BIAST NA H-AON CHOIS
Le TORMOD DOMHNALLACH
CHAN EIL aon de eileanan a’ chuain, no gleann no srath air fad is farsaingeachd tìr-mór ar dùthcha anns nach robh sgeulachdan ro lìonmhor air an innseadh mu na daoine sìthe anns na làithean a dh’ fhalbh. Chan eil bith neo-thalmhaidh eile air ainmeachadh cho tric riutha ann an saobh-chràbhadh nan Gaidheal.
Cha tubhairt so nach robh iomraidhean gu leòr air am fàgail againn mu chreutairean mì-chneasda a bha de eadar-dhealachadh crùth is gnè ris na sìthichean. Is aon diubh sin a’ chùis-eagail mhóir ris an abraite Biast na h-Aon Chois.
Ann an cumadh, bha am bòcan ceudna car coltach ri duine ach cus na b’ àirde ann am meudachd agus móran na bu domhaile am bodhaig na aon de shìol Adhamh.
B’ e a’ chiad nì a rinn daoine a mheas mì-choitcheann mu thimcheall, a chraiceann duaichnidh, a bha gu h-iomlan sliom, dubh, cho dubh ris an teàrr agus deàrrsadh ann ri solus gréine.
Mar a ta an t-ainm a’ cur an céill, bha an uilebhiast air aon chois, ach cuiridh mise mo sheann bhrògan an geall nach robh beathach ceithir-chasach no bodach dà-chasach eadar Tigh Iain Ghròta an Gallaibh gun ruigear baile Cheann Loch Cille Chiarain mu dheas, cho luath ris, agus a’ dìreadh no a’ teàrnadh sléibhe cha b’ e lorg no trosdan daraich air an cuireadh e feum.
Chan eil iomradh agam gum facas a’ bhiast ach ann an dà eilean a-mhàin, b’ iad sin Diùra agus Eilein a’ Cheò.
Ta sgeul air gu robh dà àite de ’n Eilein Sgitheanach fo a thabharnadh.
Rinn Biast na h-Aon Chois còmhnaidh airson iomadh linn ann am Bealach Odale, an ceann a deas an Eilein, gus fa-dheòidh an d’ rinn e fhàgail mu thuaiream ceithir-fichead bliadhna air ais. An sealladh mu dheireadh a chunnacas air anns an ionad ud bha e a’ teàrnadh leothaid aig astar bras, gus an deach e mu dheireadh á sealladh a’ cur car mu chnoc, aig bonn a’ Bhealaich.
Thug fìor charaid na Gàidhlig, Niall MacGilleSheathanaich, nach maireann, dhuinn sgeul thaitneach fo ’n ainm ‘An t-Each Uisge,’ anns an ochdamh àireamh deug de ’n ràitheachan Gairm, san bhliadhna
“An uair a thàinig sinn gu dìreadh àrdain a dh’fhaighinn gu Glaic na Dunaich lean sinn seann cheum rathaid a bha a’ dol seachad air luba mhóir. Cha robh i fada no leathann, ach bha i domhainn agus am fraoch a’ cinntinn thar a bruachan. Is ann an uair sin a chunnaic sinn an uile-bheist ’na laighe air stùcan beag mu leth cheud slat bhuainn. Dh’ aithnich sinn nach bu chreutair talmhaidh e agus, gun fhacal a ràdh ri chéile, thill sinn air ais agus thog sinn suas ri cnocan beag cas, a’ cumail an uabhais so san amharc. An uair a ràinig sinn am mullach fhuair sinn sealladh a b’ fheàrr air a’ bhéist agus gu fortanach dhuinne cha robh a cheann ri fhaicinn. Bha e ’na laighe is a chasan deiridh fòidhe, mar a laigheas muc. Bha na bha ri fhaicinn de a choluinn slèaghta dubh a’ deàrrsadh an gréin shoilleir na Bealltainn. Chan urrainn domh coimeas as feàrr a thoirt dhuibh air na bha ri fhaicinn dheth na tabaist de ròn a chitheadh sibh ’ga ghrianadh fhéin air sgeir, ach gu robh e na bu duibhe. Bha mar gum biodh ceithir stobain challtuinn a’ cumail suas breacan cìobair agus, mar gum b’ eadh, a’ cumail fasgaidh air a cheann. Cha do ghluais e am feadh is a bha sinne ’ga choimhead ach, mar a thuigeas sibh, cha do rinn sinne moille, no idir mothar, ach cumail oirnne gu snàigeach gus an do ràinig sinn a’ Ghlaic.”
Bha esan gu làidir de ’n bharail gur e an t-each-uisge air an tàinig e thairis, ach cha b’ e an t-each-uisge air an do dhearc ar caraid idir ach Biast na h-Aon Chois. Chan fhac Niall a chas do bhrìgh ’s gun robh i air a lùbadh a-stigh fo choluinn an taisdealaich is e ’na laighe.
Cha chualas mu ’n an each-uisge riamh a bhith a’ dol ann am barrachd is dà riochd. Rachadh aig Biast na h-Aon Chois air dol ann an iomadh riochd, nì ta ’n sgeul a dh’ innseadh dhomh le aon de mhuinntir an Taobh Sear, a’ dearbhadh.
Bho chionn còrr is ceud bliadhna roimhe so, bha Mìcheil fear a bhuineadh do Stafann, a’ tughadh an tighe aige. Thàinig Mànus, nàbaidh dha, an rathad a bha e. “Coisich,” ars esan, “cuide rium do Chille Mhoire, agus agam ri dhol ann an cabhaig.” “Ta mi coma ged a rachadh,” ars am fear eile. Le sin a ràdh, theàrnaich e nuas bhàrr a’ ghlais-ceap, chaidh e steach is chuir e e féin air dòigh.
Nuair a bha an dithis fhear a’ tilleadh dhachaidh, ghabh iad ceum-coise troimh an mhòintich an rùn a bhith air ais air an Taobh Sear roimh bheul na h-oidhche. Letheach slighe, cha robh tigh, no eadhon
Mur gum fairicheadh Mìcheil rudeigin ás an déidhinn, thug e sùil air ais thar a ghuala agus chunnaic e creutair mu mheudachd rodain a’ dian leantail air lorg Mhànuis. Cho tubhairt e diog an toiseach is chùm iad orra a’ seanachas. An ceann tacain gheàrr, sheall Mìcheil a rithisd ’na dhéidh agus bha an creutair so air fàs uiread ri abhag mhóir ach cha b’ e càil de choltas abhaig a bha ann. An dàrna h-uair, cha do ghabh e dad air is chaidh iad air adhart beagan shlatan eile. Bha Mìcheil a nis a’ fàs car anshocrach, mì-fhoistinneach, ’na inntinn is thug e sùil nuagach eile ’na dhéidh agus bha am beathach a bha ag imeachd an cas cheuman Mhànuis air fàs cho mór ri gamhainn, gidheadh, chan fhacas riamh an gamhainn sin air an robh a leithid de dhroch coltas mì-shaoghalta. Cha b’ urrainn Mìcheil na bha e a’ faicinn a chumail an cleith na b’ fhaide agus thubhairt e ri chompanach “Seall gu dé ta air ar cùlaibh!” Thionndaidh an dà fhear mun cuairt is sheas iad far an robh iad.
Bha a nis a’ bhiast air fàs uiread ri tarbh Gaidhealach. Bha a chruth oillteil, fiadhaich, eadar-dhealaichte seach ainmhidh nàdurra a chunnaic iad, no mu ’n cual’ iad iomradh. Nuair a bha a’ bhiast faisg air a bhith aca, dh’ fhàg e an ceum is thug e an roid ud seachad orra.
Nis, bha am frith-rathad a bha na fir a’ gabhail, a’ fiaradh mu shròn bruaich àrd, cla cheud slat air thoiseach agus cho luath ’s a ràinig a’ chulaidh-ghairsg, chuir e a dheireadh gu teann ris a’ bhruaich, chàraich e a dhà chois thoisich gu daingeann an sàs anns an talamh agus chuir e dréin an uilc air.
Ma chuir an sealladh déisinneach gaoir tre fheòil Mhìcheil is ann a bha buaidh eadar-dhealaichte aige air Mànus. Bha esan air a chuthach ag iarraidh a dhol am bad na béist agus gabhail dha le cuaille de bhata a bha ’na làimh. Mar bu dlùithe bha iad a’ dol air, is ann bu mhotha bha an fhearg a’ cinntinn, gus gum b’ éiginn do Mhìcheil gréim teann a dheanamh air Mànus agus a shlaodadh bhàrr an rathaid. Chùm e air éiginn a ghréim gus an deach iad seachad air a’ chunnart agus cha bu luaithe a chaidh, na dh’ fhàs Mànus cho ciùin, sèimh, ri uan. Cha do lean an t-olc iad na b’ fhaide na bhruaich. N’ ar a thàinig Mànus thuige féin thubhairt e ri Mìcheil “Bu mhath dhòmhsa gun robh thu maille rium an diugh, is gun do chuir thu bacail orm; nan robh mise air a dhol an sàs anns an droch-rud mar a bha mi ag iarraidh, cha d’ fhuair mi mo bheò ás!”
Sealbh ga ar gleidheadh bho usp an uabhais!
title | Biast na h-Aon Chois |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Tormod Dòmhnallach in Gairm 51 %p |
parent text | Gairm 51 |