NA THA AN DAN DO DH’AITHEACHAN NAN EILEANAN
Le IAIN GRIMBLE (air eadar-theangachadh le IAIN MACDHUGHAILL)
As t-samhradh so chaidh thug mi cuairt a choimhead air duine a tha còrr is ceithir fichead, fear Anton Lindblom a tha a’ fuireach air eilean beag dha fhéin. Bha e air a shaoghal a chaitheamh anns an dòigh àbhaisteach: chaidh e gu muir a chosnadh a bheò-shlainte an uair a bha e òg, agus thug e trì bliadhna air luingeas Lochlannach agus dà-bhliadhna-dheug air bàtaichean siùil agus smùide Breatannach. An 1903 rinn e roghainn eadar eilthireachd do Astràilia leis na bha aige air a shàbhaladh agus tilleadh gu ’eilean altruim, agus b’ e nighean a chuir an gnothach an dara taobh. “Sud i thall,” ars Anton Lindblom le norrag dhe a cheann ri bean bheag aosda ’na suidhe fo dhealbhannan a bha san tigh aca de bhàtaichean agus de dhùthchannan fad-ás, agus a chionn nach robh facal Beurla aice cha do rinn i ach gàire.
An déidh tilleadh dh’ a eilean, cheannaich e bàta beag gu ruith a’ chladaich dhùthchasail ri marsantachd—flùr a’ chuid a bu mhotha a bhiodh aige. An 1909, chuir e cùl ris a’ mhuir gus tòiseachadh air àiteach eilean fhéin, anns an robh sia fichead anam aig an àm. Bhiodh na tuathanaich, ann am bitheantas, a’ deanamh beagan iasgaich anns a’ mhuir mun cuairt orra, airson am feumlachd fhéin, agus go ruig is gum biodh feadhainn a’ reic sgadan saillte gus faighinn air flùr a cheannach. Anns na làithean sin b’ ann leis na tuathanaich mhóra is na h-uachdarain-fearainn an talamh gu beagnaich, agus bha là obrach, no dhà, no trì san t-seachdain mar chomain air a’ chuid a bu mhotha de na croitearan beaga airson an talamh aca. Oir bhuineadh Anton Lindblom agus an t-eilean aige do ’n Ard Dhiùcstàit Ruiseanaich, Finntìr (Suomi anns a’ chainnt aca fhéin, Finlandsa’ Bheurla), agus an uair a chaidh e a dh’ obair air an tuath aig bràthair athar bha an[130]
Gus faighinn chun an eilean aca ghabh mi càr bho Abo, dara baile Finntìr, sìos rathad mór briagha a tha a’ dol thar drochaidean guarchipelago Obeland. Tha an grioglachan eileanan so sgaoilte mar rionnagan bho ghob an iar-dheas Finntìr dh’ an Bhaltaig far am bheil i a’ fàs caol ann am Bàgh Bhothnia. Goirid an déidh dhol troimh Phargas, prìomh bhaile eileanan Obeland, ràinig sinn cidhe far an robh sinn a’ feitheamh ri càr-aiseag. Bha na h-eileanan mun cuairt air ìseal agus fo choille, agus a thaobh is gu bheil iad ann an cuan far nach eil seòl-mara, is tric leis an lusrach tighinn faisg air cois na tuinne. Ach tha mi mìltean bogha ’nam measg cuideachd, agus iad lìomhta mar mhucan-mara a bhiodh tràighte. Uaireannan tha colthas air a’ mhuir eatorra a bhith dùinte mar locha uisge, ach mar a chuireas tu rubha folsgaidh i a-mach gu sìorruitheachd fàire eadar eileanan nan giuthas muir-chìosaichte. Ged a fhuair mi a’ chiad sealladh de ’n tìr àibhseach so bho chlàr a’ chàr-aiseig ann an teas gréine, bha mi a’ cuimhneachadh gu robh a’ mhuir so còmhdaichte le deigh sa’ gheamhradh. Oir tha aimsir nan eileanan sin tur eadar-dhealaichte ri sìde chois-fairge Innse-Gall, far am bi na geamhraidhean caoin, fliuch agus na samhraidhean mì-chinnteach. Is e a tha acasan samhraidhean teatha goirid agus geamhraidhean garga na side mhór-thireach.
An déidh siubhal tarsainn air eilean eile dh’ fhàg sinn an càr ás ar deaghaidh, agus sheas sinn air cidhe fiodh. Air astar bha diogarsaich fhann a’ sìor fhàs cruaidh, agus cha b’ fhada gus an do nochd sgoth iasgaich bheag fhosgailte ruinn o chùl maolaidh. Thog sinn rithe air a’ chuid mu dheireadh de ar slighe gu eilean Lindblom. B’ ann gu math faiceaellach a dh’ fheumte gu ruig is am bàta beag againne a stiùireadh eadar na sgeirean anns an tanalach, agus bha an cidhe far an deach sinn air tìr a’ sìneadh a-mach astar mór o ’n chladach agus e air a thogail air ursannan fiodh. Aig ceann feadhainn eile bha bothagan beaga airson sgothan, air an togail os cionn an uisge—sealladh anabarrach bòidheach agus craobhan giuthais is achaidhean treabhte air an cùl. Cha robh e doirbh dhomh a chreidsinn nach robh Anton Lindblom riamh is an t-aithreachas air nach do thréig e eilean dùthchais air Astràilia.
Ach is e mo bharail gu robh aobhar na bu chudruimiche na an sealladh air a so. Rinneadh Finntìr ’na Poblachd air a h-aghaidh fhéin. Thàinig fear a bha uair ás leth Stàit nan Sgalag (Estate of the Peasants)
Is e Anton Lindblom fear de na daoine sin. Dara leath a bheatha air cùlaibh na Lex Kallio agus an leth eile air an aghaidh ghrianach dhith. Cha do chùm fògradh nan uachdaran suas àireamh a’ cheann-chunntaidh ’na eilean ged is e a shàbhail a dhùthaich agus a sluagh. Chan eil an Nagu an diugh ach trì fichead duine an taca ri sia fichead an 1900. An uair a chrìochnaicheadh an sgoil ùr an 1923 bha deich duine-fichead cloinne innte: tha ceithir duine deug innte an diugh. Ach ma tha òigridh a’ fàgail an eilein, is ann le an saor thoil fhéin chan ann air an ruagadh ás le bochdainn. Mar as àirde staid teachd-an-tìr ag éirigh, tha mar thoradh air sin, na cruitean a’ fàs nas motha le bhith gan reic is gan ceannach mar a thoilichear. Ann an eileana Obeland fhéin, tha baile Phargas a’ glacadh na h-òigridh a tha a’ deanamh imprig a chionn is gu bheil obraichean ùra ann agus cothrom nas fheàrr na gheibhear ann an eilean beag, air barrachd foghluim.
Tha aon toradh air na caochlaidhean sin ann an caitheamh-beatha a tha a’ cur uallaich air Anton Lindblom. Cha toir lagh Finntìr air fear leis am bheil innis-thuath bheag a reic ri tuathanach eile. Ma thairgeas fear-gnothaich ás a’ bhaile prìs nas àirde na as urrainn dh’ an tuathanach ri a thaobh ruighinn air, carson nach deanadh am fear leis a bheil an t-àite còrdadh ris? Cha bhiodh e a’ reic mur am biodh dùil aige an dùthaich fhàgail, agus dé a dhragh-san an déidh làimhe ged a bhacte luchd-àitichidh a’ ghrioglachain-eilean gu buileach ás an eilean aige air a’ cheann thall, agus e air a dheanamh ’na chàmp do na dh’ fhàg am baile-mór fad an saor-làithean? Faodaidh so tachairt a chionn is nach eil siùil-mhara anns a’ Bhaltaig agus mar sin gun gabh na h-eileanan an còir-ghlasadh gu tuige beul an làin. Dh’ innis mi do dh’ Anton Lindblom gu bheil lagh an Lochlainn a tha a’ toirmeasg talamh-àitich a reic ri duine ach ri tuathanach; tha sin a’ seachnadh a leithid so de dhùil-chur anns an fhearann. Tha lagh eile an Lochlainn a’ gleidheadh còir a’ mhòir-shluaigh air a leithid de àiteachan a thathaich, ach chan aontaich na Finnich gu léir ri lagh a tha ag àicheadh do neach a chòir air deanamh mar a thogras e ri a chuid fearainn, ge be dé
Dìreach latha no dhà mun do thadhail mi air Anton Lindblom, bha mi a’ deasbud mu ’n dearbh cheist ri eileanach Lochlannach, Arne Haugland. Tha an t-eilean aigesan ann an suidheachadh móran nas colthaiche ri Innse Gall na tha eileanan Finntìr. Tha e fosgailte ris a’ Chuan Siar ach tha e tuath air Innis Tìle agus gu math an taobh a-stigh de’n chearcal Artach. Tha Meleidh, eilean Haugland, nas motha na am fear aig Lindblom, mu chóig-mile-deug a dh’ fhaid agus eadar ochd is deich mìle a leud, ach ged a tha an dara leath dheth gus àiteach tha an leath eile ’na gharbh-chrìochan neo-thairbheach. Tha e faisg air eileanan as motha na e fhéin, dìreach mar tha an fear aig Lindblom—tha na Lofotain tuath air, agus tha eileanan beaga fàsa anns a’ chuan mun cuairt da. Tha cuimhne aig Arne Haugland gu robh aon ochd eileanan ar fhichead aig a sheanair airson feurach chaorach orra agus iasgach eatorra. Oir tha eachdraidh na ceàrnaidh so nas rathaile eadhon na saoghal Lindblom. Ged a bha luchd-tagraidh air leath aig na tuathanaich (no na sgalagan) Finneach anns a’ Phàrlamaid, eadhon fo na Sàran Ruiseanach, bha muinntir ceann-a- tuath Lochlainn ’nan tuath shaor rìamh bho ’s cuimhneach. Ma-dh’ fhaoite gur h-e sin an t-aobhar nach eil dad aca an aghaidh beagadh, ás leath feum an t-sluaigh, air an còraichean mar dhaoine air ceannach is reic. B’ e ’m fear aig nach“ robh ach an aon tàlant a b’ eudmhoire a thiodhlaic e.
An diugh tha cor eilean Arne Haugland buailteach do na h-aon chaochlaidhean agus a tha a’ tighinn oirnne an Alba agus air Anton Lindblom am Finntìr. Thathar a’ sìor-imprig o eilean gu tir-mór, ás an dùthaich dh’ an bhaile. Tha na h-inghinean gu h-àraidh nas dualaiche iarraidh gu fasdadh am factoraidh an àite an obair-tighe a chùm ri am màthraichean. Tha filleadh dùbailte cosnadh na mara ’s an fhearainn a’ dol ás; tha daoine an dara cuid ’nan tuathanaich no ’nam maraichean, agus mar sin feumaidh bailtean fearainn nan eilean a bhith nas motha. Tha e ion-mhiannaichte gun cuirte air bonn obraichean air an cur-a- mach roimh làimh, ann an àiteachan cothromach, gus friothaladh do na cleachdaidhean ùra sin. Tha am factoraidh aoil as motha air Finntìr am Pargas, ann an eileanan Obeland. Tha factoraidhnitrogenagus obair dealain air Meleidh, eilean Haugland. Bha Dr. Beeching air an suidheachadh, anns a bheil rogha nan rian-siubhail aca, gu buileach bun-os-cionn an aon oidhche nan robh sin air fhàgail an urra ris. Ach is fhada bho chaidh leithid nan daoine.
à dh’ àithn a ghnothach ri Dr. Beeching cho seann-sgeulach ris an Fir Bholg, ann am Finntìr is an Lochlann.
Dh’ ainmich mi dà ghob-snàthaid cho beag is gur gann a theid agad air an lorg air map Lochlainn, agus mas e ’s gun téid, cha bheag an t-iongnadh a chuireas e ort smuaineachadh gu bheil daoine gun teagamh gan àiteach. Ach tha an dà ghob-snàthaid sin ’nan dà mhìle mollachd aig eubhachd dìtidh do ’n fheadhainn as coireach ri cor nan eileanan a tha a’ cuartachadh ar dùthcha. Tha iad ag innse dhuinn gu dé a ghabhas dèanamh anns a’ bhad, gus am milleadh a rinn droch ghiollachd uachdaran coigreach agus mì-dhiù a leasachadh. Agus tòisicheamaid aig an Lex Kallio. Ma-dh’ fhaoite gu bheil am Bòrd Fearainn agus Dheisealachd Nàdurra a chuireadh air bonn leis an riaghaltas a the againn an dràsda, fo Mgr. Fred Willey agus am Morair Mitchison, ag uidheamachadh gus suidhe air ceann a leithid de ghnothach. Ma-dh’fhaoite gu bheil am buidheann aig a bheil barantas airson adhartas na Gaidhealtachd gus eisimpleir a thoirt. Co aige tha fios nach eil sin ann an camhanaich latha òirdhearc euchdach anns an téid sruth-eachdraidh a chalg-thilleadh.
Bho chionn fada bha bail-thuineachais ann an eileanan beaga, soirbheachail, beòthail mar fhlùran ’nan làn bhlàth. Bha Sappho a’ fuireach air eilean Lesbais, dìreach mar a bha Màiri Nighean Alasdair Ruaidh anns na Hearadh agus an t-Easbuig Bjarni Kolbeinson an Arcaibh. Bha a là uaill aig Crete mar a bha aig Eilean I. Bha Comunn riaghaltais suidhichte an lle, agus tha barrachd litreachais a’ tighinn ás Innis Tìle na thàinig ás iomadh mór-thir. Ach bhon an àm sin tha sruth-lìonaidh a’ Chuain Shiair air ruith an aghaidh beatha nan eilean anns an àird-a- tuath. Tha na Lochlannaich, a tha bho chian mion-eòlach air saoghal eileanach, air oidhirp a thoirt air a’ cheist so, rud nach do rinn sinne. Ach faodaidh sinn, air a’ char as lugha, feum a dheanamh de na dh’ ionnsaich iadsan.
(Cluinnear Iain Grimble, Anton Lindblom agus móran eile ann an prógram a tha gu bhith aig Iain Grimble air a’ Bh.B. C. sa’ Mhàirt)
[Sanas]
title | Na tha an Dàn do dh’Aiteachadh nan Eileanan |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Iain MacDhùghaill in Gairm 50 %p |
parent text | Gairm 50 |