Air an Spiris
CHAN fhada nis gus am bi na Còmhlanan Dràma a’ tòiseachadh ás ùr air dealbhan-cluiche uidheamachadh, agus bithidh dùil againn ri feasgar no dhà a chur seachad gu dòigheil gam faicinn ’s gan éisdeachd. Bithidh dùil againn. Co aige? Aig luchd-Gàidhlig Ghlaschu, agus is dòcha aig luchd-Gàidhlig Obair-Dheadhain agus Steòrnabhaigh agus Phort-righeadh agus corra àite eile. Bu mhór am beud nach tugte cothrom do luchd-Gàidhlig air feadh na Gaidhealtachd na dealbhan-cluiche ùra fhaicinn, ged nach eil e furasda dòigh fhaighinn air so a dhèanamh.
Chan eil an teagamh as lugha ann nach tug Féis Dràma Ghlaschu togail mhór do ’n dràma Ghàidhlig anns na naoi bliadhna a chaidh seachad. Thàinig a’ chluiche air adhart gu mór, maille ri dòighean foillseachaidh, agus leigeadh iomadh dealbh-chluich ùr ma sgaoil a bhiodh fhathast fo rùm mura bitheadh an cothrom a thug Féis Ghlaschu dhaibh. Tha e nise furasda talla a lìonadh an Glaschu air oidhcheannan na dràma. Bu mhath gu leanadh so, ach bu mhath cuideachd gu sgaoileadh an cothrom.
Tha telebhisean a nis a’ ruighinn móran de ’n Ghaidhealtachd, agus bhiodh e iomchuidh gum faicte dealbhan-cluiche Gàidhlig air telebhisean, ged nach biodh ann ach dha no trì sa’ bhliadhna. Bu mhath leinn ‘A’ Chuirt’, le Iain Mac a’ Ghobhainn, agus ‘Shoni’, le Fionnlagh MacLeòid, fhaicinn air an telebhisean am bliadhna fhéin.
Tha Riaghaltas Bhreatainn a’ toirt cuideachaidh do bhailtean agus do chòmhlanan a tha a’ strì ri oideachadh agus cur-seachad a chur an tairgse an t-sluaigh, agus tha an Riaghaltas air nochdadh cheana gu bheil deagh-rùn aca do ’n Ghaidhealtachd. Tha thìde ann a nis ar cinn a chur ri chéile, agus an rud a tha dhìth oirnn iarraidh gu duineil. Ma chuireas sinn ar comhairle ri Rùnaire na Stàit (Alba), is dòcha gun teid aige air dòigh a lorg air còmhlan dràma Ghàidhlig a chur air chois.
title | Air an Spiris |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Gairm 52 %p |
parent text | Gairm 52 |