaoineachadh cho eadar-dhealaichtes a bha e ri Ball-cluich mar a baithne dhòmhs e. ’Sann a bha an spòrs ann nuair a bhiodh anCeann a-muighacluich an aghaidh a’ ‘Chinn a-stigh.’ Bhiodh am ball an suds an so, agus far nach bitheadh e bhiodh luchd na cluich alaighe sìos agabhail na gréine. Na daoine glice, ’s chan e a bhith gam marbhadh fhéin gun fhios carson.

Bhiodh Fionnlaghna fhreiceadan anns nagoals,’ agus nan robh coltas gun robh am ball adol seachad airsud! leumadh an is ghlacadh e e. ’Se iongantach a bhann. Nuair a bhiodh iad adeasachadh airson cluich mar so, agus nam biodh Fionnlagh anns amhòine na aig an fhoghar, chuireadh e an na àite. ’S ioma uair a chunnaic mi e nuair nach robh duine ga choimhead acur a dhà fhiacail toisich ann an calpa nach baithne dha, ’s dhèanadh e glé chinnteach gur ann air fear de luchd-cluiche aChinn a-muigh a dhèanadh e e.

Agus na meanbh-chuileagan. Bha a h-uile fear dhiubh a bha beò air an t-saoghal adèanamh a choimhead na spòrs, agus nam marbhadh tu aon dhiubh bha iad air fad atighinn chun an tiodhlaicidh, agus bha sinne apàidheadh gu daor air a sin. ’S iad nach -chuimhnicheadh éirig. Bhithinn-sa ann an suds mi air mhire-chatha agus braon dearg atighinn mu mo shùileans cha mhór feum a bha sin adeanamh dhomh.

Tha iad ag ràdh gum biodh na Leòdaich aceangal phrìosanach ann an Toll-dubh Chaisteil Dhùn-Bheagain fo bhoinne uisge, achnam bheachd, nam biodh iadsan air an ceangal fo na meanbh-chuileagan, cha tigeadh nàmhaid faisg a mhìle orra.


[128]

Co-dhiù, thug mi maire greis eile don chòmhstrichan fhaiceadh duine ach an dàrna leth leis na bhorra de phollach rinn mi mach gu robh Obar-Dheadhain air làmh an uachdair fhaighinn. Thàinig achòmhstri gu ceann agus bha mise, gun chuideachadh sam bith uam féin, air ball aig na geataichean. Bha mise glé shona an clàr a-muigh fhaicinn, is mar a thubhairt Dòmhnall bochd air a thuras a Ghlaschu,

Chuir mi teine ás an ùrlar
Is smùid bho mo shàilean, atàrsainn ás.

titleComhstri nan Ceatharnach
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Mòrag NicCoinnich in Gairm 50 %p

parent textGairm 50
<< please select a word
<< please select a page