OIDHCHE NA STOIRM
Le Conchubhar O Ruairc
(air eadar-theangachadh le GORDON DONALD.)
AN uair a bha mise ’nam phailteach cha robh eadar dà cheann A’ Chumair ach tighean tugha. Ged a bha na tighean ceudna dorcha, ìseal, aosda agus mu bhith aig ceann an réis is iad a bha gu seasgair, comhfhurtachail sa’ gheamhradh agus fionnar brèagha nuair a thigeadh brothluinn an t-samhraidh oirnn. Ach, beag air bheag, bha ciùird na tughadaireachd a’ dol bàs, agus rud eile, gheibheadh neach air bith a chuireadh a thigh-còmhnaidh am feabhas no a thogadh tigh ùr ’na àite cobhair mhath fhialaidh bho ’n Riaghaltas. Bhatar a’ togail tighean ùra anns na bailtean mun cuairt, tighean brèagha àrda, agus na seann tighean tugha ’nan saibhlean aig na daoine. Mar sin, eadar an riatanas, an deagh-eisimpleir agus an taic airgid cha b’ fhada mun do theann muinntir A’ Chumair air na tighean aca fhéin a chur am feabhas bho ’n stéidh a-nìos agus an taobh a-stigh de dha no trì bhliadhnachan bha na sgliatan an ionad na tugha air gach tigh anns a’ ghleann ach air tigh Dhòmhnaill Ui Rinn a-mhàin.
B’ ann aig Dòmhnall a bha an tigh bu mhotha farsainneachd dhiubh, Gu dearbh, cha robh dad aig na tighean ùra air a thaobh meud, ’s cha robh sin ’na iongnadh idir, mar is tric a chuala mi gum b’ e dà thigh fo ’n aon dìon a bha ann tràth, agus dà theaghlach a’ gabhail còmhnaidh ann. Ge b’ e leagail a rinn Dòmhnall air ballachan chaidh aige air aon chidsin a dhàanamh ás an dà chidsin. Té bhrèagha leathann fharsainn le àite-teine a bha leth ceann na stuaighe am meud. Nuair bhiodh teine math mhòna ann oidhche gheamhraidh, agus làn tigh de luchd-céilidh cruinn, cha robh tigh ri fhaotainn a bheireadh buannachd air ann an comhfhurt agus seasgaireachd. Bha e air a shuidheachadh air a’ chuid a b’fhasgaiche dhe’n fhearann, timcheall ceud slat a-stigh o ’n rathad mór, bha mothar dlùth ghiuthais air trì taobhannan dheth agus cnocan dìreach m’ a choinnimh. Bu choma ciod e an neart a bhitheadh aig gaillionn a’ gheamhraidh cha chluinnteadh deò gaoithe ann an tigh Dhòmhnaill agus ged bu tric daoine eile a-mach le cipein agus ròpannan a’ fiachainn ri dìon a dhaingneachadh an aghaidh na gaoithe cha
B’ e suidheachadh fasgach an tighe agus an gràdh a thug Dòmhnall do ’n t-seann aitreabh a thug air leantainn ris an t-seann tigh nuair bha na coimhearsnaich uile cur na tighean air dòigh. Chan e gun robh nì ga bhacadh gun chobhair an Riaghaltais fhaighinn, agus gu dearbh fhéin bu mhath a dh’ fhaodadh e tigh ùr nodha a thogail gun chobhair sam bith oir b’ ann aige a bha am fearann a b’ fheàrr anns A’ Chumair agus bha clann mhath dhìcheallach aige agus ainm an airgid air. Bha bean Dhòmhnaill agus a clann cho math rithe, sàsta gu leòr leis an tigh gus an do theann na coimhearsnaich air an obair. Ach a réir ’s mar bha na tighean ùra a’ dol suas, thòisich iadsan air an ladar a chur san sgeul:
“Ach ciod an lochd th’ air an tigh so agaibh air aon chor?” ars esan ris a’ mhnaoi.
“Mhoire, a Dhòmhnaill, nach fhaic thu fhéin gum bheil tigh eireachdail gasda aig a h-uile duine riamh sa’ Chumair ach againn fhìn a-mhàin,” ars a bhean. “Shaoileadh duine air am bothan tighe a tha againn gum b’ ann air dhéirc a bha sinn.” “Bothan! an duirt thu! Gum maitheadh Dia dhuit e, a bhean. Tha comhfhurt agus seasgaireachd againn ann an so, fèath agus fasgadh, rudan nach eil idir aig ar coimhearsnaich. Thréig iad-san am fasgadh agus ciod a rinn iad ach dol a-mach air na cnuic lom far am beireadh gaoth Mhàrt an t-sròn bhàrr duine.”
“Ach! A nis a Dhòmhnaill nach eil thu tuigsinn gu math gum bheil e nas fhallaine agus nas fheàrr do ’n t-slàinte gu mór an tigh a bhith ’na shuidhe air cnoc na bhith a-stigh ann an lagan mar tha sinne, ’s gun deò gaoithe againn san t-samhradh. Tha adhar glan agus solus na gréine air am moladh aig dotairean an domhain, agus feuch sinne ann an so a’ toirt ar cùlaibh riutha.” “Dotairean, a bhean! Dotairean agus adhar glan agus solus na gréine,” arsa Dòmhnall gu geur. “Bha thu nad òinnsich riamh! Tha thu fhéin air bhith a’ còmhnaidh anns an tigh so fad còrr is cóig bliadhna fichead agus cia mheud latha anns an ùineach sin a thug thu anns an leabaidh leis a’ chnatan no le sac no fliù? Cha tug uiread is aon latha, buidheachas do Dhia. Seall Sean Mór agus Donnchadh Pheadair, dithis a bha slàint asal cheàird aca fhad’s a bha iad anns na seann tighean. Cha chuimhne leam aon tinneas no gearan air fear de ’n phaidhir latha riamh gus an deach iad do na tighean brèagha ùra sin. Tha Sean a’ cumail na leapa bho chionn mìos a nis, agus tha Donnchadh ’na chrùban ’s a cheann gu talamh
B’ éiginn dhi éirigh ás an obair mu dheireadh. Cha ruigeadh i fhéin no a clann leas a bhith a’ tathainn no ag obair air Dòmhnall. Bha aca ri bhith toilichte leis an tigh tugha agus cha robh an còrr ri bhith uime.
Dh’ fhalbh na bliadhnachan agus phòs clann Dhòmhnaill, aon ás déidh a h-aon: cailin dhiubh thall sa’ Chuasan an àite san robh fearann deich mairt aice, cailin thall sna Lisinich, mac a chaidh ’na chliamhainn a-steach air fearann a’ Chuim. Cha robh air fhàgail aig baile aig a’ cheann thall ach e fhéin, a bhean agus an aon mhac. B’ ann air a’ mhac sin a thuiteadh am fearann agus a h-uile nì bha leis agus cha bu mhisde sin le Dòmhnall dad. Bha e fhéin a’ fàs sean, a’ sreup ris an deich bliadhna thar trì fichead, ’s gun nì ’na cheann ach am peinnsean fhaighinn. Ach chan fhaodadh e am peinnsean fhaighinn gus am bitheadh a mhac pòsda, agus cha robh aon choltas air sud gu robh fonn pòsaidh air. Chagainn Dòmhnall a’ cheist le bhean gu tric, ach b’ e an aon fhreagairt a gheibheadh e bhuaipe daonnan; “B’ fheàrr dhuit fhéin a’ cheist a chur air. Is e na fir as fheàrr a thuigeas a chéile. Ach tha mo bheachd fhéin agam carson nach eil e brath phòsadh.”
“Agus ciod e sin, ma tha?”
“Tha mi ag ràdh riut cuir ceist,” theireadh a bhean, “agus bithidh iomlan an sgeòil agad an uair sin.”
Bu léir do Dhòmhnall gun robh gnothaichean a’ gabhail ro fhada, agus mu dheireadh chuir e a’ cheist os comhair a mhic. Thainig am freagairt gu tapaidh. Cha phòsadh e, thuirt e, bho chionn ’s nach b’ urrainn dha iarraidh air chailin sam bith thighinn a-stigh anns a’ bhothan tighe a bha aca an sin, agus mur toireadh athair cead dha tigh ùr a thogail, bitheadh sin air a cheann fhéin. Bha obair agus cosnadh ri fhaighinn thall ann an Sasunn, agus dh’ fhaodadh athair a rogha dhèanamh leis an fhearann, aon latha bu mhiann leis.
Bhuail Dòmhnall buille d’ a bhata air an talamh, thug e tarraing air eas-umhlaidheachd agus air mì-bhuidheachas, agus bhagair e h-uile seòrs air a mhac. B’ ann aige fhéin a bha fhios, ged tha, gun robh e ann an ribe, agus ann an ribe ceart cuideachd. Nan tréigeadh am mac sin am fearann, cha ghabhadh aon duine eile dha ’n chloinn ris, agus mar sin dh’ fhalbhadh e á sealbh nan Rinneach, á sealbh an dream aig an robh e bho chionn còrr agus dà cheud bliadhna. Bu chràiteach leis[366]
Cha robh annas riamh ann gus do sgaoil an sgeul gu robh mac Dhòmhnaill dol a’ thogail tigh ùr, agus b’ annasaiche air fad e le muinntir A’ Chumair càite an robhar ga thogail. Is ann air mullach a’ chnocain air aghaidh an t-seann tigh a bha e, àite sam bitheadh grian an t-samhraidh agus gaoth a’ gheamhraidh, gun fasgadh coille no mothair, cnoc no cnocain aige. Cha ghabhadh rùn a ghleidheadh ’na rùn aon latha riamh sa’ Chumair, agus cian mun do leagadh clach-stéidh an tighe ùir, bha fios aig sean is òg dé chuir gum b’ éiginn do ’n bhodach dhiorrasach géilleadh d’ a mhac. Is iomadh bearradh agus gearradh chaidh thoirt air, ’s air ùrlar fhéin cuideachd, ach ’s esan nach bitheadh air deireadh le fhreagairt uair sam bith.
“Bheir thu mach ceud bliadhna, nuair bhitheas adhar fallain an tighe ùir agad, a Dhòmhnaill,” theireadh fear ris.
“Mi fhìn ’s an riabhach! Cha chuala mi riamh na ceàird a bhith faighinn saoghal fada agus dé a th’ aca eadar am breith ’s am bàs ach adhar ùr. Is ann san tigh so a rugadh mi agus a thogadh mi agus ’sann ann a gheibh mi am bàs, le toil Dhé.” “Tha e cho math dhuit gum bheil sibh a’ togail tigh eile,” arsa fear eile. “Is fhada is cian a nis agus mi teachd a-stigh a chuirinn geall gun robh lùbadh ann am maide droma an tighe so. Air éiginn a sheasadh e geamhradh eile.”
“Seasaidh agus fichead bliadhna eile, ge be có an duine a chì,” a freagairt a thug Dòmhnall dha. “Fan gus an tig onfhadh na Samhna agus stoirmean an Earraich agus chì sinn sgliatan an tighe ùir a’ falbh leis a’ ghaoith. Ach bitheadh aige. Fhad’s a bhitheas an tigh so agamsa bitheadh an rogha àrois aig an fheadhainn thig ás mo dheaghaidh.” Chaidh crìoch air an tigh ùr roimh dheireadh an Fhoghair, agus nuair bha gach nì air dòigh thug na Rinnich cuireadh do na coimhearsnaich, eadar sean is òg, thighinn chuca air an oidhche Dhòmhnaich àraidh so air meadhon mìos an t-Samhuinn a chumail oidhche chiùil is dannsaidh air an ùrlar ùr. Ged nach robh mi fhìn aig baile san àm, fhuair mi cuireadh ceart cho math ri duine agus ghlac mi ris thaobh an t-seann aithne a bhith agam air an teaghlach.
Bha e mu naoi uairean feasgar nuair ràinig mi an t-àite, ach bha a’ chidsin làn dhaoine a cheana ’s iad a’ dannsadh gu siùbhlach. Bu
“Tha e soilleir nach ann ro-thoilichte d’ a staid anns an tigh ùr a tha mo shean laochan,” thuirt cuideigin air mo chùl.
“Matà, fàsaidh e cleachdte ris gun dàil sam bith,” arsa fear eile, ga fhreagairt.
“Bha gean mór aige do ’n t-seann tigh agus tha e caran ait leam e thighinn a-steach ann a so idir; is tric a dh’ aidich e gur ann san t-seann tigh a gheibheadh e am bàs.”
Theann iad air dannsadh a rithisd agus lean iad orra mar sin gu ruige meadhoin-oidhche. Mu ’n àm sin bha am bòrd sgaoilte deas shuas san t-seòmar agus chaidh a’ chiad dream ghlaodhach sìos chun an suipeir. Lùghdaich sin an sluagh a bha sa’ chidsin beagan, agus co-dhiù an e na seinneadairean agus na dannsairean a bu mhotha a bh’ air gluasad sìos no gun robh an sgìos air laighe air an fheadhainn a bha air fhàgail thàinig nàdur de shàmhchair anns a’ chidsin air ball. A
Bha e leamsa an oidhche ud mar gum b’ e creutair bheò a bha sa’ cheart ghaoith sin, gun deachaidh a goirteachadh agus a mosgladh gu fearg nuair a bhuail i air an tigh agus an sin gun do chuir i fios air ais sìos an gleann a’ glaodhadh air cùl-taic a thighinn thoirt cobhair dhi an àm a feuma los a’ namhaid ùr so caitheadh a-mach ás a rathad. Agus thàinig na cùil-taic. Mionaid ás a dhéidh sin thàinig rannt de ghaoith anns an robh neart agus treòir bhom. Bhuail i le h-uile neart air aghaidh an tighe. Bheirinn mo mhionnan gun tàinig crith anns na ballachan bho bhun gu bàrr agus chualas an fhead caoineadh aice shuas mu ’n stuagh. Gheàrr duine no dhà fìor na croise orra fhéin. Chuala mi “Gun teàrnadh Dia sinn!” air mo chùlaibh. An sin dh’ éirich Dòmhnall O Rinn ás a chathair. Rug e air a bhata agus thug e aghaidh air an dorus.
“C’ a do thriall? an ainm an Aigh!” ars a bhean ris.
“C’ a ’l mo thriall an e?” ars esan, gun aon oidhirp aige air a fhreagairt a chleith air càch. “Cha ruig thu leas bhith smaointinn gum fanainn-sa ann an so a leigeil leis a’ chaisteal dhiabhlaidh so tuiteam orm. Theid mi sìos gu ruige ’n tigh grinn comhfhurtachail a bh’ agam fad mo rè, agus nam bitheadh ciall idir agad-sa rachadh
“Thoir dhuinn port,” thuirt cuideigin ri fear a’ mhealóidean: agus eadar an ceòl ’s an dannsa cha do chuir sinn sùim tuilleadh anns a’ ghaillionn.
Is fhada bhitheas cuimhne air an oidhche sin a bh’ againn an tigh ùr nan Rinneach. Ach chan ann air a’ cheòl no air a’ mheadhair as motha theid tarrainn ge tà ach air a’ sgeimh agus air an uabhas a bhuail gach duine a bh’ ann nuair a ruith òganach a-stigh ’s a chridhe ’na bheul, mu thrì uairean sa’ mhadainn, a dh’ innseadh gun robh mullach an t-seann tigh tughaidh air tuiteam gu talamh. Math dh’ fhaoidte gun robh réis an t-seann tigh seachad ach tha daoine anns a’ Chumair a tha creidsinn nach do thuit e riamh mur bitheadh an tigh ùr. Bu choltach leo nuair a chaidh a’ ghaoth a chasgadh ’na cùrsa gun d’ rug iomaghaoth air an t-seann tigh. Ach ge be rud a theirear na nach abrar, ’se Dòmhnall O Rinn a bha ceart aig a’ cheann mu dheireadh. Anns an t-seann tigh a rugadh agus a thogadh e agus ’sann ann a fhuair e am bàs. Nuair a thòisich sinn air rùraich fo ’n dìon a bh’ air tuiteam fhuair sinn e, a phaidirean eadar na meòirean aige, a’ mhaide-droma air a mhuin, ’s e air an rathad gu ’n t-sìorraidheachd.
title | Oidhche na Stoirm |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Conchubhar Ó Ruairc in Gairm 52 %p |
parent text | Gairm 52 |