VICTORIA AGUS ALBERT
Le FIONNLAGH MACLEOID
AON latha thainig duine le ceann mór do ’n bhaile againne agus labhair e cosmhalachd ag ràdh:
“Bho chionn fhada an t-saoghail thachair gu robh càraid a’ fuireach còmhladh. Agus b’ e an t-ainm a thugadh dhì-se Victoria, agus dhàsan Albert. Agus thachair gur e radain a bh’ annta. Cha robh a’ fuireach còmhla riutha ach iad fhéin, agus feàrlagan a bh’ aig Albert mar phiatan.
Agus bhiodh Victoria ri cur seachad móran de a tìde ga nighe agus ga slìobadh fhéin fhads a bhiodh Albert a-muigh ri cosnadh. Bhiodh i ga coimhead fhéin ann am pristeal faileasach ’s ri suathadh iomadh lì ri a h-aodann gus cail a dhreach a thoirt air. Agus thachair gu robh feum aige air dreach a thoirt air. B’ e blanaig-topaig an lì a b’ fheàrr a fhuair i airson so. Ach thachair gu robh fàileadh a’ choin bho ’n lì so, ’s mar sin cha bhitheadh e mar fhasan aig Albert a bhith dol glé dhlùth oirre. Agus theireadh càch nach b’e a’ bhlanaig-topaig a bha ga chumail air falbh.
Bha a h-ìnean fada biorach agus leothasan bhiodh i ri gearradh na fiasaig a bhiodh a’ fàs fo ’n t-sròin aice. Cha robh dad aig Albert mu dheidhinn na fiasaig aice. Agus bhiodh i ri tilleadh chun a’ phristeil gun sgur. Agus b’ e dleasdanas an fheàrlagain a bhith ri cìreadh an droma agus a’ mhionaich aice, agus bu mhaith leatha e bhith ri slìobadh a h-earbaill. Agus ’sann a chùm a mór-bhòidhchead fhaotainn a rinneadh na h-uile nithean so.
Daonnan bhiodh i ri feitheamh chum ’s gu faiceadh i gu dé na nithean a bhiodh Albert air a chosnadh an latha sin. Agus thachair nach robh càil aice a dhèanadh i ach a bhith ri feitheamh. Gu minig bhiodh rudeigin aige ri tilleadh oir bu chosnaiche math e. Bu mhaith leis a bhith ga fàgail-se aig an tigh, agus esan a bhith dol a-mach a-measg nan radan eile.
Agus thachair gu robh ainm aige mar fhear a bheireadh faochadh do neach air bith a bhiodh fo throm thrioblaid le losgadh-bràghad. Agus is ann mar so a bhiodh e ri toirt cobhair dhaibh. Thogadh e iadsan a bha fo throm-uallach le losgadh-bràghad bho ’n talamh dà uair air earball, agus ’na dhéidh sin bhiodh iad slàn. Air do neach a bhith air a shaoradh o ’n losgadh-bràghad anns an dòigh so bheireadh e tiodhlac do Albert.
Agus le tìde thachair gu robh na tiodhlacan ri càrnadh an àirde aig an tigh, gus an robh an fhàrdaich coltach rimuseum .B’ e fiaclan na tiodhlacan a bu mhinig a gheibheadh Albert, agus mar sin bha an t-àite air a lìonadh leotha. Agus bhiodh aig an fheàrlagan ri lainnir a thoirt asda gach latha. Agus bhitheadh Victoria a-measg nam fiaclan, le moit, ’s i feitheamh gus an tilleadh Albert leis an tuilleadh.
Agus bha fiaclan de na h-uile seòrsa ann, oir bha radain an losgadh-bhrághad ga sireadh anns gach àite a chionn ’s gu faigheadh iad faochadh ri linn. Anns a’ mhuseum bha fiaclan móra, ’s fiaclan fada, feadhainn gheala ’s feadhainn dhubha. Agus bha ammuseumair a sgeadachadh leotha. Agus bha moit air Victoria. Agus bha Albert dìcheallach. ’S bha am feàrlagan ri dol man an donas.
Agus thainig e fo theach, a dh’ aindeoin na bha de fhiaclan anns a’ mhuseum aice, nach robh Victoria riaraichte, oir bu mhaith leatha a bhith cinnteach gu robh barrachd luach anns a’ mhuseum na bha ann am fàrdaichean a coimhearsnaich. Oir bu mhaith leatha a bhith ’na bànrigh àlainn le saoibhreas fhiaclan is eile anns a’ mhuseum aice. Mar sin chaith i a h-uile làithean ga dèanamh fhéin eireachdail is maiseach, agus chum i Albert ri cosnadh fhiaclan. Agus thachair nach iarradh Albert an còrr, oir bha e mar luch ann an spuirean an radain.
Agus mar bu mhotha bha Albert ri saothrachadh, ’s mar bu mhotha bha an àireamh ri fàs de na fiaclan a dh’ fheumadh am feàrlagan a ghlanadh gach là, ’sann bu mhotha bha Victoria ri fàs do-riaraichte. Agus mar sin bha a sùil ri tuilleadh. Agus thachair nach robh fhios aice gu dé a bha dhìth oirre. An uair a thilleadh Albert, is fiacail bheag le gaiseadh innte fo achlais, thòisicheadh i ag éigheachd agus ga chàineadh, agus thachair nach abradh Albert smid.
Bha i bho chionn ùine air a bhith ag iarraidh air Albert faighinn còta de bhian-luch dhi, oir cha b’ aithne dhi gin a bhan-radain-uasail aig an robh a leithid so. Agus nach ann a thachair aon fheasgar gun tàinig Albert a-steach le còta dèante de chraiceann luch, oir bha e air an losgadh-bràghad a chur bho radan mór dubh nach saoileadh càil
Thachair e aon oidhche gun tainig nàbaidh bochd a bha gu bàsachadh leis an losgadh-bràghad chun an doruis, agus leig i steach do ’n mhuseum e oir cha robh Albert fhéin a-stigh. Agus thachair gun do dh’ innis e dhi nach robh dad aige leis am pàidheadh e Albert. Leum Victoria an àirde agus chuir sealladh a fiaclan agus a h-ìnean am feàrlagan air chrith air chùl biast de fhiacail. Leum i air amhaich air an t-sean radan, agus cha robh càil ann ach gun tug e chasan bhuaipe. Oir bha feirg mhór oirre gun gabhadh neach air bith air a thighinn a-steach do ’n mhuseum aice-se, ’s e cho bochd ’s nach robh càil aige a b’ fhiach dhi fhaighinn bhuaithe.
’Na feirg leum i air an fheàrlagan agus leòn i anns a’ chliathaich e. Agus thachair gun tainig fuil agus uisge ás. Air tilleadh do Albert, thug e fa-near gu robh am feàrlagan air a leòn, agus rinn e an aon nì a b’ aithne dha, thog e am feàrlagan air earball dà uair. Ach an àite cobhair, ’sann a thug so an aileag air an fheàrlagan. Agus thachair gu robh e na bu mhiosa na bha e riamh.
Troimh an oidhche sin bha an leònteach ag acain agus ag aileag, agus goirid roimh bhriseadh na fàire chaochail e. Agus air do Victoria faicinn gu robh e air triall, labhair i ri Albert ag ràdh gum bu mhaith leatha seiche an fheàrlagain mar chòta. Agus bha Albert fo mhór thùirse oir bu toigh leis esan a bha marbh, agus cha robh e airson toirt na seiche dheth airson còta do Victoria. Agus thachair gun tug Albert an t-seiche dheth-san a bha marbh airson còta do Victoria. Agus bha mór-mhoit oirrese airson dà latha agus trì oidhche.
Nis air an treas latha dh’ abair i ri Albert gum bu mhaith leatha esan a bhith ri glanadh nam fiaclan anns a’ mhuseum a nis air do ’n fheàrlagan a bhith air triall. Mar sin bha Albert ri cosnadh fhiaclan toiseach an latha, agus gan glanadh feasgar. Agus bha Victoria ’na còta bian-feàrlagain, ri coimhead rithe fhéin anns a’ phristeal. Agus lean iad mar so trì latha agus dà, oidhche.
Ach air an treas oidhche agus i air a sgeadachadh fhéin leis gach goireas a bha fo a comhair, bho bhlanaig-topaig, is fiasag-ghoirid, gu còta bian-feàrlagain, agus i ri ’g amharc air a’ mhuseum mhór a bha aice, agus Albert air a spògan ri glanadh, thainig smuain làidir thuice, agus bha fhios aice a nis gu dé tuilleadh a bha dlùth oirre. Bha Albert
Agus thachair gu robh i ri falbh a’ mhuseum goirid ás déidh so, sgeadaichte ann an còta bian-Albert.
Mu’n àm so thachair do bhalach beag a bhith dol an rathad, agus thilg e clach a lìon bial an tuill.”
Air dha so a labhairt chuir an duine leis a’ cheann mhór a chùl ris a’ bhaile againn agus ghabh e roimhe. Chuala mi gun bhàsaich e bho ’n uair sin.
title | Victoria agus Albert |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacLeòid in Gairm 51 %p |
parent text | Gairm 51 |