[206]

OITEAGAN O’N EAR

(2) Ceylon

Le IAN A. MAC A’ GHOBHAINN

Teampall nam Buddhach,Kelaniya, Ceylon

THOG mi orm a Malaya is sheòl sinn fada shuas os cionn aChuain Innseanaich gus an dràinig sinn Ceylon. Tha an dhùthaich so beagan a tuath air crios meadhon na talmhains cha tug sinn ach mu cheithir uairean a thìde air an turas. Air an turas so bha mi mar gum beadh acur cùl ri aon saoghal agus acur maghaidh air saoghal eile. bha còmhla rium air mo thuras ach Ameireaganaich fir is mnathan, fleasgaich is seana mhaighdeanan, is a chuid mhór dhiubh á bailtean beaga is á cearnan dùthchail na dùthcha sin. Bha iadsan acur cuairt air an t-saoghal is roimhe so bha iad air sùil a thoirt air na h-Innsean, air Cambodia, air Iapan agus air àitean eile san àird an ear. Ach cha mhór feum a rinn an turas dhaibh. Bu cheart cho math dhaibh a bhith air fuireach aig an tigh agus na h-àitean sin fhaicinn air T.V. no air na dealbhan. Cha robh dad a dhùidh aca anns na dùthchannan sin air an robh iad atadhal. Cha robh cuid na gnothach aca ris an t-sluagh air dhòigh air bith. Cha robh an aire air sam bith ach air ceannach is air itheadh is air togail dhealbh a


[207] bhitheadh iad asealltainn do an càirdean aig an Kelaniya , tigh. Fad an turais cha deachaidh clanadh air Ceylon am beul ach abruidhinns asìor bhruidhinn mu ghnothaichean a bhuineadh do an dachaidhean fhéin. Cha robh dad adol ach abhruidhinn gun seagh so an uair a ràinig sinn an t-eilean is a sheòl sinn os cionn nan craobhan a tha ri oir achladaich. Bha raon nan itealan mu fhichead mìle o Cholombo, ceann bhaile na dùthcha. An uair a thainig sinn a-mach ás an itealans a thug mi sùil mun cuairt bha mi abeachdachadh air cho annasachs a bha e a bhith faicinn na h-àird an iars an ear acoinneachadh ri chéile. Bha mi afaireachadh mar gun robh mi atoirt sùil thar nan ceudan bliadhna. Air an aon làimh bha na h-Ameireaganaich is iad cho bragail is làn choltas an airgid orra, air an làimh eile bha muinntir an eilein fhéin is iad cho sìmplidh sàmhach, socharach ged a tha sgeul orra ann an eachdraidh fad mhìle bliadhna.

Bha am feasgar air ciaradh an uair a thog sinn oirnn anns abhus gu Colombo. Abair gu bheil an dùthaich mun cuairt còmhnard réidh agus air a chòmhdach gu trom le craobhan pailm. Cha robh an rathad ach aimhleathann corrach agus bha móran bhailtean beaga eadar sinn agus ar ceann uidhe. Bfheudar dhuinn gabhail air ar socair adol troimh na bailtean sin oir eadhon anns an droch sholus a bhann chitheadh tu na daoine dubha le an aodaichean geala agabhail an rathaid gun suim air an talamh de chàr na de bhus. Gu math tric is ann a bha iad ag iomain achruidh is nan goibhrean dìreach am meadhon an rathaid. Eadhon anns an dorchadas bha sinn afaicinn seallaidh air dòigh beatha nan eileanach. Thug sinn na bfhaide air an turas na bha dùil againn ach mar a bfhaide a bha esann a bfheàrr a chòrd e rium. Ach cha bann mar sin a bha na h-Ameireaganaich a bha còmhla rium. ’Se bha cur orrasan ach càit an robh iad adol a dhfhuireach, is a h-uile h-àite mun cuairt cho dorcha. Thug aon dhiubh an aire don fhacalHotelair togalach ghrànda dhuatharach is cha bfheàirrde an gnothach sin. Ged nach robh fios againne air sin aig an àm tha an t-ainm so acasan air àitean eile cuideachd. Mu dheireadh ràinig sinn Colombo is bha fear dreuchd gam fheitheamh an sin is cha bfhada gus an dràinig sinn an tigh òsda. Bha mise an sin fada mus dràinig na h-Ameireaganaich, is sluagh gun àireamh gan treòrachadh an rathad so.

Is fheàrr dhomh innseadh dhuibh seòrsa tigh òsda a bha an so. Tha a sgeul fhéin aig an àite so ri innseadh mu eachdraidh an eilein


[208] agus ma ghabhas sinn beachd air sin is dòcha gun tuig sinn nas fheàrr cor agus crannchur an eilein an diugh. Is e so an tigh òsda as motha san eilean agus air a h-uile dòigh tha e nochdadh dhuinn cor an eilein fo riaghladh Bhreatainn. Chan eil a leithid so am Breatainn fhéin an diugh agus is math nach eil. Na faiceadh sibhse na tallaichean is na staidhrichean a tha so. Tha luchd obrach gun àireamh an so agus chan eil e doirbh a thuigsinn an dòigh beatha agus an caitheamh beatha a bha aig luchd riaghlaidh an eilein so anns na linntean a chaidh seachad. Is beag a bfhiachan talla bu ghnàth le MacLeòidan coimeas ri greadhnachas is òirdhearcas an àite so. Ach a nise chan eil againn ach sgàil nan linntean a bhann agus tha mi creidsinn nach fhada a bhitheas sin fhéin air sgeul.

Mun tàinig mi don eilean bha mi aleughadh mu na dealaichean a gheibhear anns an eilean agus cho faiceallachs a dhfheumar a bhith a thaobh so. Tha mi aleughadh mu cho pailts a bha iad air an dùthaich agus anns na coilltean ach bann san tigh òsda mhór so a bha na chunnaic mise dhiubh an Ceylon. Biad sin an luchd frithealaidh gun àireamhs cha robh fois againn leis an ulla-thruis a bhorra o mhoch gu dubh.

Tigh-osda Mount Lavinia, Ceylon


[209]

Ged a be so an t-àite-a chuireadh air leth dhomh fhads a bhithinn san eilean cha do chuir mi seachad ach cho beags a burrainn dhomh de thìde an taobh a-stigh nam ballachan fuara so.

So fhéin an aon ghearain a bhagam air mo thuras san eilean so. Chòrd mo thuras rium da-rìribh. Theirte mun eilean so gur e àite cho tlachdmhors a bha san ìmpireachd air fad. Aig deireadh achogaidh mu dheireadh agus mun dfhuair e riaghaltas dha fhéin cha ghann nach robh e beartach agus soirbheachail. Ged nach eil a chrannchur a nise cho gealltanach tha e fhathast an iomadh dòighna-àite tlachdmhor tìorail. Ged a tha an sìde an so blàth fad na bliadhna chan eil e ro theth uair sam bith agus chan eil dad a chion uisge air. Tha an talamh beartach torach, cho beartachs gun tog e bàrr math ceithir uairean sabhliadhna. Tha an sluagh gasda còir agus càirdeil agus tha iomradh orra an eachdraidh fad iomadh linn. ’Sann do Bhuddha a tha amhór-chuid an so ag adhradh. Tha an t-eilean air a shuidheachadh air slighe cho beartachs a tha air an t-saoghal ged nach eil iad adèanamh làn fheum den t-suidheachadh sin aig an àm. Saoilidh mi fhéin nach eil dad an so nach fhaodadh còrdadh rinn ach dìreach am -fheum a rinn mac an duine de na sochairean a bhuilicheadh air. Ged a tha eachdraidh an eilein luasganach is e so fhéin àm cho duilich is air a bheil cunntas; uime so faodar achoire a chur air Breatainn agus air Ceylon fhéin. Is iomadh sochair a thàinig air an eilean ri linn e bhith fo riaghladh Bhreatainn ach cha do mhair na sochairean sin. Fhads a mhair riaghladh Bhreatainn cha drinneadh oidhirp sam bith a chum an t-eilean ullachadh fa chomhair an latha sam bitheadh e fo a chuid riaghlaidh fhéin. Mar sin cha robh fa chomhair an riaghaltais ùir ach cùisean an eilein fhéin a réiteach gun ghuth idir air cùisean an t-saoghail mhóir. Anns na fichead bliadhna a chaidh seachad is ann a tha an t-eilean so air fàs bochd agus leis abhochdainn so thainig roinnean is troimhe chéilenam measg fhéin. Chuireadh cùl ri gean math nan Stàtan Aonaichte agus is ann a tha choltas air an riaghaltas ùr a bhith sireadh càirdeis ris an Ruis agus ri Sina. A thaobh so tha an dùthaich air a roinn agus chan eil dad a choltas air fhathast gun teid aca air riaghaltas làidir a thaghadh dhaibh fhéin. Cha mhò na sin a tha coltas air gun tig adhartas na soirbheachadh mór sam bith an lùib an seòrsa riaghaltais a thaca.

Ged a bha móran agam ri dhèanamh san eilean chaidh agam air cuairt mhath a chur air. ’Se eilean a tha an Ceylon dìreach mar a bha


[210] an Singapore ach tha e móran nas motha. Tha e car mun aon mheudachd ri Sasuinn agus ris aChuimrigh còmhla. Tha e den aon ghnè dùthcha ri ceann a deas nan Innsean agus tha mi cinnteach gun robh iad air an ceangal ri chéile aig aon àm. Eadhon san latha an diugh chan eil eatorra ach mu fhichead mìle mara. ’Sann ás na h-Innsean cuideachd a thainig sluagh an eilein. Tha mu dheich muillion duine air an eilean an diugh agus chithear iomadh treubh an so. Tha àireamh an t-sluaigh asìor dhol am meud. Is iad na Sinhalese as lìonmhora. Tha mu shia muillion dhiùbhsa an so agus tha iadsan acòmhnaidh an ceann a deas an eilein. Tha dùil gur iadsan achiad fheadhainn a thainig don eilean ás na h-Innsean. An déidh so thainig na Tamils agus tha mu dhà mhuillion dhiùbhsan air an eilean an diugh. Tha iadsan afuireach an ceann a tuath an eilein. Tha na Sinhalese agus na Tamils ag adhradh do Bhuddha. Tha treubhan eile an so cuideachd mar a tha na Moors na Veddhas agus na Burghers. Buinidh na Moors do na h-Arabianaich agus thainig iadsan an so an toiseach mar mharsantan. Cha robh teagamh sam bith agam nach e fear dhiubhsan a bhair achàr a bha gam ghiùlan o àite gu àite. ’Se glé bheag a thair fhàgail de na Veddhas agus tha am beagan a thann dhiubh afuireach an ceàrnan iomallach na tìre. Tha iadsan caran fad air aisnan dòighean. Bhuineadh na Burghers do na marsantan a thainig an rathad so o chionn iomadh linn agusnan coltas agusnan dòigh beatha tha iad fhathast coltach: ri muinntir na Roinn Eòrpa. Chan eil an àireamh ach beag ach ged nach eil tha làmh nach beag aca ann an obair an riaghaltais. Tha iad nas motha agus nas làidire am bodhaig na na treubhan eile. Is e aBheurla a tha iadsan acleachdadh agus tha iad air leth moiteil asda fhéin agus ás an dòigh beatha. Mar a thuirt mi is iad na Sinhalese agus na Tamils as lìonmhora. Tha iadsan daonnan afeuchainn ri làmh an uachdair fhaotainn air a chéile agus gu math tric tha iad an ugannan a chéile a thaobh so. Cha robh e soirbh dhòmhsa so a thuigsinn is gun dfhuair mi iad le chéile cho gasda càirdeil.

Cha robh mi fada san eilean an uair a chaidh mi air chuairt don taobh tuath. Chaidh mi mu thuath cho fada ri Jaffna air itealan agus thill mu mu dheas a rithis ann an càr. Bha mi ceithir seachdainean an Ceylon is bha mi mu thuath uair na dhà eile. Cha mhór ceàrnaidh den eilean nach fhaca mi anns an ùine sin. Cha robh mi ann am fìor cheann a deas an eilein idir. Tha e air a ràdh gur ann a sin a bha Ban-righ Shéba ach ged a bann cha robh ùine agamsa a dhol ann.


[211]

Se Jaffna agus an dùthaich mun cuairt a bfheàrr a chòrd rium. Tha e gu math còmhnard an so agus tha eileanan beaga faisg air achladach mar a tha anns na h-eileanan an iar againn fhéin. So far a bheil na Tamils afuireach agus abair gun do chuir iadsan fàilte orm. Rinn iad sin a chionns gur ann á Alba a bha mi agus bha iad ag ràdh gun robh iadsan coltach ris na h-Albannaichnan suidheachadh fhéin an Ceylon. Chan eil teagamh air nach eil iad coltach ruinne ann an iomadh dòigh. Tha iad dèanadach agus math air obair agus ged a tha iad bochd an crannchur tha mhòr aca ann am foghlum. Chan eil sgeul air cainnt nan Sinhalese anns acheàrnaidh so agus tha barrachd spéis aca do Ghandhi agus do Nehru na tha aca do Phrìomh Mhinistear an eilein. Bhitheadh an sluagh so glé thoilichte nan gabhadh na h-Innsean còir air Ceylon. Thalls a-bhos air feadh na ceàrnaidh so chithear fhathast cuid de na gearasdain a thogadh ri linn nan Olaindeach a bhith gabhail seilbh air an dùthaich. Is ann ri iasgach a tha achuid mhór den t-sluagh an diugh agus chuir mi seachad corra fheasgar gan amharc ris an obair so. Sheasadh iad, is Sagart Buddhach: iad leth rùisgte, san uisge isBràthair na h-Eabaid thilgeadh iad an cuid lìon samhuir làn. Is fhada agus cian on rinneadh iasgach sacheart dòigh anns acheàrnaidh so.

[Dealbh]
Sagart Buddhach: ‘Bràthair na h-Eabaid Chròich’.

A Jaffna chaidh mi gu ruige baile ris an abrar Anaradhapura, ceann bhaile an eilein o chionn fada an t-saoghail. Bithidh cuimhne agam gu bràth air an latha na dhà a chuir mi seachad anns an t-seann bhaile so. O chionn còrr is mhìle bliadhna bha rìghrean cumhachdach agabhail còmhnaidh an so is cha biongnadh idir mise bhith smaoineachadh air mo shuidheachadh fhéin is mi air tighinn a h-uile ceum ás na h-eileanan an iar a ghabhail còmhnaidh ann an ionad a bha roimhe so cho làn mórdhalachd. ’Sann a bha mi smaoineachadh co ris a bha


[212] Muile is Uibhist a Tuath coltach anns na linntean fad ás sin. Chithear fhathast na teampaill a thogadh o chionn fada nan cian agus goirid bhon tigh anns an robh mi afuireach bha fìor sheann chraobh. Tha e air a ràdh gur e h-innte so ach meur den chraoibh fon do thaisbeanadh an fhìrinn do Bhuddha an toiseach. Tha i afàs fhathast agus tha i air a gleidheadh gu tèaruinte air eagal beud éirigh dhi.

Cha do thuig mi ceart riamh gus an dràinig mi Ceylon cho àrdanachs a tha sinn fhéin mar shluagh agus cho aineolachs a tha sinn mu eachdraidh na h-àird an ear agus mu dhùthchannan mar a tha Na h-Innsean, Sìna agus Ceylon. Ràinig na ceàrnan sin inbhe àrd eachdraidh am feadhs a bha ar sinnsrean fhathast acòmhnaidh ann an uaimhean. Chunnaic mise leabhraichean a sgrìobhadh duilleagan pailm anns na linntinn o chian agus chan eil teagamh air nach eil iad fada nas sine na làmh sgrìobhainn sam bith a gheibhear anns an dùthaich so na an dùthaich sam bith eile an roinn an iar na h-Eòrpa.

An uair a dhfhàg mi am baile iongantach so chaidh mi air chuairt suas do na beanntan gu fìor sheann bhaile eile ris an abrar Kandy. Tha am baile so mu dheich mìle troigh os cionn na mara agus chan eil an dùthaich mun cuairt aocoltach ris aGhàidhealtachd againn fhéin. Is iomadh Albannach a bha ris an tea no ag àrach spréidhe air na leitirean fàsail so. Tha e soirbh a thuigsinn nach robh e soirbh an


[213] ruaig a chur air na treubhan a bha afuireach anns na beanntan so. Is e baile brèagha a tha an so ach tha an sluagh bochd agus tha móran dhiubh a nise asireadh déirce air feadh nan sràidean agus eadhon anns na h-eaglaisean. Feasgar chì thu na truaghainnan cadal anns na cùiltean agus tha mi cinnteach nach fhaic neach an ceàrnaidh sam bith dìolachan-déirce cho fìor thruaghs a chì thu san àird an ear.

Bha mise glé thrang fhads a bha mi an Ceylon. Bha mi atadhal air sgoiltean is air colaisdean is abruidhinn ri luchd riaghlaidh an fhoghluim mu ghnothaichean foghluim is mu chuspairean eile air nach eil mi idir cho eòlach. Bha an luchd riaghlaidh an so glé dheònach iomadh rud annasach a shealltainn dhomh ged a bfheàrr leamsa gu mór an obair latha àbhaisteach fhaicinn. Tha na Sinhalese agus na Tamils déidheil air ceòl dìreach mar a tha sinn fhéin agus bha iad glé dheònach sin a shealltainn dhomh agus cuideachd an cuid dannsadh. Ann an Kandy gu sònraichte tha iad air leth déidheil air dannsadh. Tha na dannsairean air an sgeadachadh gu rìomhach agus am feadhs a tha an dannsair ris an dannsadh tha feadhainn eile aseinn no acluich air an fhidhill. Cha mhór sgoil anns nach eil cuideigin a tha eòlach air dannsadh is air seann òrain na dùthcha. Bha iad uile deònach gum faicinn iad ris an obair so. Thadhail mi ann an aon cholaisde gus am faicinn an obair a bha iad ris, ach cha robh obair ann air an latha ud. Bha iad asmaoineachadh gur e a chòrdadh riumsa ach ceòl is dannsadh. Thachair mi air an a bha acoimhead thairis air obair na colaisde so anns an dùthaich so agus tha mi den bharail gur ann a bha ise deònach gun còrdadh Trio thuras rium. Cho luaths a ràinig mi acholaisde thòisich aphìobaireachd is na h-òrain Ghàidhlig. bha so ach clàr de Chomhlan Phìobairean aPholas an Glaschu. Air clàr eile bha guth brèagha Leódhasach is langan aige air Balaich an Iasgaich.

de na làithean thuirt mi gum bu mhath leam a dhol do aon de na sgoiltean beaga air an dùthaich. Thog sinn oirnn suas taobh na beinne agus an ceann greise stad an càr aig ceann an rathaid a bha dol asteach don choille. Cha luaithe stad an càr na nochd fear de na Sinhalese. A rèir coltais bha esan gar feitheamh agus lean sinn e asteach don choille. Choisich sinn astar agus mar a bha sinn acoiseachd bha sinn acluinntinn achiùil astar math romhainn. Mu dheireadh ràinig sinn an còmhnard a gus gu bha sin ach àireamh mhór sluaigh gar feitheamh. Cha robh teagamh air nach be so an sgoil ged nach robh innte ach togalach bhochd gun bhalla gun dorus,


[214] gun dad ach mullach tughaidh air a chàradh air pòlaichean. Cho luaths a nochd sinne thòisich an t-seinn. Chuir sin iongnadh orm ach is e a chuir an t-iongnadh orm buileach an uair a chunnaic mi bratach mhór an crochadh is na faclan so sgrìobhte oirre; Welcome to John A. Smith of Geordan Hill.Tha fhios gur ann air an rìgh Seòras a bha iad asmaoineachadh. Ged nach do leig mi dad orm bha mise air mo nàrachadh agus gu dearbh bha mi glé thoilichte nach robh duine a mhuinntir na dùthcha so còmhla rium gu bhith atarraing asam. An déidh sin dhéirich fear dhiùbhsan is liubhair e òraid mhór. Ged nach do thuig mise facal abair gun do chòrd so ris na bha làthair. An sin dhiarradh ormsa bruidhinn agus thug mi taing dhaibh uile ach cha robh an òraid agamsa ach goirid an coimeas ris na thuirt am fear eile. An sin chaidh mi steach don sgoil còmhla ri càch agus cho luaths a fhuair sinn àite suidhe thòisich an ceòl agus an dannsadh a rithis. Cha tug sinn fada acur eòlais air a chéile agus bha deagh againn gu dearbh. Bha biadh is deoch adol agus mara be gun robh mi caran faiceallach air na bha dol tha mi cinnteach gun robh mi air òran math Gàidhlig a ghabhail dhaibh. Bha iad ag innseadh dhomh gur iad fhéin a thog an sgoil agus bha iad ag iarraidh ormsa casaid a dhèanamh ri Ministear an Fhoghluim ás an leth. Is iad fhéin a bha toilichte an uair a gheall mi sin a dhéanamh agus an uair a ghabh mi beannachd leotha bha mi asmaoineachadh air cho fortanachs a tha sinne anns an dùthaich so far nach fhaic sinn bochdainn mar a tha an so, agus far a bheil sìth is sàmhchair an coimeas ri troimhe chéile na ceàrnaidh so agus far a bheil cothrom againn uile a dhol don sgoil.

Dhfhaodainn a bhith sgrìobhadh mun eilean so fad uairean a thìde oir chòrd e cho math rium ach tha chuspair sònraichte a bu mhath leam ainmeachadh. Is iad sin creideamh agus foghlum. Tha amhòr chuid den t-sluagh ag adhradh do Bhuddha agus chithear ìomhaighean an so anns gach ceàrnaidh agus a bharrachd air sin teampaill mhóra eireachdail anns gach baile. Tha cumhachd mhór aig sagartan achreideimh so chan ann a-mhàin anns na teampaill ach ann an cùirtean an riaghaltais cuideachd. Thug iad cuideachadh mór don fheadhainn a chuir air chois an riaghaltas ùr. Cha robh an riaghaltas ùr cho fialaidh riuthas bu mhath leotha agus mar sin tha móran den bharail gun robh gnothach aca ri murt aPhrìomh Mhinisteir. Ma tha dhìth air neach a bhithna shagart an so chan eil aige ach gabhail ris achreideimh agus an cleòca cròich a chur air. Tha e air a ràdh gur e so an dòigh as fhasa air foghlum fhaotainn an asgaidh an


[215] Ceylon. Tha e soirbh gu leòr cuideachd cùl a chur ris an dreuchd so aon uairs gun dfhuair neach am foghlum a bha dhìth air. Chan eil ar ach an cleòca a chur dhìot. Tha oilthigh aig an eaglais so ann an Ceylon. Thadhail mi orra le chéile. Bfheudar dhuinn ar brògan a thoirt dhinn mun deachaidh sinn a-steach an làthair an Ard Sgoileir agus cha do chòrd sin idir rium. Bha an t-Ard Sgoilear an sinna shìneadh air beinge ceann-ruisgte, cas-ruisgte agus sgall mór air, mar a tha orm fhéin. Shuidh sinne air an làr mun cuairt air agus tha fhios gur e sealladh annasach a bhann. Cha do thuig mise facal a thuirt es cha do thuig esan facal a thuirt mise. Gu dearbhse céilidh neònach a bha so.

Cha tug sinn fada a’ cur eòlais air a’ chéile ...”

’Sann a chums gum faicinn ciamar a bha cùisean an fhoghluim a chaidh mise gu ruige Ceylon. Tha obair mhór ri dhèanamh a thaobh so ach rinneadh obair mhath an so cuideachd. Tha thaing sin aig na h-eaglaisean a chuir air chois sgoiltean is colaisdean an so anns an linn a chaidh seachad. Anns an latha an diugh, ged tha, cha dean an seòrsa sgoilearachd a bha measail roimhe so móran feum. Ged a tha feallsanachd is a leithid sin de sgoilearachd glé mhath feumar san latha thann suim a ghabhail de gach seòrsa eòlas ealain. Feumaidh dùthaich sam bith, beag na mór, a bhith adhartach anns aghnè foghluim sin agus chan eil Ceylon mar sin idir. Ann an dùthaich mar so chan eil e cho soirbh cùl a chur ris na seann dòighean. Chan eil dad a chion luchd teagaisg sgoile air Ceylon ged nach eil iad ach air dhroch phàidheadh. ’Se as aobhar dha so nach eil e cho soirbh cosnadh sam bith eile fhaotainn. Chan eil an riaghaltas deònach móran a phàidheadh


[216] do an luchd teagaisg idir, agus ged nach eil, gheibh iad na thogras iad dhiubh. Bha ùidh shònraichte agamsa anns na cànainean a bha iad ateagasg don chloinn bhon fhuair iad riaghaltas dhaibh fhéin. Roimhe so bi aBheurla cainnt na sgoile a dhaindeoins nach robh Beurla ach aig glé bheag den t-sluagh.

Bha na sgoiltean uile coltach ri sgoiltean móra Shasainn. Nan robh am foghlum so air mairsinn chan eil teagamh air nach robh Ceylon air a bhith coltach ri Alba na ris aChuimrigh na ri Eirinn anns an t-seagh so. Ach cha robh sin ri bhith. Bhathas ro fhala gun tòiseachadh air an obair so agus bha Ceylon ro fhada air falbh. Cha luaithe fhuair iad riaghaltas dhaibh fhéin na ghabh iad ri cànain nan Sinhalese mar chainnt an riaghaltais ach rùnaicheadh gum faodadh na treubhan eile an cainnt fhéin a theagasg don chloinn anns achiad dol a-mach. ’Se bhochdainn a nise nach eil gu leòr leabhraichean aca anns na cànainean aca fhéin. Tha sin mar sin a chionn nach robh iad acleachdadh na asgrìobhadh nan cànainean sin ri linn an cuid foghluim a bhith fo stiùradh na dùthcha againne. Chan iongnadh mar sin ged a bhitheadh an riaghaltas ùr cho fada an aghaidh na dùthcha so. Bitheadh sin mar a dhfhaodas e tha cothrom aca a nise a bhith air an teagasgnan mhàthaireil agus faodaidh iad cànain eile ionnsachadh mar a thogras iad.

Tha mise gam mheas fhéin air leth fortanach a bhith air achuairt so an Singapore agus an Ceylon. Ged a tha Singapore beartach, adhartach tha sgàilean dorcha á Indonesia ga chuartachadh agus faodaidh e bhith, sgàilean á Sìna cuideachd. Tha Ceylon bochd agus an iomadh dòigh fad air ais. Is dòcha gum bu mhath dha a nise a bhith ceangailte ris na h-Innsean. Chan eil e idir cho soirbh do na dùthchannan beaga so bhith beò salatha thann; ghabh iad orra fhéin uallach a tha trom ra ghiùlan agus bu mhath leamsa gach soirbheachadh a ghuidhe dhaibh.

[Sanas]

titleOiteagan o’n Ear (2) (Ceylon)
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Iain A. Mac a’ Ghobhainn in Gairm 51 %p

parent textGairm 51
<< please select a word
<< please select a page