AN TAHGHAD
Le MORAG NICCOINNICH
THUG i sùil a-mach, far an robh reothadh mór a’ gheamhraidh air a sgiamh fhéin a chur air an uinneig, agus am feur a nis còmhdaichte le dìomhaireachd mar lìon an damhain-allaidh.
Chaidh i mach is thug i ceum suas troimh ’n choille. Os a cionn bha geugan nan craobh mar mheuran tana, cruaidhe caillich is i a’ snìomh snàth geal. Fo a casan bha na duilleagan reòite—iad lìomhte, is a dhath fhéin air gach fear dhiubh. Chùm i oirre gus an do ràinig i a ceann-uidhe, lochan beag shuas os cionn nan tighean. Chunnaic i e as t-samhradh, a’ toirt luaidh air guirmead an adhair agus air bòidhchead lusan an t-sléibh—ach an diugh, bha e reòtadh agus e mar leug airgid. Bha e reòtadh ach aon oisean beag, oisean beag dorcha, thall fo na drisean. Cha robh ann ach pìos beag uisge, a’ cur dubh air a’ gheal a bha mun cuairt, agus ’na threas-meadhon bha eala a’ snàmh. Chunnaic i ann an dé i. Chunnaic i ann i an là roimhe. Bha i fhathasd ann. Ach saoil—saoil nach do ghluais i uaireigin. Saoil nach tug i sgiathan na h-oidhche oirre agus nach do thill i le briseadh na fàire. Bha i ann a sud—bàn, fìnealta, a h-itean mar a’ chanach fo ghrian uisgealach a’ gheamhraidh. Bha i ann a sud, sona ach a bhith snàmh mun cuairt anns an oisean dhorch ud. Ach an robh i sona? An robh a thuigse aice a bhith sona no a chaochladh?
Sheas Fionnghal ga coimhead. Sud mar a bhiodh ise. A’ dol mun cuairt. Gu bràth a’ dol mun cuairt ann am prìosan dorcha is an saoghal geal a-muigh. Bha an saoghal gealltanach. Bha an saoghal saidhbhir, ach bha e uairean cho fuar ri reothadh a’ gheamhraidh. ’Na h-oisean bhiodh i sàbhailte. Is dé ged a bhiodh i ann am prìosan—nach robh i ann am prìosan dhi féin?
Thug i sùil sìos air a’ bhaile—an sgoil, an eaglais. Lean a sùil ris an eaglais agus ás a sin gu tigh nan cailleach-dhubha. Tigh nan cailleach-dhubha—an ath sheachdain bhiodh ise ann. Chuireadh i dhith gu bràth aodach an t-saoghail so. Chuireadh i cùl gu bràth ri ana-mianna na feòla. Ach an robh ise làidir gu leòr airson sin? Nach robh i òg?
Nach e an saoghal a shealbhachadh còir na h-òige? Thug i sùil eile air an eala. Bha ise gun tùr, gun toinisg is i sona a bhith snàmh an sud. Carson nach deach ise a dhèanamh mar sin, gun reuson, ach crìoch a bhith roimhpe ri choimhlionadh agus gun e an urra rithe fhéin? Ach bhà e an urra rithe. Chaill i a foighidinn ris an eala. Thog i bioran. Thilg i oirre e, is dh’ éigh i “Seall! seall an t-adhar cho gorm. Seall e a’ feitheamh riut. Tha sgiathan agad. Carson nach itealaich thu? Carson a tha thu sona leis an toll sin, agus an saoghal farsaing ga do chuireadh? Nach eil iongnadh ort! Nach eil dìomhaireachd nan linneachan a’ cur dragh ort?” Ach chùm an eala oirre a’ snàmh gu socair, séimh.
Dh’ éirich i ’na seasamh, agus ghabh i ceum sìos chun a’ bhaile. F’ a comhair, bha an tràigh mar a b’ àbhaist agus a’ mhuir ga sloisneadh mar a bha i o chian. Sud an lochan beag far an do dh’ ionnsaich i snàmh. Sud na bruaichean gainmhche far am biodh iad a’ ruidhleadh.An sud an sgoil—an sud an t-achadh bhuntàta a chuir iad an uraidh. Bha a’ bheinn ’na freiceadan geal agus a nis bha gathan na gréine ga dath gu fiamh an òir. Leum a cridhe. Bha gach boinne fala a bha ’na cuislean fuaighte ris an àite so. Bha gréim aig freumh gach craoibhe air a cridhe. Agus a’ dol ga fhàgail! Nan deigheadh i stigh, dh’ fheumadh i fhàgail. Air falbh á so bhiodh i mar chù gun mhaighstir, mar sruth gun uisge, mar òran gun fhonn.
Chuir i seachad an oidhche sin ri guidhe, ri reusonachadh, ri ùrnaigh—ag ùrnaigh, ach co ris? An ann rithe féin? An ann airson freagairt fhaighinn o h-inntinn féin a bha nis mar sop san t-sruth? Dé chreideadh i? Air a’ cheann mu dheireadh, nach robh e gu h-iomlan ’na làimh féin? Nach tug a Cruthaidhear dhi inntinn, tuigse, toil—agus dh’ fhàg e iùil a beatha aice féin.
Dh’ éirich i sa’ mhadainn is mar a b’ àbhaist, theann a ceum ri na cnuic agus mu dheireadh gu Loch-an-eala. Bha an loch reòtadh ach a-mhàin an t-oisean ud—ach cha robh eun no beathach a’ gluasad. Bha an t-àite cho sàmhach ris an uaigh. An sin chual i gurag os a cionn agus chunnaic i sgaoth de ealaichean geala, ’s iad a’ seinn ’s a’ stiùireadh an cùrsa air deas. Bha sanais air tighinn uca gu robh an t-àm a nis ann, agus a dheòin no dh’ aindeoin, bha iadsan a’ coimhlionadh òrdugh a’ chruinne.
Sméid i ris an eala. Rinn i gàire beag rithe fhéin. Gàire tiamhaidh, agus fiamh an aithreachais ’na sùilean—ach a nis, bha fios aice-se dé a dh’ fheumadh i fhéin a dhèanamh.
title | An Taghad |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Mòrag NicCoinnich in Gairm 51 %p |
parent text | Gairm 51 |