[201]

ATH-BHEOTHACHADH NA GAIDHLIG AN EIRINN AGUS AN ALBAINN

Le GORDON MACGILL-FHINNEIN

CHAN EIL teagamh nach eil na h-Eireannaich fada air thoiseach oirnne ann an obair ath-bheòthachaidh na Gàidhlig-50 bliadhna tha cuid ag ràdh, oir tha iad acumail a-mach gu bheil aGhàidhlig againne sa staid as a robh aGhàidhlig Eireannach aig àm achiad Chogaidh Mhóir. Co-dhiù tha sin buileach fìor gus nach eil tha e cinnteach gu faodamaid a làn a ionnsachadh bho na h-Eireannaich agus air an aobhar sin bhiodh e glé fheumail agus tairbheach sgrùdadh agus rannsachadh a dhianamh ail na h-obraichean Eireannach fiach an gabhadh an fheadhainn as fheàrr dhiubh a chur air bhonn ann an Albainn cuideachd. Chaidh iarraidh orm, matà, agus tha mi acur romham, sreath do dhearrannan a sgrìobhadh ma dheidhinn ath-bheòthachadh na Gàidhlig ann an Eirinn agus a sin beachdan a chur air adhart ás deaghaidh gach earrainn man dòigh air afaodamaid oidhirp dhen aon seòrsa a dhianamh as aGhàidhealtachd againne. Bidh mi glé thoilichte litrichean agus ceistean fhaighinn bhon luchd-leughaidh agus bheir mi freagairt orra ann an Gairm.

1. Na Colaisdean Samhraidh

Ged a chaidh achiad cholaisde samhraidh Gàidhlig a chur air chois o chionn tuilleadh agus trì fichead bliadhna cha robh iad riamh cho soirbheachail agus a tha iad an diugh. Be achiad cholaisde sinColáiste Uladha chuireadh air bhonn ann anGort aChoirce


[202]

an Dùn nan Gall sabhliadhna 1904 agus a bha ateagasg Gàidhlig asamhradh so chaidh do 532 pàisde.

Se inbhich a-mhàin a bhiodh aca nuair a thòisich na colaisdean samhraidh agus cha robh duaisean airgid sam bith ri fhaighinn bhon Riaghaltas a bha aca an uair sin. A dhainneoin sin chaidh gu math dhaibh agus chaidh iad am meud agus alìonmhorachd air feadh na Gàidhealtachd agus àiteachan taobh a-muigh dhen Ghàidhealtachd, cuideachd, gos a bheil ma thuairims 40 dhiubh ann an diugh. Thanaig fàs mór orra bhon a thòisich an Riaghaltas air toirt dhuaisean fialaidh airgid dha na colaisdean agus bhon a chomharraich Roinn an Fhoghluim gu feumte am barrachd ùine a thoirt do bhruidhinn na Gàidhlig an àite sgrìobhadh na Gàidhlig as na miadhon-sgoiltean. ’Se am bun a bhann gun do thòisich na mìltean dhen òigridh air togail orra chon na Gàidhealtachd agus chon nan colaisdean samhraidh. Bfheudar am barrachd colaisdean a stéidheachadh agus ged a tha sgial ma dheidhinn fear ùr atighinn gu tric chan eil gu leòr aca ann fhathast. As abhliadhna 1961 bha sia colaisdean ann an Dùn nan Gall ann an Cóigeamh Uladh ach an ceann tri bliadhna eile, ann an 1964, bha a h-aon diag dhiubh ann agus iad uile làn. Chuir mi fhìnColáiste Anagaireair bhonn (an Dùn nan Gall) sabhliadhna 1962 agus fhuair sinn 239 oileanach asamhradh sin, 439 oileanach ann an 1963 agus 489 an uiridh. Tha sinn an dùil gu faigh sinn nas motha na 500 am bliadhna. Tha an aon sgial ri innse ma dheidhinn na dùthcha uile, ged a tha cuid dhe na colaisdean nas soirbheachaile na cuid eile. Ann an 1954 bha ma thuairims 3,000 pàisde ag ionnsachadh Gàidhlig an colaisdean samhraidh na h-Eireann agus an uiridh bha os cionn 10,000 aca.

Is iomadh seòrsa colaisde a thann agus bheir mi mìneachadh goirid orra uile man dean mi sgrùdadh mionaideach air an fhear a tha mi fhìn astiùireadh bhon is ann air is eolaiche mi (ged a dhionnsaich mi an obair ann an colaisde iomraiteach eile, “Coláisde Rann na Feirstefar an do chuir mi seachad mhìos air abhuidhinn teagaisg an samhradh 1961). Tha àireamh beag dhiubh as aGhalltachd agusse colaisdeancòmhnaidha thannta so uile, ’se sin, tha na oileanaich afuireach as acholaisde e fhéin agus chan ann ann an tighean muinntir an àite. Ach tha amhór-roinn dhe na colaisdean air a suidheachadh as aGhàidhealtachd fhéin agus tha achuid as motha dhiubh sin acur nan oileanach ann an tighean dhaoine aig a bheil Gàidhlig mhath agus a tha toilichte gealladh a thoirt seachad nach


[203] bruidhinn iad Beurla riutha. Tha beagan cholaisdeancòmhnaidhas aGhàidhealtachd cuideachd. seòrsa oileanach air a bheil na colaisdean afrithealadh? Tha caochladh. Tha fear na dhà dhiubh ann airson daoine nach eil Gàidhlig sam bith aca air neo fìor-bheagan. Is e pàisdean á Ceann a Tuath na h-Eireann as motha a tha ri faighinn as na colaisdean sin a chionn nach eil móran dhe na sgoiltean ann asin ateagasg Gàidhlig. Tha fear na dhà eile ann airson daoine aig a bheil Gàidhlig fhileanta cheana, maighistirean sgoile agus a leithid, agus a dhà ag iarraidh am barrachd loinne a chur oirre agus cuideachd àrd-chùrsa ann a litreachas, eachdraidh agus cuspairean sònraichte eile a leantail. Ach chanainn gu bheil os cionn 90 per cent dhe na colaisdean ann airson bhalach agus chaileagan eadar 10 agus 18 bliadhna a dhaois aig a bheil a bheag na a mhór do Ghàidhlig cheana agus a tha comasach air còmhradh sìmplidh a dhianamh innte, is e sin, pàisdean na Poblachd a tha ag ionnsachadh Gàidhlig as asgoil on chiad latha riamh. Chan ionann sin agus a ràdh gu bheil iad uile cho math ri chéile oir tha cuid dhe na sgoiltean agus cuid dhe na maighistirean fada nas fheàrr (na nas miosa) na cuid eile ann a bhith acoimhlionadh an dleasdanais a thaobh teagasg na Gàidhlig do chloinn na h-Eireann. Is i an fhìrinne gu bheil feadhainn dhe na sgoilearan òga fior-mhath agus feadhainn eile fior-olc.

Sin agaibh, ma thà, an gnè cholaisdean agus sgoilearan a thann. a nis aseòrsa colaisde as fheàrr? A réir mo bheachd-sa, agus chan eil amharas sam bith orm ma dheidhinn, ’se na colaisdean as aGhàidhealtachd a tha acur nam pàisdean ann an tighean nan daoine as motha a tha adianamh feum agus stàth dhan teangaidh agus do mhuinntir na Gàidhealtachd. Tha trì buannachdan sònraichte co-cheangailte riutha, (1) chan ann a-mhàin gu bheil na pàisdean afaighinn ionnsachaidh ann an tigh acholaisde ach tha cothrom aca air a bhith ag éisdeachd ris aGhàidhlig ga bruidhinn gu nàdurra a h-uile latha a-measg na fìor-Ghàidheal, agus air a bhith ga cleachdadh ris na daoine sin (2) a chionns gu bheil na h-oileanaich as na tighean aca agus ag iarraidh a bhith afoghlum bhuapa tha sin asealltainn ann an dòigh éifeachdach dha na daoine gu bheil mios agus urra agus gràdh aig na strainnseirean dhan Ghàidhlig. Is e rud fìor-chudthromach a tha so a chionn chan fhaca na Gàidheil riamh gos aso gu robh mios agus gràdh aig daoine eile air an teangaidh (agus mar sin, air dòigh, orra fhéin). Is ann a tha iad ag éisdeachd ri luchd Riaghaltais agus ri urracha móra dhen a h-uile seòrsa adeanamh[204]


[205] tàire air an cànan, air a litreachas agus orra fhéin mar chinneadh fad iomadh ciad bliadhna gos ma dheireadh an do thòisich iad a chreidsinn gu robh an ceart aca agus gum bfheàrr agus gum biomchuidh dhaibh Goill a dheanamh dhiubh fhéin. Coltach ri Gàidheil na h-Albainn cha chreid iad ach rud a chì iad agus nuair a chì iad luchd ionnsachaidh na Gàidhlignan tighean fhéin feumaidh iad a chreidsinn gu bheil aobhar aca air a bhith moiteil ás an cànan màthaireil gu h-àraid nuair is e an òigridh a tha san tigh aca agus nach e fir fiasaig o oilthigh air choireigin a tha asireadh bloighean annasach Gàidhlig air son Ph.D. (3) Tha muinntir nan tighean agus marsantan an àite adeanamh deagh phrothaid air na h-oileanaich, agus mar sin, air aGhàidhlig. Tha iad afaighinn teachd-an-tìr agus beòshlaint a chionn gu bheil Gàidhlig aca agus chan urrainn duine sam bith a ràdh riutha tuilleadhcha choisinn aGhàidhlig sgilinn dhut.” Is ann a tha na colaisdean so acur an ìre dha na Gàidheil gu bheil buannachd shaoghalta as aGhàidhlig agus chan e a-mhàin buannachd spioradail nach cum beò iadnan dùthaich fhéin. Tha iad afaicinn gu bheil aGhàidhlig feumail. Tha iad afaicinn gu bheil iad adol a chall airgid a latha nach bi aca ach Beurla. Tha sin atoirt orra cuideachd Gàidhlig a bhruidhinn ris achloinn aca fhéin mar a dian iad sin chan fhaigh iad na h-oileanaich, a chionn tha ena riaghailt dhaingeann aig na colaisdean nach fhaigh tigh sam bith oileanaich mara bruidhinn a h-uile duine san teaghlach riutha fad na h-ùine. A thuilleadh air a sin, co-dhiù, is caomh le balaich agus caileagan an àite a bhith ameasgachadh ris na h-oileanaich, adol dha na cuirmean-ciùil a bhios aca glé thric ann an tigh acholaisde, agus dha na dannsaichean Gàidhealach. Far am bi colaisde dhen t-seòrsa so bi ceol-gàire, fealla-dhà, caitheamh-aimsire taitneach, agus rudan annasach inntinneach ri fhaicinn agus ri dhianamh aig cloinn na ceàrnaidh sinach feumaidh iad Gàidhlig a bhruidhinn, air neo fàgar a-muigh san fhuachd iad. Saoil iad! Is e an mhìos a bhios na colaisdean fosgailte an mhìos as fheàrr agus as sona a bhios aca sabhliadhna.

As an ath àireamh de Ghairm innsidh mi mar a chaidhColaiste Anagairea chur air chois, na duilgheadasan a bha abuntainn ris an obair, ciamar a thug sinn buaidh orra, agus rud na dhà ma ghnothaichean airgid nan colaisdean samhraidh.

titleAth-bheothachadh na Gàidhlig an Eirinn agus an Albainn
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Gordon MacGill-Fhinnein in Gairm 51 %p

parent textGairm 51
<< please select a word
<< please select a page