BAN-LEODHUSACH AIR SAFARI (2)
Le MAIREAD NICASGAILL
AN ath thrì bliadhna a chuir mise seachad ann an Canada, b’ ann an roinn-dùthcha Alberta agus Mhanitóba a chaith mi iad—ann anRed Deer, Lakedell agus Winnipeg.
Bu bhaile beag àluinn mu mheud Inbhir-NisRed Deer, anns a’ phàirt sin ris an abrar na pàircean, air oir nam préidhridhean—àite còrr air trì fichead mìle tuath air Calgary, nach robh cho lom ris na préidhridhean, anns an robh craobhan a’ fàs, agus far an robh an talamh a’ sìor dhol suas is sìos gu socair. Air taobh a-muigh a’ bhaile bha tacannan, cuid diubh air an d’ fhuaireadh gas agus ola, agus b’ ann chun an àite so a thàinig anns a’ bhliadhna 1828 An Sagart MacDonnell agus na h-Uibhistich a thàinig a dh’ àiteachadh talmhainn ann, ged nach eil móran diubh an diugh air fuireach anns a’ cheàrnaidh so. Bha Albannaich agus móran Olaindich a’ fuireach anns an sgìre so agus bha cuideachd móran de na Hungaraich a ruith ás an dùthaich aca fhéin an déidh an àir a bha aca anns a’ bhliadhna 1956 air a thighinn a-steach. Bha e ’na àite air leth tlachdmhor agus an uair a bhitheas diogaladh orm gu tilleadh b’ ann ann bu chaomh leam a dhol.
Ann an Lakedell bha neach a-muigh am fìor mheadhon na dùthcha; bha a’ choille dlùth is tuath is deas ’s i gun bhriseadh ach gearradh sgoilteach nan rathad a bha ga sgoltadh bho ’n ear gu ’n iar ’s bho thuath gu deas a h-uile dà mhìle. Bha na daoine san àite so na bu choltaiche ris an t-seann dealbh de Chanadaich; cha robh na tighean cho brèagha, cha robh na bha sin de ghoireasan aca ach càr gu an toirt a dh’ àite, agus preas-dheigh gu am biadh a chumail, seach gun robh iad fada bho bhùithtean. Bha talamh furasda is saor a cheannachd a-muigh sna badan ud, oir cha robh teàrr air na rathaidean, bha an àite cus an iar ’son ionmhas an ola agus a’ ghas, agus bha a’ choille cho dlùth agus gum feumta saothair mhór mus deigheadh a spìonadh ás an talamh gus an talamh a dheanamh deiseil ’son curachd.
Bha móran lochan san tìr agus bha bothain aig sluagh a’ bhaile mhóir air an togail gu tìde theth an t-samhraidh a chaitheamh annta.
Cha robh féill air an dùthaich so ach aig iasgairean agus sealgairean, agus bho Chéitean gu Sultuin aig luchd-turais a bhitheadh gam blianadh fhéin aig oir nan lochan.
B’ann bho thuathanas is ghearradh fhiodha bha móran diubh a’ faighinn am bith-beò, agus gu leòr dhiubh, ged a shaoileadh sinne gum b’ ann aca a bha an talamh, cha robh ach beagan dith air àiteachadh, oir bha iad ga spìonadh uidh air ’n uidh bho ’n choille gu tuilleadh dith a thionndadh. Bha a’ chlann so, móran diubh, na bu choltaiche ris an seòrsa cloinne mu ’n leugh sinn ann an sgeulachdan mu ’n chiad chloinn a thathaich anns an dùthaich ud. Cha robh aca mu dheidhinn rudan a’ thigeadh le ionnsachadh leabhair— ’se bha iadsan ag iarraidh ach gnìomh is sealg. “Dé am feum a ni e dhomh leughadh mu Uilleam Shakespeare a’ bruidhinn mu bhalach brèagha no mu chaileig bhrèagha?” ’Se bha ga chall fhéin mas ann mu bhalach a sgrìobh e na dàin sin agus clann nighean gu leòr ann.”
B’ i a’ bhliadhna mu dheireadh a chaith mi anns an àite so, àite mu ’n do sgrìobh mi air an latha mu dheireadh a thug mi ann, “So Diardaoin deireach na dunaidh ann an dùmhlachd na coille.”
’Sann a bha dùil agam a’ bhliadhna a chaitheamh ann an California, agus bha còrr air dara leth làithean saora an t-samhraidh air dhol seachad mus robh e faicsinneach nach robh mi a’ dol a dheanamh a’ chùis air iarrtasan luchd-cuspainn Ameireagaidh; bha mi an uair sin gun obair a lorg agus bhitheadh, shaoil mi, gach àite ceart air a lìonadh. Co-dhiù, chuir mi m’ inntinn gu Ontario agus air ais gu Alberta ’s mi an dòchas gur ann an Ontario a thogainn ceann, ach thàinig fios bho Alberta an toiseach, agus, a’ smuaineachainn gum b’ fheàrr am partan tuathal na bhith gun fhear tighe, ghabh mi an obair so, ged nach robh i ri mo chàil idir, agus seach gum bitheadh ann mar a thubhairt an sanas “tigh le làn eàrnais” do am faodainn a dhol. Bha mi air an samhradh a chaitheamh a’ siubhal bho Cheap Breatainn gu Bhancùbhair gu California, agus thill mi ás California gu math dubhach chun na h-oibreach a bha so agus gun ach leth-bheachd agam air rathad a bha a’ dol chun an àite, agus gun bheachd idir air an àite fhéin. Seach gun robh mi air an obair a ghabhail dh’ fheumainn fuireach bliadhna, oir, aon uair ’s gum bris thu gealladh na bliadhna an aon àite, tha Bòrd nan Sgoiltean a’ mùidhn gun dean iad gu math searbh dhut an ath obair fhaotainn. Ach cha robh mi dubhach idir gus am faca mi pàipearan-naidheachd Chanada . . . . . bhatar ag iarraidh luchd-teagaisg anns a h-uile roinn-dùthcha de
Ràinig mi am baile beag far an robh oifig fear-riaghlaidh nan sgoiltean, agus bha mi air bòid a thoirt gun robh mi dol gam shaoradh fhéin bho’n ghealladh oibreach anns an robh mi air mo cheangal fhéin. Ach ciamar?
Steach leam, agus, mar a b’ àbhaist, thubhairt an duine nach robh dùil aige ri creutair cho beag no cho òg a’ coimhead . . . . ’se tha mi a’ smuaineachainn a bhitheadh iad a’ ciallachadh ach feagalach ged is e òg a bhitheadh iad a’ cleachdadh. Bha an t-àite gus an robh agamsa ri dhol deich mìle fichead air falbh chun an iar, agus bha agam ri dà sgoil a fhrithealadh, tè sa’ mhadainn ’s tè feasgar, a’ teagaisg Fraingeis agus Beurla do chloinn 15, 16, 17 a dh’ aois; seach nach b’ urrainn domh draibhigeadh thigeadh càr air mo thòir. Ach cha robh so gam fhaighinn ás, agus dh’ fhoighnich mi dé an eàrnais a bha anns an tigh, ’s thubhairt e nach robh fhios aige, ach gum bitheadh leabaidh ’s bòrd, séirichean ’s mar sin ann. “A bheil preas-dheigh ann?” dh’ fhoighnich mi, agus thubhairt e nach robh e mar chleachdadh aig a’ Bhòrd a bhith cur preas-dheigh anns na tighean a bhitheadh iad a’ leigeil air mhàl do ’n luchd-teagaisg. “Mur eil,” arsa mise, “chan eil mi dol ann. Chan eil càr agam, tha a’ bhùth as fhaisge trì mìle air falbh, agus ciamar a chumas mi biadh san tìde so? Tigh sam bith mu ’n leughar gum bheil e ‘làn eàrnais’ anns na pàipearan tha fhios gum bitheadh preas-dheigh ann.” Bha mise nis an dòchas gun canadh
[Dealbh]
’Se an tigh air do làimh dheis a bh’ agam-sa
Dha no trì làithean an déidh sin chuir am fear-riaghlaidh a-mach mi deich mìle fichead air falbh do na coilltean . . . . mi fhéin ’s mo mhàileidean agus bucas bidhe a shàsaicheadh seachdnar. “Tha,” arsa esan, “am preas-dheigh san tigh a nis.” Cha robh de phàileid orm a b’ urrainn coimhead ris an t-Suaineach shèimh ud. Bha a’ chuid mu dheireadh de ’n rathad gun a thearradh agus bha dusta tioram an t-samhraidh ag éirigh ’na shadan an ion ’s do thachdadh. Ràinig sinn an sgoil a b’ fhaide air falbh, air a togail ann am meadhon nan tacannan gus nach bitheadh ach an t-aon astar roimh na busaichean a bhitheadh a’ tighinn leis a’ chloinn. Ri taobh na sgoile bha cóig tighean—tighean ’son ceathrar luchd-teagaisg agus ’son fear glanaidh na sgoile. Bha an tigh a bha air a chur air leth dhomhsa snog da-rìribh—nam b’ ann an àite eile bhitheadh e . . . . le trì seòmraichean-cadail, seòmar-suidhe, seòmar-nighe, cidsin, agus, bho bhonn an tighe bha ballaichean an tighe a’ toirt fad an tighe de rùm; b’ ann an so a bha an stòbha gas a bha a’ teasachadh an tighe le àile teth ga shéideadh troimh phìoban is thuill anns an làr gu na rumannan. Bha am baile beag a b’ fhaisge trì mìle air falbh agus a’ bhùth, far an robh cuideachd oifig a’ phuist, an t-aon astar. Chan fheumta guth a bhith air rudan faileasach glan innte, ged a bha ìm is feòil is gnothaichean mar sin air dheighean. Bha bòtunnan is brògan móra nan coilltean is ròpannan is aodach is tairgnean is sgeileidean is pacaidean a’ toirealaich a-measg a chéile. Bha ola ga dhoirteadh air fiodha an làir gus an dust a smodadh ’s bha an t-aon fhàileadh sin innte daonnan.
Bha deich mìle eadar an sgoil ’s an tigh agam. Tha eallach leabhraichean agam ri’n ceartachadh. ’Se am farainm a thug iad orm anns an sgoil so‘Little Scotch Dynamo’
B’ e Suainich, Gearmailtich, agus Ukrainianich a bha ann am móran de na daoine sna badan ud, ged a bha dha no trì theaghlaichean Breatainneach ann; seach gun robh uiread ann còmhla ás na h-aon cheàrnaidhean sin, b’ aithne dhaibh an cànan aca fhéin, agus a’ Bheurla a dh’ ionnsaich iad bho thàinig iad gu Canada a bhruidhinn. Bha cuid de ’n chloinn san sgoil mhóir ag ionnsachadh Gearmailt le leasanan a gheibheadh iad air a’ phost ás Edmonton seach nach robh a’ Ghearmailt air a tabhach san sgoil dhaibh. Cha d’ fhuair cànan nan Ukrainianich a riamh àite nan cànan eile anns na sgoiltean, ach a nis, thathas a’ gluasad ag iarraidh i a bhith air a teagaisg anns na sgoiltean gu h-àraidh seach gum bheil i cho coltach ri cànan na Ruis.
Bha móran Phentecostals a-measg an t-sluaigh Shuainich a bha so, agus abair gun robh iad dùrachdach daoine eile a shlaodadh chun na h-eaglaise aca, ach cha tàinig an éigheach ris a’ ghuitar agus am bualadh bhasan glé mhath air teagaisg fhuar chruaidh Knox a chaidh a sgeilbeadh annamsa.
Bha Innseanaich cuideachd a’ fuireach a-muigh anns na badan so. Air an fhearann aca, na b’ fhaisge air meadhon na dùthcha, chaidh ola[352]
Bithtear ag ràdh mu Chanadaich nach urrainn iad gearain a dhèanamh mu chleachdaidhean dhùthchannan eile agus an droch dhéiligeadh a tha na h-Innseanaich aca fhéin a’ faighinn, gu h-àraidh sa’ Cheann a tuath. Mar dhaoine sam bith a chaidh a chur fo bhuaidh ’nan dùthaich fhéin, tha móran de na h-Innseanaich slaodach, tha iad lag ’nan subhailcean, tha gamhlas is fuath aca ris na daoine a thug fo chìs iad . . . . . . ach, ged a bhitheadh iad slaodach, seall an t-slighe a bha aca ri tighinn am bliadhnaichean cho geàrr, bho bheatha gun iarunn gu beatha le itealan; tha iad lag ach ’sann troimh ar beachdannan air cleachdaidhean nach robh aca; agus an gamhlas agus am fuath, có a chuireadh umhail orra? Their na daoine geala gum bheil iad leisg; gum bheil talamh aca agus nach oibrich iad e; their iadsan nach fhiach an talamh, nach do dh’ fhàg na daoine geala aca ach am fuidheall nach b’ fhiach leotha fhéin; their na daoine geala gum bheil am beatha ro shoirbh ’s nach leig iad a leas obair ’s dùil aca ri an airgead, anTreaty Moneygach seachdain. ’Se iadsan a dh’ fhuiricheas air an talamh a tha air a chur air leth ’son nan Innseanach a gheibh an
Nàbaidhean le tacar éisg—tha mi ’n dùil gur h-e geadas a th’ann.
Tha cuimhne agam latha agus mi shuas ann an ceann a tuath Cholumbia Bhreatannaich, agus móran Innseanaich air tighinn air a’ bhus. Bha mi an toiseach a’ bhus agus air a bhith air a’ bhus cho fada ’s gun robh fhios aig an draibhear co ás a bha mi, agus arsa esan. “So na h-Innseanaich. Tha airgead ùr na seachdaine so ’nan làimh agus ged nach bitheadh aca na cheannaicheadh biadh no na bheireadh air ais iad, feumaidh iad greiseag fhaighinn air a’ bhus.”
Anns na sgoiltean sin far a bheil a’ chlann Innseanach a’ fuireach, agus anns na sgoiltean sin a tha air leth airson Innseanaich, thàtar a’ deanamh deagh oibreach, agus chaidh a chantainn rium gum bi iad an dòchas gum pòs càraid mus fhàg iad an sgoil gu dhol air ais gu am bailtean, a chionn, an uair sin gum bi iad nas cinntiche nach téid an teagaisg buileach air chall. Tha cuid eile a’ cumail a-mach nach bi an t-Innseanach a chaoidh air a ghabhail a-steach a-measg an t-sluaigh fhad ’s a théid a chumail air leth an sgoiltean dha fhéin. Chan e gnothach furasda a tha ’n so, agus an uair a chluinneas mi daoine a’ gearain mu dheidhinn nan Innseanach ’s nan Africanach ’s am fàiligean . . . . gu tric fàiligean a tha a’ tighinn beò troimh dhroch chleachdaidhean dhaoine geala . . . . chan urrainn domh gun smuaineachainn air Gaidheil is Eileanaich na seachdamh, na h-ochdamh, ’s na naoidheamh linn deug, an uair a bha beachd nan Sasunnach ’s nan Gall mu ’n deidhinn gu math dubh. Air dhòigh, faodaidh iad sin a bhith taingeil gur ann oirnne a thòisicheadh an toiseach; an diugh tha barrachd
Tha aon chuimhne éibhinn agam air a’ bheachd a bha aca an so air Innseanaich. Mar a thubhairt mi, bha mi a’ toirt na maidne ann an sgoil deich mìle air falbh agus am feasgar anns an sgoil a bha ri taobh an tighe. A’ mhadainn a bha so, goirid an déidh dhomh tòiseachadh, ruith mi gu bùth faisg air an sgoil sin a dh’ iarraidh botull brìgh faoineig (novanilla) ’s mi a’ dol a dheasachadh. A’ mhadainn sin cuideachd bhitheadh clann-nighean agus balaich mhóra na sgoile eile a’ tighinn chun na sgoile so a dh’ ionnsachadh obair-saorsainneachd agus obair-tighe. Deireadh na seachdaine sin bha a’ chiad choinneamh de Chomunn nam Pàrantan ’s an Luchd-teagaisg(P. T.A. )air a gairm san sgoil anns am bithinn feasgar, agus thubhairt am pàrant a bha ’na cheann-suidhe gun robh e air a thighinn gu a chluasan gun tubhairt a’ bhùth a bha so gun robh tè de chloinn-nighean na sgoile eile air ceannachd botull brìgh faoineig do ’n bhalach Innseanach a bha a’ suirghe oirre. B’ ann air a’ mhodh sin a dh’ fhoghluim mise nach fhaodadh Innseanach brìgh faoineig no rud sam bith anns an robh alcohol a cheannach, seach gum faodadh iad òl an àite deoch làidir, rud air nach robh cìs gun mhuthadh aca a bharrachd. An déidh sin an uair a dh’ aithnicheadh muinntir na bùtha mi, dh’ fheumainn a bhith air m’ fhaicill gun cus brìgh faoineig a cheannachd, mus saoileadh iad gur ann air an dòigh sin a bha mi a’ marbhadh an aonaranais san tigh agam.
Fear de na seann thighean.
A thaobh a’ phris-dheigh a bha so, bha mo chliù air dhol romham oir bha e coltach gun tubhairt am fear riaghlaidh riutha ged a bha mi beag nach robh mi gun a bhith biorach, agus chan e eadhon gun deach preas-dheigh a chur do ’n tigh, ach chaidh a pheantadh agus chaidh eàrnais ùr chomhfhurtail a chur ann. Cha robh so cho math ann an coimeas ris na tighean eile oir bha iadsan gun phreas-deigh agus le seann eàrnais, agus ’s iongantach mun do mhollaich Bòrd na Sgoile cho duilich ’s a bha e dhaibh duine fhaotainn gu Fraingeis a theagaisg, ’s gum b’fheudar dhaibh mise a ghabhail, oir chaidh an tè a bha an ath dhorus a ghearain mu ’n eàrnais aice-se, agus a ràdh gun robh i ag iarraidh preas-dheigh,
Bha eagal an dorchadais ormsa riamh bho m’ òige agus nam bitheadh duine air cantainn rium gum fuirichinn ann an tigh leam fhéin ri taobh choilltean, far an cluinnteadh glaodh tiamhaidh na comhachaig agus gaoir nam madadh fiadhaich, bhithinn an déidh mo cheann a chur fo’n chluasaig, gus nach bitheadh agam ri éisdeachd ri fàistneachd cho uabhasach. Seach nach do thachair càil a’ chiad oidhche a thug mi anns an àite, ’nam aonar, oir cha robh luchd nan tighean eile air tighinn, dh’ fhàs mi na bu chruadalaich agus an uair a dh’ fhoighnicheadh duine dhomh an robh eagal orm, b’ urrainn domh freagairt le fìrinn nach robh. Gun chàr, cha robh móran cothrom aig duine gluasad a-mach ás an àite so ach fad Di-Sathuirne, oir bha bus a’ falbh sa’ mhadainn ’s a’ tilleadh air an oidhche, agus air là na Sàbaid, ach bha mo nàbaidhean uabhasach coibhneil rium ged a bha iad móran na bu shine na mi. Dh’ fhàg sin gun robh mi gu math tric leam fhéin agus mar as trice a tha duine leis fhéin, ’sann as motha a tha e ag iarraidh bhith leis fhéin. B’ e ceartachadh obair-sgoile, leabhar, clàir-ciùil is radio tu tric mo chompanaich ach anns a’ gheamhradh gum bithinn a’ dol a churlaigeadh . . . . a shadail nan clachan troma air an deigh ’s a’ sguabadh na slighe na bu lìomhta romhpa gus an ruigeadh iad an ceann uidhe, ceann eile an deigh . . . . gìom a thug a chasan ás Albainn agus anns an robh làn dùil aig a h-uile duine gum bithinn-sa ealanta. Ach ’se a fhuair an gonadh ach an truaghan air na thàrr mi anns an sgioba!
Oidhche aig deireadh a’ gheamhraidh agus maighstir-sgoile na sgoil eile, a bhean agus dithis eile a’ céilidh orm, ’sann a thainig gnogadh mór chun an doruis cùil . . . . rud nach tachradh uair air bith oir bha glag air an dorus. Tha e ri ràdh gum bheil an leanabh a bh’ ann anns an duine daonnan agus a dh’ aindeoin cruadalachd nam mìosan a bha mi air a chaitheamh leam fhéin agus na ceathrar aoighean a bha an làthair, leum mise a chrùbadh air cùl séir móir agus ged lean an gnogadh cha charaichinn, agus b’ e am maighstir-sgoile a b’ fheudar a dhol chun an doruis. Có a bha aig an dorus ach duine ás sgìre na sgoile eile, fear a dh’ aithnicheadh am maighstir-sgoile so agus a’ chlann a bhithinn a’ teagaisg an sin, agus e ag iarraidh mo choinneachadh ’s
(R’a leantainn)
title | Ban-Leódhusach air Safari (2) |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Mairead NicAsgaill in Gairm 52 %p |
parent text | Gairm 52 |