BANAIS AN INNSE GALL, 1900
Le TORMOD MACLEOID, de shliochd IAIN UALLAICH
(Air a bhunachadh air sgrìobhadh am Beurla a rinn Seoni Chaluim Dhonnachaidh nach maireann, a chaidh gu ruig Montana, S.A. A., agus a chaith a bheatha ann an sin.)
SNA bailtean beaga riabhach taobh siar Eilean Leódhais bha mnathan maiseach agus fir chalma airidh air gràdh mnà. Bha réiteach ann agus pòsadh agus banais.
Bu mhithich leis na Leódhasaich banais a dhèanamh air am biodh biadh is deoch, farum is ceòl, cuireadh do na h-uile, eadar luchd dàimh is càirdean beag is mór, sean agus òg, le iomadh “Meal an Naidheachd” agus “Meal do Shlàinte.” Bhiodh duine bho gach taobh a’ ruith nan càirdean a’ toirt fios thun na bainnse.
Am faca tu riamh baile beag riabhach taobh siar Eilean Leódhais? Am baile tha ’m amharc tha a dhruim ris a’ Chuan a Siar. Sgrìobh Martainn mu dheidhinn ’na leabhar Description of the Western Isles, “Dun na trì stòir agus Teampul Eòin” agus Cill Sgàire.
Gu Deas a-mach am monadh tha corran bheannaibh am bun sgòth, a rinn a tumadh dh’ an fhairge. Tha a’ mhòinteach gu bun na beinne, fraoch is féith, allt is creagan, ’s mar a thubhairt am bàrd;
“Tha uisgeachan mìn a’ cìreadh fuiltean nan gleann
Bho bhilibh an fhraoich tha gaoir is farum nan allt.”
Eadar am baile is am muir tha an talamh àitich bho an tig bàrr le saothair; a’ slaodadh ’s a’ sgaoileadh feamainn cladaich agus todhar a’ chruidh, a’ ruamhar le spaid agus a’ tarraing le cliabh.
Tha rathad ùr an rìgh dol seachad air a’ bhaile ach tha a rathad fhéin aig a’ bhaile: rathad caol cruaidh clachach agus staran gu gach tigh: fosglan, tigh agus sabhal fo thughadh is fo shìoman mar a bha iad bho
’Sann a-mach tre an gheamhradh a bhiodh a’ réiteach agus am pòsadh. ’S anns an earrach a bhiodh obair an àitich. Tre an t-samhradh bha na fir agus na mnathan òga aig iasgach an sgadain. Anns an Fhoghar bha a’ bhuain agus togail a’ bhuntàta. B’ e an Geamhradh àm nam bainnsean.
Bha an duine an urra ris a’ phòsadh, an urra ris an teaghlach. San latha a bh’ ann cha robh cul-taic aig duine ’na shean aois ach a theaghlach fhéin. Bha earbs na h-aois ’nan gineal agus bha an gineal dìleas mar bu dual.
’Sann an uaigneas a bha an t-suirghe, air feadh na h-oidhche, agus b’ ann an uaigneas oidhche dhorch (a chum nach fhaict iad le gillean a bhiodh a-muigh a’ ruith na h-oidhche, na faict iad bha a sgial air feadh a’ bhaile, olc no math ’s gum biodh an oidhirp) a thigeadh an suirghiche leis a’ ghille-comhailteachd a dh’ iarraidh làmh a leannain le cead a h-athar agus a màthar.
Sud an dithis a-steach. Bha aithne aig na bha stigh air fàth an turais. Bha an gille comhailteachd a ghnàth faisg an dàimh do ’n t-suirghiche agus ’sann ris-san a bha an conaltradh an urra. Bha e deas-bhriathrach, agus modhail, seòlta.
Air dhaibh suidhe suas mu choinneamh an teine ages iad féin a shocrachadh gu stòlda thòisich an gille-comhailteachd gu ciùin urramach air innse aobhar an turais “Tha fios agaibhse fhir an tighe carson a thàinig sinne a-nochd. Tha an gille tha so ag iarraidh Màiri i do nighean gu pòsadh, agus is math tha fios agad nach eil a leithid a’ ghille so sa’ bhaile no san ath-bhaile. Chan eil aobhar dhòmhsa an còrr a ràdh.”
Bha am bodach deònach aonta a thabhairt ach bha tacan maille iomchaidh. An déidh greis thubhairt e gu sìtheil socrach. “Chan eil dad againn an aghaidh a’ ghille.” Thionndaidh e sin ri a nighean “Am beil thu féin deònach a Mhàiri?” Tha Màiri a’ fighe agus chrom i a ceann ag aontachadh.
Le solus lasaireach an teine chìte deàrrsadh a gruaidh agus loinneireachd nam bior-fighe luaineach. Bha i air a cur ris, car tiota, oir b’ e so an uair anns an tàinig an nì bha os ìosal am follais, na bha eatara féin agus a leannan. Teò-chridheach ’s gam bitheadh an gràdh, cha robh fios aig càch air gu so, ged a bhitheadh beachd làidir aig a
Rèiteach
Dh’ fhaodadh an Rèiteach a bhith beag no mór: cho beag ’s nach bitheadh oirre ach an dà theaghlach no iadsan agus na dlùth-chàirdean, no cho mór ri banais fhéin; na càirdean gu léir, na h-eòlaich, biadh agus deoch, ceòl agus danns.
Deas-ghnàth neònach a bha san Rèiteach: seanna chleachdannan fhathast air an cumail air chois. Bha i fhéin agus a cinneadh air dara taobh a’ bhùird, agus esan le chinneadh air an taobh eile. Bha seann daoine mun a’ bhòrd a bha ’nan òige iad féin a’ dèanamh an uisge-bheath gus an tàinig na géidsearan thairis am monadh a’ bristeadh nam poitean-dubha, creachadh nan tighean-stalla agus dhan cur ’na smùid. Bha daoine òg ann ’nam péitean mór agus neapaigin sìoda mu ’n amhaich, agus clann-nighean sgiobalta, an dosan an àrda agus ciudha chruinn an cùl a’ chinn, na sùilean blàth beòthail agus an teanga deas.
Tha an gille-comhailteachd a’ labhairt: “Am beil neach air bith an làthair a tha cur an aghaidh na Rèitich?” Cha robh neach, ach b’ fheàirrd a’ chuideachd fealla-dhà. “Tha mise,” arsa fear “a’ cur an aghaidh na Rèitich, ’s fhada bho gheall i dhòmhsa, mhionnaich i ’s bhòidich i . . . .” “Thusa,” thubhairt an gille-comhailteachd. “Cha shuidheadh i an aon taobh tighe riut, cha shealladh i riut thar a guaille. Eadar thu féin!”
An Tochradh
Bha an sin gach taobh dh’ an a’ bhòrd a-mach air cho gnìomhach foghainnteach ’s bha iad fhéin. Theireadh fear de chàirdean Chaluim“ ’Se latha mór a th’ ann dhuibhse an diugh.” Ach bha cuideachd Mháiri a cheart cho dian air treubhantas an daoine fhéin a mholadh.
Thigeadh a’ chùis an sin gu bhith cnuasachd agus a’ conaltradh air an Tochradh, measg gnothachan cudthromach eile a bha an gnàth an cois na Rèitich.
B’ e dleasdanas a’ ghille-chomhailteachd a’ cheist a chur. B’ e dleasdanas athair Mhàiri an Tochradh ainmeachadh. Mar eisimpleir: Cóig chaoraich a bha cheana air ainmeachas Mhàiri, agus a’ bhó dhonn. Bhitheadh tuilleadh ann nach ligte leas ainmeachadh.
[302]An Car-Làimh
Dhèante a nis an gnìomh a bha crùnadh na Rèitich: an Car-Làimh. Sheasadh Calum agus Màiri mu choinneamh a chéile. Tha Calum a’ tairgse do Mhàiri glainne uisge-beath, làn gu bil. Gabhaidh Màiri a’ ghlainne agus cuiridh i air slàinte Chaluim, gu banail beusach agus bheir i a’ ghlainne dhà air ais. Olaidh Calum deoch-shlàinte Mhàiri agus gabhaidh iad a chéile air làimh, ise màlda ciùin agus esan seasmhach duineil agus ann an sin ann am fianuis na cuideachd geallaidh iad a bhith dìleas da chéile . . . .
A’ Bhanais
Ce-la-deug, fichead latha, no mìos an déidh na rèitich ’sann a bhios a’ Bhanais. Cha bhi duine anns a’ bhaile ach beag nach fhaigheadh fios chun na bainnse; dàimhean agus càirdean agus luchd eòlais á bailtean eile, bha an cuireadh thucasan cuideachd.
Bha ullachadh mór ri dhèanamh eadar biadh agus deoch dha na bha tighinn a dhaoine: ach bha làmhan luchd cuideachaidh lìomnhor. Mharbht mult no dhà agus thigeadh na cearcan, beò agus marbh ’na ficheadan. Spìont na cearcan ann an tigh nàbaidh, bhruicheadh cuid an sin agus cuid anns na praisean móra a bha mu ’n teine an tigh na bainnse; grìosach dhearg a’ cumail teas ri prais-dhath no dhà no trì làn brot agus feòil.
Ceòl
Cha do dh’ fhàg an eaglais ach glé bheag dhe na h-iomadh fearas chuideachd faoin agus dibhearsan a bha measg an t-sluaigh. Tha seann eachdraidh an eilein a’ toirt fianuis air déidh an t-sluaigh air ceòl agus danns. Tha teaghlaichean fhathast ann ris an abarar “Na Fìdhleirean” agus teaghlaichean ris an abarar, “Na Pìobairean,” ach chan eile duine beò aig a bheil cuimhne air fidheall no pìob-chiùil a-measg nan teaghlaichean air am beil an t-ainm.
A-measg nan teaghlaichean air am beil an t-ainm bhristeadh gach pìob, loisgeadh gach fidheall mar innealan leis an t-Sàtan . . . . ach tha a’ “Chomhailteachd” no an “Triall-Bainnse” air a cheadachadh fhathast (1900).
A’ Chomhailteachd
Air toiseach na comhailteachd theid an gille-comhailteachd le bean na bainnse. An sin fear na bainnse agus a’ bhean-chomhailteachd agus
B’ e sud a’ chuideachd aighearach, gach neach ’na ùr-éideadh toirt ceum sunndach air druim an rothaid mhóir. Bratach bhàn de neipigean air slat ri tobhta nan tighean, seann saighdear a’ bragadaich le seanna ghunna, a’ chlann bheag ag éigheach ’s na coin a’ comhartaich. Cóig mìle chun na h-eaglais. Cha bu bheag an astar sin, ach bha cas na h-òige siùbhlach ’s an aimsir fonnar. San dol seachad air na bailtean a bha cois an rothaid, chìte grunnan fhear a’ cumail taic ri cruach mhònach ’s na balaich òga stigeadh chon an earball na comhailteachd.
Am Pòsadh
B’e deas-ghnàth dùrachdach, cudthromach, neulach bha sa’ phòsadh, ma bha am ministear cogaiseach, diadhaidh, le eagal Dé, le eagal Latha Bhreitheanais agus fad, buan, bithbhuantachd na Sìorruidheachd ’na shealladh. Theireadh am bàrd“ ’s uallach aotrom gaol is òige.” Cha robh guth aig a’ mhinistear air gaol is òige no ceòl no danns. Cha tigeadh ás da a’ chàraid a phòsadh gun sgrìob earalaich a chur a-mach: “Fiach thusa a Chaluim nach tig thu dhachaidh bho ’n iasgach gun sgillinn ruadh air do shiubhal. Thoir an aire nach caith thu do chuid airgid san tigh-osd agus do bhean lom luirmeachd aig tigh gun bhiadh gun aodach.” “Agus thusa a Mhàiri, nuair a thig Calum dhachaidh fliuch acrach bho ’n a’ mhòintich, fiach nach bi a’ chagailt fuar, agus a bhean air chéilidh.”
Bha a nis am pòsadh ceangailt o ’n chléir agus b’ iad am fear agus a’ bhean a bh’ air toiseach na comhailteachd. Bha am baile air ghorra-biod a’ feitheamh gu faicte a’ chomhailteachd a’ tighinn air fàire. Chaidh an éigh an àrda, “Sud iad air a’ mhullach.” ’Sann a nis a bha ghleadhraich ann: iolach na comhailteachd a’ freagairt iolach na bha a’ feitheamh. Dh’ éigh na bodaich àrd an clagainn ’s bha a’ chlann bheag ag éigheach. Cha robh guth ach “fàilte,” “slàinte,” “furan agus furmailt” bho gach tigh san dol seachad, bha a’ ghlaodh chàirdeil ’nan coinneamh agus cha bu lugha càirdeas éigh bhàidheil na comhailteachd.
Tigh na Bainnse
Tre ’n fheasgar fhads a tha na càirdean a’ tionaladh gu tigh na bainnse bheir sinne sùil air an tigh, air a chumadh ’s air a thogail.
Iosal, fada, fo thughadh de bhunan an eòrna ’s fo shìoman fraoich le acraichean leaca. Bha an balla dùbailte seasmhach sia troighean a thiughad de chlachan nach fhaca òrd no teine ach mar a chaidh an dùsgadh.
Air dol a-steach tre ’n fhosglan dh’ an tigh còmhnaidh, bha an tallan bhàrr na starsaich agus an sin na daoine mu ’n teine, teine mór mònach le lasair geal suas mu phrais trì-chasach croicht air slabhraidh. Bha séis ri balla, ri balla eile stùil agus drasair agus cist no dhà. Bha calbh fiodha eadar thu agus uachdar an tighe.
Rè dorchadas na h-oidhche b’e fàd beò ás an teine air seanna chorran an lòchran. ’S iomadh sloc fhliuch air an deacha seachad le solus an fhòid. Muigh mu ’n dorus bha gràisg a bhalaich bheaga a’ bhaile ach b’ ann a-stigh a bha am bruthadh agus am mùthach.
Nam b’ e neach inbheach a thigeadh: am maighstir-sgoile no nighean a’ mhinisteir dheigheadh an treòrachadh suas a dh’ uachdair an tighe, gu bòrd urramach ullaichte nan uaisle seachad air na bha de phraisean brot mu’n teine; praisean cho mór re prais-dhath. Bha, uair, bean nam praisean ann, ghabh i fhéin an daorach, agus bha i cur nan cearcan gun spìonadh dh’ an a’ phrais bhrot.
Mur bu tu ach fear san t-sreath, sìos leat dh’ an t-sabhal far an robh suidheachanan fiodha ris gach balla, bòrd sa’ mheadhon sgeadaichte le aodach geal air an robh aran, brot agus feòil: gu leòr agus ri sheachnadh. Cha robh duine a’ suidhe aig bòrd nach spàrrte glainne ’na dhorn—fear an déidh fear—chuireadh e air slàinte na cuideachd; “bho bhalla gu balla,” agus “air slàinte na càraid òig.” Bhiodh bòrd na clainne bige an toiseach na h-oidhche.
Bha “Bòrd a’ Bhréid” air dol á cleachdadh. B ’e “Bòrd a’ Bhréid” bòrd aig an suidheadh bean na bainnse le a céile a’ cur urram air a’ chuideachd. B’ e am “bréid” de lìon, de shròl no de shìoda, éide-cinn bean na bainnse. B’ e am bréid suaicheantas a’ phòsaidh, gus an do chuir an currag geal air a dheagh iarnaigeadh am bréid á fasan.
Aig “bòrd a’ bhréid”
le d’ chéile pòsda
Meal a’ naidheachd.
Aig “bòrd a’ bhréid”
a b’ éibhinn còmhlan
Meal a’ naidheachd.
Nuair a bhiodh a’ mhórchuid air an riarachadh le biadh is deoch, steach leotha dh’ an t-sabhal dhannsa—sabhal nàbaidh ’s math’id.
Cha b’e lùchairt an ùrlair chòmhnaird a bh’ ann. Dh’ fhàg buailtean na sùist sloc a sud ’s a so, ach dé dh’ an a sin, nach robh na casan òg eutrom gu leum thairis.
Ma bha melódian ann bu mhath sin. Mur a bitheadh, ghobhadh sreath chaileagan port; dhannsadh iad co-dhiù:
“A Mhàiri Iain ’ic Dhol’ ic’ an
’s Chailein Mhurchaidh Fìdhleir (trì uairean)
“A Mhàiri Iain ’ic Dhol ’ic ’an
nach téid thu tre ’n an ruìdhle.”
Agus th’ abair thusa danns le nighean donn an t-sùgraidh. Bhiodh fallas orr’ ’s cha sguireadh iad.
Bha pìobairean ann bho chionn fhada an t-saoghail agus fìdhleirean a thigeadh air chuairt ann an dùbhlachd reòte a’ gheamhraidh, nuair a shéideadh gaoth tuath nam fuar fhrasan ’s a chìte siaban na mara ’na smùid air sgiathan na gaoith. Thogadh na fir-ciùil port flathail freagarrach an co-sheirm ri onfhadh na fairge air na garbh chreagan àrd ’s ri sùghadh nan tonn air an lom chladach mìn.
Banais
Bha pìobairean ann bho chionn fhada agus fìdhleirean, fir-ciùil a thogadh inntinn an t-sluaigh le ’n ceòl gu subhachas is sùgradh ach thàinig latha sam b’ fheudar aghaidh bhrònach fhada chur air nithean sìorruidh agus faoineas an t-saoghail a chur air cùl, a dheòin no dh’ aindeoin.
Ach inneal ciùil ann no ás fhads a bha a’ bhanais ann b’e banais i: ith agus òl agus danns fad na h-oidhche.
Aig uair freagarrach, mu dheireadh oidhche, bha e ’na chleachdadh bean na bainnse a “chur air leabaidh”. B’ e so obair nam ban-òg. Shuidheadh bean na bainnse air bòrd-slios na leapa. Rùisgeadh a’ bhean-comhailteachd bean na bainnse. Bha gach trusgan ga thilgeadh thar a guaille, agus ma b’ fhìor an te air an tuiteadh am blàth-fhleasg no a’ chiad bile aodaich, b’ ise an ath-thè a phòsadh. Theicheadh na mnathan òga a’ fàgail bean na bainnse ’na h-aonar.
Thigeadh na fir an sin le fear na bainnse agus rùisgeadh esan mar an ceudna agus thilgeadh a chuid aodaich air feadh an tighe. Dh’ fhàgadh an sin a’ chàraid òg le a chéile, air an leabaidh phòsd.
Banais Tighe
Air là ar na mhàrach no air latha eile freagarrach chruinnicheadh na seann daoine agus eòlaich aig nach robh cothrom tighinn roimhe
Circigeadh
Air an t-Sàbaint an déidh na bainnse b’ àbhaist do ’n chàraid phòsd, an gille-comhailteachd agus a’ bhean-chomhailteachd dol ’nam buidheann dh’ an eaglais. B’ e so “AN CIRCIGEADH.” Bha an gille-comhailteachd air toiseach agus an sin fear na bainnse, sin a’ bhean agus air deireadh, a’ bhean-chomhailteachd.
Sheasadh an gille aig ceann an t-suidheachain. Leigeadh e steach dh’ an t-suidheachan an toiseach am fear, sin a’ bhean, sin a’ bhean-chomhailteachd, agus an sin shuidheadh e féin a-steach. San dol a-mach ás an t-suidheachan agus ás an eaglais, bha an gille-comhailteachd air toiseach, sin a’ bhean-chomhailteachd, sin a’ bhean agus mu dheireadh am fear.
Air a’ Chircigeadh cha robh cothrom aig neach labhairt ris a’ chàraid gun cead iarraidh ro-làimh air a’ ghille-comhailteachd.
Bha a’ chàraid òg a’ cur seachad mìos nam pòg mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh iad, agus a’ caitheamh bliadhna no dhà ann an taobh tigh dhuine eile, mun togte tigh ùr dhaibh.
title | Banais an Innse Gall, 1900 |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Tormod MacLeòid in Gairm 52 %p |
parent text | Gairm 52 |