FOCAIL O SHIORRACHD INBHIR-NIS AIG LHUYD
Le GLASACH
THA e sgrìobhta, aig sgoileirean, nach b’ ann o an aon chearnchainnt thainig na focail Earra-Ghàidhealach, de Ghàidhlig Albann, a bha aig Lhuyd, agus gum b’ ann o Arannaich thàinig corra focal de an robh aige. Bu réil gu leor e sin.
Ach cha do mhothaich mi sgrìobhta aig duine air bith aca nach b’ ann o an aon chearnchainnt a-mhàin thàinig na focail o Shiorrachd Inbhir-Nis a bha aige.
Bu le cainnt Shrath-Spé an chuid a bu mhò de na focail sin, ach bha cumadh air corra focal aige, nach faighte an cainnt Shrath-Spé, ach a chluinnte an cainnt Bhàideanaich, agus difir so-aitheanta eadar an dà dhualchainnt. Gu beachdaidh, nam biodh an t-ainm, Srath-Spé, air srath na h-abhna sin, o thòs gu inbhir, bhiodh na focail ud uile d’ am faotainn an Srath-Spé. Ach, gheibhte an ghné de Ghàidhlig de an goirte “cainnt Shrath-Spé,” o Ràta-murchus (beagan gu siar deth) gu machair Moireibh a sear; agus gheibhte cainnt Bhàideanaich o fa thimcheall Ràta-murchuis gu crìochan Loch-Abair su siar, agus gu crìochan Athaill gu deas.
Ma theirear gum b’ ann o an aon duine fhuair Lhuyd na focail ud, chan eil dad ’na aghaidh. Oir bha ioma neach ann, fa thimcheall Ràta-murchuis, a bha caran leth is leth eadar an dà dhualchainnt.
Deisimireachd bheag deth:
Lhuyd Srath-Spé Bàideanach
dawl dall daull (1)
draon down drèan donn dréan doann (2)
di-kiadyn di-cèadain di-ciadainn (3)
kryw craow (craobh) craogh (4)
làv-hwyisgel là-w thoisgeil là-w chlì (5)
marst mart marst (6)
mochk-virach muc-bhiorach muchc-bhiorach (7)
mwk y byrach muca biorach muchcan biorach
okrys, akrys ocras, acras achcras
phiachgil fiacal fiachcal
sowl sowal (sobhal) sowal (8)
Tràchtas beag orra sin:
(1) Cha robh cainnt Shrath-Spé ag cur fuaim ‘u’ no ‘w’ eadar ‘a’ no ‘o’ a gus ‘ll’, ‘nn’ no ‘m’. Theireadh i ‘dall, bann, cam’ le fuaim ‘a’ a-mhàin; agus ‘toll, donn, tom’ le fuaim ‘o’, dùinte goirid, a-mhàin. Bha an dà-phuncas sin an cainnt Bhàideanaich, air focail aon-lideach, agus an ceud lide de fhocail iol-shiollach, gun fuaimear ga leantainn .i. ‘toull’ ach ‘tolladh’; daull ach ‘dalladh’.
(2) Gearradh air ‘dreathan’, coltach ri Abar-é- an’ air ‘Abar-Dheathain’. Aig muinntir Bràigh Bhanbh agus Bràigh Mhàir, ‘Abar-e- an’ agus blas-cainnte na bu ghéire acasan. Aig Sgitheanach (air an ràdio) Obair-ya-inn’.
(3) Am focail da leithid so, bha ‘é’ coitcheann agus cunbhalach aig Spéich. Bha ‘ia’ pailt am Bàideanach, ach cha bu chunbhalach e, oir theireadh iad ‘é’ an cuid fhocal, agus ‘eò’ am focail eile; ‘feòsag’ (is cha b’ i ‘fiasag’) air leusag’; ‘leo’ air leugh’; air leath’ ( ‘fiath san òran sin “Caol Muile” ).
Chan fhaighte ‘ia’ air ‘é’ le ‘m’ ’na dhéidh, leithid ‘beum, feum, leum’, ach chualas ‘feòmach’ air ‘feumach’ aig cuid daoine aca.
Do réir coltais, gheibhte an ionad ‘é’ fada, le consan leathan ’na dhéidh, ann an àireamh àiridh de fhocail, ach chan fhaighte a leithid an gach aon fhocal diubh sin, anns an aon cheàrn, àit air bith. Gheibhear tuilleadh mór de ‘ia.’ aig foghlumaich an là an diu, is iad a’ leantainn saobh-theagaisg gu robh aig Tuathaich uile, agus ‘é’ aig Deasaich uile, an gach aon fhocal dhiubh sin, nì nach robh fìor riamh. Chualas, anns an taobh-tuath, gun difir ghràmair eatorra, ‘meug, mèag, miag, meog, mùig’; agus ‘leub, lèab, liab, leòb; agus ‘sgeun, sgèan, sgian, sgeòn’ 7c.
(4) Am meadhon, agus an deireadh, focail, bha fuaim ‘w’ coitcheann an Srath-Spé, agus am Bàideanach maraon, air ‘bh’ agus ‘mh’ leathan. Ach bha an seòl féin aca am Bàideanach air an fhocal earalta so.
(5) Ged a chluinnte ‘là-v’ , bha ‘là-w’ na bu choitchinne ’nan cainnt chumanta, anns an dà chearn. Dar a thòisich Gàidhlig ri lagachadh eatorra, dh’éirich droch ghràmar, agus chluinnte ‘làimh’ anns an char ainmeach, far am bu chòir ‘làmh’ a bhith ann. Ach cha dòich gu robh a leithid ann re linn Lhuyd.
Tha an litreachadh ‘làw’ agam a’ riochdachadh fuaim ‘là’ fada agus ‘w’ no ‘u’ goirid eutrom, gun fantainn air. Bu mhó cudrom a chuir iad air an ‘w’ sin aca, a riochdaich an ‘ng’ a bha air tuiteam as aca; i ‘loww’ air ‘long’ (ship, Sas. )Chualas air ‘long’ (ship)gu bitheanta air taobh sear Rois. Chualas ‘low, lowaichean’ air ‘long, longaidhean’ (meal of food, Sas. )aig Athallaich.
(6) Bha ‘rst’ an ionad ‘rt’ car pailt am Bàideanach, ach cha robh a leithid an Srath-Spé.
(7) Cha. robh ‘chc’ an ionad ‘c’ an Srath-Spé. Bha na focail ‘brok, stak, sok, mak, pek, glek’ 7c. aig Lhuyd ag cordadh ri cleachd Srath-Spé, eadhon ‘broc, mac, gleac’ 7c. agus gun chordadh ri cleachd Bàideanaich, eadhon ‘brochc., macho, gleachc’ 7c.
(8) Tom an t-Sobhail (t-owl, Tomintoul) an Siorrachd Bhanbh. Mam Sobhail an iar-Rois, ach bu mhò ‘So-ail’ na ‘Sowail’ acasan. Achadh nan Sabhal (Achnasaul) an Loch Abair, fuaim ‘sò-l’ aig luchd-beurla-Sasainn a nis, ach fuaim ‘sa-al’ aig luchd-Gàidhlig roimhe.
title | Focal I Shiorrachd Inbhir-Nis aig Lluyd |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Glasach in Gairm 51 %p |
notes | Glasach = Deòrsa Moss (see Gairm Index) |
parent text | Gairm 51 |